Hayward Review summary paper - Gaelic version

Gaelic translation of the summary paper covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment


3. Dè na h-amasan a bh' aig an Lèirmheas seo?

B' e amas an Lèirmheis Neo-eisimeilich dèanamh cinnteach gu bheil cothrom leasaichte agus co-ionann aig a h-uile neach-ionnsachaidh aig an Ìre as Àirde gus farsaingeachd, doimhneachd agus iomchaidheachd an cuid ionnsachaidh a nochdadh.

Bha an Lèirmheas co-cheangailte ri teisteanasan na h-Ìre as Àirde ann an sgoiltean, colaistean agus suidheachaidhean foghlaim san fharsaingeachd.

Bha am fòcas gu sònraichte air luchd-ionnsachaidh aois 15-18 anns a h-uile suidheachadh foghlaim, ach bheachdaich an Lèirmheas cuideachd air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air luchd-ionnsachaidh ann am foghlam dachaigh agus air luchd-ionnsachaidh inbheach a bhios a' dèanamh chùrsaichean a tha fo raon-ùghdarrais an Lèirmheis.

Gheibhear Cumhachan Iomraidh an Lèirmheis an seo.

Contact

Email: Heather.McLean@gov.scot

Back to top