Hayward Review summary paper - Gaelic version
Gaelic translation of the summary paper covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment
1. Dè bh' anns an Lèirmheas Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measadh?
Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba san Dàmhair 2021 gum biodh Lèirmheas Neo-eisimeileach ann air Teisteanasan agus Measadh. Chaidh an Lèirmheas a thòiseachadh mar fhreagairt do na leanas:
- molaidhean ann an Lèirmheas Neo-eisimeileach an OECD air curraicealam sgoiltean na h-Alba (2021)
- galar lèir-sgaoilte COVID-19 agus deasbad ùr mu mheasadh às dèidh deuchainnean Nàiseanta 5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach a bhith air an cur dheth ann an 2020 agus 2021
- Pàipear OECD an Àrd-ollaimh Gòrdan Stobart a tha a' cur air adhart roghainnean a dh'fhaodadh a bhith ann airson na h-Alba a thaobh measadh agus teisteanasan san àm ri teachd (2021).
- Aithisg an Àrd-ollaimh Ken Muir (2022) – Putting Learners at the Centre
Chaidh an t-Àrd-ollamh Louise Hayward a chur an dreuchd gus an Lèirmheas a stiùireadh agus thòisich i air an obair as t-Earrach 2022.
Contact
Email: Heather.McLean@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback