Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


Footnotes

1. Sheall coimeas eadar freagairtean Ceist 2 agus Ceist 3 (a dh’fhaighnich an robh deagh bhuaidh, droch bhuaidh, no gun bhuaidh sam bith air a bhith aig a’ phlana) gun tuirt còrr is an dàrna leth de na daoine a fhreagair ‘thug’ aig Ceist 2 aig Ceist 3 gun robh droch bhuaidh aig a’ phlana. Cha do fhreagair ach trian de na daoine fa leth a fhreagair ‘thug’ ann an Ceist 2 gun robh ‘deagh bhuaidh’ aig a’ phlana ann an Ceist 3. An coimeas ri sin, cha tuirt buidheann sam bith a fhreagair ‘thug’ aig Ceist 2 aig Ceist 3 gun robh ‘droch bhuaidh’ aig a’ phlana. Thoir an aire, ge-tà, gun tuirt còrr is an dàrna leth de na buidhnean a thuirt (aig Ceist 2) gun robh buaidh aig a’ phlana nach robh buaidh sam bith aig a’ phlana an uair sin (aig Ceist 3). . Tha an neo-chunbhalachd seo a’ sealltainn gum bu chòir dèiligeadh gu faiceallach ris na co-dhùnaidhean a tha air an sealltainn a thaobh bhuidhnean anns na clàran airson Ceistean 2 agus 3.

2. Sgrìobh aon neach-freagairt dìreach ‘tha cus ann’, a’ sealltainn gur dòcha gun do thagh e am bogsa ‘nach eil gu leòr ann’ mar mhearachd

3. Faic, gu sònraichte, taobh-duilleig 35 den Ro-innleachd Cleachdadh Fearainn.

4. Thoir an aire gu bheil a h-uile duine fo aois 22 ann an Alba ion-roghnach air siubhail bus an-asgaidh. ’S e a’ phuing a thathar a’ togail an seo gu bheil clann air tìr-mòr comasach air faighinn dhan sgoil air a’ bhus, a tha an-asgaidh, ach gum feum cuid de chlann eileanach siubhal air aiseag airson a dhol dhan sgoil, agus gum feum iad pàigheadh airson seo leis nach eil sgeama den aon seòrsa ann airson aiseagan. Bha seo ga mheas mì-chothromach agus na adhbhar neo-ionannachd do theaghlaichean eileanach.

5. Tha lethbhreacan de fhreagairtean rim faighinn air làrach-lìn Citizen Space aig Riaghaltas na h-Alba far a bheil an neach-freagairt air cead a thoirt dhaibh an fhreagairt aca fhoillseachadh.

6. Chan eil e soilleir dè an sgrìobhainn air a bheilear a’ toirt iomradh an seo.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top