Community right to buy abandoned, neglected or detrimental land: full guidance
Guidance in relation to Part 3A of Land Reform (Scotland) Act 2003 intended to support communities through the right to buy process from initial identification of land to the completion of a purchase.
Ro-Radh
Mar a chleachdar an stiùireadh seo
1. Thathar an dùil gun cuir an stiùireadh seo taic ri coimhearsnachdan tron phròiseas còir-cheannaich airson fearann a tha trèigte, air dhearmad neo millteach. Tha an stiùireadh a' toirt a-steach a' chuid as motha den phròiseas, bhon chiad dearbh-aithneachadh den fhearann gu ceannachadh a chrìochnachadh. Tha iùl ceum-air-cheum na chois, ag innse na cùisean air am bu chòir beachdachadh, na riatanasan laghail a dh'fheumas a leantail, agus na h-ìrean far am feum dearbhaidhean a dhèanamh. Ged a tha a' chuid as motha den fhiosrachadh buntainneach do bhuidhnean coimhearsnachd, tha cuideachd fiosrachadh feumail ann do luchd-seilbh fearainn agus do dhaoine agus buidhnean eile aig a bheil adhbhar a bhith an-sàs sa phròiseas.
2. Tha an stiùireadh seo a' buineadh don h-uile tagradh airson aonta a ruigeas Ministearan na h-Alba air neo às dèidh 27 Ògmhìos 2018.
Còir-cheannaich coimhearsnachd airson fearann a tha trèigte, air dhearmad neo millteach
3. Chaidh còir-cheannaich coimhearsnachd airson fearann a tha trèigte, air dhearmad neo millteach ("còir-cheannaich Pàirt 3A") a chruthachadh le Pàirt 3A de dh'Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003 ("an Achd"). Tha còir-cheannaich Pàirt 3A a' leigeil le buidhnean coimhearsnachd tagradh a chuir do Mhinistearan na h-Alba ("Ministearan") airson aonta an còir-cheannaich fearainn a chleachdadh. Nuair a tha Ministearan ag aontachadh, tha còir-cheannaich aig a' bhuidheann coimhearsnachd, fiù 's ged nach eil an uachdaran ag iarraidh a reic. 'S e sin a ràdh, faodaidh am buidheann coimhearsnachd am fearann a cheannach gu h-èigneachail.
4. Chan fhaodar an còir seo a chleachdadh ach le buidheann coimhearsnachd a tha air a stèidheachadh san dòigh cheart fo Phàirt 3A ("BC Pàirt 3A"), nuair a tha Ministearan air aontachadh. Tha corra riatanas a dh'fheumar a choileanadh mus tèid beachdachadh air tagradh.
5. Ma tha BC Pàirt 3A air pìos fearainn dearbh-aithneachadh leis a' bheachd gu bheil e trèigte neo air dhearmad, neo ma tha milleadh air tighinn air an soirbheas àrainneachdail na coimhearsnachd mar thoradh air cleachdadh neo rianachd an fhearainn, faodaidh am BC Pàirt 3A tagradh a chuir gu Ministearan an còir-cheannaich a chleachdadh air an fhearainn fon chòir-cheannaich Pàirt 3A. Ach, mus cuir iad tagradh a-steach feumaidh iad an toiseach feuchainn fuasgladh fhaighinn le bhith feuchainn ris a' phìos fearainn a cheannach bhon t-uachdaran aig a bheil e an-dràsta. Ma gheibh iad seilbheachd mar thoradh air còrdadh, tha e nas coltaiche gun tig cùmhnant a bhuineas nas fheàrr do dh'fheumalachdan na coimhearsnachd agus an uachdarain. Cuidichidh am pròiseas tairgsinn, fiù 's ma thèid a dhiùltadh, buidheann coimhearsnachd fiosrachadh fhaighinn a bhios feumail às dèidh làimh nuair a tha iad a' cur tagradh a-steach fon chòir-cheannaich Pàirt 3A. Dh'fhaodadh e cuideachd cuideachadh le bhith a' seachnadh mi-thuigse mu chùisean mar seibheachd an fhearainn, mi-thuigse a dh'fhaodadh easbhaidh a chuir ann an tagradh.
6. Ma tha BC Pàirt 3A den bheachd gu bheil milleadh air tighinn air an soirbheas àrainneachdail na coimhearsnachd mar thoradh air cleachdadh neo rianachd an fhearainn, feumaidh iad feuchainn ri fuasgladh fhaighinn le fios a chuir dha riaghladair(ean) buntainneach sam bith agus iarraidh orra ceumannan a ghabhail a thaobh an fhearainn mus cuir iad tagradh a-steach fon chòir-cheannaich Pàirt 3A.
7. Mura bheil am BC Pàirt 3A soirbheachail am pìos fhearainn a cheannach bhon t-uachdaran agus, ma tha e buntainneach, nach tàinig fuasgladh bhon iarrtas do riaghladair(ean), faodaidh am BC Pàirt 3A tagradh a chuir a-steach airson aonta an còir-cheannaich fo Phàirt 3A a chleachdadh. Ma dh'aontaicheas Ministearan leis an tagradh an còir-cheannaich a chleachdadh, feumaidh an t-uachdaran am pìos fearainn sin a reic don BhC Pàirt 3A.
8. Chan eil còir-cheannaich Pàirt 3A a' cur casg air an t-uachdaran leasachadh a dhèanamh air an fhearann, a-rèir cead planaidh riatanach sam bith. Cha bu chòir BC Pàirt 3A an còir-cheannaich Pàirt 3A a chleachdadh mar dhòigh airson stad a chuir air uachdaran leasachadh a dhèanamh air pìos fearainn ann an dòigh sam bith. Mar eisimpleir, ma tha uachdaran airson leasachadh a dhèanamh air an fhearann airson taigheadas neo airson adhbharan sam bith eile a tha a' tighinn fon phròiseas planaidh, tha seo airson an t-ùghdarras dealbhaidh a dhearbhadh agus chan ann airson pròiseas còir-cheannaich Pàirt 3A. 'S e dà phròiseas eadar-dhealaichte a th' annta seo agus chan eil ceangal sam bith eatarra. Cha dèan tagrach airson aonta fo Phàirt 3A den Achd diofar air beachdan Mhinistearan air cùis planaidh sam bith a dh'fhaodadh tighinn romhpa airson dearbhadh a thaobh reachdas planaidh buntainneach sam bith.
9. Ma tha uachdaran air dleastanas pearsanta a stèidheachadh airson pìos fearainn a reic, mar eisimpleir, còrdadh le roghainn fearann a cheannach, mus tèid tagradh airson aonta fearann a cheannach a chuir do Mhinistearan na h-Alba, cha tèid beachdachadh air an tagradh bhon BhC Pàirt 3A. Ach, ge-tà, ma dhearbhas Ministearan gun deach an còrdadh a stèidhachadh às dèidh dha tagradh dligheach a chuir thuca, thèid dearbhadh nach bi an còrdadh èifeachdach.
10. Feumaidh còir-cheannaich Pàirt 3A a bhith air a chuir an gnìomh a-rèir Pàirt 3A den Achd. Faodar an reachdas buntainneach fhaotainn tro na ceanglaichean a leanas:
Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2003
http://www.legislation.gov.uk/asp/2003/2/contents
Riaghailtean Còir-cheannaich Coimhearsnachd (Fearann Trèigte, air Dhearmad neo Millteach) (Fearann Roghnach, Righladairean agus Cuibhreachadhean air Tar-aiseagan agus Dèiligeadh) (Alba) 2018
http://www.legislation.gov.uk/ssi/2018/201/contents/made
Riaghailtean Còir-cheannaich Coimhearsnachd (Fearann Trèigte, air Dhearmad neo Millteach) (Tagraidhean, Dòighean-bhòtaidh agus Solaran Measgaichte) (Alba) 2018
http://www.legislation.gov.uk/ssi/2018/140/contents/made
Òrdugh Còir-cheannaich Coimhearsnachd (Fearann Trèigte, air Dhearmad neo Millteach) (Ath-dhìoladh) (Alba) 2018
http://www.legislation.gov.uk/ssi/2018/137/contents/made
Adhbhar an stiùiridh seo
11. Tha riatanasan fon chòir-cheannaich Pàirt 3A a dh'fhaodadh a bhith toinnte agus ùine mhòr a thoirt. Bheir an stiùireadh taic feumail ann a bhith a' tuigsinn a' phròiseas agus na dh'fheumar dèanamh aig gach ìre. Tha e a' toirt iomradh air a' phròiseas air fad airson tagradh a dhèanamh fo chòir-cheannaich Pàirt 3A, a' gabhail a-steach a' chuid as motha de na riatanasan reachdail fo Phàirt 3A den Achd agus am fo-reachdas a tha na chois.
12. Thathar an dùil gun cuidich an stiùireadh seo sa chiad dol-a-mach coimhearsnachdan a tha an dùil fearann a cheannach fo chòir-cheannaich Pàirt 3A, ach bidh e feumail cuideachd do dh'uachdarain agus luchd-creideis le tèarainteachd àbhaisteach aig a bheil ùidh ann an tagradh fo Phàirt 3A den Achd, a bharrachd air pàrtaidhean a dh'fhaodadh a bhith fo bhuaidh tagradh airson aonta fo chòir-cheannaich Pàirt 3A.
13. Tha iomraidhean san stiùireadh air an Achd agus bun-reachdas airson an neach-leughaidh a stiùireadh dha na solaran buntainneach ma tha iad airson an leughadh còmhla ris an stiùireadh seo. Ach, bu chòir gum bi tuigse ann air na dh'fheumar dèanamh le bhith a' leughadh an stiùireadh leis fhèin.
14. Gheibhear cuideachd leas-phàipearan le barrachd fiosrachaidh agus innealan a bhios feumail.
15. Cha bu chòir an stiùireadh seo a chleachdadh an àite comhairle phroifeiseanta neo-eisimileach air tagraidhean fa-leth. Bu chòir buidheann sam bith a tha airson BC Pàirt 3A a stèidheachadh airson tagradh a chuir a-steach airson còir-cheannaich Pàirt 3A a chleachdadh comhairle freagarrach fhaotainn. Thathar a' moladh gum bu chòir uachdaran neo neach sam bith eile le ùidh ann am fearann a tha den bheachd gum bi buaidh aig tagradh fo chòir-cheannaich Pàirt 3A air am fearann neo ùidh aca comhairle freagarrach fhaotainn cuideachd. Dh'fhaodadh seo toirt a-steach comhairle laghail, a bharrachd air comhairle a thaobh luach, cùisean àrainneachdail agus stiùireadh fearainn.
16. Chaidh an stiùireadh seo a dheasachadh le Sgioba Fearann Coimhearsnachd aig Riaghaltas na h-Alba. Tha an sgioba toilichte cuideachadh le ceistean sam bith a dh'fhaodadh a bhith agaibh mun phròiseas còir-cheannaich Pàirt 3A. Gu sònraichte, dh'fhaodadh gum biodh sibh airson bruidhinn riutha mus tòisich sibh air a' phròiseas còir-cheannaich Pàirt 3A.
17. Chan urrainn dhan Sgioba Fearann Coimhearsnachd comhairle laghail a thoirt seachad neo, air sàilleibh gu bheil aca ri bhith neo-phàirteach ann a bhith a' toirt comhairle do Mhinistearan cùis às dèidh cùis, comhairle sam bith a tha a' cur taic ri buidheann air leth sam bith (m.e. BC Pàirt 3A, uachdaran neo pàrtaidh sam bith) a tha an-sàs ann an cùis sònraichte.
18. Thèid an stiùireadh seo ath-sgrùdadh bho àm gu àm. Mura bheil sibh cinnteach a bheil an tionndadh as ùire agaibh, neo ma tha beachdan sam bith agaibh mun stiùireadh fhèin, cuiribh fios don Sgioba Fearann Coimhearsnachd. Gheibhear fiosrachadh conaltraidh ann an Leas-phàipear B.
Contact
Email: Community Land Team
There is a problem
Thanks for your feedback