Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


2 Tuairisgeul air na freagairtean agus luchd-freagairt

2.1 Tha a’ chaibideil seo a’ toirt seachad fiosrachadh mu na freagairtean agus mun luchd-freagairt.

Àireamh nam freagairtean a fhuaradh, agus an àireamh a chaidh a chleachdadh san anailis

2.2 Fhreagair 168 a’ cho-chomhairle. Dhiubh seo, chaidh a’ mhòr-chuid (158) a chur a-steach tro Citizen Space, àrd-ùrlar co-chomhairleachaidh air-loidhne Riaghaltas na h-Alba; chaidh na 10 freagairtean eile a chur tro phost-d.

2.3 Chuir aon neach-freagairt dà fhreagairt eadar-dhealaichte a-steach. Chaidh an dà fhreagairt seo a chur còmhla gus aon fhreagairt aonaichte a chruthachadh – agus cha deach an neach-freagairt seo a chunntadh ach aon turas san anailis. Far an robh freagairtean an neach-freagairt do cheistean dùinte eadar-dhealaichte eadar an dà thagradh, chaidh na freagairtean aca san tagradh mu dheireadh a chumail airson na h-anailis. Tha beachdan sgrìobhte uile an neach-freagairt, bhon dà fhreagairt, air an gabhail a-steach san anailis.

2.4 Mar thoradh air seo chaidh aon fhreagairt a thoirt air falbh, agus mar sin bha am mion-sgrùdadh stèidhichte air 167 freagairt .

Tuairisgeul air an luchd-freagairt

2.5 Chaidh freagairtean a chur a-steach le 39 buidhnean agus 128 neach fa leth (faic Clàr 2.1).

Clàr 2.1: Àireamh agus ceudad an luchd-freagairt

Seòrsa neach-freagairt

n

%

Buidhnean

39

23%

Daoine fa leth

128

77%

Iomlan

167

100%

2.6 Bha trì prìomh bhuidhnean de luchd-freagairt buidhne ann (faic Clàr 2.2)

  • B’ e ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile a’ bhuidheann a bu mhotha de luchd-freagairt buidhne (16 a-mach à 39, no 41%). Bha a’ bhuidheann seo a’ gabhail a-steach nan sia ùghdarrasan eileanach a bharrachd air raon de bhuidhnean poblach le raointean-ùghdarrais nàiseanta.
  • Bha buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd a’ dèanamh suas 23% de luchd-freagairt bhuidhneach (9 a-mach à 39). Bha a’ bhuidheann seo a’ gabhail a-steach comhairlean coimhearsnachd, urrasan coimhearsnachd, buidhnean stiùiridh ionadail agus buidhnean taic gnìomhachais.
  • Bha 23% de bhuidhnean nam buidhnean san treas roinn, carthannasan agus buidhnean ballrachd (9 a-mach à 39). Bha an roinn-seòrsa seo a’ gabhail a-steach raon farsaing de dhiofar sheòrsaichean bhuidhnean. Bha adhbhar carthannach aig cuid agus bha cuid eile nam buidhnean ballrachd no fòraman. Bha fòcas sònraichte aig cuid de na buidhnean sin sna h-eileanan ach bha raon-ùghdarrais nàiseanta nas fharsainge aig cuid eile.

2.7 Bha buidheann bheag de chòig buidhnean nach robh a’ freagairt air gin de na trì roinnean eile agus bha iad a’ dèanamh suas an 13% mu dheireadh de fhreagairtean buidhne (air an ainmeachadh mar ‘sheòrsaichean buidhne eile’). Tha liosta iomlan de na buidhnean a fhreagair ri fhaicinn ann an Eàrr-ràdh 1.

Clàr 2.2: Freagairtean bhuidhnean, a rèir seòrsa

Seòrsa buidhne

n

%

Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile

16

41%

Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd

9

23%

Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd

9

23%

Seòrsaichean buidhne eile*

5

13%

Buidhnean iomlan

39

100%

* A’ gabhail a-steach buidheann aoigheachd is turasachd, ionadan foghlaim àrd-ìre, aonadh ciùird agus Colaiste Rìoghail aig an NHS.

Ceangal ri eileanan na h-Alba

2.8 Chaidh iarraidh air luchd-freagairt innse dè an ceangal a th’ aca ri eileanan na h-Alba – an robh iad (i) a’ fuireach ann an eilean gu maireannach, (ii) nan neach-còmhnaidh pàirt-ùine ann an eilean, (iii) air a bhith a’ fuireach ann an eilean roimhe, (iv) a’ siubhal gu eilean airson obair, no (v) ceangal eile ri eileanan na h-Alba. Tha briathrachas na ceiste seo a’ sealltainn gur dòcha gun robh i ag amas gu sònraichte air luchd-freagairt fa leth. Ach, chaidh a’ cheist a fhreagairt cuideachd leis a’ mhòr-chuid de bhuidhnean, a dh’fhaodadh a bhith air a tuigsinn ann an dòighean eadar-dhealaichte.

2.9 Mar a tha Clàr 2 a’ sealltainn, thuirt 82% gun robh iad a’ fuireach sna h-eileanan gu maireannach. Bha a’ mhòr-chuid mhòr den luchd-fhreagairt fa leth (92%) nan luchd-còmhnaidh maireannach sna h-eileanan, agus thagh nas lugha na an dàrna leth de na buidhnean a fhreagair a’ cheist (14 a-mach à 33) an roghainn seo. Bha buidhnean (a’ gabhail a-steach cuid de na h-ùghdarrasan ionadail eileanach) na bu bhuailtiche a chur an cèill gu bheil ceangal ‘eile’ aca ris na h-eileanan, an dàrna cuid air sgàth ’s gun robh dleastanas / raon-ùghdarrais nàiseanta nas fharsainge aca, raon-ùghdarrais a bha a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan air tìr-mòr (a bharrachd air coimhearsnachdan eileanach), no air sgàth ’s gu bheil am ballrachd stèidhichte air feadh na h-Alba.

2.10 Thoir an aire nach do chomharraich neach-freagairt sam bi gum bi iad a’ siubhal gu eilean airson obair, agus, mar sin, chan eil an roghainn seo ri fhaicinn sa chlàr gu h-ìosal.

Clàr 2.3: Ceangal luchd-freagairt ri eileanan na h-Alba, a rèir seòrsa neach-freagairt

Seòrsa neach-freagairt

Buidhnean

Daoine fa leth

Iomlan

Ceangal ris na h-eileanan

n

%

n

%

n

%

Neach-còmhnaidh eileanach maireannach

14

42%

115

92%

129

82%

Neach-còmhnaidh eileanach pàirt-ùine

0

0%

5

4%

5

3%

A’ fuireach ann an eilean roimhe

0

0%

1

1%

1

1%

Eile (innis dhuinn gu h-ìosal)

19

58%

4

3%

23

15%

Iomlan

33

100%

125

100%

158

100%

Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.

Cha do thagh gin den luchd-fhreagairt ‘siubhal gu eilean airson obair’.

Ìre freagairt airson ceistean fa leth

2.11 Bha ìrean freagairt airson ceistean fa leth eadar-dhealaichte: bha seo eadar-dhealaichte airson ceistean dùinte is fosgailte, agus bha ìrean freagairt eadar-dhealaichte airson freagairtean dhaoine fa leth agus freagairtean buidhne.

2.12 San fharsaingeachd, bha ìrean freagairt do cheistean dùinte na b’ àirde, bho 83% airson nam pàirtean dùinte de Cheist 5 (a dh’fhaighnich mu adhartas a dh’ionnsaigh amasan ro-innleachdail Plana Nàiseanta nan Eilean) gu 93% airson Ceist 1 (a dh’fhaighnich do luchd-freagairt dè an t-eòlas a bh’ aca air a’ phlana làithreach). An coimeas ri sin, bha ìrean freagairt do cheistean fosgailte eadar 60% airson na pàirt fosgailte de Cheist 7 (a dh’iarr beachdan air an àireimh de ghealltanasan anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean) gu 85% airson na pàirt fosgailte de Cheist 9 (a dh’fhaighnich dè a dh’fhaodadh a bhith air obrachadh na b’ fheàrr anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean).

2.13 Bha ìrean freagairt na b’ àirde airson luchd-freagairt fa leth an taca ri buidhnean. Fhreagair a’ mhòr-chuid de dhaoine fa leth a h-uile ceist dhùinte, le ìrean freagairt airson ceistean fa leth eadar 90% agus 98% am measg na buidhne seo. Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, fhreagair còrr is dà thrian de dhaoine fa leth gach ceist fhosgailte. Cha robh sin fìor a thaobh:

  • Na pàirt fosgailte de Cheist 7 (a dh’iarr beachdan air an àireamh de ghealltanasan sa phlana làithreach) – thug 55% de dhaoine beachd seachad air a’ cheist seo.
  • Na pàirt fosgailte de Cheist 6 (a dh’iarr beachdan air an àireimh de dh’amasan ro-innleachdail sa phlana làithreach) – thug 63% de dhaoine fa-leth beachd seachad air a’ cheist seo.

2.14 Bha ìrean freagairt na b’ ìsle aig buidhnean na daoine fa leth airson mòran de na ceistean dùinte - agus gu sònraichte:

  • Ceist 2 (a dh’fhaighnich an robh buaidh sam bith aig Plana Nàiseanta nan Eilean air do bheatha ann an dòigh sam bith) – fhreagair 59% de bhuidhnean a’ cheist dhùinte seo
  • Ceist 5 (a bha a’ faighneachd mun adhartas a rinn am plana làithreach a dh’ionnsaigh coileanadh nan amasan ro-innleachdail aige) – bha a’ chuibhreann de bhuidhnean a fhreagair gach tè de na 13 pàirtean den cheist seo eadar 46% agus 54%.

2.15 San fharsaingeachd, cha robh luchd-freagairt bhuidhnean cho dualtach na ceistean a fhreagairt aig toiseach na co-chomhairle (i.e. Ceistean 1–5) agus na bu bhuailtiche na ceistean aig deireadh na co-chomhairle a fhreagairt (i.e. Ceistean 6–11). Bha ìrean freagairt bhuidhnean a thaobh nan ceistean mu dheireadh (gach cuid na pàirtean dùinte agus fosgailte) eadar 69% airson na pàirt fosgailte de Cheist 6 (a bha a’ faighneachd mun àireimh de dh’amasan ro-innleachdail) gu 95% airson na pàirt fosgailte de Cheist 11 (a dh’fhaighnich dè bu toil le luchd-freagairt fhaicinn ann am Plana Nàiseanta nan Eilean ùr no ath-sgrùdaichte san àm ri teachd).

2.16 Faic Eàrr-ràdh 2 airson làn fhiosrachadh mu na h-ìrean freagairt do cheistean.

Com-pàirtichean bùth-obrach

2.17 Mar a chaidh a chomharrachadh ann an Caibideil 1, chùm Riaghaltas na h-Alba sreath de bhùithtean-obrach co-chomhairleachaidh a chruthaich cothrom gus sgrùdadh a dhèanamh air cuspairean co-cheangailte ri riaghladh, mothachadh agus fòcas a thaobh an eagrain làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean agus plana sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann san àm ri teachd.

2.18 Uile gu lèir, ghabh 231 neach pàirt ann an 16 bùithtean-obrach (13 aghaidh-ri-aghaidh agus 3 air-loidhne).

2.19 Tha Clàr 2.4 a’ toirt cunntas farsaing air àiteachan nan 13 bùithtean-obrach aghaidh ri aghaidh agus air an àireimh de chom-pàirtichean aig gach tè. Thoir an aire gun robh tè de na bùithtean-obrach aghaidh-ri-aghaidh air a cumail le luchd-frithealaidh aig coinneamh Pàrlamaid Dhùthchail is Eileanach na h-Alba a chaidh a chumail sa Ghearasdan san t-Samhain 2023. Tha an clàr cuideachd a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu na h-àiteachan far an robh com-pàirtichean sna bùthan-obrach air-loidhne stèidhichte.

Clàr 2.4: Fiosrachadh mu na bùithtean-obrach agus àireamh nan daoine a ghabh pàirt annta

Seòrsa bùth-obrach

n

Bùithtean-obrach aghaidh-ri-aghaidh, stèidhichte air sgìre (ùghdarras ionadail - eilean)

1

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid - Colbhasa

11

2

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid - Muile

15

3

Comhairle na Gàidhealtachd – Eige

20

4

Comhairle na Gàidhealtachd - An t-Eilean Sgitheanach

11

5

Comhairle Siorrachd Àir a Tuath - Arainn

21

6

Comhairle Siorrachd Àir a Tuath - Cumaradh

16

7

Arcaibh – Tìr-mòr Arcaibh

19

8

Arcaibh – Westray

3

9

Sealtainn – Tìr-mòr Shealtainn

4

10

Sealtainn – Bressay

5

11

Comhairle nan Eilean Siar - Griomasaigh

11

12

Comhairle nan Eilean Siar - Eilean Leòdhais

21

Com-pàirtichean aghaidh-ri-aghaidh iomlan stèidhichte air sgìre

157

Bùth-obrach aghaidh-ri-aghaidh aig Pàrlamaid Dùthchail is Eileanach na h-Alba

13

Air a chumail sa Ghearasdan, mar bhùth-obrach aig Pàrlamaid Dùthchail is Eileanach na h-Alba

28

Com-pàirtichean iomlan aig Pàrlamaid Dùthchail is Eileanan na h-Alba

28

Bùithtean-obrach air-loidhne

14

Nam measg bha com-pàirtichean à Colla, às an Eilean Sgitheanach, Eilean Ì, Leòdhas, Arcaibh, Sealtainn, Arainn, Ìle

15

15

Nam measg bha com-pàirtichean à Cumaradh, Ìle, Arcaibh, An t-Eilean Sgitheanach, Tiriodh, Na Hearadh, Barraigh agus Leòdhas

12

16

A’ gabhail a-steach com-pàirtichean à Ìle, Bressay, Arainn, Barraigh, Arcaibh, Sealtainn, Diùra, Steòrnabhagh, Ùige, An t-Eilean Sgitheanach

19

Com-pàirtichean iomlan, air-loidhne

46

Com-pàirtichean iomlan, aghaidh-ri-aghaidh agus air-loidhne

231

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top