Inspiring Connections: Scotland's International Culture Strategy - Gaelic Version

’S e amas na ro-innleachd taic a chur ri roinn cultair is chruthachail na h-Alba a bhith ceangailte aig ìre na cruinne gus an coilean i a h-amasan is comasan eadar-nàiseanta, is a bhith a’ cur ri math cultarail, sòisealta, eaconamach is àrainneachd na h-Alba tro a h-obair eadar-nàiseanta.


A’ lìbhrigeadh na Ro-innleachd Cultaraich Eadar-nàiseanta

Tha an earrann seo a’ mìneachadh mar a thèid an ro-innleachd seo a lìbhrigeadh. Bidh seo na phròiseas ath-aithriseach a bhios a’ ceangal chleachdaichean fa leth agus buidhnean taobh a-staigh na roinn cultair agus cruthachail a bharrachd air roinn phoblach na h-Albannach san fharsaingeachd. Gabhaidh cuid den obair a tha air a mhìneachadh an seo a thoirt air adhart sa bhad, bidh feum air tuilleadh beachdachaidh agus obair-stèidh airson raointean eile.

Clàr-ama

Bidh diofar raointean-ama aig na gnìomhan a tha air am mìneachadh sa phàipear seo, ach gu h-iomlan bidh an ro-innleachd seo a’ ruith eadar 2024 gu 2030 le ath-sgrùdadh bho àm gu àm. Leis a’ chlàr-ama seo, bidh gu leòr tìde ann airson deasachadh, lìbhrigeadh agus measadh air an raon de bhuilean a thathar a’ moladh agus gus measadh a dhèanamh air buaidh na ro-innleachd air na builean a tha san amharc.

Toraidhean

  • Roinn cultar agus cruthachail ùr-ghnàthach, nas seasmhaiche agus nas treasa gu h-eaconamach
  • Roinn cultair agus cruthachail eadar-nàiseanta ceangailte agus eadar-mheasgte a tha a’ cur ri leas dhaoine agus choimhearsnachdan
  • Cliù eadar-nàiseanta nas motha airson cultar agus cruthachalachd, a’ gabhail a-steach freagairt na h-Alba do dhùbhlain cruinneil

Tha na builean àrd-ìre seo a’ mìneachadh na tha sinn airson coileanadh anns na sia bliadhna a tha romhainn. Thèid soirbheachas na ro-innleachd a thomhas a rèir nam builean sin. Mar sin, thathar a’ cruthachadh modail teòiridh atharrachaidh gus mìneachadh carson agus ciamar a dh’fhaodadh atharrachadh tachairt agus gus na taisbeanairean fianais a chlàradh a thèid a chleachdadh gus atharrachadh a thomhas agus a shealltainn.

Mar a chaidh a mhìneachadh ann am Frèam nam Builean, chaidh builean na ro-innleachd a chruthachadh le sùil air builean an Fhrèam Coileanaidh Nàiseanta, agus freagairtean do shuirbhidh co-chomhairleachaidh na Ro-innleachd Cultair Eadar-nàiseanta a chaidh a chumail ann an 2023.

Obraichidh Riaghaltas na h-Alba le com-pàirtichean lìbhrigidh gus frèam builean mionaideach a chruthachadh gus an teòiridh atharrachaidh fhiosrachadh. Mìnichidh seo mar a tha obair làithreach agus obair ri thighinn, a’ gabhail a-steach gnìomhan san ro-innleachd seo agus gnìomh sam bith eile a thèid a dhèanamh le com-pàirtichean lìbhrigidh, a’ cur ri coileanadh builean na ro-innleachd.

Thèid plana sgrùdaidh is measaidh ullachadh an cois seo gus taic a chumail ri adhartas a dh’ionnsaigh lèirsinn na ro-innleachd agus gus cunntachalachd a sholarachadh.

Bidh an teòiridh atharrachaidh ceangailte ri obair nas fharsainge a chaidh a chur air adhart ann am Plana Gnìomh Ro-innleachd a’ Chultair san Dùbhlachd 2023 gus cruth-tìre dàta co-cheangailte ris an roinn chultarail is chruthachail a leasachadh.

  • Obraichidh Riaghaltas na h-Alba le com-pàirtichean gus teòiridh atharrachaidh mionaideach a chruthachadh airson a bhith a’ clàradh na buaidh aig gnìomhan poileasaidh co-cheangailte ris an ro-innleachd, a’ cumail sùil air adhartas, agus a’ toirt taic do dh’atharrachadh, a’ togail air frèam nam builean a tha air a mhìneachadh an seo.

Com-pàirtichean lìbhrigidh

Lìonraidhean eadar-nàiseanta Riaghaltas na h-Alba

Tha cultar cudromach dhan ròl a th’ aig lìonra oifisean eadar-nàiseanta Riaghaltas na h-Alba. Is e inneal tron urrainn dhaibh an làthaireachd anns an dùthaich aoigheachd aca a shoilleireachadh agus barrachd cheanglaichean a thogail. Tha àite cudromach aig na h-oifisean sin cuideachd ann a bhith a’ cruthachadh chothroman do bhuidhnean cultarach gus dàimhean a thogail agus cothrom fhaighinn air na margaidhean anns na dùthchannan sin.

Tha grunn eisimpleirean làidir de ghnìomhachd den t-seòrsa seo ann far a bheil dàimhean eadar na h-oifisean, luchd-ùidh nan dùthchannan aoigheachd agus buidhnean cultarail na h-Alba air cothroman ùra a chruthachadh airson às-mhalairt agus iomlaid chultarail, agus ann a bhith a’ dèanamh seo tha e air fios a sgaoileadh mu oifisean Riaghaltas na h-Alba agus an obair aca do raon nas fharsainge de dh’ùidhean. Leanaidh Riaghaltas na h-Alba air adhart a’ measadh mar a ghabhas dàimhean a tha buannachdail do gach taobh a stèidheachadh agus a chur air stèidh sheasmhach tro bhith an làthair ann an sgìrean sònraichte.

Sgrùdadh cùise - Festival Interceltique de Lorient

Bidh Festival Interceltique de Lorient a’ comharrachadh cultar Ceilteach gach bliadhna, agus bidh e ga chumail Lorient, san Fhraing. Bidh e a’ toirt còmhla dùthchannan agus roinnean Ceilteach bho air feadh an t-saoghail gus an ceòl, an dannsa, an litreachas, am biadh agus an dualchas a thaisbeanadh. Tha an fhèis na h-àrd-ùrlar beothail airson iomlaid agus co-obrachadh chultarach.

Ann an 2023, cho-obraich Riaghaltas na h-Alba le Showcase Scotland Expo agus Comann Ceòl Traidiseanta na h-Alba gus luchd-ealain Albannach a thaisbeanadh. Thar gach cuirm Albannach, bha 7,000 an lathair aca. Thug an t-àrd-ùrlar seo cothrom dhan luchd-ealain a bha an sàs a bhith a’ taisbeanadh an cuid obrach gu h-eadar-nàiseanta chan ann a-mhàin tron fhèis fhèin, ach cuideachd nas fharsainge tro mheadhanan Frangach, a’ meudachadh na ruigsinneachd agus an luchd-èisteachd aca.

A’ togail air soirbheachas an tachartais ann an 2023, tha Oifis na Frainge aig Riaghaltas na h-Alba a’ planadh airson 2024 le fòcas air òigridh. Bidh i a’ co-obrachadh a-rithist le Fèis Rois agus Showcase Scotland Expo gus taic a thoirt do sheinneadairean òga Gàidhlig is luchd-ealain gus beairteas agus iomadachd cruth-tìre cultarach na h-Alba a thaisbeanadh. Le bhith a’ cur cuideam air òigridh a bhith a’ gabhail pàirt, cumaidh Riaghaltas na h-Alba taic ri ceanglaichean eadar-ghinealaich agus beothalachd leantainneach nan traidiseanan Ceilteach.

Tha mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail pàirt ann am Festival Interceltique de Lorient a’ dearbhadh ar dealas gus cultar na h-Alba a bhrosnachadh aig ìre eadar-nàiseanta. Tro chom-pàirteachasan agus iomairtean ro-innleachdail, tha sinn air tàlant Albannach a thaisbeanadh gu soirbheachail agus tha sinn air iomlaidean brìoghmhor a dhèanamh le coimhearsnachdan Ceilteach air feadh an t-saoghail.

Tha grunn mheòrachan tuigse aig Riaghaltas na h-Alba le dùthchannan agus roinnean air feadh an t-saoghail, gu tric le fòcas làidir air co-obrachadh cultarach. Obraichidh e le ar lìonraidhean eadar-nàiseanta gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a ghabhas togail air aontaidhean foirmeil leithid seo gus barrachd buaidh a lìbhrigeadh dhan roinn chultarail agus chruthachail.

  • Meudaichidh oifisean eadar-nàiseanta Riaghaltas na h-Alba an comas air cothroman fhosgladh do roinn chultarail is chruthachail na h-Alba anns na dùthchannan anns a bheil iad.

Brannd na h-Alba

Is e com-pàirteachas ro-innleachdail thar-bhuidhnean a th’ ann am Brannd na h-Alba a tha a’ toirt còmhla oidhirpean margaidheachd is conaltraidh Riaghaltas na h-Alba, prìomh bhuidhnean san roinn phoblaich, a’ gabhail a-steach Alba Chruthachail, agus com-pàirtichean nas fharsainge fo bhrannd co-roinnte agus gan suidheachadh gus ro-innleachd brannd nàiseanta co-obrachail a lìbhrigeadh leis an luchd-èisteachd aig a’ chridhe. Tha brannd nàisean na h-Alba a’ gabhail a-steach ar luachan agus ag innse sgeulachdan mu ar cultar agus dualchas air leth, agus aig an aon àm a’ comharrachadh spionnadh, adhartas agus ùr-ghnàthachadh ar dùthcha. Tha e a’ daingneachadh nam beachdan adhartach mu Alba a dh’fheumas sinn togail gu cunbhalach airson Alba le luchd-èisteachd eadar-nàiseanta, gus daoine a bhrosnachadh gus coimhead air Alba mar àite airson a bhith a’ fuireach, ag obair, ag ionnsachadh, a’ tadhal no a bhith an sàs ann an gnìomhachas.

Tha ar cruthachalachd agus ar cultar bunaiteach a thaobh cò sinn agus mar a bhios daoine eile gar faicinn, agus tha seo na phrìomh chuspair a bhios Brannd na h-Alba a’ cleachdadh gus ar sgeulachd innse gu h-eadar-nàiseanta.

Leis cho cudromach ’s a tha cultar ann an ìomhaigh eadar-nàiseanta na h-Alba, chan eil e na iongnadh gu bheil e na phrìomh eileamaid san dòigh sam bi sinn gar taisbeanadh fhèin gu h-eadar-nàiseanta mar nàisean beothail, cothromach agus in-ghabhalach. Faodaidh e dorsan fhosgladh agus faodaidh e a bhith na bhunait airson conaltradh nas fharsainge. Ged as urrainn ìomhaighean traidiseanta de dh’Alba ceanglaichean a thogail, ma tha sinn airson neart agus spionnadh cultar an latha an-diugh ann an Alba a chur an cèill, a’ tàladh luchd-tadhail agus a’ cumail taic ri cothroman dhan roinn, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun lean sinn air adhart a bhith ga riochdachadh anns na stuthan a bhios sinn a’ cleachdadh gus Alba a bhrosnachadh.

  • Brosnaichidh Riaghaltas na h-Alba agus a chom-pàirtichean Alba agus a cultar co-aimsireil thall thairis mar àite cruinneil cudromach airson cultar agus cruthachalachd a tha eadar-mheasgte, a’ comharrachadh agus a’ dèanamh feum de phrìomh chothroman is thachartasan eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach gnìomhan Brannd Alba.

Ceanglaichean Albannach

Tha ceanglaichean aig Alba ri diofar phàirtean den t-saoghal airson adhbharan eachdraidheil, cànanach no cultarail. Tha coimhearsnachdan diaspora dualchasach stèidhichte ann an sgìrean far an do dh’imrich tòrr dhaoine, leithid Ameireagaidh a Tuath no Astràilia. Bidh e cuideachd a’ cumadh iomadachd choimhearsnachdan taobh a-staigh na h-Alba a tha a’ cumail suas ceanglaichean cultarach is teaghlaich ri dachaighean an sinnsirean.

Tha mìneachadh Riaghaltas na h-Alba air diaspora nas fharsainge na sinnsearachd. Tha e a’ gabhail a-steach alumni de dh’oilthighean na h-Alba a tha aig ìre na cruinne, a bhios a’ cur fàilte air na deichean de mhìltean de dh’oileanaich eadar-nàiseanta gach bliadhna, a’ cruthachadh lìonra mòr, eadar-mheasgte agus òg de shaoranaich eadar-nàiseanta a chuir earbsa ann an Alba airson fear de na co-dhùnaidhean as motha as urrainn do dhuine sam bith a dhèanamh. Tha e cuideachd a’ gabhail a-steach duine sam bith a tha air fuireach ann an Alba aig àm sam bith airson adhbhar sam bith, co-dhiù an do rugadh iad ann an Alba agus gun do rinn iad eilthireachd an uair sin, no feadhainn à àiteachan eile a thill dhachaigh às dèidh ùine ag obair ann an Alba. Agus tha e a’ gabhail a-steach neach sam bith a tha bàigheil air Alba – Albannaich tro thoil – a dh’fhaodadh a bhith air tadhal air ar dùthaich mar luchd-turais no dìreach aig a bheil ùidh sa chultar, eachdraidh no luachan againn.

Tha na ceanglaichean sin a’ cruthachadh chothroman gus dàimhean a thogail agus dorsan fhosgladh do roinn chultarach is chruthachail na h-Alba, co-dhiù tha seo tro chothrom air margaidhean is lìonraidhean ùra, no a thaobh dàimhean carthannach. Tha Frèam Ceanglaichean na h-Alba aig Riaghaltas na h-Alba a’ mìneachadh mar a thogas sinn dàimhean le coimhearsnachdan diaspora eadar-mheasgte na h-Alba air feadh an t-saoghail. Tha grunn ghealltanasan ann gus ar ceanglaichean cultarach a leasachadh, a’ gabhail a-steach ar lìonra de GlobalScots a bhith an sàs ann am brosnachadh na roinne agus a’ cumail taic ri ceanglaichean cultarach le buidhnean agus daoine fa leth air feadh an t-saoghail. Tha e cuideachd a’ gealltainn proifeiseantaich gnìomhachais bho na roinnean cruthachail is cultair a chur ris an lìonra, agus GlobalScots a ghabhail a-steach ann an leasachadh poileasaidh cultair agus ceanglaichean cultarach na h-Alba.

  • Obraichidh Riaghaltas na h-Alba le com-pàirtichean gus na geallaidhean ann am Frèam Ceanglaichean na h-Alba co-cheangailte ri GlobalScots a tha ag obair anns na raointean cultarail agus cruthachail a lìbhrigeadh. Bidh seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh nan lìonraidhean gnìomhachais agus nan ceanglaichean aca gus taic a thoirt do dh’amasan an Fhrèam co-cheangailte ri adhartachadh cultar agus roinn chruthachail na h-Alba gu h-eadar-nàiseanta.

Buidhnean Nàiseanta

Is e Alba Chruthachail, a tha a’ gabhail a-steach Sgrìn Alba, a’ bhuidheann a tha a’ cumail taic ris na roinnean cultarach is cruthachail thar gach ceàrnaidh de dh’Alba. Is e buidheann poblach neo-roinneil a th’ ann, le taic bho Riaghaltas na h-Alba agus a bhios a’ faighinn maoineachadh an dà chuid bho Riaghaltas na h-Alba agus bho Chrannchur Nàiseanta na RA. Tha cùisean eadar-nàiseanta air aon de na ceithir prìomhachasan ro-innleachdail aig Alba Chruthachail.

Is e Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ phrìomh bhuidheann airson roinn na h-àrainneachd eachdraidheil ann an Alba. ’S e Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ bhuidheann as motha a tha a’ ruith cinn-ùidh turasachd ann an Alba, a’ stiùireadh còrr is 300 togalach a tha cudromach gu cultarail às leth Ministearan na h-Alba, a’ gabhail a-steach Caisteal Dhùn Èideann, Skara Brae, agus Gearastan Dheòrsa, agus bidh e a’ fastadh 1,400 neach air feadh na h-Alba. Tha ÀEA cuideachd an urra ri cruinneachadh de dhealbhan, fotothan, làmh-sgrìobhainnean agus dealbhan adhair a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta. Bidh e ag obair gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta gus foghlam, sgilean agus rannsachadh ann an dualchas adhartachadh. Tro phrògram nan tabhartasan aige, tha £14 millean ga thasgadh gach bliadhna gus taic a chumail ri càradh thogalaichean, carraighean àrsaidh, obair arc-eòlais agus glèidhteachas.

Is e Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Alba a’ bhuidheann nàiseanta airson cruinneachaidhean na h-Alba. Tha àite aige ann a bhith a’ cumail taic dhan roinn gus: conaltradh le com-pàirtichean eadar-nàiseanta; a bhith a’ comharrachadh agus a’ gabhail ri cothroman airson obair eadar-nàiseanta; a bhith a’ faighinn cothrom air taic airson obair den t-seòrsa seo; agus a bhith a’ co-roinn deagh chleachdadh agus ionnsachadh tarsainn na roinne gus daoine eile a bhrosnachadh. Tron obair aige, is urrainn dha taic a chumail ri taighean-tasgaidh agus gailearaidhean na h-Alba gus com-pàirteachadh le obair eadar-nàiseanta agus le rùintean na ro-innleachd seo.

Tha obair Comhairle Bhreatainn Alba san raon seo a’ cur fòcas air a bhith a’ cumail taic ri cruthachadh is leasachadh cheanglaichean cultarach gus leigeil le roinn ealain na h-Alba obrachadh gu soirbheachail gu h-eadar-nàiseanta agus a bhith a’ gabhail pàirt ann an cothroman eadar-nàiseanta. Tha a bhith a’ stèidheachadh dhàimhean, a’ cur cheanglaichean an comas agus a’ toirt seachad comhairle dhan roinn agus do luchd-ceangail eadar-nàiseanta aig cridhe dleastanas Comhairle Bhreatainn, agus a bhith ag obair ann an com-pàirteachasan le prìomh luchd-ùidh Albannach le fiosrachadh bhon lìonra chruinneil aca a’ cruthachadh raon de ghnìomhachdan agus iomairtean a bheir taic do chom-pàirteachadh cultarach eadar-nàiseanta.

Institiudan cultarail nàiseanta

Tha Companaidhean Cleasachd Nàiseanta agus Cruinneachaidhean Nàiseanta na h-Alba air am maoineachadh gu dìreach le Riaghaltas na h-Alba. Tha cothrom aig na companaidhean cleasachd air Maoin nan Cuairtean Eadar-nàiseanta gus taic a thoirt dhaibh airson a dhol air chuairt gu h-eadar-nàiseanta. Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ brosnachadh ar n-institiudan cultarail nàiseanta gus ceanglaichean a thogail le oifisean Riaghaltas na h-Alba thall thairis agus obraichidh iad gus taic a chumail ris na ceanglaichean sin gus dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachd eadar-nàiseanta nam buidhnean sin a’ daingneachadh cheanglaichean eadar-nàiseanta na h-Alba, rud a bheir buannachd dhan a h-uile duine.

  • Obraichidh sinn còmhla gus dòighean conaltraidh a neartachadh eadar buidhnean cultarail nàiseanta na h-Alba agus gnìomhan poileasaidh dàimhean taobh a-muigh aig Riaghaltas na h-Alba gus co-obrachadh nas dlùithe agus conaltradh tràth a chur an comas nuair a thathar a’ planadh gnìomhachd eadar-nàiseanta.

Roinn chultarach is chruthachail na h-Alba

Aig a’ cheann thall tha an ro-innleachd seo ag amas air taic a thoirt do leasachadh roinn chultarach agus chruthachail na h-Alba gu h-iomlan. Gus dèanamh cinnteach gum bi an ro-innleachd agus na gnìomhan a tha i a’ cur air adhart èifeachdach, cuiridh sinn dòighean an sàs dhan roinn gus taic a chumail ri lìbhrigeadh agus gus a dhol an sàs gu dìreach ann an leasachadh na h-obrach a tha a’ tighinn às.

  • Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba buidheann comhairleachaidh na roinne gus taic a thoirt do lìbhrigeadh na ro-innleachd seo agus gus dèanamh cinnteach gu bheil sealbh aig an roinn chultarail is chruthachail agus gu bheil cothroman ann obair a chumadh fon ro-innleachd.

Stòrasan

Tha sinn a’ leudachadh maoineachadh dhan roinn chultarail agus cruthachail le £15.8m a bharrachd an ath bhliadhna ionmhais, gus am bi figear iomlan ann de £196.6m. Is e seo a’ chiad cheum air an t-slighe gu bhith a’ tasgadh co-dhiù £100m a bharrachd gach bliadhna ann an cultar agus na h-ealainean ron bhliadhna ionmhais 2028/29. Ann an 2025/2026 tha sinn ag amas air £25m a bharrachd a thoirt do roinn a’ chultair. Leis an tasgadh a bharrachd seo, tha sinn airson cothroman a bhrosnachadh airson com-pàirteachadh ann an cur-seachadan cruthachail, airson taic a chumail ri cruthachadh obair ealain ùr, agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil àrd-ùrlaran aig toradh cultarail na h-Alba aig an taigh agus thall thairis. Gus taic a chumail ri lìbhrigeadh na ro-innleachd seo agus stòrasan fhaighinn far a bheil sin a dhìth, bidh sinn a’ gabhail làn phàirt ann am pròiseasan a thaobh riarachadh a’ mhaoineachaidh a bharrachd seo.

  • Nì Riaghaltas na h-Alba an argamaid airson gnìomhachd chultarach eadar-nàiseanta agus airson nan gnìomhan a tha air am mìneachadh san ro-innleachd seo anns na pròiseasan buidseit, ag obair gus stòrasan fhaighinn gus taic a chumail ri lìbhrigeadh.

Beachdaichidh Riaghaltas na h-Alba cuideachd air na h-ionnstramaidean agus slighean maoineachaidh làithreach gus taic a thoirt do ghnìomhachd cultarail eadar-nàiseanta mar thoradh air an ro-innleachd seo. Nì seo cinnteach gum bi co-leanailteachd ro-innleachdail ann agus gum bi na modailean a th’ ann aig an àm seo fhathast a’ toirt na buaidh as motha as urrainn dhaibh. Bidh a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom co-ionann air taic aig cridhe moladh sam bith airson atharrachadh a thig a-mach às an eacarsaich seo.

  • Nì Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh air a’ mhaoineachadh làithreach airson gnìomhachd chultarach eadar-nàiseanta a rèir nam prionnsapalan agus gnìomhachdan a tha air am mìneachadh san ro-innleachd seo gus dèanamh cinnteach gum bi e fhathast cunbhalach agus iomchaidh dhan cho-theacsa làithreach.

Contact

Email: internationalculturestrategy@gov.scot

Back to top