Hayward Review summary paper - Gaelic version
Gaelic translation of the summary paper covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment
7. A' Planadh airson Atharrachadh
Tha an aithisg a' toirt fa-near gur e fear de na leasanan as cudromaiche bho bhith a' toirt a-steach CfE cho cudromach 's a tha e plana soilleir a bhith ann gus beachdan a chur an gnìomh. Gus am plana gus an SDA a chruthachadh is a thoirt a-steach a chur an gnìomh, bidh feum air atharrachadh cultarach mòr tron t-siostam foghlaim air fad. A bharrachd air sin.
- Bhiodh feum air tasgadh ann an ionnsachadh proifeiseanta, agus air ùine airson co-obrachadh agus airson measadh (a' gabhail a-steach a bhith a' seachnadh claon-bhreith) gus dèanamh cinnteach gu bheil cothromachd ann airson gach neach-ionnsachaidh agus gu bheil misneachd aig a' phoball san t-siostam.
- Feumaidh gach atharrachadh a bhith air a dhealbhadh gu faiceallach ann an ìrean agus feumaidh goireasan gu leòr a bhith ann.
- Bu chòir dhan phròiseas atharrachaidh a bhith a' togail air agus a' leudachadh nam pròiseasan co-obrachail a chaidh a chruthachadh leis an Lèirmheas.
Contact
Email: Heather.McLean@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback