Inspiring Connections: Scotland's International Culture Strategy - Gaelic Version

’S e amas na ro-innleachd taic a chur ri roinn cultair is chruthachail na h-Alba a bhith ceangailte aig ìre na cruinne gus an coilean i a h-amasan is comasan eadar-nàiseanta, is a bhith a’ cur ri math cultarail, sòisealta, eaconamach is àrainneachd na h-Alba tro a h-obair eadar-nàiseanta.


A’ bhuaidh aig conaltradh cultarach eadar-nàiseanta

Tha iomadh buaidh chudromach aig ceanglaichean eadar-nàiseanta na roinne cultaraich is cruthachail air an dòigh sa bheil luchd-cleachdaidh agus buidhnean ag obair. Cumaidh iad taic ri ùr-ghnàthachadh agus ionnsachadh cultarach, ri bhith a’ cruthachadh bheachdan ùra, ri dòighean-obrach agus modalan gnìomhachais, agus tha iad a’ toirt cothrom do bhuidhnean an cuid obrach a thoirt gu luchd-amais nas fharsainge.[11] Is urrainn cothrom air margaidhean ùra cothroman fhosgladh gus sruthan teachd-a-steach a leasachadh agus iomadachadh, a bheir taic do sheasmhachd ionmhais agus tapachd. Bidh gnìomhachd chultarail eadar-nàiseanta a-steach a’ daingneachadh àite fèisean na h-Alba mar thachartas air thoiseach air càch aig ìre chruinneil agus bidh seo a’ cur ri saoghal cultarail dachaigheil na h-Alba le bhith a’ taisbeanadh bheachdan is chultaran ùra dhuinn.

Gu bunaiteach, tha co-obrachadh agus iomlaid eadar-nàiseanta nam pàirt de luachan nàdarra roinn a’ chultair. Tha e na eisimpleir de a fosgailteachd, eadar-nàiseantachd agus dealas airson conaltradh le cultaran is beachdan eile agus de a mhiann gus eòlas agus deagh chleachdadh a cho-roinn gus taic a chumail ri a co-leithid eadar-nàiseanta. Tha buannachdan aig dàimhean iomlaid do gach taobh.

Tha an earrann seo a’ beachdachadh air cho cudromach ’s a tha conaltradh eadar-nàiseanta dhan roinn agus dè a’ bhuaidh a bhios aig an ro-innleachd seo. Tha e a’ tarraing gu làidir air freagairtean a fhuaireadh tron sgrùdadh a rinn Riaghaltas na h-Alba ann an 2023 gus deasachadh na ro-innleachd seo fhiosrachadh.

Ùr-ghnàthachadh, ionnsachadh agus leasachadh cultarach

Tha com-pàirteachadh aig cridhe na h-obrach aig mòran bhuidhnean cultarach, le luchd-èisteachd, am measg cho-leithid no tro cho-obrachadh thar-roinneil.

Tha tòrr obair chruthachail air a bhrosnachadh le bhith a’ cnuasachadh air beachdan ùra, a’ coimhead air dùbhlain agus luachan coitcheann, agus a’ feuchainn ri tuigse fhaighinn air cultaran eile agus aig an aon àm a bhith a’ coimhead air a’ chultar aca fhèin. Bidh iomlaid chultarail eadar-nàiseanta gar cuideachadh mar chomann-shòisealta a bhith a’ meòrachadh air ar n-àite fhèin san t-saoghal, air suidheachadh chàich, agus faodaidh e mothachadh agus tuigse a thogail mu dhùbhlain chruinneil agus ionadail.

Tha conaltradh eadar-nàiseanta a’ cruthachadh cothrom dòighean-obrach ùr-ghnàthach fhaicinn agus airson cothroman ionnsachaidh do luchd-cleachdaidh cruthachail. Le bhith a’ stèidheachadh cheanglaichean, a’ togail lìonraidhean agus tron co-obrachadh as urrainnear cur air dòigh tromhpa, cumaidh seo taic ri ùr-ghnàthachadh, leasachadh agus neartachadh na roinne. Tha àite cudromach aig sgilean nas foirmeile agus aig iomlaid eòlais tro fhòraman eadar-nàiseanta leithid co-labhairtean agus buidhnean-riochdachaidh.

Le bhith a’ co-roinn gnàth-eòlas agus a’ tarraing air eòlas agus sgilean dhaoine eile bithear a’ cumail taic ri ar ùr-ghnàthachadh agus sàr-mhathas cultarach. ’S e glè bheag de chruthan ealain, ma tha gin ann, a tha cuingealaichte le crìochan nàiseanta, agus mar sin gus leantainn air adhart le ùr-ghnàthachadh, feumaidh buidhnean agus luchd-ealain ceanglaichean cruthachail a thogail agus a chumail le an co-leithid air feadh an t-saoghail.

“Chan urrainnear cuideam gu leòr a chur air cho luachmhor agus cho cudromach ’s a tha ionnsachadh bho mhodailean deagh chleachdadh air feadh an t-saoghail agus tha seo gu buannachd gach taobh, leis nach e a-mhàin gu bheil Alba a’ faighinn buannachd bho eòlas agus na chaidh fhiosrachadh ann an àiteachan eile ach tha Alba cuideachd air aithneachadh mar àite a tha air thòiseach air càch ann an raointean leithid obair thaighean-tasgaidh agus ghailearaidhean.” Freagairt co-chomhairleachaidh air an Ro-innleachd Cultar eadar-nàiseanta (Gailearaidhean is Taighean-tasgaidh Alba)

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi cleachdaichean agus buidhnean cultarach comasach air na ceanglaichean eadar-nàiseanta aca a leasachadh gus an urrainn dhaibh dàimhean co-obrachail a bhrosnachadh agus a thogail. Tha an rùn seo aig cridhe nan gnìomhan a tha air am mìneachadh tron ro-innleachd seo air fad.

Sgrùdadh Cùise – PUSH+

Thàinig am pròiseact PUSH+ à miann ann an roinn tèatar is dannsa na cloinne gus obair a chruthachadh a tha de chàileachd àrd agus buntainneach, agus a tha cuideachd a’ riochdachadh agus a’ nochdadh raon nas eadar-mheasgte de sgeulachdan.

Bha PUSH+ (2019-2022) air a stiùireadh le Imaginate (Alba) còmhla ri Aaben Dans (An Danmhairg), Krokusfestival (a’ Bheilg), Scenekunstbruket (Nirribhidh) agus The Ark (Èirinn), agus chaidh a mhaoineachadh le Eòrpa Chruthachail. Thug am pròiseact na còig com-pàirtichean seo còmhla gus conaltradh Eòrpach a bhrosnachadh agus gus beachdan ealain ùra a chruthachadh agus gus obair cleasachd ealain a thòiseachadh mu chuspairean cudromach do luchd-èisteachd òga - a’ brosnachadh luchd-ealain gus barrachd chunnartan a ghabhail, a bhith a’ cur aghaidh air fo-riochdachadh aig dhiofar dhaoine is buidhnean air an àrd-ùrlar, agus sgeulachdan innse a tha a’ dèanamh fìor cheangal ri clann agus cò iad.

Choimhead an obair seo air trì diofar chuspairean: Dachaigh, Fàilligeadh agus Bodhaigean eadar-dhealaichte. Chaidh gach cuspair a sgrùdadh tro obair-lann còmhnaidh 8 latha, luchd-ealain air mhuinntireas agus tursan gu fèisean. Thàinig am pròiseact gu crìch le taisbeanadh deireannach san t-Sultain 2022.

Thug an com-pàirteachas eadar-nàiseanta luchd-ealain còmhla le diofar eachdraidhean cultarach is sòisealta agus bhrosnaich iad conaltradh agus co-obrachadh san àm ri teachd. Thug luchd-ealain dùbhlan dhan chleachdadh aca, chruthaich iad dòighean-obrach ùra, dh’ionnsaich iad bho an co-leithid agus chruthaich iad lìonraidhean ùra.

Tha buaidh mhaireannach air a bhith aig a’ phròiseact air com-pàirtichean agus luchd-ealain le mòran fhathast ann an conaltradh agus a’ dealbhadh phròiseactan ùra còmhla. Chaidh grunn den luchd-ealain a tha stèidhichte ann an Alba a bharantachadh às dèidh làimh gus obair ùr a chruthachadh no air cothroman co-riochdachaidh eadar-nàiseanta a lorg. Bha miann aig a h-uile duine a ghabh pàirt cuideachd obair a dhèanamh a bhiodh a’ putadh chrìochan agus a bheireadh dùbhlan dhan status quo san àm ri teachd. Bha co-obrachadh eadar-nàiseanta agus iomlaid bheachdan nam pàirtean ro-chudromach den bhuaidh a thug am pròiseact, a’ cruthachadh chothroman airson conaltradh agus ionnsachadh nach biodh ann às aonais.

Leasachadh a’ ghnìomhachais

Is urrainn conaltradh eadar-nàiseanta cothroman fhosgladh gus luchd-amais ùr fhaighinn agus gus cothrom fhaighinn air margaidhean ùra. Airson cuid de bhuidhnean agus cleachdaichean is e a’ ghnìomhachd eadar-nàiseanta a tha ga fhàgail comasach dhaibh dreuchd a bhith aca san raon a tha seasmhach gu h-ionmhasail.

“Le bhith a’ comharrachadh chothroman agus mhargaidhean torrach ùra gu h-eadar-nàiseanta bu chòir seo cuideachadh le fàs agus seasmhachd nan iomairtean a tha an sàs ann, a’ toirt seachad sruthan teachd-a-steach a bharrachd agus nas àirde, agus aig an aon àm ag aithneachadh cunnart agus cosgaisean a bharrachd.” Freagairt co-chomhairleachaidh air an Ro-innleachd Cultair Eadar-nàiseanta (Iomairt Alba a Deas)

Tha às-mhalairt eadar-nàiseanta na phrìomh thùs teachd-a-steach airson cultar agus roinn chruthachail na h-Alba agus tha iad air fàs mòr fhaicinn thar nan deich bliadhna a chaidh seachad. Ann an 2021, bha às-mhalairt bhon roinn aig ìre £3.8 billean no 4.7% de dh’às-mhalairt iomlan na h-Alba.[12]Tha e coltach, ge-tà, gun tug an galar lèir-sgaoilte COVID-19, èiginn nan cosgaisean bith-beò agus Brexit droch bhuaidh air gnìomhachd às-mhalairt bhuidhnean cultarach, ach chan eil gin dhiubh sin ri fhaicinn fhathast ann an staitistig oifigeil.

Tha gnìomhachd eadar-nàiseanta air feadh na roinne measgaichte agus farsaing. Tha fòcas sònraichte aig cuid de dh’fho-roinnean air malairt eadar-nàiseanta ann an seirbheisean. Mar eisimpleir, tha cuairtean eadar-nàiseanta na phrìomh eileamaid de mhodailean gnìomhachais ann an roinnean a’ chiùil agus nan ealan cluich. Bheir sin buaidh air luchd-ealain fa-leth, buidhnean leithid orcastrathan, agus proifeiseantaich eile leithid innleadairean fuaim agus teicneòlaichean solais. Thathar a’ meas gum faigh luchd-ciùil mu 70% den teachd a-steach aca bho chuairtean.[13] San aon dòigh, tha taisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta cudromach do roinn nan ealan lèirsinneach, taighean-tasgaidh is gailearaidhean. Tha an roinn sgrìn agus an fheadhainn a tha ag obair ann a’ faighinn buannachd mhòr bho phròiseactan thar-chrìochan, co-riochdachaidhean agus in-thasgadh. Tha buaidhean sònraichte aig na gnìomhan sin a bharrachd air teachd a-steach, leithid leasachadh lìonraidhean agus dàimhean thar-chrìochan, agus leudachadh air luchd-amais. Ro Bhrexit, bha cothrom air an AE gu sònraichte cudromach do luchd-ealain aig ìre thràth nan dreuchdan. Gu ìre bha seo mar thoradh air ruigsinneachd margaidh an AE, le ceanglaichean còmhdhail an ìre mhath saor an taca ri margaidhean eadar-nàiseanta eile. Agus bha cosgaisean air an cumail sìos gu mòr cuideachd mar thoradh air saorsa gluasaid taobh a-staigh an AE. Tha dùbhlain a bharrachd ann a-nis leis na gnìomhan sin, leithid riatanasan bhìosa agus cead-obrach nuair a thathar ag obair ann an dùthchannan eile, agus tha mòran de seo air fàs nas miosa mar thoradh air Brexit.

Tha àite aig às-mhalairt bathair agus seilbh inntleachdail ann a bhith a’ toirt taic dhan roinn. Tha às-mhalairt aodach-fighte, ciùird, ealain lèirsinneach agus lethbhreacan fiosaigeach de litreachas is ceòl a’ toirt teachd-a-steach deatamach do mhòran den roinn. Bithear a’ reic bathar fiosaigeach gu tric mar dhòigh air teachd-a-steach a bharrachd a dhèanamh mar phàirt de dh’obair eadar-nàiseanta leithid tursan. Anns an raon seo, tha reic bathar gu sònraichte luachmhor do roinn a’ chiùil. A-rithist, ged a bheir reic bathar fiosaigeach gu h-eadar-nàiseanta mòran bhuannachdan dhan roinn, tha dùbhlain ann cuideachd, leithid cusbainn agus riatanasan cìse.

Cliù agus luachan

“Tha neart cliù cultarail na h-Alba a’ toirt guth dhuinn ann an conaltradh eadar-nàiseanta a tha fada nas motha na ar meud.” Co-chomhairleachadh air an Ro-innleachd Cultair Eadar-nàiseanta (Culture Counts).

Chan eil teagamh sam bith ann nach eil cultar ann an seagh farsaing aig cridhe deagh chliù na h-Alba gu h-eadar-nàiseanta agus a thaobh cho tarraingeach ’s a tha sinn mar cheann-uidhe agus mar chom-pàirtiche. Ann an 2022, bha Alba aig àireamh 15 a-mach à 60 dùthaich ann an Anholt-Ipsos Nation Brands Index[14] a thaobh beachdan luchd-freagairt an t-suirbhidh air cultar na h-Alba. Bhiodh an rangachadh seo na b’ àirde mura robh taobh a’ chultair a’ gabhail a-steach beachdan air sàr-mhathas spòrs mar roinn-seòrsa.

Tha roinn a’ chultair ro-chudromach airson seo. Tha an lorg-coise eadar-nàiseanta aice a’ nochdadh Alba don chòrr den t-saoghal agus tha buaidhean dàrnach nach beag aice. Tha obair le Sgrìn Alba mar eisimpleir a’ sealltainn gun do dh’àrdaich àireamh an luchd-turais a chuir seachad oidhche ann an Alba a bha air am brosnachadh gus tadhal air Alba mar thoradh air telebhisean no film bho 525,000 ann an 2016 gu 656,000 ann an 2019 (328,000 dachaigheil, agus 328,000 eadar-nàiseanta), a’ cosg £56.8 millean ann an Alba.[15] Is urrainn dhaibh turasachd le luach nas àirde a bhrosnachadh cuideachd. Mar eisimpleir, tha mion-sgrùdadh Fèis Dhùn Èideann air seusan fèis 2022 a’ sealltainn ged a bha àireamhan luchd-èisteachd 30% na b’ ìsle na ann an 2019 ron ghalair lèir-sgaoilte, gun robh àrdachadh ann an caitheamh luchd-tadhail a’ ciallachadh gun robh buaidh eaconamach nam fèisean aig 97% de na h-ìrean ron ghalair lèir-sgaoilte.[16]

Tha e follaiseach cuideachd gu bheil mòran bhuidhnean cultarach den bheachd gu bheil ròl aca agus aig an cuid obrach ann a bhith a’ taisbeanadh Alba gu h-eadar-nàiseanta. Tha seo ceangailte gu dìreach ris a’ chleachdadh chruthachail aca agus ri rannsachadh air dearbh-aithne, eachdraidh agus beachdan. Tron obair aca faodaidh iad àite na h-Alba san t-saoghal a rannsachadh agus còmhraidhean cruthachail a thòiseachadh mu na luachan a dh’fhaodamaid a bhith airson cumail suas ann an dàimhean le dùthchannan eile. Tha seo a’ feuchainn ri beachdan na h-Alba san latha an-diugh, ar dàimh leis an t-saoghal mhòr agus dùbhlain cumanta san 21mh linn a thuigsinn agus a thaisbeanadh. Bidh e cuideachd gar cuideachadh gus dealbh nas coileanta a chruthachadh den àm a dh’fhalbh agus den làrach a dh’fhàg taobhan dùbhlanach den eachdraidh againn.

Tha Ro-innleachd Eadar-nàiseanta ùr Riaghaltas na h-Alba air raon de phrìomhachasan agus gnìomhan a mhìneachadh airson a ghnìomhachd eadar-nàiseanta. Tha co-obrachadh cultarach eadar-nàiseanta na phrìomh inneal tron urrainn dhuinn togail air deagh chliù na h-Alba mar àite cultarail is cruthachail. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ toirt taic do roinn a’ chultair gus a dhol an sàs ann an conaltradh cultarach agus a cuid obrach a thaisbeanadh ann am fòraman eadar-nàiseanta. Ach, tha e cuideachd a’ ciallachadh a bhith a’ dol nas fhaide na bhith a’ taisbeanadh na bhios sinn a’ dèanamh agus a’ toirt taic dhan roinn gus com-pàirteachasan agus builean susbainteach a thoirt gu buil a bhrosnaicheas deuchainneachd agus ùr-ghnàthachadh, a bheir buannachdan eaconamach agus a chruthaicheas dàimhean malairt is tasgaidh ùra, agus a bhrosnaicheas Alba mar àite airson tadhal air.

Contact

Email: internationalculturestrategy@gov.scot

Back to top