Inspiring Connections: Scotland's International Culture Strategy - Gaelic Version

’S e amas na ro-innleachd taic a chur ri roinn cultair is chruthachail na h-Alba a bhith ceangailte aig ìre na cruinne gus an coilean i a h-amasan is comasan eadar-nàiseanta, is a bhith a’ cur ri math cultarail, sòisealta, eaconamach is àrainneachd na h-Alba tro a h-obair eadar-nàiseanta.


Ro-ràdh bhon Mhinistear

Tha com-pàirteachadh eadar-nàiseanta ro-chudromach dhan roinn chultarail agus chruthachail againn. Bidh com-pàirteachadh agus co-obrachadh thar chrìochan a’ cruthachadh chothroman ùra do phroifeiseantaich cruthachail, a’ dèanamh cinnteach gum bi an roinn chultarach is chruthachail nas beothaile agus nas eadar-mheasgte, agus bidh e a’ cuideachadh gus luchd-amais is margaidhean ùra a ruighinn. Bidh e cuideachd gar ceangal ri còmhraidhean cruinneil mu chuid de na phrìomh dhùbhlain nar linn.

Tha cultar agus cruthachalachd domhainn agus beartach na h-Alba air an aithneachadh air feadh an t-saoghail. Tha cliù eadar-nàiseanta aig obair sgrìobhadairean leithid Raibeart Burns, saoghal a’ chiùil againn, agus ar fèisean, le an spiorad eadar-nàiseanta fhosgailte. Chaidh ar cruthachalachd aithneachadh le UNESCO anns na ceithir Cathair-bhailtean Cruthachail againn. Chithear an àrainneachd eachdraidheil air leth againn tro na sia Làraichean Dualchas na Cruinne againn. Tha na tha cultar na h-Alba a’ cur ri cultar na cruinne a’ cur na roinn cultaraich is cruthachail againn ann an suidheachadh làidir gus an conaltradh eadar-nàiseanta a neartachadh.

Is e seo a’ chiad turas a tha Riaghaltas na h-Alba air ro-innleachd fharsaing fhoillseachadh, le fòcas air a bhith a’ leasachadh agus a’ neartachadh conaltradh cultarach eadar-nàiseanta. Tha i a’ cur air adhart lèirsinn gus làthaireachd eadar-nàiseanta na roinne a neartachadh agus tha i a’ beachdachadh air a’ phàirt a dh’fhaodadh a bhith aig Riaghaltas na h-Alba agus ar com-pàirtichean ann an sin.

Tha e nas cudromaiche na bha e a-riamh gum bi sinn gnìomhach. Tha mar a dh’fhàg Breatainn an AE agus deireadh saorsa gluasaid air comas na roinne a bhith ag obair thar chrìochan a lagachadh. Chaidh seo a dhèanamh nas bu mhiosa le buaidhean COVID-19 agus leis na cuideaman air cosgaisean aig an àm seo. Le bhith a’ toirt taic dhan roinn gus conaltradh eadar-nàiseanta ath-bheothachadh is urrainn seo a bhith na phrìomh phàirt de bhith a’ stiùireadh a h-ath-shlànachadh.

Cuidichidh na gnìomhan a tha air am mìneachadh an seo sinn cuideachd gus a dhol an sàs ann an deasbadan eadar-nàiseanta nas fharsainge agus pàirt gnìomhach a bhith againn ann a bhith a’ cur aghaidh air dùbhlain chruinneil. Is urrainn cultar cuideachadh gus seallaidhean agus beachdan ùra a chur mu choinneamh nan ceistean as motha a tha romhainn mar chomann-sòisealta: mar eisimpleir, àite ar dùthcha ann an ìmpireachd agus tràilleachd: agus a bhith a’ cur aghaidh air atharrachadh na gnàth-shìde. Cuidichidh an obair a tha air a mìneachadh an seo sinn gus aghaidh a chur air na cùisean ro-chudromach sin.

Lìbhrigidh sinn amasan na ro-innleachd seo le bhith ag obair gu dlùth leis an roinn, a’ tarraing air an eòlas aice agus a’ tuigsinn a feumalachdan. Nì sinn cinnteach cuideachd gu bheil com-pàirteachadh eadar-nàiseanta fosgailte do na h-uimhir de bhuidhnean agus luchd-cleachdaidh ’s a ghabhas, gus an urrainn do bharrachd dhaoine na deagh bhuaidhean a cho-roinn.

Le bhith a’ dol a’ conaltradh agus a’ co-obrachadh thar chrìochan cruthaichidh sinn roinn chultarach is chruthachail a tha beothail, ùr-ghnàthach agus làidir. Bidh leasachadh cheanglaichean cultarach eadar-nàiseanta na bhuannachd do ar coimhearsnachdan, agus cuidichidh e sinn gus saoghal nas cothromaiche a thogail. Tha an ro-innleachd seo a’ mìneachadh ar lèirsinn airson seo. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri còmhradh farsaing mu na cothroman a thig an lùib seo.

Aonghas Robasdan BPA

Rùnaire a’ Chaibineit airson a’ Bhun-reachd, Cùisean an Taobh a-muigh agus Cultar

Contact

Email: internationalculturestrategy@gov.scot

Back to top