Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


Eàrr-ràdh 4: Puingean mionaideach bho bhùithtean-obrach

A bharrachd air a’ cho-chomhairle (phoblach) air-loidhne, chùm Riaghaltas na h-Alba 16 bùithtean-obrach (13 aghaidh ri aghaidh agus 3 air-loidhne). Chaidh iarraidh air luchd-frithealaidh nam bùithtean-obrach am beachdan a thoirt seachad air sia ceistean fosgailte a’ coimhead air trì cuspairean: (i) aire, (ii) fòcas, agus (iii) riaghladh. Rinn oifigearan Riaghaltas na h-Alba geàrr-chunntas a dhèanamh air na prìomh thoraidhean bho gach bùth-obrach agus tha mion-sgrùdadh de na geàrr-chunntasan ann an Caibideil 7 den aithisg seo. Tha an t-eàrr-ràdh seo na chruinneachadh de phuingean mionaideach a chaidh a dhèanamh anns na h-aithisgean geàrr-chunntas, air an cruinneachadh fo gach cuspair air an deach beachdachadh ann an Caibideil 7.

Riaghladh

A’ toirt guth nas treasa do bhuill choimhearsnachdan eileanach ann an lìbhrigeadh (C1)

B’ i a’ cheist: Mar bhall de choimhearsnachd eileanach, ciamar a dh’fhaodadh guth nas treasa a bhith agad ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean?

Bacaidhean air com-pàirteachadh coimhearsnachd

  • Dìth comas-lìbhrigidh
    • Tha luchd-còmhnaidh nan eilean uaireannan a’ fulang le ‘sgìths co-chomhairleachaidh’ (no cus cho-chomhairlean).. Tha mòran a tha an sàs gu mòr sna coimhearsnachdan aca – comhairlichean coimhearsnachd nam measg – nan saor-thoilich nas sine. Ma thèid iarraidh air na daoine sin barrachd obrach a dhèanamh gu saor-thoileach thig barrachd cuideam orra agus tha seo a’ cur bacadh air daoine òga bho bhith an sàs ann an lìbhrigeadh. Tha co-chomhairleachadh iom-fhillte agus a’ toirt ùine Cha bu chòir dha a bhith an urra ri saor-thoilich gun phàigheadh
    • Chan eil goireasan aig comhairlean coimhearsnachd gus gnìomhan conaltraidh a bhrosnachadh, adhartachadh no gus pàirt a ghabhail ann. A bharrachd air sin, chaidh draghan a nochdadh mun ìre is gu bheil cuid de chomhairlean coimhearsnachd a’ riochdachadh beachdan nan coimhearsnachdan aca an da-rìribh.
    • Chan eil guth làidir aig a h-uile eilean. Tha seo a’ cruthachadh neo-ionannachd a thaobh mar as urrainn do dh’eileanan fa leth an guth a thogail.
  • Beachdan dhaoine
    • Bha com-pàirtichean den bheachd gu bheil tòrr ‘biurocrasaidh’ co-cheangailte ri Plana Nàiseanta nan Eilean. Bha iad leisg com-pàirteachadh ann mar thoradh air seo.
    • Bha beachd ann gu bheil an dòigh riaghlaidh a th’ ann an-dràsta ‘bhon mhullach a-nuas’, is nach robh e ‘a’ coimhearsnachd aig a’ chridhe’.
    • Tha daoine uaireannan a’ faireachdainn gu bheil an guthan gan cluinntinn ach nach eilear ag èisteachd riutha. Tha co-chomhairle a’ faireachdainn ‘tokenistic’ – chan atharraich dad mar thoradh oirre.
    • Tha daoine a’ faireachdainn gu bheil dèanamh phoileasaidhean is cho-dhùnaidhean a’ tachairt fad air falbh, agus nach eil an fheadhainn a nì poileasaidh agus co-dhùnaidhean eòlach air beatha eileanach.
  • Dìth fiosrachaidh
    • Chan eil fios aig daoine ciamar as urrainn biathachadh a-steach do, no cur ri lìbhrigeadh plana nàiseanta .
    • Is dòcha nach eil eòlas aig eileanaich air poileasaidhean eileanach, no fiosrachadh mu na bhios Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh. Mar sin, chan eil iad a’ tuigsinn cho luachmhor ’s a tha e a bhith an sàs ann an lìbhrigeadh a’ phlana.
  • Dìth chothroman
    • Chan eil cothroman gu leòr ann do choimhearsnachdan a dhol an sàs gu brìghmhor.

Mar a bheirear piseach air com-pàirt coimhearsnachd

  • Tog mothachadh agus thoir barrachd fiosrachaidh do dhaoine
    • Feumar cur ri mothachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean Thoir seachad fiosrachadh do dhaoine fa leth ann an dòighean a tha ruigsinneach agus iomchaidh dhaibh, gus an urrainn dhaibh co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh.
    • Dh’fhaodadh agus bu chòir dhan phlana a bhith nas fhaisge air coimhearsnachdan.
    • Cùm fios ri coimhearsnachdan ionadail mu lìbhrigeadh a’ phlana agus mun mhaoineachadh aige. Chan eil e daonnan comasach fios a bhith agad cò air a bheil uallach airson tasgaidhean / atharrachaidhean ionadail.
    • Bu chòir fios a bhith aig coimhearsnachdan cò tha gan riochdachadh air Buidheann Lìbhrigidh Plana Nàiseanta nan Eilean. Bu chòir fiosrachadh mu bhallrachd na buidhne seo a bhith air fhoillseachadh gu farsaing.
    • Bu chòir fios a bhith aig coimhearsnachdan cò a tha an urra ri lìbhrigeadh gus an urrainn dhaibh ‘gnogadh air an doras cheart’.
    • Feumaidh fiosrachadh a bhith ‘beò’. Bu chòir làrach-lìn a bhith aig Plana Nàiseanta nan Eilean far am faigh daoine barrachd fios, far an tèid adhartas a cho-roinn, agus far am bi roghainnean ann gus fo-sgrìobhadh do liosta puist / blogaichean.
    • Bu chòir lùban fios-air-ais a chruthachadh gus innse gu dìreach do daoine dè a chaidh a ràdh agus dè chaidh atharrachadh mar thoradh air.
    • Bu chòir aithisgean aig ìre eileanach ullachadh, seach (no a bharrachd air) aon aithisg bhliadhnail mhòr.
  • Thoir piseach air conaltradh dìreach eadar Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba agus coimhearsnachdan eileanach
    • Bu chòir buill Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba a bhith stèidhichte anns na h-eileanan. Bheireadh seo tuigse nas fheàrr dhaibh air na dùbhlain shònraichte a tha mu choinneamh choimhearsnachdan ionadail.
    • Bu chòir Lìonra Plana Nàiseanta nan Eilean a stèidheachadh (coltach ri Lìonra nan Eilean Òga ach airson daoine nas sine na 25).
    • Beachdaich air dòigh a stèidheachadh do choimhearsnachdan eileanach gus innse do SGIT mu chùisean a tha a’ toirt buaidh orra. Bhiodh ‘loidhne dhìreach’ gu SGIT feumail.
    • Bu chòir liosta conaltraidh ionadail a bhith aig SGIT airson eileanan, gus an urrainn dhaibh bruidhinn ri daoine ainmichte mus tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh.
    • Bu chòir barrachd thachartasan com-pàirteachail a bhith ann.
  • Neartaich deamocrasaidh ionadail
    • Aig an aon àm, ghabhadh structaran deamocratach ann an coimhearsnachdan a neartachadh gus am bi e comasach guthan fa leth a chruinneachadh agus a ‘chur còmhla’. Bha dragh ann gum faodadh fòcas air guthan fa leth guth na coimhearsnachd coitcheann a chur am falach.
    • Dèan cinnteach gu bheil muinntir an àite an sàs ann a bhith a’ suidheachadh phrìomhachasan agus ann an co-dhùnaidhean maoineachaidh. Dèan cinnteach gu bheil coimhearsnachdan ionadail an sàs ann an riaghladh.
    • Thoir adhbhar do dhaoine a bhith a’ com-pàirteachadh. Cuiridh barrachd fèin-riaghlaidh a thaobh cho-dhùnaidhean agus bhuidseatan ri cunntachalachd ionadail, agus bidh barrachd com-pàirteachaidh ionadail mar thoradh air seo.
    • Bu chòir co-chomhairle a bhith ann le coimhearsnachdan eileanach mus tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh agus mus tèid rudan ainmeachadh le Ministearan na h-Alba.
    • Bu chòir dòigh-obrach nas fhor-ghnìomhach a bhith ann a thaobh a bhith a’ sireadh ghuthan ‘dùthchasach’ no nas sàmhaiche.
    • o Bu chòir Ministearan na h-Alba tadhal air na h-eileanan nas trice.
  • Cuir an comas a bhith a’ dèanamh agus a’ lìbhrigeadh cho-dhùnaidhean aig ìre ionadail
    • Bhiodh dòighean-obrach ionadail feumail. Chaidh na h-Eileanan Fàrach ainmeachadh mar eisimpleir de na tha ag obair gu math.
    • Feumaidh co-thaobhadh nas fheàrr a bhith eadar am plana agus prìomhachasan ionadail. Feumaidh e a bhith nas soilleire do dh’eileanaich dè a’ bhuaidh a bheir am plana air a’ choimhearsnachd aca.
    • Bhiodh e na b’ fhasa do bhuill choimhearsnachdan a dhol an sàs ann an co-dhùnaidhean agus lìbhrigeadh phlanaichean ionadail (seach plana nàiseanta ).
    • Bu chòir cothrom a bhith aig coimhearsnachdan air dàta aig ìre eileanach. Bheireadh seo piseach air riaghladh agus bheireadh e comas do choimhearsnachdan na prìomhachasan aca a dhearbhadh agus sùil a chumail air adhartas agus buaidh aig ìre ionadail.
    • Bu chòir barrachd phlanaichean eileanach a bhith ann airson eileanan fa leth (mar a tha aig Cumaradh agus Arainn). Bu chòir planaichean eileanach fa leth a bhith a’ biathadh a-steach do Phlana Nàiseanta nan Eilean.
  • Thoir seachad taic / maoineachadh gus comas a thogail agus gus cothrom a thoirt do dhaoine gus pàirt a ghabhail ann.
    • Bu chòir maoineachadh a sholarachadh gus leigeil le neach ionadail (no daoine fa leth, far a bheil buidhnean de dh’eileanan ann) a bhith nan neach-ceangal eadar coimhearsnachdan agus SGIT. Bha beachd ann a chaidh a chur an cèill uair is uair gum faodadh oifigearan leasachaidh ann an urrasan leasachaidh an dreuchd seo a ghabhail os làimh. Air neo, dh’fhaodadh an dreuchd mar neach-ceangail a bhith stèidhichte ann an ùghdarras ionadail (chaidh iomradh a thoirt air eisimpleir Comhairle Siorrachd Àir a Tuath).
    • Cruthaich lìonra de ‘ghaisgich eileanach’ (no oifigearan ceangail) pàighte aig am biodh dleastanas a bhith a’ conaltradh ri coimhearsnachdan agus a’ cur fios air ais gu SGIT. Dh’fhaodadh uallach a bhith air an neach seo airson eilean, no airson cuspair sa phlana.
    • Dèan cinnteach gu bheil riochdachadh coimhearsnachd air buidhnean-obrach agus buidhnean luchd-ùidh (le stòrasan gus taic a chumail ri seo).
  • Obraich tro bhuidhnean riochdachaidh a th’ ann mar-thà no solaraichean seirbheis stèidhichte sa choimhearsnachd.
    • Feumar ceanglaichean a tha ann mar-thà le comhairlean coimhearsnachd, urrasan leasachaidh, com-pàirteachasan planadh coimhearsnachd, agus Eadar-aghaidhean Treas Roinn (TSI) a mheudachadh agus a neartachadh. Aig an aon àm, thuirt com-pàirtichean nach robh a h-uile comhairle coimhearsnachd a’ riochdachadh beachdan nan coimhearsnachdan san fharsaingeachd.
    • Bhathar den bheachd gun robh àite cudromach aig Caidreachas Eileanan na h-Alba (SIF) agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ann a bhith a’ tuigsinn agus a’ riochdachadh choimhearsnachdan eileanach. Dh’fhaodadh SIF barrachd fòcas a chur air a bhith a’ riochdachadh choimhearsnachdan a tha nas duilghe an ruighinn agus aig nach eil buidheann acair coimhearsnachd fhathast.

Buidhnean a bu chòir àite nas motha a bhith aca ann a bhith a’ lìbhrigeadh a’ phlana (Q2)

B’ i a’ cheist: A bheil buidhnean sam bith aig am bu chòir àite nas motha a bhith aca ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean?

  • Urrasan Leasachaidh
    • Thug luchd-frithealaidh nam bùthan-obrach iomradh gu tric air urrasan leasachaidh agus buidhnean acair coimhearsnachd eile.
    • ‘’S iad na h-urrasan leasachaidh an roghainn as fhollaisiche.’ Ach, thug com-pàirtichean rabhadh seachad gun robh e cunnartach a bhith an urra ri saor-thoilich gun phàigheadh oir bha iad den bheachd nach robh seo seasmhach.
  • Ùghdarrasan ionadail agus na com-pàirtichean planaidh coimhearsnachd aca
    • Bha cuid de chom-pàirtichean den bheachd gum biodh ùghdarrasan ionadail anns an t-suidheachadh a b’ fheàrr airson deagh bhuilean a lìbhrigeadh do na coimhearsnachdan ionadail aca. Bha an fheadhainn aig an robh am beachd seo den bheachd gum bu chòir àite nas fhollaisiche a bhith aig ùghdarrasan ionadail ann an lìbhrigeadh.
    • Bha com-pàirtichean eile den bheachd nach bu chòir an dleastanas lìbhrigidh a bhith aig ùghdarrasan ionadail a-mhàin, agus rinn cuid an argamaid gum feumadh an t-ùghdarras ionadail aca fhèin (aig an robh uallach airson coimhearsnachdan tìr-mòr agus eileanach) barrachd fòcas a chur air na h-eileanan.
    • Chaidh draghan a nochdadh nach bi comhairlichean taghte daonnan a’ sgaoileadh fiosrachadh buntainneach dhan choimhearsnachd.
  • Comhairlean coimhearsnachd
    • Bha cuid de chom-pàirtichean den bheachd gur iad na comhairlean coimhearsnachd na buidhnean as fheàrr airson a bhith an sàs leis gu bheil iad nan ‘riochdairean dìreach aig na coimhearsnachdan ionadail’.
    • Cha robh a h-uile com-pàirtiche ag aontachadh ris a’ bheachd seo. Bha beachd ann gum feumadh modail nan comhairlean coimhearsnachd ath-sgrùdadh agus goireasan iomchaidh a bhith aca mus tèid uallach mòr a bharrachd a chur air comhairlean coimhearsnachd.
  • Caidreachas Eileanan na h-Alba (SIF)
    • Bhathar den bheachd gun robh SIF na bhuidheann chuideachail.
    • Bha buidheann taigheadais SIF air fhaicinn mar nì adhartach anns na h-eileanan.
    • Bha com-pàirtichean ann an aon bhùth-obrach den bheachd gum feum SIF a dhol an sàs leis a h-uile comhairle coimhearsnachd agus urras leasachaidh gus dèanamh cinnteach gum biodh àite nas motha aig coimhearsnachdan.
    • Bha com-pàirtichean ann am bùth-obrach eile den bheachd gum bu chòir barrachd taic / maoineachaidh a thoirt do SIF gus an urrainn dha fàs agus a bhith nas sùbailte.
  • Fòraman no buidhnean coimhearsnachd ionadail eile
    • Bhathar a’ faicinn ‘com-pàirteachasan aig ìre na coimhearsnachd’ mar phrìomh dhòigh gus guth nan coimhearsnachdan fhaighinn.
    • B’ e ‘conaltradh dìreach’ le coimhearsnachdan, seach a bhith dol an sàs tro bhuidhnean leithid Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Scottish Futures Trust, no fiù ’s ùghdarrasan ionadail a b’ fheàrr le daoine.
    • Chaidh obair Fòram na Hearadh (le 12 buidhnean ionadail an sàs, a’ gabhail a-steach nan trì comhairlean coimhearsnachd ionadail uile) a chomharrachadh mar mhodail adhartach. Bidh am fòram a’ cumail choinneamhan cunbhalach, a’ toirt cuireadh do luchd-labhairt, agus a’ toirt cothrom do bhuill fiosrachadh a cho-roinn.
  • Buidhnean treas roinn ionadail eile
    • Bhiodh seo a’ gabhail a-steach: (i) iomairtean sòisealta ionadail, (ii) TSIan ionadail, (iii) eaglaisean ionadail (gu sònraichte, a thaobh a bhith a’ leudachadh co-roinn fiosrachaidh).
  • Buidhnean san roinn phrìobhaidich (ionadail is nàiseanta)
    • Bha cuid de chom-pàirtichean den bheachd gum feumar barrachd com-pàirteachadh a bhith ann le gnìomhachas oir bhathar gam faicinn mar chnàimh-droma choimhearsnachdan.
    • Bhathar den bheachd gum biodh na buidhnean seo san roinn phrìobhaideach iomchaidh: (i) prìomh luchd-fastaidh agus gnìomhachasan eileanach (iasgach, tuathanachas is msaa), (ii) companaidhean ghoireasan, (iii) companaidhean conaltraidh agus (iv) na meadhanan ionadail agus roinneil.
  • Puingean coitcheann eile
    • Bhiodh na buidhnean a bu chòir ròl nas motha fhaighinn ann an lìbhrigeadh eadar-dhealaichte ann an diofar eileanan. Ach, dh’fheumadh buidheann no neach sam bith a tha an sàs ann a bhith a’ toirt taic do lìbhrigeadh a’ phlana maoineachadh / goireasan iomchaidh fhaighinn. Chan eil e seasmhach a bhith an urra ri saor-thoilich gus seo a dhèanamh.
    • Dh’fhaodadh modail conaltraidh a’ gabhail a-steach riochdairean bho na 93 eileanan uile air a bheil sluagh a bhith dùbhlanach a riaghladh.
    • Feumaidh daoine òga a bhith an sàs ann an lìbhrigeadh a’ phlana.

Aire

A’ toirt piseach air conaltradh dìreach eadar Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba agus coimhearsnachdan eileanach (C1)

Chaidh a’ cheist fhaighneachd: Ciamar a dh’fhaodadh Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba conaltradh nas fheàrr a dhèanamh muin obair againn le coimhearsnachdan eileanach?

Puingean Coitcheann

  • Tha daoine den bheachd nach eil dad ga dhèanamh tro Phlana Nàiseanta nan Eilean mar thoradh air dìth conaltraidh mu na thathar a’ dèanamh mar-thà. Feumaidh SGIT smaoineachadh air mar a thogas iad mothachadh coimhearsnachd air na tasgaidhean a thathar a’ dèanamh tron phlana.
  • Feumar Plana Nàiseanta nan Eilean a bhriseadh sìos gu earrannan nas lugha a tha furasta a thuigsinn. Feumaidh fiosrachadh a bhith ruigsinneach. Cleachd Beurla shìmplidh.
  • Cleachd geàrr-chunntasan, criomagan goirid, bhideothan, beothachaidhean agus info-grafaigean. Chan eil co-chomhairlean Riaghaltas na h-Alba daonnan ruigsinneach no furasta a thuigsinn.
  • Feumaidh conaltradh freagarrach a bhith ann airson gach eilein. Tha daoine nas dualtaiche a dhol an sàs ann an cùisean ionadail, seach cùisean nàiseanta.
  • Feumaidh conaltradh a bhith leantainneach. Chan e deagh mhodail a th’ ann a bhith dìreach a’ dèanamh co-chomhairleachadh uair gach ceithir bliadhna.
  • Feumaidh conaltradh a bhith dà-shligheach. Tha co-chomhairle gu ìre mhòr bhon mhullach a-nuas, far a bheil na cuspairean deasbaid air an co-dhùnadh le Riaghaltas na h-Alba. Feumaidh lùb fios-air-ais a bhith ann. Thoir seachad fiosrachadh mu mar as urrainn do dhaoine fios a chur gu Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba ma dh’fheumas iad fios a chur thuca..

Conaltradh dìreach aghaidh-ri-aghaidh

  • A’ dol nas fhaide na choinneamhan le ùghdarrasan ionadail agus a’ conaltradh gu dìreach le coimhearsnachdan agus buidhnean coimhearsnachd. Bhiodh fàilte air barrachd thursan eileanach bho SGIT.
  • Thoir seachad rabhadh gu leòr gum bi tachartasan ann gus an urrainn do dhaoine a bhith an làthair.
  • Rach gu coinneamhan aig buidhnean coimhearsnachd, dìnnearan no tachartasan eile. Faodar tachartasan co-chomhairleachaidh a chur ris an t-seòrsa seo de choinneamh gu furasta a tha gu bhith a’ tachairt co-dhiù.
  • Cuir bòrd air dòigh aig tachartasan ionadail leithid taisbeanaidhean àiteachais.
  • Dèan conaltradh le clann agus daoine òga ann an sgoiltean agus clubaichean. Tha daoine òga ro-chudromach ma tha am plana gu bhith soirbheachail san àm ri teachd.
  • Cleachd leabharlannan, ionadan slàinte, tallachan baile, msaa.
  • Cùm freasdal-lannan mar an fheadhainn aig BP / BPA, no dh’fhaodadh àite a bhith aig comhairlichean ionadail ann a bhith a’ cumail choinneamhan poblach.
  • Stèidhich buill SGIT ann an coimhearsnachdan eileanach, fiù ’s fad ùine ghoirid (m.e. mìos).
  • Atharraich amannan nan co-chomhairlean gus am bi iad a rèir feumalachdan nan diofar eileanaich.
  • Feuch ris na daoine a ruigsinn nach eil a’ fuireach anns na bailtean eileanach as motha.

Conaltradh leis na meadhanan clò-bhuailte agus craolaidh

  • Dèan sanasachd ann an cuairt-litrichean coimhearsnachd, pàipearan-naidheachd ionadail (an clò agus air-loidhne), air an rèidio, agus tro phostairean air bùird fiosrachaidh ionadail agus ann an uinneagan bhùithtean, agus bileagan do dhachaighean – chan urrainn dhan a h-uile duine a dhol an sàs air-loidhne no tro na meadhanan sòisealta.
  • Dèan cinnteach gu bheil suaicheantas SGIT (no suaicheantas Plana Nàiseanta nan Eilean) air a thaisbeanadh gu follaiseach ann am pròiseactan sam bith a tha air am maoineachadh leis a’ phlana.
  • Dèan cuairt-litir / iris chunbhalach a’ coimhead air na pròiseactan air a bheilear ag obair an-dràsta.

Com-pàirteachadh Didseatach

  • Cruthaich làrach-lìn airson Plana Nàiseanta nan Eilean (no SGIT).
  • Meudaich làthaireachd air meadhanan sòisealta. Cruthaich fòram deasbaid. Cleachd duilleagan Facebook ionadail.
  • Thoir seachad conaltradh a’ leantainn air com-pàirteachadh do na daoine a ghabh pàirt ann an co-chomhairle Ath-sgrùdadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Dh’fhaodadh seo a bhith ann an cruth teachdaireachd puist-d le geàrr-chunntas a’ mìneachadh nan diofar bheachdan a fhuaradh.
  • Cùm coinneamhan cunbhalach (air-loidhne) le coimhearsnachdan eileanach.
  • Dèan cinnteach gu bheil ceanglaichean didseatach sàr-mhath ann airson a h-uile coimhearsnachd eileanach. Tha droch cheangailteachd na chnap-starra.

Sgaoil fiosrachaidh tro bhuidhnean, comainn no fòraman coimhearsnachd

  • Sgaoil fiosrachadh tro ùghdarrasan ionadail, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, SIF, comhairlean coimhearsnachd, urrasan leasachaidh, comataidhean talla baile, clubaichean lòn, buidhnean òigridh is msaa. (Thoir an aire nach eil comhairle coimhearsnachd aig a h-uile sgìre.)
  • Sgaoil fiosrachadh tro fhòraman ionadail.
  • Gabh pàirt ann an Democracy Matters ionadail.

Stèidhich sgioba conaltraidh (no oifigear conaltraidh) taobh a-staigh Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba:

  • Bu chòir plana conaltraidh a bhith aig SGIT agus bu chòir sgioba conaltraidh is margaidheachd (no oifigear conaltraidh) a bhith aca.

Seòrsaichean conaltraidh eile

  • Bu chòir conaltradh coimhearsnachd a bhith an lùib gach co-chomhairleachaidh ann an coimhearsnachdan eileanach. Dh’fhaodte gun obraicheadh seo airson measaidhean buaidh coimhearsnachd eileanach agus measaidhean buaidh eile. Bu chòir conaltradh nas fheàrr a bhith ann le coimhearsnachdan ionadail a thaobh ICIAan.
  • Thoir seachad poitean maoineachaidh beaga gu dìreach do choimhearsnachdan eileanach, no cuir maoineachaidh tro structaran ionadail.

Dè nach bu chòir a dhèanamh nuair a bhithear a’ conaltradh le coimhearsnachdan eileanach

  • NA cuir coinneamhan air dòigh le coimhearsnachdan eileanach gun rabhadh gu leòr.
  • NA cleachd còdan QR gus fiosrachadh cudromach a sgaoileadh.
  • NA cleachd sgleò-chainnt agus faclan fasanta.
  • NA dèan conaltradh sgrìobhte a tha ro fhada agus ro-thoinnte.
  • NA cleachd na meadhanan sòisealta a-mhàin.

Eisimpleirean de cho-obrachadh eileanach soirbheachail le buidhnean eile (C2)

Chaidh a’ cheist fhaighneachd: An toir thu eisimpleirean dhuinn de chom-pàirteachadh eileanach le buidhnean eile a bha soirbheachail nad bheachd?

Buidhnean no seòrsaichean de bhuidhnean air an deach iomradh a thoirt iomadh uair

  • Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean – Chaidh a’ bhuidheann seo a mholadh le cuid de chom-pàirtichean mar eisimpleir de dheagh chleachdadh a thaobh conaltradh le coimhearsnachdan. Chaidh aithris gum biodh iad a’ dèanamh com-pàirteachadh math agus gu h-èifeachdach anns na h-eileanan.
    • Tha oifigearan sgìreil aig HIE a bhios ag obair gu dìreach le daoine fa leth agus le gnìomhachasan sa choimhearsnachd ionadail.
    • Bidh iad a’ dèanamh deagh chuairt-litir a tha cunbhalach.
  • Urrasan leasachaidh ionadail, companaidhean leasachaidh coimhearsnachd agus com-pàirteachasan coimhearsnachd eile – Tha e nas fheàrr/nas fhasa daoine a thoirt an sàs ann an cùisean ionadail na bhith gan toirt an sàs ann am planaichean agus ro-innleachdan nàiseanta. Chaidh cuid de bhuidhnean ainmeachadh a bha air a bhith soirbheachail ann an obair com-pàirteachaidh am beachd dhaoine. Nam measg bha Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Cholbhasa, agus Urras an Rubha is Shanndabhaig. Ann an cuid de dh’eisimpleirean, cha do dh’ainmich com-pàirtichean buidhnean coimhearsnachd ionadail sònraichte, ach thuirt iad gun robh obair air a bhith a’ cruthachadh phlanaichean ionadail no a’ dèiligeadh ri draghan ionadail air a bhith math. Am measg eisimpleirean a thug com-pàirtichean seachad bha a bhith a’ cruthachadh plana ionadail Visit Arran, com-pàirteachadh coimhearsnachd ann an leasachaidhean ann an Eilean Eige, obair air cruthachadh agus lìbhrigeadh Plana na Hearadh (a bha a’ gabhail a-steach a bhith a’ dèanamh lèirmheas air farsaingeachd de phlanaichean eile) agus obair coimhearsnachd ann an Cumaradh gus cur an aghaidh planaichean airson tuathanas grèine. Thog com-pàirtichean na rudan a tha buidhnean coimhearsnachd a’ dèanamh gu math:
    • Bidh iad a’ conaltradh le coimhearsnachdan gu cunbhalach.
    • Bidh iad a’ gabhail a-steach na coimhearsnachd ann a bhith ag aithneachadh na(n) trioblaid(ean) agus a’ sireadh fhuasglaidhean, agus bidh iad a’ toirt dhaoine còmhla gus an t-atharrachadh a chruthachadh.
    • Bidh iad a’ co-roinn eòlas le urrasan leasachaidh eile.
    • Bidh iad a’ toirt seachad biadh is deoch, a bhrosnaicheas daoine gus tighinn.

Eisimpleirean eile de chom-pàirteachadh eileanach soirbheachail le buidhnean eile -- no seòrsaichean de chom-pàirteachas soirbheachail - a chaidh ainmeachadh aon turas

Thar nam bùthan-obrach air fad, chomharraich com-pàirtichean àireamh mhòr de bhuidhnean no dhaoine fa leth a tha (nam beachd-san) air conaltradh soirbheachail a dhèanamh le coimhearsnachdan eileanach NO a tha air deagh mhodailean conaltraidh a chleachdadh ann an co-theacsan eile. Anns gach cùis, chaidh na h-eisimpleirean seo ainmeachadh aon uair aig aon tachartas:

  • Plana nan Eilean a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid ann an Èirinn. Chaidh seo a chur air adhart mar eisimpleir a dh’fhaodar a leantainn san ath Phlana Eileanan Nàiseanta do dh’Alba.
  • Chaidh buidhnean maoineachaidh – Inspiring Scotland agus Maoin a’ Chrannchuir Nàiseanta ainmeachadh.
  • Ùghdarrasan ionadail anns na 1990an – bha iad a’ com-pàirteachadh tòrr a bharrachd le coimhearsnachdan ionadail an uair sin.
  • RSPB – rinn iad conaltradh le coimhearsnachdan air cur às do radain, bha conaltradh soilleir aca le mòran mheadhanan is bhideothan.
  • Iomlaid ionnsachadh coimhearsnachd / iomlaidean ionnsachaidh air-loidhne. Chaidh eisimpleir a thoirt seachad de phròiseact Sgudal Mara aig Caidreachas Eileanan na h-Alba.
  • Coimisean na Croitearachd – chaidh gnìomh sònraichte a ghabhail mar thoradh air an obair com-pàirteachaidh aca.
  • Hebnet – (solaraiche seirbheis eadar-lìn ann an Eilean Eige) – ag èisteachd, a’ tuigsinn an duilgheadais agus a’ lìbhrigeadh fuasgladh.
  • Thàinig Emma Roddick (BPA) agus Dental Van dhan eilean, dh’èist iad, agus fhuair iad deagh bheachdan air ais.
  • A’ deasachadh Plana Lùths Uibhist – bha conaltradh agus com-pàirteachadh ‘math’.
  • Com-pàirteachadh air Plana Gnìomh Taigheadais Dhùthchail is Eileanach (Riaghaltas na h-Alba) – bha seiseanan conaltraidh is deasbaid ann a-rithist, le fianais fhaicsinneach gun deach gabhail ri teachdaireachdan.
  • Seiseanan àiteachais aig Riaghaltas na h-Alba air mar a thèid maoineachadh a thoirt seachad às dèidh CAP – air a chomharrachadh mar chruth sàr-mhath.
  • Àrainneachd Eachdraidheil Alba – tha deagh chothromachadh aca eadar an gnìomhan ann an Arcaibh agus ann an àiteachan eile.
  • Àrd-oifigear ann an Comhairle Siorrachd Àir a Tuath – a’ cuideachadh dhaoine ann an Arainn gus ‘an cruth-tìre’ a thuigsinn.
  • Obair leasachaidh ‘Glèidheadh a’ Gheallaidh’ – co-theacsa eadar-dhealaichte, ach bha fòcas air eòlas beatha, conaltradh coimhearsnachd, agus com-pàirt bho phàrtaidhean neo-eisimeileach. Cha deach ath-sgrùdadh agus leasachadh a’ phlana buileachaidh a ghluasad air adhart ro luath, agus cha robh poilitigs a’ tighinn a-steach dhan chùis.
  • Eisimpleir de Mheasadh Buaidh Choimhearsnachdan Eileanach math – Comhairle nan Eilean Siar air lìonra nam busaichean.

Feartan de dheagh chom-pàirteachadh

  • CLEACHD seiseanan buidhne
  • CLEACHD seiseanan com-pàirteachail Nì seo cinnteach gu bheil daoine a’ faireachdainn gun deach èisteachd riutha agus nach eilear dìreach ‘a’ bruidhinn riutha’.
  • NA dìochuimhnich gnìomhan a ghabhail stèidhichte air na chaidh a ràdh.
  • BI ruigsinneach.

Buidhnean no taobhan de chom-pàirteachadh far an robh beachd mì-fhàbharach aig daoine

  • NA cuir casg air agus na bi a’ seachnadh conaltradh leis a’ choimhearsnachd.
  • NA dèan obair com-pàirteachaidh gun a bhith a’ toir seachad fios air ais às dèidh sin mu na thèid (no na chaidh) a dhèanamh.
  • NA dìochuimhnich gnìomhan a ghabhail stèidhichte air na chaidh a ràdh.
  • Chaidh dà bhuidheann ainmeachadh mar eisimpleirean de dhroch chonaltradh: CalMac agus Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta. Thuirt com-pàirtichean gu bheil an dòigh-obrach aca a thaobh com-pàirteachaidh air a bhith caran ‘fad às’ agus nach deach a lìbhrigeadh aig ìre eileanach.

Fòcas

Beachdan a thaobh feum air a bhith a’ prìomhachadh nan Amasan Ro-innleachdail ann am Plana Nàiseanta nan Eilean (C1)

Chaidh a’ cheist fhaighneachd: Am biodh tu airson ’s gum biodh na h-Amasan Ro-innleachdail ann am Plana Nàiseanta nan Eilean air am prìomhachadh?

  • Cha robh co-aontachd air a’ cheist seo thar bhùithtean-obrach, ach tha e coltach gun robh co-aontachd ann am bùithtean-obrach fa leth.
  • Bha cuid de bhùithtean-obrach den bheachd gun robh na h-amasan ro-innleachdail uile cudromach agus ceangailte, ach thuirt com-pàirtichean cuideachd gum biodh e cuideachail fòcas a chur air seata amasan nas lugha.
  • Cha do chuir co-dhiù trì bùthan-obrach taic ri, no cha do mhol iad, prìomhachadh nan amasan.
  • Bha a’ mhòr-chuid de na bùithtean-obrach den bheachd gum biodh e iomchaidh prìomhachadh a stèidheachadh ann an dòigh air choreigin.
  • Nochd am beachd uair is uair gu bheil gach eilean eadar-dhealaichte agus mar sin gum bu chòir plana a bhith aig gach eilean (no gum bu chòir am plana aca fhèin ullachadh).

Ciamar a bu chòir prìomhachas a thoirt do na h-amasan ro-innleachdail – agus carson? (C2)

Chaidh faighneachd den luchd-fhreagairt dè na h-amasan ro-innleachdail a bha iad a’ smaoineachadh a bu chòir prìomhachas fhaighinn agus carson . Cha tug a h-uile bùth-obrach seachad an ìre sin de mhion-fhiosrachadh, ach chomharraich a’ mhòr-chuid amasan ro-innleachdail a bha iad a’ smaoineachadh a bha ‘aig cridhe chùisean’, ‘deatamach’ no ‘riatanach’.

Adhbharan airson prìomhachas a thoirt (no gun a bhith a’ toirt prìomhachas do) amasan ro-innleachdail sònraichte

  • Còmhdhail
    • Chaidh a ràdh gun robh seo ‘deatamach’ agus ‘aig cridhe chùisean’.
    • Tha còmhdhail air aon de na prìomh fhactaran ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun soirbhich leis na h-amasan eile – ma thèid còmhdhail chur ceart, bheir seo piseach air a h-uile rud eile– às aonais aiseagan, bidh a h-uile rud eile a’ fàilligeadh.
    • Tha eileanan air an cuairteachadh le uisge, agus mar sin tha aiseagan cudromach. Ach bha solar còmhdhail air a bhith a’ dol am miosad.
    • Chaidh draghan a nochdadh mu chosgais, tricead agus cothrom air aiseagan agus còmhdhail adhair. Tha siubhal gu tìr-mòr na h-Alba cho dhaor dhan mhòr-chuid de theaghlaichean is luchd-obrach. Chan eil na seirbheisean deatamach ris an canar seirbheisean loidhne-teasairginn’ sa Bheurla nan loidhnichean-teasairginn tuilleadh.
    • Chan urrainnear tursan-adhair, aiseagan agus leapannan air aiseagan a ghlèidheadh tro mhìosan an t-samhraidh air sgàth luchd-turais.
    • Tha aiseagan eadar-eileanach aig ìre èiginn.
    • Tha ceistean sònraichte ann an cuid de dh’eileanan a thaobh clàran-ama còmhdhail gus taic a chumail ri siubhal a dh’obair, seach ri turasachd.
    • Chan eil clàran-ama bhusaichean an-còmhnaidh a’ ceangal ri seirbheisean far-eilean.
    • Bu chòir bàtaichean a bhith stèidhichte san eilean a bhios iad a’ frithealadh seach àiteigin eile, rud a bhiodh a’ toirt barrachd ùine do dhaoine air tìr-mòr.
    • Tha an uiread de bhathar agus an rùm a tha a dhìth airson seo air aiseagan luchd-siubhail na adhbhar dragh.. Tha còmhdhail bathair ro-chudromach do dh’eaconamaidhean ionadail, ach feumar piseach a thoirt air a’ bhunstructar.
    • Ach, bu chòir am fòcas a bhith chan ann a-mhàin air aiseagan, ach cuideachd air seirbheisean adhair.
  • Taigheadas
    • Chaidh a ràdh gun robh seo ‘riatanach’ agus ‘deatamach’ airson coimhearsnachdan eileanach; bha dìth taigheadais air fhaicinn mar ‘chùis èiginn’.
    • Tha taigheadas air aon de na prìomh factaran gus dèanamh cinnteach gum bi amasan eile soirbheachail: às aonais a’ mheasgachadh cheart de thaigheadas, tha e doirbh daoine a chumail anns h-eileanan. Tha dlùth cheangal eadar taigheadas agus fàs sluaigh. Cha ghabh an sluagh àrdachadh às aonais taigheadais. Ma thèid suidheachadh an taigheadas a chur ceart, bheir seo piseach air a h-uile rud eile.
    • Tha òigridh a’ fàgail nan eilean leis gu bheil e do-dhèanta dhaibh àite-fuirich fhaighinn gu h-ionadail.
    • Tha feum air taigheadas air prìs reusanta – chan urrainn do mhuinntir an àite taighean ionadail fhaighinn mar thoradh air na prìsean.
    • Air sgàth gainnead thaighean, tha gainnead luchd-obrach ann an obraichean slàinte agus cùram sòisealta. Chan eil solar meidigeach ann idir ann an cuid de dh’eileanan.
    • Chaidh aithris gur e taigheadas am prìomhachas as motha ann am Muile le com-pàirtichean ann am bùth-obrach Mhuile.
    • Chaidh aithris air gainnead thaighean aig grunn bhùithtean-obrach. Aig a’ cheart àm, tha àite gu leòr ann gus taighean a thogail, ach chan eil taic-airgid ann bho ùghdarrasan ionadail no Riaghaltas na h-Alba.
    • Bu chòir dhan amas seo cuideachd a bhith a’ gabhail a-steach teas-ghlèidheadh dachaigh – air fhaicinn mar phrìomhachas anns na h-Eileanan Siar.
    • Bu toil le com-pàirtichean cuideachd barrachd fòcas fhaicinn air cùisean sònraichte co-cheangailte ri taigheadas, leithid daoine le dàrna dachaighean.
  • Àireamh-shluaigh
    • Tha taigheadas agus fàs sluaigh dlùth cheangailte - feumaidh an dà rud a dhol còmhla.
    • Tha àireamhan sluaigh a’ crochadh air a h-uile rud eile.
    • Chan eil deamografaigs ann an eileanan cothromaichte. Tha cus dhaoine a tha sean / air an dreuchd a leigeil dhiubh. Tha feum aig eileanan air barrachd theaghlaichean is dhaoine òga.
    • Chuir Covid ri crìonadh-sluaigh.
  • Leasachadh eaconamach seasmhach
    • Bu chòir leasachadh eaconamach seasmhach a bhith na phrìomhachas.
    • Bu chòir beachdachadh air àiteachas fon amas seo (no fo amasan eile)
    • Tha obraichean le deagh phàigheadh a’ cruthachadh comas gus taighean a thogail.
    • Tha leasachadh eaconamach seasmhach a’ crochadh air meud agus càileachd còmhdhail, taigheadais agus bun-structair dhidseataich.
  • Slàinte, cùram sòisealta agus sunnd
    • Tha àireamhan mòra de dhaoine a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh a’ fuireach sna h-eileanan. Feumar beachdachadh barrachd air deamografachd nan eilean ann am Plana Nàiseanta nan Eilean sam bith san àm ri teachd – gu h-àraidh a thaobh planadh sheirbheisean slàinte is cùram sòisealta.
    • Aig an aon àm, tha gainnead de luchd-obrach ann an seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta air sgàth gainnead thaighean air prìs reusanta.
    • Thathas ag iarraidh air saor-thoilich barrachd is barrachd a dhèanamh leis nach eil na seirbheisean ann.
    • Chan eil solar meidigeach ann an cuid de dh’eileanan (chaidh iomradh a thoirt air Bressay).
  • Bochdainn connaidh
    • Bhathar den bheachd gun robh bochdainn connaidh na phrìomh chuspair anns na h-Eileanan an Iar.
  • Coimhearsnachdan le Cumhachd
    • Ghabhadh an argamaid a dhèanamh gur e cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan an t-amas as cudromaiche. Ma tha cumhachd gu leòr aig coimhearsnachd (agus, a cheart cho cudromach, gu bheil stòrasan iomchaidh ann), bidh e comasach dhaibh a bhith a’ comharrachadh agus a’ fuasgladh nan cùisean dhaibh fhèin a tha a’ toirt buaidh air a’ choimhearsnachd aca.
    • Bu chòir a h-uile amas a bhith air a lìbhrigeadh tro chumhachdachadh ionadail.
    • Bu chòir dhan amas a thaobh choimhearsnachdan le cumhachd prìomhachasan iomchaidh do chùisean ionadail, còmhla ri taic ionmhais iomchaidh, gus atharrachaidhean brìoghmhor a chomasachadh.
    • Bha beachd ann nach eilear a’ beachdachadh air cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan nuair a bhios an riaghaltas a’ dèanamh cho-dhùnaidhean co-cheangailte ri tasgadh ann an dèanamh lùths.
    • Bu chòir pròiseas ICIA a bhith mar dhòigh air barrachd cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan.
  • Didseatach
    • Tha bunstructar ro-chudromach ann a bhith a’ cumail daoine sna h-eileanan. Ma tha thu a’ fuireach ann an sgìre gun làn cheangal didseatach, tha thu fo ana-cothrom.
    • Tha ceangailteachd dhidseatach dlùth-cheangailte ri còmhdhail - mas urrainnear piseach a thoirt air ceangailteachd dhidseatach, dh’fhaodadh gum biodh nas lugha feum air siubhal.
    • Tha aithris ann an aithisg bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2022 gu bheil 5G ri fhaighinn ann am Flotta, ach chan eil 5G ri fhaighinn san eilean, dìreach 3G agus 4G stadach. Tha solaraichean bann-leathainn agus fònaichean-làimh leisg ceangailte ri Flotta. Leis nach eil ceangal didseatach ann, tha e gu math doirbh do dhaoine aig aois obrach le clann a bhith a’ fuireach san eilean.
    • Tha droch cheangal eadar-lìn na chùis mhòr ann an cuid de dh’eileanan, gu h-àraidh as t-samhradh nuair a bhios àireamh mhòr de luchd-turais a’ tighinn a-steach.
  • Foghlam
    • Le foghlam nas fheàrr, bidh obraichean le deagh thuarastal, agus le obraichean le deagh thuarastal, tha comas ann toglaichean dachaighean a thogail.
    • Tha foghlam adhartach ga ghearradh ann an cuid de dh’eileanan mar thoradh air dìth maoineachaidh. Bidh daoine òga a’ dol gu deas gus na sgilean practaigeach a tha a dhìth anns na h-eileanan a thogail, ach chan urrainn dhaibh tilleadh an uair sin air sgàth gainnead thaighean.
    • Feumaidh barrachd fòcais a bhith air preantasachdan agus foghlam gus daoine òga a chumail ann an coimhearsnachdan eileanach.
    • Feumaidh dòigh-obrach shònraichte a bhith airson sgilean ro-chudromach a tha a dhìth sna h-eileanan.
    • Tha dìth cùram-chloinne agus luchd-aireachaidh chloinne a’ cur cuideam air teaghlaichean.
    • Chan eil gu leòr òigridh ann an cuid de choimhearsnachdan eileanach aig an àm seo gus an obraich a’ choimhearsnachd gu ceart. Bu chòir prìomhachas a chur air foghlam, cùram-chloinne agus daoine òga a bhith a’ gluasad gu, no a’ fuireach ann an coimhearsnachdan. Tha dòighean gus daoine òga a ghlèidheadh gu h-ionadail ro-chudromach, agus gu bheil seo fìor cuideachd airson rud sam bith a chumas taic ri òigridh a bhith a’ gluasad a-steach do na h-eileanan.
  • Àrainneachd agus bith-iomadachd
    • Tha obair glèidhteachais ann an eileanan glè chudromach, tha iad nan àiteachan sònraichte.
    • Bu chòir beachdachadh air àiteachas fon amas seo (no fo amasan eile)
    • Dh’fhaodar an t-amas seo a chur còmhla ris an amas air Atharrachadh Gnàth-shìde agus Lùths.
  • Atharrachadh gnàth-shìde agus cumhachd
    • Thuirt bùth-obrach an Eilein Sgitheanaich gun robh solar cumhachd ‘deatamach’.
    • Bu chòir beachdachadh air àiteachas fon amas seo (no fo amasan eile)
    • Dh’fhaodar an t-amas seo a chur còmhla ris an amas air Àrainneachd agus Bith-iomadachd.
  • Ealainean, cànan agus cultar
    • Tha am Frèam Nàiseanta làithreach airson nan ealan ‘sgoinneil’.[6] Cha bu chòir seo atharrachadh agus mar sin, chan fheumar an t-amas a thaobh ealainean, cànan agus cultar a bhith ann am Plana Nàiseanta nan Eilean.
    • Bu chòir dhan amas a thaobh Ealain, Cànan is Cultar a bhith a’ gabhail a-steach eileamaidean de cheangailteachd didseatach cuideachd.
  • Moladh airson amas ùr: Àiteachas, turasachd is iasgach
    • Bu chòir turasachd a bhith mar phàirt den phlana. Tha buaidh mhòr aig seo air coimhearsnachdan eileanach – an dà chuid math agus dona. Agus dh’fhaodte nach tig na buannachdan bho thurasachd dhan a h-uile coimhearsnachd eileanach.
    • Bhiodh fàilte air cìs luchd-siubhail air luchd-siubhail air tursan mara agus bhiodh e a’ dèanamh ceangal ris an amas Leasachadh Eaconamach Seasmhach.
    • Bu chòir turasachd a bhith na amas ro-innleachdail a bharrachd. Ged a tha teachd-a-steach luchd-turais cudromach ann an cuid de choimhearsnachdan eileanach, gu tric chan eil na coimhearsnachdan sin a’ faicinn tasgadh sam bith ann am bun-structar coimhearsnachd mar thoradh air sin.
    • Tha cuid de choimhearsnachdan eileanach nach eil ag iarraidh a bhith an eisimeil turasachd. An àite sin tha iad airson fòcas a chur air sluagh nas eadar-mheasgte a bhith ann le diofar sgilean/aig diofar aoisean.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top