Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


Geàrr-iomradh

1. Tha Achd nan Eilean (Alba) 2018 (Achd nan Eilean) a’ toirt air Ministearan na h-Alba Plana Nàiseanta nan Eilean ullachadh ann an co-chomhairle leis na daoine a tha a’ fuireach agus ag obair ann an eileanan na h-Alba. Chaidh a’ chiad Phlana Nàiseanta nan Eilean fhoillseachadh san Dùbhlachd 2019. Tha e a’ suidheachadh amasan agus ro-innleachd gus builean nas fheàrr a thoirt do choimhearsnachdan eileanach. Fo Achd nan Eilean feumar ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ phlana gach còig bliadhna, agus tha seo a’ tachairt an-dràsta. Mar phàirt den sgrùdadh, tha Riaghaltas na h-Alba air co-chomhairle a chur air dòigh gus beachdan a’ phobaill agus buill choimhearsnachdan eileanach a chruinneachadh. Chaidh pàipear co-chomhairle fhoillseachadh, agus chaidh sreath de bhùthan-obrach conaltraidh a chumail.

2. Bha 11 ceist anns a’ phàipear co-chomhairle agus bha e a’ coimhead air (i) cho eòlach ’s a tha dhaoine air an eagran làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean, (ii) a’ bhuaidh a tha aig a’ phlana làithreach air coimhearsnachdan eileanach, (iii) beachdan dhaoine air susbaint a’ phlana, (iv) adhartas a rinneadh mu choinneamh amasan a’ phlana, agus (v) dè an cruth a bu chòir a bhith aig plana ùr no ath-sgrùdaichte sam bith. Chaidh am pàipear co-chomhairleachaidh fhoillseachadh air 18 Iuchar 2023 le ceann-latha dùnaidh de 7 Samhain 2023 airson freagairtean.

3. Thug na 16 bùithtean-obrach (13 aghaidh-ri-aghaidh agus 3 air-loidhne), a chaidh a chumail le daoine a tha a’ fuireach no ag obair ann an coimhearsnachdan eileanach, aghaidh air trì prìomh chùisean: riaghladh, mothachadh agus fòcas.

Tuairisgeul air na freagairtean agus luchd-freagairt (Caibideil 2)

4. Fhuair a’ cho-chomhairle 167 freagairt bho 39 buidhnean agus 128 neach fa leth. Bha buidhnean a fhreagair a’ gabhail a-steach (i) ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile, (ii) buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd, (iii) buidhnean treas roinn, carthannais agus buidhnean ballrachd, agus (iv) beagan ‘bhuidhnean eile’ nach eil a’ tighinn fo ghin de na cinn eile. Thuirt a’ mhòr-chuid den luchd-fhreagairt (82%) gur e luchd-còmhnaidh eileanach maireannach a bh’ annta.

5. A bharrachd air sin, ghabh 231 neach pàirt anns na bùithtean-obrach.

Prìomh chuspairean anns na freagairtean

6. Tha prìomh thoraidhean na cho-chomhairle agus nam bùithtean-obrach air an taisbeanadh gu h-ìosal. Bha na cuspairean a chaidh a thogail uair is uair, an dà chuid anns na freagairtean co-chomhairleachaidh agus aig na bùithtean-obrach, mar a leanas:

  • A chionn ’s nach eil ìre mothachaidh àrd air Plana Nàiseanta nan Eilean, tha feum air conaltradh nas fheàrr le coimhearsnachdan eileanach mu dheidhinn. Chaidh a ràdh cuideachd gum feum buidhnean poblach eile (a bharrachd air ùghdarrasan ionadail) a bhith nas mothachaile air a’ phlana.
  • Bhathar den bheachd gu bheil am plana coileanta agus àrd-amasach. Bhathar den bheachd gu bheil na h-amasan ro-innleachdail aige buntainneach agus iomchaidh. Ach, bha draghan ann an gabhadh cuid de na gealltanasan anns an sgrìobhainn a ruigsinn. Chaidh argamaidean a dhèanamh airson a bhith a’ prìomhachadh nan amasan ro-innleachdail agus a bhith a’ cur fòcas air seata nas lugha de ghealltanasan a ghabhas coileanadh.
  • Bha molaidhean ann (gu tric bho bhuidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth) gum bu chòir prìomhachasan a shuidheachadh aig ìre eileanach (seach ìre nàiseanta). Aig an aon àm, dh’aontaich luchd-freagairt agus com-pàirtichean nam bùithtean-obrach gum biodh cuid de dh’amasan ro-innleachdail (a’ gabhail a-steach còmhdhail, taigheadas agus àireamhan-sluaigh) air am faicinn mar phrìomhachasan anns a h-uile coimhearsnachd eileanach.
  • Bha luchd-freagairt ag iarraidh gum biodh amasan SMART ann am plana ùr / ath-sgrùdaichte sam bith le gealltanasan ceangailte ri gnìomhan sònraichte, clàr-ama airson lìbhrigeadh, agus riarachadh soilleir de dhleastanasan.

Mothachadh air agus beachdan air buaidh a’ phlana làithrich (Caibideil 3)

7. Thuirt an dàrna leth den luchd-freagairt (52%) gun robh beagan eòlais aca mun tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean agus thuirt an còigeamh cuid (21%) gun robh mòran eòlais aca mu dheidhinn. Ach, thuirt cairteal den luchd-freagairt nach robh fios sam bith aca mu dheidhinn, no gun robh iad air cluinntinn mu dheidhinn ach nach robh eòlas sam bith aca air susbaint a’ phlana. Bha buidhnean nas dualtaiche na daoine fa leth a bhith ag ràdh gun robh mòran fios aca mun phlana.

8. Bha beachdan measgaichte, an dà chuid am measg bhuidhnean agus dhaoine fa leth, a thaobh na ceiste an robh buaidh sam bith aig Plana Nàiseanta nan Eilean air am beatha. Bha buidhnean (50%) tòrr nas dualtaiche na daoine fa leth (10%) a bhith ag a ràdh gun tug am plana deagh bhuaidh orra. Bha buidhnean (32%) nas dualtaiche na daoine fa leth (4%) a bhith ag ràdh gun tug am plana droch bhuaidh orra. Bha daoine fa leth (58%) cuideachd nas dualtaiche na buidhnean (46%) a bhith ag ràdh nach robh am plana air buaidh a thoirt air am beatha ann an dòigh sam bith.

9. Thuirt an fheadhainn a chomharraich deagh bhuaidhean gu tric gun robh am plana air (i) barrachd fòcais a chur air na dùbhlain mhòra a tha mu choinneamh eileanan na h-Alba, (ii) frèam-obrach a thoirt seachad airson leasachadh poileasaidh agus leasachaidhean bun-structair ann an coimhearsnachdan eileanach, (iii) cruthachadh planaichean ionadail eileanach fhiosrachadh ann an cuid de sgìrean, agus (iv) maoineachadh a thoirt seachad airson raon de ghnìomhan is iomairtean.

10. Thuirt an fheadhainn a bha den bheachd gun tug am plana droch bhuaidh orra (daoine fa leth sa mhòr-chuid) nach robh adhartas sam bith air a bhith ann a thaobh càileachd beatha (mòr-chuid) nan eileanaich rè ùine a’ phlana, agus gun robh am plana air dùilean àrdachadh ach nach deach an coileanadh.

Susbaint a’ phlana làithrich (Caibideil 4)

11. Bha beachdan measgaichte ann air susbaint an eagrain làithrich de Phlana Nàiseanta nan Eilean, le 37% den luchd-fhreagairt ag ràdh gun robh beachdan fàbharach aca air, 36% ag ràdh gun robh beachdan mì-fhàbharach aca air, agus 27% ag ràdh nach robh beachd sam bith aca air. Bha buidhnean (84%) nas dualtaiche na daoine fa leth (25%) a bhith a’ cur beachdan fàbharach an cèill mu na bha sa phlana.

12. Thuirt an fheadhainn aig an robh beachdan fàbharach gun robh am plana ‘coileanta’, ‘àrd-amasach’ , air a thaisbeanadh gu h-èifeachdach’ agus ‘soilleir’. Thug an luchd-freagairt seo fa-near cuideachd dhan cho-chomhairle fharsaing a bha air sgrìobhadh a’ phlana fhiosrachadh.

13. Bha an fheadhainn aig an robh beachdan mì-fhàbharach a’ cuimseachadh air (i) a fhaid, a stoidhle, agus iad den bheachd nach robh e ruigsinneach do dhaoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan eileanach, (ii) an fheum air dòigh-obrach nas ionadaile gus dèanamh cinnteach gu bheil fuasglaidhean freagarrach do shuidheachadh sònraichte gach eilein, (iii) an fheum air dèanamh cinnteach gu bheil amasan agus gealltanasan a’ phlana soilleir agus comasach a choileanadh, agus (iv) an fheum air frèam èifeachdach airson sgrùdadh coileanaidh.

14. Tha 13 gealltanasan ro-innleachdail anns a’ Phlana Nàiseanta làithreach. Bha mu chairteal den luchd-freagairt (26%) den bheachd gun robh an àireamh de dh’amasan ro-innleachdail sa phlana làithreach dìreach ceart, bha 40% den bheachd gun robh cus ann, agus cha robh beachd sam bith aig 29% air a’ chùis. Bha dìreach 5% den bheachd nach robh amasan ro-innleachdail gu leòr ann. Bha buidhnean (33%) nas dualtaiche na daoine fa leth (25%) a bhith ag a ràdh gun robh àireamh nan amasan ro-innleachdail dìreach ceart.

15. Thuirt an fheadhainn a bha den bheachd gun robh an àireamh de dh’amasan ro-innleachdail dìreach ceart san fharsaingeachd gun robh na h-amasan uile sa phlana làithreach buntainneach agus còmhla, gun robh iad a’ cur aghaidh ris na prìomh dhùbhlain a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach. Thuirt an fheadhainn a bha den bheachd gun robh cus amasan ro-innleachdail ann gun robh an àireamh a th’ ann an-dràsta a’ cur bacadh air comas Riaghaltas na h-Alba gus am plana a lìbhrigeadh. Bha a’ bhuidheann seo den bheachd gum biodh e na b’ fheàrr fòcas a chur air àireamh nas lugha de phrìomh amasan agus an lìbhrigeadh. Mhol an fheadhainn a bha den bheachd nach robh gu leòr amasan ann gun robh feum air amasan a bharrachd – gu sònraichte a thaobh seirbheisean uisge is uisge caithte, agus tèarainteachd bìdh. Rinn luchd-freagairt aig nach robh beachd air an àireimh de dh’amasan ro-innleachdail an argamaid nach robh an àireamh de dh’amasan cho cudromach ri (i) na bh’ anns na h-amasan agus (ii) ri bhith dèanamh cinnteach gun gabh an lìbhrigeadh.

16. Tha 134 gealltanasan anns a’ Phlana Nàiseanta làithreach. Bha còrr is an dàrna leth den luchd-freagairt (55%) den bheachd gu bheil cus ghealltanasan sa phlana làithreach. Bha nas lugha na aonan às gach deichnear (8%) den bheachd gun robh an àireamh de gheallaidhean dìreach ceart, agus bha 5% den bheachd nach robh gu leòr de ghealltanasan ann. Cha robh beachd sam bith aig an treas cuid den luchd-fhreagairt (33%) air a’ chùis. Bha buidhnean (64%) nas dualtaiche na daoine fa leth (52%) a bhith ag ràdh gun robh cus ghealltanasan ann.

17. Thuirt luchd-freagairt a bha den bheachd gun robh an àireamh de ghealltanasan ceart gum feumadh am plana a bhith farsaing na raon-ùghdarrais. Ach, bha an luchd-freagairt seo cuideachd den bheachd gun robh feum air barrachd mion-fhiosrachaidh mu mar a bhiodh na geallaidhean air am maoineachadh. Bha luchd-freagairt a thuirt gun robh cus ghealltanasan ann den bheachd gum biodh e na b’ fheàrr prìomhachas a thoirt do nas lugha de ghealltanasan agus gus an lìbhrigeadh. Mhol a’ bhuidheann seo gum bu chòir fòcas nas teinne a bhith air na gealltanasan sin nach tachradh às aonais a’ phlana. Bha luchd-freagairt aig nach robh beachd air a’ chùis den bheachd gun robh coileanadh nan gealltanasan nas cudromaiche na àireamh nan gealltanasan. Cha robh mòran bheachdan ann bho luchd-freagairt a bha den bheachd nach robh gu leòr ghealltanasan ann.

Measadh air a’ phlana làithreach (Caibideil 5)

18. Chaidh iarraidh air an luchd-freagairt measadh a dhèanamh air an ìre is gun deach adhartas a dhèanamh leis na 13 amasan ro-innleachdail ann am Plana Nàiseanta nan Eilean thar nan còig bliadhna a dh’fhalbh. Airson 11 de na h-amasan, bha mòr-chuid den luchd-freagairt den bheachd nach robh adhartas sam bith air a bhith ann. B’ e an dà amas far nach robh seo fìor Amas Ro-innleachdail 6 (Didseatach), Amas Ro-innleachdail 11 (Ealainean, Cultar is Cànan) far an robh mòr-chuid de luchd-freagairt den bheachd gun do rinneadh adhartas air choreigin.

19. Bha luchd-freagairt nas buailtiche a bhith a ràdh nach deach adhartas sam bith a dhèanamh mu choinneamh Amas 3 (Còmhdhail) agus Amas 5 (Bochdainn Connaidh). Bha còrr is trì cairteal den luchd-freagairt den bheachd nach deach adhartas sam bith a dhèanamh a dh’ionnsaigh an dà amas sin.

20. Bha buidhnean nas dualtaiche na daoine fa leth a bhith den bheachd gun deach beagan adhartais a dhèanamh a thaobh nan amasan gu lèir ach a-mhàin Còmhdhail agus Bochdainn Connaidh. Bha mòr-chuid de bhuidhnean, coltach ri daoine fa leth, den bheachd nach deach adhartas sam bith a dhèanamh a dh’ionnsaigh nan amasan sin.

21. Nuair a chaidh faighneachd dhiubh dè bha air obrachadh gu math anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean nam beachd, thug luchd-freagairt fa-near do na leanas (i) cho cudromach ’s a bha am plana ann a bhith ag àrdachadh ìomhaigh eileanan na h-Alba agus a’ toirt seachad frèam airson planadh, (ii) am maoineachadh, an taic agus an co-obrachadh a bha air a bhith ann mar thoradh air a’ phlana, (iii) an ìre de cho-chomhairle a bha air cruthachadh a’ phlana fhiosrachadh, agus (iv) cuid de na taobhan sgrùdaidh is aithris.

22. Nuair a chaidh faighneachd dhiubh dè a dh’fhaodadh a bhith air obrachadh na b’ fheàrr sa phlana làithreach, chuir luchd-freagairt cudrom air na leanas (i) gum feumar amasan ro-innleachdail agus gealltanasan a phrìomhachadh – agus a bhuileachadh (ii) gum feumar sùil a chumail air adhartas, (iii) mì-riarachas le dòighean maoineachaidh làithreach, (iiv) gum feumar aghaidh a chur air dìth cunbhalachd agus càileachd ann am pròiseasan Measadh Buaidh Choimhearsnachdan Eileanach, agus (v) gun robh feum air barrachd co-obrachaidh, com-pàirteachaidh agus conaltraidh le coimhearsnachdan eileanach.

Feum air plana ùr (Caibideil 6)

23. Bha mòr-chuid mhòr den luchd-freagairt airson ’s gum biodh Plana Nàiseanta nan Eilean ùr (no ath-sgrùdaichte) ann. Ach, bha diofar bheachdan aig luchd-freagairt air dè seòrsa plana a bu chòir a bhith ann. Thuirt an treas cuid (33%) gum bu chòir am plana làithreach ùrachadh, a’ cumail ris a’ chruth làithreach, le dà chòigeamh (41%) den bheachd gun robh plana gu tur ùr a dhìth agus cairteal (26%) den bheachd gun robh rudeigin eile a dhìth.

24. Bha an fheadhainn a bha airson ùrachadh a dhèanamh air a’ phlana làithreach den bheachd ‘gu bheil am plana math’ agus mar sin bu chòir a dhaingneachadh, an àite a bhith a’ cur rudeigin ùr na àite. Bha a’ bhuidheann seo cuideachd den bheachd nach biodh e feumach air an uiread de ghoireasan agus gum biodh e na b’ èifeachdaiche a thaobh chosgaisean am plana làithreach ùrachadh seach plana gu tur ùr a dheasachadh.

25. Bha an fheadhainn a bha airson plana gu tur ùr a bhith ann ag iarraidh ro-innleachd nas cuimsichte le àireamh nas lugha de gheallaidhean a ghabhadh tomhas agus a ghabhadh coileanadh. Ach bha dà diofar lèirsinn aig an luchd-freagairt seo air cò ris a bhiodh plana ùr coltach.

  • Bha aon bhuidheann (a’ gabhail a-steach buidhnean sa mhòr-chuid, ach cuideachd cuid de dhaoine fa leth) den bheachd gum bu chòir dhan ath thionndadh de Phlana Nàiseanta nan Eilean na h-amasan ro-innleachdail làithreach a chumail, ach gum biodh e na phlana nas giorra, nas mionaidiche agus nas cuimsichte, le frèam sgrùdaidh, cosgaisean ceart agus ro-innleachd maoineachaidh.
  • Bha an dàrna buidheann (a’ gabhail a-steach daoine fa leth sa mhòr-chuid, ach cuideachd cuid de bhuidhnean) ag iarraidh barrachd phlanaichean ionadail no roinneil fhaicinn – ceangailte ri ro-innleachd nàiseanta fharsaing – seach sgrìobhainn (nàiseanta) singilte. Bha a’ bhuidheann seo den bheachd gum faodadh amasan leithid còmhdhail agus taigheadas a phrìomhachadh thar gach buidheann de dh’eileanan, ach seach sin, gum bu chòir do choimhearsnachdan eileanach na h-amasan is prìomhachasan aca fhèin a stèidheachadh.

26. Cha robh co-aontachd soilleir am measg an luchd-freagairt a bha ag iarraidh rudeigin seach plana ùraichte no plana gu tur ùr air na bha iad ag iarraidh. Bha cuid sa bhuidhinn seo airson am plana a lùghdachadh gu bhith na sheata nas giorra de dh’amasan. Mhol cuid eile nach bu chòir plana nàiseanta a bhith ann, ach gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba obrachadh gu dìreach le coimhearsnachdan eileanach gus feumalachdan ionadail a chomharrachadh agus maoineachadh a thoirt dhaibh gus na fuasglaidhean aca fhèin a lìbhrigeadh.

Toraidhean nam bùithtean-obrach: riaghladh, mothachadh agus fòcas (Caibideil 7)

27. Bha na bùithtean-obrach a’ dèiligeadh ri ceistean co-cheangailte ri riaghladh Plana Nàiseanta nan Eilean, mar a leasaichear mothachadh air, agus dè am fòcas a bu chòir a bhith aige san àm ri teachd.

Riaghladh

28. Chomharraich daoine a ghabh pàirt sna bùithtean-obrach bacaidhean a thaobh com-pàirteachadh choimhearsnachdan eileanach ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Bha seo a’ gabhail a-steach dìth comas-lìbhrigidh am measg eileanaich, nach robh fiosrachadh gu leòr ann, agus dìth chothroman. Bha am beachd aig daoine gur dòcha nach rachadh èisteachd ris a’ ghuth aca air fhaicinn mar bhacadh air conaltradh.

29. Thug com-pàirtichean nam bùithtean-obrach grunn mholaidhean seachad mu bhith a’ toirt piseach air com-pàirt coimhearsnachd ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Bha iad sin a’ cuimseachadh air (i) mothachadh agus eòlas air a’ phlana a mheudachadh, (ii) piseach a thoirt air conaltradh dìreach eadar Riaghaltas na h-Alba agus coimhearsnachdan eileanach, (iii) deamocrasaidh ionadail a neartachadh, (iv) taic a chumail ri dèanamh cho-dhùnaidhean agus ri lìbhrigeadh aig ìre ionadail, (v) togail comas com-pàirteachaidh, agus (vi) obrachadh tro bhuidhnean riochdachaidh coimhearsnachd no solaraichean seirbheis a tha ann mar-thà.

Aire

30. Thuirt com-pàirtichean nam bùithtean-obrach grunn thursan nach robh mòran de na daoine sna coimhearsnachdan aca mothachail air Plana Nàiseanta nan Eilean. Bha com-pàirtichean ag iarraidh conaltradh nas fheàrr eadar Riaghaltas na h-Alba agus coimhearsnachdan eileanach. Bha beachd farsaing ann gum bu chòir fiosrachadh mun phlana a bhith nas ruigsinniche agus nas freagarraiche airson gach eilean. Bha cuideam cuideachd air cho cudromach ’s a tha conaltradh dà-thaobhach. Bha molaidhean a rinneadh a’ coimhead gu sònraichte air a bhith: (i) a’ meudachadh conaltradh aghaidh-ri-aghaidh dìreach, (ii) a’ dèanamh barrachd feum de na meadhanan clò-bhuailte is craolaidh, (iii) ag àrdachadh ìomhaigh Plana Nàiseanta nan Eilean air-loidhne, (iv) a’ sgaoileadh fiosrachaidh tro bhuidhnean coimhearsnachd ionadail, agus (v) a’ stèidheachadh sgioba (no oifigear) conaltraidh taobh a-staigh Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba.

Fòcas

31. Cha robh aon bheachd soilleir aig com-pàirtichean nam bùithtean-obrach am bu chòir na h-amasan ro-innleachdail làithreach a phrìomhachadh ann an dòigh air choreigin. San fharsaingeachd, thuirt com-pàirtichean gun robh na h-amasan ro-innleachdail uile cudromach agus ceangailte ri chèile. Ach, thuirt iad cuideachd gum biodh e cuideachail fòcas a chur air seata nas lugha de dh’amasan. Anns a’ mhòr-chuid de na bùthan-obrach, bha dà phrìomh bheachd ann: gum biodh seòrsa de phrìomhachadh air na h-amasan ro-innleachdail iomchaidh (‘ged a tha iad uile cudromach, tha cuid nas cudromaiche na cuid eile’); agus gum bu chòir na h-amasan ro-innleachdail a th’ ann an-dràsta a chumail ach a bhith air an cur ri chèile ann am ‘buidhnean’ no ‘cruinneachaidhean’ ann an dòigh air choreigin. Ach, ann an cuid de na bùithtean-obrach, cha do chuir iad taic ri, no cha do mhol iad, prìomhachadh de na h-amasan.

32. Thar nam bùithtean-obrach, bha beachd ann a chluinnear uair is uair, gum bu chòir do gach eilean a bhith comasach air na prìomhachasan aca fhèin a shuidheachadh an àite prìomhachasan a bhith air an dèanamh gu nàiseanta.. A dh’aindeoin sin, thuirt com-pàirtichean nam bùithtean-obrach gum biodh cuid de na h-amasan ro-innleachdail – còmhdhail, taigheadas agus àireamh-sluagh – aig mullach liosta nam prìomhachasan anns a’ mhòr-chuid de choimhearsnachdan eileanach. Taobh a-muigh seo, bha diofar bheachdan ann air dè na h-amasan ro-innleachdail eile a bu chòir prìomhachas fhaighinn.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top