Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle
Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.
1 Facal-toisich
1.1 Rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle air ath-sgrùdadh air Plana Nàiseanta nan Eilean eadar 18 Iuchar agus 7 Samhain 2023. Tha an aithisg seo a’ taisbeanadh thoraidhean bho anailis air freagairtean na co-chomhairle.
Co-theacs poileasaidh
1.2 Chaidh Achd nan Eilean (Alba) 2018 (‘Achd nan Eilean’ bho seo a-mach) a thoirt a-steach gus cuideachadh le bhith a’ coileanadh feumalachdan sònraichte eileanan na h-Alba – aig an àm seo agus san àm ri teachd – le bhith a’ cur taic ri fàs eaconamach seasmhach agus a’ toirt piseach air builean do, agus a’ toirt cumhachd, do choimhearsnachdan eileanach.
1.3 Tha Achd nan Eilean a’ cur dleastanas air Riaghaltas na h-Alba agus air ùghdarrasan poblach iomchaidh eile a bhith a’ dèanamh ‘dìon eileanach’ air an gnìomhan agus an co-dhùnaidhean. Tha seo a’ ciallachadh gum feumar beachdachadh air Measadh Buaidh Choimhearsnachdan Eileanach (ICIA) nuair a thathar a’ cruthachadh phoileasaidhean, ro-innleachdan agus seirbheisean a thathar an dùil a bheir buaidh gu math eadar-dhealaichte air coimhearsnachd eileanach an coimeas ri coimhearsnachdan eile (an dà chuid coimhearsnachdan air tìr-mòr agus coimhearsnachdan eileanach eile) ann an Alba.
1.4 Tha Achd nan Eilean cuideachd a’ toirt air Ministearan na h-Alba Plana Nàiseanta nan Eilean ullachadh ann an co-chomhairle leis na daoine a tha a’ fuireach agus ag obair ann an eileanan na h-Alba. Feumaidh am plana amasan agus ro-innleachd a shuidheachadh gus builean nas fheàrr a thoirt do choimhearsnachdan eileanach. Feumaidh Ministearan na h-Alba aithisg bhliadhnail fhoillseachadh air adhartas a dh’ionnsaigh amasan a’ phlana agus ath-sgrùdadh foirmeil a dhèanamh air a’ phlana gach còig bliadhna.
1.5 Chaidh a’ chiad Phlana Nàiseanta nan Eilean fhoillseachadh san Dùbhlachd 2019, agus tha ath-sgrùdadh air a’ phlana seo a’ dol air adhart aig an àm seo. Bidh an t-ath-sgrùdadh a’ cuimseachadh air buaidh a’ phlana làithrich agus beachdaichidh e air a’ cheist am bu chòir am plana ùrachadh, no ath-nuadhachadh. Tha riatanas ann an Achd nan Eilean gum feumar co-chomhairle a chumail mar phàirt den sgrùdadh.
A’ cho-chomhairle
1.6 Chaidh am pàipear co-chomhairle air ath-sgrùdadh Plana Nàiseanta nan Eilean fhoillseachadh air 18 Iuchar 2023. Bha a’ cho-chomhairle fosgailte dhan phoball ach bha e ag amas gu sònraichte air (i) daoine a tha a’ fuireach ann an eileanan na h-Alba, agus buidhnean sam bith a tha gan riochdachadh, (ii) daoine aig a bheil ùidh ann an eileanan na h-Alba, agus (iii) buidhnean agus daoine a tha ag obair ann an, agus le, eileanan na h-Alba, thairis air na roinnean poblach is prìobhaideach agus san treas roinn. Chaidh a’ cho-chomhairle a bhrosnachadh gu farsaing tro na meadhanan agus na meadhanan sòisealta, agus tro fhiosrachadh a chaidh a cho-roinn le prìomh bhuidhnean luchd-ùidh ann an coimhearsnachdan eileanach.
1.7 Bha 11 ceistean àireamhaichte sa cho-chomhairle agus thug iad aghaidh air na cuspairean a leanas:
- Eòlas air an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean (C1)
- Buaidh a’ phlana làithrich air beatha dhaoine (C2 agus C3)
- Susbaint a’ phlana làithrich (C4, C6 agus C7)
- An t-adhartas a rinneadh mu choinneamh amasan a’ phlana, agus na tha air obrachadh gu math agus nach eil air obrachadh cho math (C5, C8 agus C9)
- Co-dhiù tha feum air plana ùr no ath-sgrùdaichte (C10 agus C11).
1.8 Thug an ceisteachan air-loidhne cuireadh do luchd-freagairt cuideachd a bhith ag innse dè an ceangal a th’ aca ri eileanan na h-Alba – an robh iad (i) a’ fuireach ann an eilean gu maireannach, (ii) nan neach-còmhnaidh pàirt-ùine ann an eilean, (iii) air a bhith a’ fuireach ann an eilean roimhe, (iv) a’ siubhal gu eilean airson obair, no (v) ceangal eile ri eileanan na h-Alba. Chaidh àite a thoirt do luchd-freagairt gus barrachd fiosrachaidh a chur a-steach..
1.9 Chaidh am pàipear co-chomhairle fhoillseachadh air duilleag-lìn co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba. Chaidh iarraidh air luchd-freagairt ceisteachan air-loidhne a lìonadh no freagairt a chur a-steach tro phost-d no post. Thàinig a’ cho-chomhairle gu crìch air 7 Samhain 2023
1.10 A bharrachd air a’ cho-chomhairle (phoblach) air-loidhne, chùm Riaghaltas na h-Alba 16 bùithtean-obrach. Bha trì-deug dhiubh sin nan bùithtean-obrach aghaidh-ri-aghaidh, a’ gabhail a-steach tè a chaidh a chumail aig coinneamh Pàrlamaid Dhùthchail is Eileanach na h-Alba sa Ghearasdan. Chaidh trì tachartasan a chumail air-loidhne. Chaidh bùthan-obrach a bhrosnachadh gu farsaing ann an coimhearsnachdan ionadail tro na meadhan agus meadhanan sòisealta. Chaidh iarraidh air luchd-frithealaidh nam bùithtean-obrach am beachdan a thoirt seachad air sia ceistean fosgailte a’ coimhead air trì cuspairean: (i) aire, (ii) fòcas, agus (iii) riaghladh. Bha ceistean nam bùithtean-obrach eadar-dhealaichte ris na ceistean sa cho-chomhairle phoblach. Rinn oifigearan Riaghaltas na h-Alba geàrr-chunntas air na prìomh thoraidhean bho gach bùth-obrach agus tha mion-sgrùdadh de na geàrr-chunntasan anns an aithisg seo.
1.11 B’ iad na h-eileanan air an deach tadhal airson nan tachartasan aghaidh ri aghaidh:
- Arainn
- Bressay
- Colbhasa
- Cumaradh
- Eige
- Griomasaigh
- Eilean Leòdhais
- An t-Eilean Sgitheanach
- Muile
- Tìr-mòr Arcaibh
- Tìr-mòr Shealtainn
- Westray
Mun anailis
1.12 Chaidh anailis tricead a dhèanamh air na ceistean dùinte (ceistean cromag sa bhogsa) uile, agus tha na toraidhean air an sealltainn ann an clàran air feadh na h-aithisge seo. Cha do fhreagair a h-uile neach-freagairt a h-uile ceist dhùinte, agus mar sin is e an àireamh de luchd-freagairt a fhreagair a’ cheist sin an àireamh iomlan a chithear anns gach clàr.
1.13 Uaireannan, ’s dòcha nach do fhreagair luchd-freagairt ceist dhùinte (sin ri ràdh nach do chuir iad strìochag ann am bogsa mar fhreagairt dhan cheist), ach a dh’aindeoin sin, bha na beachdan aca ag innse no a’ nochdadh gu làidir am freagairt dhan cheist dhùinte. Ann an leithid de shuidheachaidhean, chaidh an fhreagairt dhan cheist dhùinte a chur a-steach aig an ìre sgrùdaidh). Mar sin, tha na clàran san aithisg seo a’ gabhail a-steach beagan fhreagairtean den t-seòrsa seo.
1.14 Chaidh mion-sgrùdadh cuspaireil càileachdail a dhèanamh air beachdan an luchd-freagairt. B’ e amas na h-anailis càileachdail na prìomh chuspairean a chomharrachadh, cho math ris an làn fharsaingeachd de bheachdan a chaidh a chur a-steach mar fhreagairt do gach ceist (no buidheann de cheistean), agus sgrùdadh a dhèanamh air aonta agus eas-aonta ann am beachdan eadar diofar bhuidhnean de luchd-freagairt. Rinneadh mion-sgrùdadh cuspaireil air geàrr-chunntasan nam bùithtean-obrach cuideachd
Rabhadh mu na toraidhean
1.15 Mar a tha fìor leis a h-uile co-chomhairle, tha e cudromach cuimhneachadh gur dòcha nach eil beachdan an fheadhainn a fhreagair a’ riochdachadh beachdan an t-sluaigh san fharsaingeachd. Tha daoine fa leth (agus buidhnean) aig a bheil ùidh mhòr ann an cuspair – agus an comas freagairt – nas dualtaiche pàirt a ghabhail ann an co-chomhairle na daoine aig nach eil. Tha am fèin-thaghadh seo a’ ciallachadh nach urrainnear a ràdh gur ionann beachdan chom-pàirtichean na co-chomhairle agus beachdan an t-sluaigh san fharsaingeachd.
1.16 Air an adhbhar seo, tha nàdar gu ìre mhòr càileachdail aig an dòigh-obrach airson mion-sgrùdadh a dhèanamh air a’ cho-chomhairle. Chan e am prìomh adhbhar gus comharrachadh cia mheud duine aig an robh beachdan sònraichte, ach an àite seo a bhith a’ tuigsinn na làn fharsaingeachd de bheachdan a chaidh a cur an cèill agus draghan sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann. Cuidichidh mion-sgrùdadh càileachdail ann a bhith a’ tuigsinn fhreagairtean nan ceistean dùinte agus a bhith a’ faighinn barrachd tuigse air beachdan dhaoine.
An aithisg
1.17 Tha an còrr den aithisg seo air a structaradh mar a leanas:
- Tha Caibideil 2 a’ toirt seachad fiosrachadh mu luchd-freagairt na co-chomhairle, agus mu na 16 bùithtean-obrach a chùm Riaghaltas na h-Alba.
- Tha Caibideilean 3 gu 6 a’ taisbeanadh toraidhean a’ mhion-sgrùdadh air freagairtean nan ceistean co-chomhairleachaidh.
- Tha Caibideil 7 na mion-sgrùdadh air geàrr-chunntasan nam bùithtean-obrach.
1.18 A bharrachd air sin, tha ceithir eàrr-ràdhan san aithisg seo. Tha liosta de na buidhnean a chuir a-steach freagairt ann am Pàipear-taice 1. Tha Eàrr-ràdh 2 a’ mìneachadh nan ìrean freagairt airson gach ceist co-chomhairleachaidh, le briseadh sìos a rèir seòrsa neach-freagairt. Tha Eàrr-ràdh 3 a’ taisbeanadh bheachdan luchd-freagairt air an adhartas a rinneadh a dh’ionnsaigh amasan ro-innleachdail fa leth, a rèir seòrsa neach-freagairt. Tha Eàrr-ràdh 4 a’ toirt seachad cruinneachadh cuspaireil de na beachdan a chaidh a thoirt seachad aig na bùithtean-obrach.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback