Inspiring Connections: Scotland's International Culture Strategy - Gaelic Version
’S e amas na ro-innleachd taic a chur ri roinn cultair is chruthachail na h-Alba a bhith ceangailte aig ìre na cruinne gus an coilean i a h-amasan is comasan eadar-nàiseanta, is a bhith a’ cur ri math cultarail, sòisealta, eaconamach is àrainneachd na h-Alba tro a h-obair eadar-nàiseanta.
Ro-ràdh
Tha an roinn chultarail agus chruthachail, buidhnean agus luchd-cleachdaidh fa leth eadar-nàiseanta nan nàdar. Tha iomlaid, co-obrachadh agus conaltradh aig cridhe obrachadh, fàs agus ùr-ghnàthachadh na roinne. Bidh freagairtean cruthachail a thaobh beachdan, dearbh-aithne agus dùbhlain shòisealta a’ tarraing air eòlasan uile-choitcheann – chan eil iad cuingealaichte ri crìochan nàiseanta. Tha conaltradh le cultaran, beachdan agus dòighean-obrach eile bunaiteach dhan roinn, ga cuideachadh gus leantainn air adhart a bhith a’ leasachadh gach cuid na cleachdaidhean agus na modalan gnìomhachais aice.
Is urrainn gnìomhachd eadar-nàiseanta cuideachd a bhith na tobar teachd-a-steach cudromach, a’ cumail taic ri slàinte ionmhais agus seasmhachd na roinne. Tha i a’ leigeil le buidhnean an cuid obrach a thoirt gu luchd-amais nas fharsainge agus margaidhean ùra a ruigsinn, a’ meudachadh na farsaingeachd de shruthan teachd a-steach às an urrainn dhaibh tarraing. Do chuid, is e an teachd a-steach a bharrachd a thig bho ghnìomhachd eadar-nàiseanta a tha a’ fàgail gun dèan iad airgead gu leòr gus am bi e comasach dhaibh a bhith ag obair san roinn. Tha seo gu sònraichte cudromach san àrainneachd làithreach leis gu bheil grunn dhùbhlain mhòra air buaidh a thoirt air an roinn gu h-ionmhasail agus a tha aig an aon àm a’ lùghdachadh nan dòighean gus teachd a-steach a dhèanamh, a’ gabhail a-steach gnìomhachd eadar-nàiseanta.
Tha mar a bhios cleachdaichean agus buidhnean cruthachail bho air feadh an t-saoghail a’ toirt an cuid obrach a dh’Alba a’ beartachadh ar saoghal cultarail an seo le bhith a’ toirt chultaran agus beachdan ùra dhuinn. Tha stòrasan cultarail na h-Alba a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, leithid ar fèisean, ar dualchas, agus ar n-àrainneachd eachdraidheil a’ toirt an t-saoghail gu Alba agus a’ toirt seachad chothroman gus cleachdaichean Albannach agus an cuid obrach a thaisbeanadh do an co-leithid, luchd-amais agus luchd-gnìomhachais eadar-nàiseanta.
Tha an Ro-innleachd Cultar Eadar-nàiseanta seo a’ mìneachadh na roinn cultaraich agus cruthachail mar na daoine no na buidhnean sin a tha a’ faighinn teachd a-steach bho obair co-cheangailte ri cultar, gnìomhan cruthachail, dualchas no na h-ealainean. Tha e a’ coimhead air an lorg-coise eadar-nàiseanta làidir aig roinn chultarach is chruthachail na h-Alba agus air an luach a th’ aig obair eadar-nàiseanta dhan roinn, agus an uair sin a’ mìneachadh mar as urrainn do Riaghaltas na h-Alba agus an roinn phoblaich san fharsaingeachd taic a chumail ri leasachadh. Ged a tha taic air a bhith ann airson taobhan de ghnìomhachd mar seo, is e seo a’ chiad turas a tha Riaghaltas na h-Alba air fòcas ro-innleachdail a chur air gnìomhachd chultarach eadar-nàiseanta. Tha an ro-innleachd a’ toirt sealladh air an roinn gu lèir agus tha i a’ mìneachadh feallsanachd poileasaidh airson taic a thoirt do dh’àrd-amasan eadar-nàiseanta na roinne. Aig a’ cheann thall, tha e ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh eadar-nàiseanta a’ cur nas urrainn dha ri leasachadh fad-ùine na roinne a thaobh cultar agus eaconamaidh.
Neartan na h-Alba
Tha ceangal eadar-nàiseanta aig roinn chultarail is chruthachail na h-Alba agus tha cliù aice airson a cruthachalachd agus a sàr-mhathais ach tha i cuideachd aithnichte airson a dòighean-obrach agus a modailean gnìomhachais. Tha aithisg dà-phàirt a chaidh a bharantachadh le Alba Chruthachail agus Comhairle Bhreatainn Alba ann an 2022, To See Ourselves and As Others See Us,[1] a’ toirt seachad sealladh farsaing air stòrasan cultarail na h-Alba, na cothroman agus na dùbhlain dhan roinn mar a chithear bhon t-sealladh aice fhèin e, cho math ri sealladh cruinneil air a feartan agus neartan sònraichte. Tha an obair seo a’ sealltainn nach e dìreach na gnìomhan, cuirmean, fèisean, bun-structair, agus cleachdaichean ann an Alba a tha anns na stòrasan seo, ach cuideachd na dòighean-obrach agus na modalan gnìomhachais a tha a’ fàgail gu bheil Alba sònraichte Tha cliù aig an roinn airson dòighean-obrach sònraichte a tha a’ fàgail gu bheil buidhnean gu sònraichte deònach a bhith ag obair le an co-leithid Albannach. Thathar ag aithneachadh gu bheil cliù airson fìrinneaseachd, dòigh-obrach dheamocratach on bhonn suas nan neartan sònraichte a chumas taic ri dàimhean eadar-nàiseanta a tha buannachdail do gach pàrtaidh.
Tha iomadachd cultarach is cànanach na h-Alba cudromach a thaobh mar a thathar a’ faicinn Alba gu h-eadar-nàiseanta [2] agus tha seo air a chleachdadh gu mòr ann an obair margaidheachd co-obrachail aig Com-pàirteachas Brannd Alba. Tha e a’ cur ris an fhaireachdainn gu bheil fìrinneaseachd ann an obair roinn chultarail is chruthachail na h-Alba le a spionnadh agus dòigh-obrach chothromach agus bhon bhonn gu h-àrd. Tha Gàidhlig agus Scots agus cultar na Gàidhlig is na Scots aig cridhe seo mar phàirt de eòlas beatha dhaoine. Bidh iad cuideachd a’ toirt taic do cheanglaichean le coimhearsnachdan diaspora ann an dùthchannan eile, cho math ri dùthchannan Ceilteach eile, agus a’ toirt seachad chothroman airson conaltradh eadar-nàiseanta a-muigh agus a-staigh.
Tha [3] cliù eadar-nàiseanta airson sàr-mhathas cultarach aig na còig Companaidhean Cleasachd Nàiseanta Albannach. Bidh iad a’ faighinn taic bho Riaghaltas na h-Alba airson a bhith a’ dol air chuairt gu h-eadar-nàiseanta, a’ taisbeanadh cultar na h-Alba air àrd-ùrlar cruinneil.
Tha ar taighean-tasgaidh agus gailearaidhean, a’ gabhail a-steach ar Cruinneachaidhean Nàiseanta[4] , ceangailte gu cruinneil agus tha àite cudromach aca ann a bhith gar cuideachadh gus àite na h-Alba san t-saoghal a thuigsinn. Tha prìomh ròl aig cruinneachaidhean Albannach ann a bhith a’ dèiligeadh ri ana-ceartasan eachdraidheil agus a’ sealltainn mar a ghabhas ceumannan a ghabhail gus na buaidhean leantainneach aca a chur ceart.
Bidh fèisean measgaichte na h-Alba a’ tachairt fad na bliadhna air feadh na dùthcha agus tha iad nam prìomh stòrasan cultarach. Tha cliù eadar-nàiseanta aig Dùn Èideann airson prògram bliadhnail nam Fèisean a bhios am baile a’ cumail fad na bliadhna. Bidh na fèisean sin uile a’ cuideachadh gus tàlantan cruthachail agus ùr-ghnàthachadh na h-Alba a thaisbeanadh, a’ toirt an t-saoghail gu Alba agus a’ cur ri ar saoghal cultar dachaigheil. Bidh fèisean a’ ceangal roinn chruthachail na h-Alba ri co-leithid eadar-nàiseanta agus riochdairean a dh’fhaodadh obrachadh leinn, as urrainn cothroman fhosgladh cuideachd gus cùrsaichean-obrach eadar-nàiseanta a thogail.
Tha an àrainneachd eachdraidheil na làrach den àm a dh’fhalbh sa chruth-tìre againn. Bidh e a’ cuideachadh le bhith a’ cruthachadh caractar sònraichte ar dùthcha agus a bailtean, cathair-bhailtean, bailtean-beaga agus sgìrean dùthchail. Tha e gar ceangal ris na daoine a bha a’ fuireach an seo romhainn, agus ag innse dhuinn mu na beachdan, mun dearbh-aithne agus mu na miannan aca. Tha àrainneachd eachdraidheil na h-Alba ainmeil air feadh an t-saoghail, a’ tàladh luchd-turais bho air feadh an t-saoghail. Chruthaich e £4.4 billean do dh’eaconamaidh na h-Alba ann an 2019 agus thug e taic do 68,000 obair co-ionann ri làn-ùine gu sònraichte ann an roinnean dualchais, turasachd agus togail. Bha an àireamh de luchd-turais a thadhail air cinn-ùidhe dualchais nas àirde na 18 millean ann an 2019, leis an dàrna leth de luchd-tadhail eadar-nàiseanta ag aithris gur e dualchas am prìomh adhbhar aca airson tadhal air Alba.
Tha roinn sgrìn na h-Alba air fàs gu mòr anns na beagan bliadhnachan mu dheireadh, air a stiùireadh le oidhirpean ar buidheann sgrìn shònraichte, Sgrìn Alba, a dh’fhoillsich an ro-innleachd aca fhèin sa Mhàrt 2024. Bidh gnìomhachas an sgrìn a’ togail nam milleanan de notaichean do dh’eaconamaidh na h-Alba, a’ cruthachadh nam mìltean de dh’obraichean agus a’ toirt taic do dhreuchdan air feadh na roinne agus nan gnìomhachasan taice. B’ e an làn luach a bharrachd aige ann an 2021 £627.1 millean agus thug e taic do 10,940 obair co-ionann ri làn-ùine.[5] Cumaidh Sgrìn Alba air a’ cumail taic ri fàs is leasachadh na roinne, an dà chuid a thaobh a bhith a’ tàladh tasgadh a-staigh bho riochdachaidhean eadar-nàiseanta agus tro bhith a’ cuideachadh nan riochdachaidhean Albannach gus àrd-ùrlar cruinneil fhaighinn. Meudaichidh seo na buaidhean cultarail is eaconamach agus bheir e air adhart buannachdan nas fharsainge leithid turasachd sgrìn.[6] Tha VisitScotland air a bhith ag obair fad grunn bhliadhnaichean gus gnìomhachd turasachd sgrìn a leasachadh agus ag obair gu dlùth le com-pàirtichean agus buidhnean gnìomhachais gus iomairtean margaidheachd co-cheangailte ri sgrìn a lìbhrigeadh.
Dùbhlain
Anns na beagan bhliadhnachan mu dheireadh tha grunn dùbhlain a tha air èirigh aig an aon àm air droch bhuaidh a thoirt air, agus air lùghdachadh a thoirt air, comas bhuidhnean cultarach a bhith a’ com-pàirteachadh gu h-eadar-nàiseanta. Tha seo air buaidh a thoirt an dà chuid air a’ chomas aca ceanglaichean cultarail ùra a dhèanamh agus gus teachd a-steach a dhèanamh. Thug galar lèir-sgaoilte COVID-19 barrachd buaidh air an roinn seo na thug e air a’ mhòr-chuid de roinnean eile, a’ lùghdachadh gnìomhachd aig an taigh agus thall thairis.[7] Tha èirigh ann an cosgaisean bith-beò air cosgaisean a bharrachd a chur ris a’ mhòr-chuid de dh’obair aig àm nuair a tha taic bhon roinn phoblaich air a bhith fo chuideam. A dh’aindeoin nan dùbhlan sin, tha fios againn gu bheil an roinn gu mòr airson dòighean-obrach nas cothromaiche a chur an sàs, rùn a tha aig Riaghaltas na h-Alba cuideachadh. Faodaidh cosgaisean a bharrachd a bhith ann mar thoradh air prionnsapalan obair chothromach, a’ gabhail a-steach a bhith a’ pàigheadh cleachdaichean gu cothromach airson na h-obrach a nì iad, faodaidh sin cosgais a bharrachd a thoirt a-steach do ghnìomhachasan cruthachail, ach san fhad-ùine cumaidh seo taic ri seasmhachd na roinne tro bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil obair san roinn seasmhach.
Tha na cùisean sin air cur ris na dùbhlain fhad-ùine a dh’adhbhraich Brexit[8] . Tha an AE air aon de na margaidhean às-mhalairt eadar-nàiseanta as cudromaiche san roinn chultarail is chruthachail[9] agus tha Brexit air cnapan-starra a thogail a thaobh ruigsinneachd. Tha riaghailtean bhìosa is cusbainn air cosgaisean a bharrachd adhbharachadh agus air cur ris an uallach rianachd airson a bhith a’ toirt obair dhan AE. Tha e cuideachd air a dhèanamh nas duilghe dhan roinn cothrom fhaighinn air sgilean speisealach sònraichte. Chan fhaigh buidhnean Albannach cothrom air prògraman an AE leithid Eòrpa Chruthachail no Erasmus+ tuilleadh. Tha fòcas làidir aig Eòrpa Chruthachail, prìomh phrògram an AE a tha a’ toirt taic dhan roinn chultarail is chruthachail, air co-obrachadh cultarach eadar-nàiseanta agus tha call a spionnadh leasachaidh air droch bhuaidh a thoirt.’
Feumaidh an roinn cuideachd atharrachadh gus taic a thoirt do ghnìomhachd còmhla an aghaidh atharrachadh na gnàth-thìde. Tha targaid aig Alba cothromachadh carbon a bhith aice a thaobh ghasaichean taigh-glainne ro 2045. Tha easbhaidh shoilleir an seo leis gu bheil siubhal eadar-nàiseanta, an dà chuid bho agus gu Alba, do-sheachanta ma tha sinn airson ceanglaichean cultarail brìoghmhor a chumail suas agus fàilte a chur air proifeiseantaich chruthachail a tha a’ tighinn a dh’obair ann an Alba. Ged a tha mòran de bhuidhnean cultarach air cur ris a’ chomas aca a bhith a’ taisbeanadh an cuid obrach gu didseatach agus air an luchd-èisteachd aca a leudachadh, gu ìre mar thoradh air na dh’fhiosraich iad tron ghalar lèir-sgaoilte, chan e fuasgladh a tha seo airson mòran gnìomhachd, gu sònraichte airson cleasachd/ceòl beò no airson conaltradh pearsanta, a tha cho cudromach.
“Rè a’ ghalair lèir-sgaoilte, mheudaich mòran bhuidhnean Gàidhlig an làthaireachd air-loidhne gu mòr, a’ gabhail a-steach cuirmean is co-labhairtean. Thug seo barrachd ruigsinneachd do mhòran dhaoine – gu sònraichte luchd-amais eadar-nàiseanta.” Freagairt co-chomhairle air an Ro-innleachd Cultair Eadar-nàiseanta (Bòrd na Gàidhlig).
Feumaidh sinn dòighean a lorg gus cothromachadh fhaighinn eadar buaidh àrainneachdail agus an luach a gheibhear bho chonaltradh eadar-nàiseanta, agus sinn a’ toirt taic do dh’eadar-ghluasad na roinne san fhad-ùine gu cothromachadh-carboin.
Lèirsinn agus builean
Is e ar lèirsinn a gum bi roinn cultair is cruthachail na h-Alba ceangailte gu cruinneil ris na dòighean agus na cothroman gus na h-àrd-amasan agus an comas eadar-nàiseanta aice a choileanadh, agus gun cuir i ri leas cultarail, sòisealta, eaconamach agus àrainneachdail na h-Alba tron obair eadar-nàiseanta aice.
Mar bhunait dhan lèirsinn agus do na h-amasan ro-innleachdail againn, bidh sinn ag obair a dh’ionnsaigh nam builean a leanas:
- Roinn cultair agus cruthachail ùr-ghnàthach, nas seasmhaiche agus nas treasa gu h-eaconamach.
- Roinn cultair agus cruthachail eadar-nàiseanta ceangailte agus eadar-mheasgte a tha a’ cur ri leas dhaoine agus choimhearsnachdan.
- Cliù eadar-nàiseanta nas motha airson cultar agus cruthachalachd, a’ gabhail a-steach freagairt na h-Alba do dhùbhlain cruinneil.
Tha an dòigh-obrach againn ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh eadar-nàiseanta na phrìomh eileamaid de dh’ath-shlànachadh roinneil bho na dùbhlain bho chionn ghoirid agus a’ cumail taic ri leasachadh is ath-leumachd san fhad-ùine. Tha e ag amas gu daingeann air leasachadh roinneil agus air cho cudromach ’s a tha conaltradh eadar-nàiseanta do na dòighean sa bheil an roinn ag obair, an dà chuid a thaobh leas gnìomhachais agus ann an conaltradh cultarach agus iomlaid bheachdan a tha bunaiteach ann an ùr-ghnàthachadh cultarach.
Is e dòigh-obrach a tha seo a chaidh fhiosrachadh le conaltradh nach beag le luchd-ùidh, a’ gabhail a-steach tro chòmhraidhean bùird-cruinn, a thug cumadh air prionnsapalan tràth na dòigh-obrach, agus suirbhidh co-chomhairleachaidh a fhreagair faisg air 80 buidheann agus daoine fa leth ann an grunn diofar shuidheachaidhean.[10]
Mu dheireadh, thathar an dùil gun gabh an ro-innleachd seo a sgèileadh suas. Bidh am buileachadh air a stiùireadh leis a’ mhaoineachadh a bheir Riaghaltas na h-Alba do roinn a’ chultair tro phròiseasan a’ bhuidseit aca. Seasaidh prionnsabalan na dòigh-obrach seo ge b’ e dè a thachras a thaobh atharrachadh bun-reachdail san àm ri teachd, ach tha e soilleir gum fosgladh na cumhachdan aig Alba neo-eisimeileach slighean ùra gus taic a thoirt do ghnìomhachd chultarach eadar-nàiseanta. Bhiodh sin a’ gabhail a-steach na làthaireachd eadar-nàiseanta foirmeil a bhiodh againn agus ballrachd san AE agus institiùdan eadar-nàiseanta eile leithid UNESCO. Chaidh seo a mhìneachadh gu mionaideach ann an A’ togail Alba Ùr: Cultar ann an Alba Neo-eisimeileach, a chaidh fhoillseachadh sa Ghearran 2024.
Sgrùdadh cùise – an dòigh-obrach aig dùthaich eile: Québec
B’ i Québec a’ chiad dùthaich ann an Ameireaga a Tuath a stèidhich Ministrealachd Cultair sònraichte ann an 1961, a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha cultar do Québec agus a dearbh-aithne. Tha na h-eadar-theachdan a chaidh a dhèanamh thar nan deicheadan air roinn chultarach agus chruthachail a tha tionnsgalach agus soirbheachail. Tha adhartachadh, faicsinneachd, agus sgaoileadh obraichean agus riochdachaidhean Québec deatamach airson spionnadh ealanta.
Tha lorg-coise cultarach Québec cruinneil agus tha cothrom air margaidhean cèin air barrachd chothroman a thoirt do luchd-ealain agus sgrìobhadairean an cuid obrach a chruthachadh, a thoirt gu buil agus a sgaoileadh, agus le bhith a’ dèanamh seo chaidh àrdachadh a thoirt air an àireimh de dh’obraichean a tha rim faighinn taobh a-staigh na roinne ann an Québec.
Tha fòcas poileasaidh cultair eadar-nàiseanta Québec ag amas air brosnachadh cultarail, air cànan agus air cleachdaidhean. Tha e a’ gabhail a-steach dòighean-obrach co-obrachail le riaghaltasan eile, agus a’ gabhail a-steach iomlaidean cultarach le sgìrean, dùthchannan agus roinnean eile den t-saoghal. Tha taisbeanadh cultar sònraichte Québec, gu sònraichte an dearbh-aithne Fhrangach aice, na phrìomh phàirt ann a bhith ag adhartachadh cultar Québec thall thairis.
Tha cliù cultarach Québec, agus nas cudromaiche, a buaidh, a’ dol gu math leis a’ chomas aice a chuid ùidhean adhartachadh agus a dhìon ann an diofar shuidheachaidhean Canèidianach agus eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach fòraman coimeirsealta. San dòigh seo, tha riaghaltas Québec, le taic bho roinn a’ chultair, air a bhith air leth cudromach ann a bhith a’ leasachadh, a’ gabhail ri agus a’ daingneachadh Co-chruinneachadh UNESCO 2005 air Dìon agus Brosnachadh Iomadachd Aithrisean Cultarach. Tha Québec cuideachd na stiùiriche air ìre na cruinne ann an amalachadh cultar agus leasachadh seasmhach.
Tha leasachadh a cultar agus na roinne cruthachail aig cridhe amasan poileasaidh cultarach eadar-nàiseanta Québec. Tha iad air an lìbhrigeadh tro ghrunn institiudan a’ gabhail a-steach Conseil des Arts et des Lettres du Québec (Comhairle Ealain Québec), Société de Développement des Entreprises Culturelles (Comann Leasachaidh Iomairtean Cultarach), Le Ministère de la Culture et des Communications (Roinn a’ Chultair agus a’ Chonaltraidh) agus lìonra oifisean eadar-nàiseanta Québec, anns a bheil 24 oifigear cultarach a bheir taic do leasachadh margaidh airson na roinne aca taobh a-staigh nan sgìrean anns a bheil iad stèidhichte.
Luachan agus prionnsapalan
Tha an ro-innleachd seo a’ suidhe fo Ro-innleachd Cultair airson Alba, a chaidh fhoillseachadh ann an 2020, agus a’ togail air na rùintean eadar-nàiseanta a tha i a’ mìneachadh. Chaidh cho cudromach ’s a tha na prionnsapalan stiùiridh aig cridhe na h-obrach sin a dhaingneachadh leis na beachdan a chur buidhnean agus daoine fa leth an cèill nuair a chaidh an ro-innleachd seo a dheasachadh agus tha iad a cheart cho buntainneach an seo:
- Tha luach ga chur ann an cultar ann an Alba mar rud anns a bheil luach inntrinsigeach.
- Tha cultar saor a bhith brosnachail agus a bhith dùbhlanach.
- Tha cultar aig cridhe sunnd agus soirbheas na h-Alba san àm ri teachd - cultarach, sòisealta, eaconamach agus àrainneachdail.
- Bidh sinn a’ comharrachadh iomadachd agus sàr-mhathas chultaran na h-Alba agus cho cudromach sa tha iomlaid fhosgailte leis an t-saoghal mhòr.
- Tha còir aig gach neach pàirt a ghabhail gu saor ann am beatha chultarach na coimhearsnachd, tlachd fhaighinn às na h-ealainean agus pàirt a ghabhail ann an adhartas saidheansail agus anns na buannachdan aige (Alt 27, A’ Ghairm Uile-choitcheann air Còraichean Daonna ).
- Tha àite – coimhearsnachd, cruth-tìre, cànan agus cruinn-eòlas – cudromach agus e a’ a’ sealltainn cruthachalachd an àm a dh’fhalbh agus a’ toirt dhuinn brosnachadh airson obair chultarail an-diugh.
Tha an ro-innleachd cuideachd ceangailte ri, agus a’ daingneachadh, raon farsaing de phoileasaidhean eile aig Riaghaltas na h-Alba agus aig na buidhnean poblach againn, agus tha mòran dhiubh air an comharrachadh tron sgrìobhainn seo.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback