Inspiring Connections: Scotland's International Culture Strategy - Gaelic Version
’S e amas na ro-innleachd taic a chur ri roinn cultair is chruthachail na h-Alba a bhith ceangailte aig ìre na cruinne gus an coilean i a h-amasan is comasan eadar-nàiseanta, is a bhith a’ cur ri math cultarail, sòisealta, eaconamach is àrainneachd na h-Alba tro a h-obair eadar-nàiseanta.
Ceistean farsaing agus co-theacsa
Tha an earrann seo a’ coimhead air a’ cho-theacsa fharsaing anns am bi an ro-innleachd seo air a lìbhrigeadh agus air mar a thèid dèiligeadh ri cùisean sònraichte a tha nam pàirt den cho-theacsa sin. Tha seo a’ gabhail a-steach fòcas cruinn-eòlasach na ro-innleachd, mar a choimheadas i air atharrachadh na gnàth-shìde agus air an fheum a bhith ag obair a dh’ionnsaigh cothromachadh carboin a thaobh gasaichean taigh-glainne, agus mar a dh’fhaodadh i a dhol an sàs ann an deasbadan mu àite eachdraidheil na h-Alba ann an cùisean leithid ìmpireachd agus tràilleachd. Bidh e cuideachd a’ beachdachadh air cùisean co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail agus mar a bhios iad air an riochdachadh ann an lìbhrigeadh na ro-innleachd.
Cruinn-eòlas
Tha meud agus stòrasan cuibhrichte na h-Alba a’ ciallachadh gum feum sinn ar n-oidhirpean eadar-nàiseanta a chuimseachadh air na raointean agus air na cothroman leis a’ chomas as motha do na buidhnean cultarach is cruthachail againn. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ dèanamh feum air an fharsaingeachd de cheanglaichean a th’ againn mar-thà leithid ar Lìonra Eadar-nàiseanta de dh’oifisean ann am Beijing (Sìona), Berlin (A’ Ghearmailt), a’ Bhruiseal (a’ Bheilg), Copenhagen (An Danmhairg), Baile Àtha Cliath (Èirinn), Lunnainn (An Rìoghachd Aonaichte), Ottawa (Canada), Paris (An Fhraing) agus Washington DC (USA), a bharrachd air lìonraidhean agus buidhnean leithid ar diaspora. Tha e cuideachd a’ ciallachadh a bhith a’ coimhead ri ar com-pàirtichean san Roinn Eòrpa agus iadsan as faisg oirnn faisg air làimh gus togail air na deagh dhàimhean a th’ againn mar-thà. B’ e beachd a bha seo a chuir grunn bhuidhnean cultarach an cèill sa cho-chomhairle againn.
Ach, nam biomaid ag amas a-mhàin air far a bheil dàimhean air a bhith stèidhichte aig Riaghaltas na h-Alba fad ùine mar-thà, bhiodh sin a’ dèanamh dearmad air an ruigsinneachd chruinneil fharsaing agus eadar-nàiseantachd a tha aig cridhe roinn chultarail is chruthachail na h-Alba. Bu chòir gum biodh e comasach do chleachdaichean agus buidhnean ann an Alba feum a dhèanamh de chothroman gus co-obrachadh le com-pàirtichean stèidhichte air na factaran cultarail is gnìomhachais aca fhèin. San aon dòigh, mar thoradh air roinn chruthachail a tha a’ sìor fhàs farpaiseach, feumaidh modailean gnìomhachais a bhith a bhith tionnsgalach agus a bhios a’ leudachadh gus luchd-amais agus margaidhean ùra a ruigsinn.
Tha dùthchannan eile den aon mheud ri Alba air feuchainn ri aghaidh a chur air a’ cheist am bu chòir amas air dlùth chom-pàirtichean eadar-nàiseanta no a bhith a’ coimhead nas fhaide air falbh. Is urrainn dhuinn tarraing air na dh’fhiosraich iad gus ar modh-obrach fhèin a chruthachadh. Bidh e na fhactar cudromach ann an leasachadh nan gnìomhan a tha air am mìneachadh san ro-innleachd seo a bhith a’ faighinn cothromachadh eadar na cothroman cruinneil a tha rim faighinn, raointean fòcas cruinn-eòlasach thar ar n-obair eadar-nàiseanta air fad, na stòrasan a tha rim faighinn, agus le feum na roinne air cothroman a leantainn mar a chì iad iomchaidh. Cha ghabh sinn dòigh-obrach uile-choitcheann a chuireadh bacadh air farsaingeachd chruinn-eòlasach no a chuireadh às do chothroman stèidhichte air cruinn-eòlas, ach tha sinn ag aithneachadh gum bi cuid de dh’eadar-theachdan agus seòrsaichean taic air an cuingealachadh ris an àite far a bheil ar bun-structair agus na stòrasan a th’ againn mar-thà a’ ceadachadh.
Buaidh gnàth-shìde agus am feum gus cothromachadh carboin a choileanadh
Feumar gabhail ris nach eil com-pàirteachadh cultarail eadar-nàiseanta agus siubhal co-cheangailte a’ dol a rèir an fheum a bhith ag obair a dh’ionnsaigh cothromachadh carboin a bhith aig Alba a thaobh eimiseanan gasaichean taigh-glainne ro 2045. Feumar cothromachadh a dhèanamh eadar a bhith a’ dèanamh cinnteach gun gabh buannachdan co-obrachadh cultarach eadar-nàiseanta a thoirt gu buil le bhith a’ lùghdachadh buaidh air a’ ghnàth-shìde, ach chan eil e soilleir ciamar a ghabhas seo a chothromachadh gus cho-dhùnaidhean a thaobh taic do ghnìomhachdan sònraichte fhiosrachadh.
Tha farsaingeachd de bheachdan taobh a-staigh na roinne air an ìre is gun urrainn dhi taic a chumail ris an turas a dh’ionnsaigh cothromachadh carboin. Tha dealas làidir ann bho mhòran bhuidhnean agus cleachdaichean gus taic a chumail ri atharrachadh chun na h-ìre as motha ’s a ghabhas, ach thathar cuideachd ag aithneachadh gum feum adhartas mòr a bhith ann an ùr-ghnàthachadh teicneòlasach agus ann an atharrachadh giùlain a thaobh mar a bhios sinn a’ siubhal, a’ cruthachadh cumhachd agus a’ teasachadh thogalaichean. Ann an roinn le faireachdainn làidir de cheartas sòisealta chan eil e na iongnadh gu bheil e na phrìomhachas do mhòran a bhith a’ freagairt air fear de na dùbhlain as cudromaiche nar n-àm.
Is urrainn dhan fhreagairt seo a bhith cruthachail. Faodaidh e ar cuideachadh gus meòrachadh air agus tuigse fhaighinn air an dùbhlan a thaobh a bhith a’ comasachadh eadar-ghluasadan a’ chomainn-shòisealta gus cothromachadh carboin a ruigsinn. Agus gu dearbha, feumaidh seo a bhith na chòmhradh cruinneil.
“Nar n-obair, tha sinn a’ co-thaobhadh ar n-obair eadar-nàiseanta ri ar geallaidhean àrainneachdail le bhith: a’ roghnachadh roghainnean siubhail slaodach/beag-carboin, a’ cleachdadh teicneòlas conaltraidh gus siubhal a lùghdachadh, a’ cruthachadh phròiseactan eadar-nàiseanta tro cho-obrachadh agus com-pàirteachasan fad-ùine”’ Freagairt co-chomhairleachaidh air an Ro-innleachd Cultair Eadar-nàiseanta (The Work Room)
Is urrainn freagairt na roinne dhan bhuaidh aice air a’ ghnàth-shìde a bhith gu math practaigeach cuideachd. Tha farsaingeachd de ghnìomhachd ga dhèanamh leis an roinn chultarail is chruthachail, taobh a-staigh agus taobh a-muigh na h-Alba, gus beachdachadh air mar a ghabhas atharrachadh a dhèanamh air cleachdaidhean làithreach. Dh’fhaodadh modailean iomlaid a tha a’ ceadachadh com-pàirteachadh a mhaireas nas fhaide no a bhith a’ brosnachadh cleachdaichean eadar-nàiseanta a bhith a’ tadhal air Alba le barrachd eadar-obrachaidh le raon nas fharsainge de luchd-ealain Albannach leigeil le cuid de bhuannachdan iomlaid eadar-nàiseanta a bhith air an glacadh agus aig an aon àm a lùghdachadh na buaidh àrainneachdail. Faodaidh obair mar seo buaidh a thoirt air atharrachadh le co-leithid eadar-nàiseanta, agus bidh e cudromach far a bheil deagh chleachdadh aig buidhnean Albannach gun tèid a cho-roinn gu h-eadar-nàiseanta gus taic chumail ri atharrachadh.
- Bidh Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach a’ com-pàirteachadh ann an obair aig an taigh agus gu h-eadar-nàiseanta a tha ag amas air modailean a tha seasmhach a thaobh na h-àrainneachd a chruthachadh airson conaltradh cultarach eadar-nàiseanta agus beachdaichidh iad air na ceumannan as urrainnear gabhail gus taic a thoirt do bhuidhnean gus buaidh àrainneachdail a mheasadh agus a chothromachadh mu choinneamh luach na gnìomhachd a thathar a’ moladh.
Sgrùdadh Cùise - Àrainneachd Eachdraidheil Alba: Ceannard Cruinneil a’ cur aghaidh air Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Dualchas na Cruinne
Is e atharrachadh na gnàth-shìde an cunnart cruinneil as motha do Dhualchas na Cruinne. Mar sin tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ gabhail cheumannan mòra a thaobh na gnàth-shìde aig an àm seo gus àrainneachd eachraidheil an àm a dh’fhalbh a dhìon airson an àm ri teachd. Aig àm nuair a tha èiginn na gnàth-shìde a’ dol am meud, tha cruaidh fheum air a bhith a’ tuigsinn cho cugallach ’s a tha gach seòrsa dualchais, a’ gabhail a-steach buaidhean gnàth-shìde air na sia làraichean ann an Alba a tha ainmichte mar làraichean Dualchas na Cruinne aig UNESCO.
Tha an Clàr So-leòntachd Gnàth-shìde (Climate Vulnerability Index - CVI) na inneal luath is siostamatach a chaidh a chruthachadh aig Oilthigh James Cook ann an Astràilia, gu sònraichte gus so-leòntachd atharrachadh na gnàth-shìde a mheasadh airson gach seòrsa de Dhualchas na Cruinne (cultarail, nàdarra agus measgaichte). Chaidh a’ chiad mheasadh CVI cruinneil airson làrach cultarail Dualchas na Cruinne a dhèanamh aig Cridhe Arcaibh Linn Ùr na Cloiche sa Ghiblean 2019.
Tha tabhartas Lìonra Rannsachaidh bho Chomann Rìoghail Dhùn Èideann air cothrom a thoirt do mheasaidhean CVI a dhèanamh bhon uair sin air Seann Bhailtean is Bailtean Ùra Dhùn Èideann, Balla Antonine (pàirt de Chrìochan Ìmpireachd na Ròimhe), agus Hiort. Chaidh grad-CVI a dhèanamh cuideachd airson Nam Flobhachan a tha gu bhith air am moladh airson inbhe mar Làrach Dualchas na Cruinne.
Ana-ceartasan eachdraidheil
Ged a tha ìomhaigh làidir eadar-nàiseanta aig Alba ann an 2024 agus miann a bhith nar deagh shaoranach cruinneil, feumaidh sinn aithneachadh nach robh an dùthaich againn mar seo gu h-eachdraidheil. Ach is urrainn ceanglaichean cultarach feuchainn ri dèiligeadh ri aghaidh a chur air, a bhith a’ tuigsinn agus ag aithneachadh ar pàirt ann an tràilleachd, ìmpireachd agus atharrachadh na gnàth-shìde.
Is urrainn iomlaid agus conaltradh cultarach ar cuideachadh gus meòrachadh air ar cultar agus ar n-eachdraidh fhìn. Aig àm nuair a tha sinn a’ fàs nas mothachaile air àite na h-Alba ann an ìmpireachd, tràilleachd agus atharrachadh na gnàth-shìde tha seo gu sònraichte cudromach. Tha còmhraidhean air fosgladh eadar mòran institiudan cultarach Albannach agus co-leithid ann am pàirtean den t-saoghal far an robh buaidh nach robh adhartach aig Alba aig amannan. Cuidichidh seo sinn le bhith a’ tuigsinn ar dleastanas eachdraidheil agus ar n-àite san t-saoghal, ach faodaidh buaidhean susbainteach a bhith aige cuideachd ann a bhith a’ fuasgladh ana-ceartasan eachdraidheil gu ìre. Tha grunn ionadan cultarail air ceumannan a ghabhail gus aghaidh a chur air an eachdraidh sin agus air mar a tha iad a’ buntainn ri nithean anns na cruinneachaidhean aca. Tron obair seo chaidh grunn nithean cultarail a thoirt air ais do na coimhearsnachdan às an d’ fhuaras iad.
Sgrùdadh cùise – ath-thilleadh Ìomhaighean Uamha Bhenin le Oilthigh Obar Dheathain
Ann an 1897 chaidh prìomh-bhaile àrsaidh rìoghachd Bhenin ann an Afraga an Iar a spùinneadh le feachd armachd Breatannach. Mar thoradh air an seo chaidh na h-ulaidhean nàiseanta, a’ gabhail a-steach ìomhaighean de na h-Obathan (rìghrean) agus nithean eile a chaidh a dhèanamh sa bhaile thar nan ceudan de bhliadhnaichean, a sgaoileadh am measg thaighean-tasgaidh agus luchd-cruinneachaidh prìobhaideach air feadh an t-saoghail. Tha mòran iarrtasan air a bhith ann gus na ‘Benin Bronzes’ a thilleadh bho na 1930an air adhart, agus tha air seo air fàs gu bhith mar an iomairt as àrd-ìomhaigheach airson seilbh chultarail Afraganach ath-thilleadh.
Cheannaich Oilthigh Obar Dheathain ìomhaigh-bràghad ann an 1957, le rannsachadh air a tùs a’ dearbhadh gur e tè den fheadhainn a chaidh a spùinneadh a bha seo. Leis gun robh e soilleir gur e rud a chaidh a ghoid a bh’ ann, cho-dhùin an t-Oilthigh nach biodh iasad iomchaidh agus an àite sin thòisich iad a’ coimhead air mar a b’ urrainnear a thoirt air ais gun chumhachan. B’ e a’ chiad cheum a bhith a’ dèanamh conaltradh le eadar-mheadhanair le deagh cheanglaichean, Bankole Sodipo a tha na àrd-ollamh lagha ann an Nigeria. Chuir seo còmhraidhean an comas le riaghaltas feadarail Nigeria, Coimisean Nàiseanta Taighean-tasgaidh is Carraighean Nigerian, Riaghaltas Stàite Edo, agus Cùirt an Oba. Rinn Ministrealachd an Fhiosrachaidh agus a’ Chultair moladh mar thoradh air seo a fhuair taic bho na pàrtaidhean eile.
Tha dòigh-obrach stèidhichte aig an Oilthigh airson beachdachadh air a bhith ag ath-thilleadh nithean bho na cruinneachaidhean, a’ gabhail a-steach slatan-tomhais air a bheil còmhraidhean buidheann comhairleachaidh stèidhichte, a bha san eisimpleir seo a’ gabhail a-steach Bankole Sodipo a bharrachd air riochdairean bhon oilthigh agus bho thaighean-tasgaidh. Fhuair moladh na Buidhne Comhairleachaidh taic aona-ghuthach bho bhuidheann riaghlaidh an Oilthigh, agus mar sin san Dàmhair 2021 aig cuirm ann an Obar Dheathain chaidh an ìomhaigh a thoirt do bhuidheann a’ ghabhail a-steach riochdaire Àrd-Choimisean Nigeria, Àrd-stiùiriche a’ Choimisein Nàiseanta, agus bràthair Oba Bhenin. Beagan mhìosan às dèidh sin, air an 125mh ceann-bliadhna den spùinneadh, chaidh a thoirt dhan Oba ann am Baile Bhenin, a’ chiad Ìomhaigh Umha Bhenin a chaidh a thoirt air ais bho chruinneachadh taigh-tasgaidh gun chumhachan.
Tha obair Oilthigh Obar Dheathain agus a chom-pàirtichean à Nigeria air a bhith air thoiseach air càch am measg institiudan Albannach ann a bhith a’ dèiligeadh ri leithid de dh’ana-ceartas eachdraidheil agus thug e buaidh làidir air an dòigh-obrach a mhol pròiseact na h-Ìmpireachd, Tràillealachd agus Taighean-tasgaidh na h-Alba agus a tha a-nis ga thoirt air adhart.
Dh’fhoillsich Pròiseact Ìmpireachd, Tràilleachd agus Taighean-tasgaidh na h-Alba, a chaidh a cho-òrdanachadh le Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Alba, agus le taic bho Riaghaltas na h-Alba, molaidhean do Riaghaltas na h-Alba airson dèiligeadh ri dìleaban ana-ceartais eachdraidheil. Ghabh Riaghaltas na h-Alba ris na molaidhean sin gu h-iomlan san Fhaoilleach 2024.
- Cumaidh Riaghaltas na h-Alba taic ri buileachadh molaidhean aithisg Ìompaireachd, Tràilleachd agus Taighean-tasgaidh na h-Alba, a’ gabhail a-steach a bhith a’ brosnachadh a bhith a’ cruthachadh stiùireadh nàiseanta sònraichte airson a bhith a’ toirt air ais nithean a fhuaradh gu mì-bheusach.
Co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ leantainn air adhart a’ brosnachadh agus ag adhartachadh co-ionannachd, in-ghabhail agus còraichean daonna anns gach rud a nì e.[22] Tha sinn airson taic a thoirt do roinn chultarach agus chruthachail na h-Alba gus am bi e na àite fosgailte agus cothromach airson a bhith ag obair, a’ gabhail pàirt ann agus a’ faighinn tlachd à cultar.
Tha an aithisg dhà-phàirt mu stòrasan cultarail To See Ourselves and As Others See Us[23] a’ sealltainn gu bheil àrainneachd poileasaidh cultarach na h-Alba agus na dòighean-obrach taobh a-staigh na h-Alba le luachan bunasach co-cheangailte ri prionnsapalan sòisealta, deamocratach agus co-ionannachd mar bhunait ri cùmhnant sòisealta gus taic a chumail ri in-ghabhail, iomadachd, co-ionannachd agus còraichean. Is iad sin na luachan a tha aig cridhe feallsanachd agus obair na roinne.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail grunn cheumannan gus co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail a chumail suas san obair againn agus san roinn san fharsaingeachd. Tha gnìomhan a tha air am mìneachadh ann am Plana Gnìomh Ro-innleachd a’ Chultair, a chaidh fhoillseachadh san Dùbhlachd 2023, a’ gealltainn gun obraich sinn ann an com-pàirteachas gus iomadachd san roinn a mheudachadh, a’ co-roinn dhòighean-obrach agus còdan cleachdaidh ùra a nì cinnteach gu bheil iomadachd aig cridhe leasachadh sgilean agus ballrachd bùird, a’ gabhail a-steach cuideachadh le fastadh iomadachd le bhith a’ gabhail a-steach tuarastal iomchaidh do bhuill bùird aig bhuidhnean poblach cultar is dualchais nàiseanta.
Dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba cuideachd ann am Plana Gnìomh Ro-innleachd a’ Chultair gu bheil e a’ stèidheachadh buidheann gnìomh Obair Chothromach leis an raon-ùghdarrais a bhith a’ stiùireadh mar a thèid Obair Chothromach a bhuileachadh san roinn. Beachdaichidh a’ bhuidheann gnìomh air na 5 colbhan aig Obair Chothromach: Guth Èifeachdach, Cothrom, Tèarainteachd, Coileanadh, Spèis mar a tha air am mìneachadh san Lèirmheas air Obair Chothromach anns an roinnean cruthachail agus cultarail na h-Alba[24], a chaidh a stiùireadh le Culture Radar agus a bharantachadh le Alba Chruthachail agus a chaidh fhoillseachadh ann an 2022.
- Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ fighe co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail a-steach dhan obair air fad a nithear fon ro-innleachd seo agus bidh e a’ ceangal ri obair nas fharsainge fo Phlana Gnìomh Ro-innleachd a’ Chultair.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback