Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


4 Susbaint a’ phlana làithrich (C4, C6 agus C7)

4.1 Bha trì ceistean sa cho-chomhairle a dh’iarr beachdan air diofar thaobhan den tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean. Bha a’ chiad cheist na cheist fharsaing, ag iarraidh beachdan air susbaint a’ phlana. Bha an dàrna agus an treas ceist ag iarraidh bheachdan air an àireimh de dh’amasan is de ghealltanasan ro-innleachdail sa phlana làithreach.

Ceist 4: Dè do bheachd air susbaint an tionndaidh làithrich de Phlana Nàiseanta nan Eilean? [Deagh bheachd / droch bheachd / gun bheachd idir]

Faodaidh tu do fhreagairt a leudachadh sa bhogsa gu h-ìosal.

Ceist 6: Tha 13 Amasan Ro-innleachdail anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean. Dè do bheachd air àireamh nan amasan ro-innleachdail anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean? [Dìreach ceart / cus / gun gu leòr / gun bheachd]

Faodaidh tu do fhreagairt a leudachadh sa bhogsa gu h-ìosal.

Ceist 7: Tha 134 gealltanasan anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean. Dè do bheachd air àireamh nan gealltanasan? [Dìreach ceart / cus / gun gu leòr / gun bheachd]

Faodaidh tu do fhreagairt a leudachadh sa bhogsa gu h-ìosal.

Beachdan air susbaint a’ phlana làithreach san fharsaingeachd (C4)

4.2 Bha Ceist 4 ag iarraidh air luchd-freagairt an robh am beachdan air susbaint tionndadh làithreach Plana Nàiseanta nan Eilean (i) nan deagh bheachdan, (ii) nan droch bheachdan, no (iii) nach robh beachd sam bith aca.

4.3 Tha Clàr 4.1 a’ sealltainn gun robh freagairtean dhan cheist seo measgaichte san fharsaingeachd – le 37% ag ràdh gun robh deagh bheachd aca air susbaint a’ phlana, 36% ag ràdh gun robh droch bheachd aca agus 27% ag ràdh nach robh beachd sam bith aca.

4.4 Bha buidhnean (84%) mòran na bu dualtaiche na daoine fa leth (25%) deagh bheachdan a chur an cèill. Bha cuid de bhuidhnean a bha a ràdh roimhe nach robh ach beaga eòlais aca air a’ phlana a’ cur air adhart deagh bheachd air susbaint a’ phlana làithreach an seo (’s e sin ri ràdh gun tuirt iad gun robh ‘beagan eòlais aca air’ no gun robh iad ‘air cluinntinn mu dheidhinn ach nach robh fios aca air na bha ann’ aig Ceist 1 – faic Caibideil 3). Am measg dhaoine fa leth mar bhuidhinn, bha na beachdan measgaichte; ach, bha droch bheachdan aig a’ chuid a bu mhotha de dhaoine fa leth (43%) air susbaint a’ phlana.

Clàr 4.1: C4 - Dè do bheachd air susbaint an tionndaidh làithrich de Phlana Nàiseanta nan Eilean?

Seòrsa neach-freagairt

Deagh bheachd

Droch bheachd

Chan eil beachd sam bith agam

Iomlan

n

%

n

%

n

%

n

%

Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach

13

100%

0

0%

0

0%

13

100%

Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd

5

71%

1

14%

1

14%

7

100%

Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd

6

86%

1

14%

0

0%

7

100%

Seòrsaichean buidhne eile

2

50%

1

25%

1

25%

4

100%

Buidhnean iomlan

26

84%

3

10%

2

6%

31

100%

Daoine iomlan

32

25%

54

43%

40

32%

126

100%

Iomlan, a h-uile neach-freagairt

58

37%

57

36%

42

27%

157

100%

Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.

4.5 Uile gu lèir, thug 131 neach-freagairt (37 buidheann agus 94 neach fa leth) beachdan seachad air Ceist 4.

4.6 Bu chòir toirt fa-near do na leanas:

  • Thuirt cuid de bhuidheann a fhreagair gum biodh iad air taghadh an dà chuid ‘deagh bheachd’ agus ‘droch bheachd’ nam biodh an roghainn seo ann. A bharrachd air an sin, thuirt cuid a thagh ‘cha robh beachd sam bith agam’ no nach do fhreagair a’ cheist dùinte idir gun do rinn iad sin leis nach robh e comasach dhaibh an dà chuid ‘deagh bheachd’ agus ‘droch bheachd’ a thaghadh.
  • Bha e gu math cumanta do luchd-freagairt a thagh ‘deagh bheachd’ (an dà chuid buidhnean agus daoine fa leth) an uair sin a bhith a’ toirt seachad caveatan, a’ togail dhraghan, no a’ moladh atharrachaidhean a bha iad a’ smaoineachadh a bha a dhìth san ath thionndadh de Phlana Nàiseanta nan Eilean. Bha na caveatan, na draghan agus na h-atharrachaidhean a chaidh a thogail gu tric gu math coltach ri beachdan an luchd-freagairt a thagh ‘droch bheachd’. San fharsaingeachd cha do chomharraich luchd-freagairt a thagh ‘droch bheachd’ mar fhreagairt dhan cheist seo taobhan adhartach sam bith den phlana.

4.7 Mar sin, feumar a bhith faiceallach leis na figearan a chithear ann an Clàr 4.1. Air an aon adhbhar, chan eil an anailis a tha air a thaisbeanadh an seo a’ dèanamh coimeas eadar beachdan an fheadhainn a thagh ‘deagh bheachd’ agus an fheadhainn a thagh ‘droch bheachd’. An àite sin, tha e a’ bruidhinn air na bha an luchd-freagairt uile a’ faicinn mar na taobhan matha is dona de shusbaint an tionndaidh làithrich de Plana Nàiseanta nan Eilean.

4.8 Mura tèid an caochladh a ràdh, chaidh na beachdan air a bheilear a’ bruidhinn gu h-ìosal a chur an cèill an dà chuid le daoine agus le buidhnean.

Deagh thaobhan

4.9 Thuirt an fheadhainn aig an robh beachdan fàbharach air susbaint a’ phlana gun robh am plana ‘coileanta’, ‘àrd-amasach’ , ‘air a thaisbeanadh gu h-èifeachdach’ agus ‘soilleir’. Chuir an luchd-freagairt seo fàilte air a’ phlana, a’ toirt fa-near gun deach fhiosrachadh le co-chomhairleachadh farsaing, agus thuirt iad:

  • Tha na h-amasan aige ‘math’, agus tha na rùintean aige ‘ionmholta’.
  • Tha e air cuideachadh gus mothachadh a thogail mu na h-eileanan agus mun t-suidheachadh sònraichte aca, an dà chuid taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba agus taobh a-staigh bhuidhnean poblach.
  • Tha e air na prìomh dhùbhlain agus chothroman do choimhearsnachdan eileanach a chur an cèill agus tha e a’ sealltainn dealas an riaghaltais a bhith a’ cur aghaidh air na dùbhlain sin.

4.10 Thuirt cuid gun robh Plana Nàiseanta nan Eilean air cruthachadh cuid de phlanaichean eileanach ionadail sònraichte fhiosrachadh.

4.11 Bhruidhinn cuid den luchd-fhreagairt (buidhnean sa mhòr-chuid) air amasan agus/no geallaidhean sònraichte a rinn am plana a bha iad a’ faicinn mar nithean adhartach. Mar eisimpleir, thuirt diofar bhuidhnean gun robh am plana:

  • Air aire a thogail mu na dùbhlain a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach ann a bhith a’ faighinn cothrom gus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan cultarail is cruthachail agus a bhith gam frithealadh
  • A rèir prìomhachasan bhoireannaich air feadh nan coimhearsnachdan eileanach
  • Ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dh’iomadh coimhearsnachd eileanach, agus cho cudromach ’s a tha na coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn do sheasmhachd na Gàidhlig ann an Alba.

4.12 Thuirt luchd-freagairt eile cuideachd gun robh iad a’ cur fàilte air na leanas: (i) am prìomhachas air nàdar, (ii) iomradh a’ phlana air tuathanachas-uisge mar phàirt de leasachadh eaconamach seasmhach, agus (iii) na builean ris a bheilear an dùil a thaobh còmhdhail sheasmhach agus siubhal gnìomhach.

Droch thaobhan

4.13 Chomharraich luchd-freagairt na pàirtean de shusbaint Plana Nàiseanta nan Eilean nach do chòrd riutha no mun robh iad draghail. Chaidh na beachdan sin a chur an cèill ge b’ e mar a fhreagair luchd-freagairt a’ phàirt dhùinte de Cheist 4.

4.14 Bha beachdan mu na droch thaobhan de shusbaint a’ phlana buailteach a bhith ag amas air ceithir prìomh chuspairean: (i) faid, stoidhle agus ruigsinneachd, (ii) gun robh feum air dòigh-obrach nas ionadail / ag amas gu sònraichte air àiteachan sònraichte, (iii) amasan agus geallaidhean ro-innleachdail, agus (iv) dìth mion-fhiosrachaidh air mar a bhiodh builean air an coileanadh agus air an tomhas. Tha geàrr-chunntas gu h-ìosal air na prìomh phuingean a chaidh a thogail mu gach fhear de na cuspairean sin.

Faid, stoidhle agus ruigsinneachd

4.15 Thuirt luchd-freagairt:

  • Le còrr is 70 taobhan-duilleig ann, tha am plana ro mhionaideach agus chan eil e freagarrach airson obair com-pàirteachaidh le coimhearsnachdan. Chaidh a ràdh gun robh (ii) sgrìobhainn ‘nas teinne’ a dhìth – ’s dòcha le nòtaichean mìneachaidh air an toirt seachad ann an sgrìobhainn fa leth, no (ii) gur dòcha gum bu chòir dreach nas giorra, nas fhasa a chleachdadh, a dhèanamh a dh’fhaodadh a bhith ri taobh a’ phrìomh phlana.
  • Bhiodh am plana na b’ fheàrr nan cleachdadh e cànan na bu sìmplidhe agus nas lugha de sgleò-chainnt. Chan eil an cànan a thathar a’ cleachdadh sa phàipear a rèir mar bhios daoine sna h-eileanan a’ conaltradh.
  • Tha am plana ro ‘àrd-ìre’ agus ‘ro-innleachdail’; chan eil muinntir an àite ga fhaicinn mar rud a tha buntainneach dhaibh. Ged a dh’fheumas am plana a bhith ag amas air Riaghaltas na h-Alba agus Ministearan na h-Alba, feumaidh e cuideachd a bhith freagarrach airson coimhearsnachdan eileanach, gus am bi fios aca dè tha e a’ ciallachadh dhaibhsan agus dè as urrainn dhaibh dèanamh gus an ro-innleachd a thoirt gu buil.

Feum air dòigh-obrach nas ionadaile / a tha ag amas air àiteachan fa leth

4.16 Chaidh a ràdh gu tric gun robh feum air dòigh-obrach nas ionadaile / a bha ag amas air eileanan fa leth. Thuirt luchd-freagairt uair is uair:

  • A thaobh nan eilean, Chan eil aon dòigh-obrach ann a fhreagras air a h-uile àite. Chan eil na dùbhlain sònraichte a tha mur ar coinneamh co-ionann – ged a tha iad coltach – agus feumaidh na fuasglaidhean air na dùbhlain sin a bhith air an dèanamh freagarrach do shuidheachadh gach eilein. Feumaidh eileanan fa leth a bhith comasach air na prìomhachasan aca fhèin a chomharrachadh, a dh’fhaodadh an uair sin a bhith ceangailte ri builean nàiseanta.
  • Chaidh susbaint a’ phlana a dheasachadh tro shreath de bhùithtean-obrach anns na h-eileanan. Bhathar den bheachd gun robh seo math ach, ach an uair sin cha deach cothrom a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail a bhith an sàs ann a bhith a’ dol tro na beachdan uile a chaidh a chruthachadh troimhe seo gus obrachadh a-mach dè an t-slighe as fheàrr airson nan sgìrean ionadail aca.

Na h-amasan agus gealltanasan ro-innleachdail

4.17 Bha Ceistean 6 agus 7 a’ coimhead gu sònraichte air an àireimh de dh’amasan ro-innleachdail agus de ghealltanasan ann am Plana Nàiseanta nan Eilean. Ach, chuir grunn luchd-freagairt fòcas cuideachd air taobhan de na h-amasan agus gealltanasan anns na freagairtean aca do Cheist 4 – a’ gabhail a-steach cia mheud a bh’ ann. Thuirt grunn luchd-freagairt:

  • Tha cus amasan agus gealltanasan sa phlana, agus cha ghabh iad uile a thoirt gu buil.
  • Cha robh eadar-eisimeileachd nan amasan ro-innleachdail soilleir sa phlana. Bu chòir seo a dhèanamh nas soilleire gus nach bi cunnart ann gum bi amasan a’ dol nan ‘silothan’ / ‘strait jackets’.
  • Tha na h-amasan ‘neo-shoilleir’ agus ‘stèidhichte air pròiseas’. Feumaidh iad a bhith so-bheantainn agus feumaidh gun gabh an tomhas.

Dìth mion-fhiosrachaidh air mar a bhiodh builean air an coileanadh agus air an tomhas

4.18 Bha a’ cheist seo mu ‘chomas tomhais’ na chuspair a nochd uair is uair anns na beachdan airson Ceist 4 (agus ann an àiteachan eile ann am freagairtean na co-chomhairle). Thuirt luchd-freagairt uair is uair gun robh dìth mion-fhiosrachaidh sa phlana mu mar a rachadh na h-amasan ro-innleachdail agus na gealltanasan sa phlana a choileanadh. Bha luchd-freagairt den bheachd:

  • Nach eil am plana soilleir mu mar a thèid na h-amasan agus na geallaidhean aige a chur an gnìomh no a mhaoineachadh, agus ciamar a thèid builean a lìbhrigeadh. Tha dìth frèam sgrùdaidh dèanadais èifeachdach sa phlana cuideachd.
  • Tha e coltach gum biodh mòran de na h-eadar-theachdan a chaidh ainmeachadh ann an aithisgean bliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean mar choileanaidhean sa phlana air an lìbhrigeadh le buidhnean com-pàirteachais (nàiseanta agus ionadail) co-dhiù, Plana Nàiseanta nan Eilean ann no às. Feumaidh siostam aithris nas fhreagarraiche a bhith ann gus an tèid na rudan a chaidh a choileanadh mar thoradh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus na rudan a chaidh a choileanadh le buidhnean nàiseanta is ionadail eile a chomharrachadh.

4.19 Bha e cuideachd an ìre mhath cumanta do luchd-freagairt a fhreagair ‘droch bheachd’ aig Ceist 4 a bhith ag ràdh nach robh am plana air na h-amasan aige a choileanadh no air leasachaidhean a thoirt gu buil. Chan eil an seòrsa beachd seo a’ buntainn gu sònraichte ri susbaint a’ phlana – agus chaidh a dheasbad mar thà ann an Caibideil 3.

Beachdan air àireamh nan Amasan Ro-innleachdail (C6)

4.20 Tha 13 Amasan Ro-innleachdail anns a’ Phlana Nàiseanta làithreach. (Faic caibideil 5 airson barrachd fiosrachaidh.) Dh’fhaighnich Ceist 6 dè am beachd a bh’ aig luchd-freagairt air àireimh nan amasan ro-innleachdail.

4.21 Tha Clàr 4.2 a’ sealltainn gun robh sgaradh bheachd ann air a’ cheist seo – thuirt mu chairteal (26%) gun robh an àireamh de dh’amasan ro-innleachdail ceart, thuirt 40% gun robh cus ann, agus 29% nach robh beachd sam bith air a’ chùis. Bha dìreach 5% den bheachd nach robh amasan ro-innleachdail gu leòr ann. Chaidh am beachd seo a chur an cèill le luchd-freagairt fa leth a-mhàin; cha robh gin de na buidhnean den bheachd nach robh amasan gu leòr ann. Taobh a-muigh seo, bha pàtran nam freagairtean am measg bhuidhnean agus dhaoine fa leth coltach ri chèile, ged a bha buidhnean (33%) beagan na bu choltaiche na daoine fa leth (25%) a bhith a ràdh gun robh an àireamh de dh’amasan ro-innleachdail ceart.

4.22 Am measg bhuidhnean, bha buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd, na bu dualtaiche na buidhnean eile a bhith den bheachd gun robh an àireamh de dh’amasan ro-innleachdail ceart (thuirt 4 a-mach à 8 seo), agus bha buidhnean san roinn ‘seòrsaichean buidhne eile’ na bu dualtaiche a ràdh gun robh cus amasan ann (thuirt 3 a-mach à 4 seo).

Clàr 4.2: C6 - Dè do bheachd air àireamh nan amasan ro-innleachdail anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean?

Seòrsa neach-freagairt

Dìreach ceart

Cus

Chan eil gu leòr idir

Chan eil beachd sam bith agam

Iomlan

n

%

n

%

n

%

n

%

n

%

Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach

5

36%

6

43%

0

0%

3

21%

14

100%

Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd

4

50%

3

38%

0

0%

1

13%

8

100%

Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd

1

17%

1

17%

0

0%

4

67%

6

100%

Seòrsaichean buidhne eile

1

20%

3

60%

0

0%

1

20%

5

100%

Buidhnean iomlan

11

33%

13

39%

0

0%

9

27%

33

100%

Daoine iomlan

30

25%

49

40%

7

6%

36

30%

122

100%

Iomlan, a h-uile neach-freagairt

41

26%

62

40%

7

5%

45

29%

155

100%

Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.

4.23 Uile gu lèir, thug 108 neach-freagairt (27 buidheann agus 81 neach fa leth) beachdan seachad air Ceist 6. Tha beachdan a chur luchd-freagairt air adhart a thagh gach roghainn air an deasbad gu h-ìosal.

Tha an àireamh de dh’amasan ro-innleachdail ‘dìreach ceart’

4.24 Thuirt an luchd-freagairt a bha den bheachd gun robh an àireamh de dh’amasan ro-innleachdail ceart san fharsaingeachd gun robh na h-amasan uile san eagran làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean fhathast buntainneach agus còmhla, gun robh iad a’ cur aghaidh air na prìomh dhùbhlain a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach. Bha a’ bhuidheann seo den bheachd gun robh an liosta làithreach de dh’amasan na ‘dhòigh-obrach iomlanach’ airson seasmhachd a choileanadh ann an eileanan na h-Alba. Thug aon ùghdarras ionadail fa-near gun robh na h-àrd-amasan a rèir nan amasan fad-sheasmhach aig buidhnean poblach an sàs ann am beatha eileanach gu ìre mhòr.

4.25 Thuirt cuid de dhaoine, ged a tha e cuideachail amasan ro-innleachdail a bhith ann, gu bheil e a cheart cho cudromach an coileanadh. Bha beachd ann gun robh e comasach an àireamh de dh’amasan làithreach a choileanadh. Aig an aon àm, bha molaidhean am measg na buidhne seo cuideachd gum faodadh e a bhith cuideachail agus iomchaidh na h-amasan a phrìomhachadh san àm ri teachd, ach bha eadar-dhealachaidhean ann am beachdan air mar a bu chòir seo a dhèanamh.

4.26 Bha na beachdan air prìomhachadh nan amasan ro-innleachdail aig an fheadhainn a bha den bheachd gun robh an àireamh de amasan ‘dìreach ceart ’ gu ìre mhòr a rèir beachdan an fheadhainn a bha den bheachd gun robh ‘cus’ amasan ro-innleachdail ann. Mar sin, bithear a’ beachdachadh air a’ cheist mu phrìomhachas gu h-ìosal.

Tha ‘cus’ amasan ro-innleachdail ann

4.27 Thuirt an luchd-freagairt a bha den bheachd gun robh cus amasan ro-innleachdail ann gun robh an àireamh a th’ ann an-dràsta a’ cur bacadh air comas Riaghaltas na h-Alba gus Plana Nàiseanta nan Eilean a lìbhrigeadh. Dh’aithnich a’ bhuidheann gun robh na h-amasan uile cudromach agus gun deach an liosta a sgrìobhadh tro cho-chomhairle nach bu bheag. Bha a’ bhuidheann seo den bheachd gum biodh e na b’ fheàrr fòcas a chur air àireamh nas lugha de phrìomh amasan / amasan ‘deatamach’ agus an lìbhrigeadh - mus rachadh aghaidh a thoirt air amasan eile. A bharrachd air seo, chaidh a ràdh gum biodh e na b’ fhasa adhartas a shealltainn mu choinneamh gach amais nam biodh àireamh nas lugha de dh’amasan ann (fo-sheata den liosta làithreach).

4.28 Mhol diofar luchd-freagairt gum bu chòir ceithir, còig no sia amasan ro-innleachdail a bhith aig a’ char as motha. Bha moladh nas fharsainge ann cuideachd gum bu chòir am fòcas a bhith air cùisean nach tachradh atharrachadh às aonais a’ phlana.

4.29 Bhiodh an fheadhainn a bha airson nas lugha de dh’amasan ro-innleachdail a bhith ann gu tric a’ dèanamh mholaidhean air dè na h-amasan làithreach a bu chòir a chumail agus/no prìomhachas fhaighinn. Ged nach robh aonta daonnan ann mu dè na prìomhachasan a bu chòir a bhith ann, chaidh taigheadas (Amas 4), còmhdhail (Amas 3), leasachadh eaconamach seasmhach (Amas 2 – mhol cuid den luchd-freagairt iomradh bhith a’ bruidhinn air ‘iomairt agus cosnadh’ no, dìreach, ‘cosnadh’) agus ceanglaichean didseatach (Amas 6) uile ainmeachadh gu tric, an dà chuid le buidhnean agus le daoine fa leth. Cuideachd, bha slàinte, cùram sòisealta agus sunnd (Amas 7) air fhaicinn gu farsaing le daoine fa leth mar phrìomh amas.

4.30 Bha luchd-freagairt eile den bheachd gum faodadh cuid de na h-amasan a th’ ann a bhith air an ‘neadachadh’ ann am buidhnean còmhla ri feadhainn eile. Mar eisimpleir, bha moladh ann gum faodadh Amas 5 (bochdainn connaidh) a bhith air a thoirt a-steach do dh’Amas 4 (taigheadas). Bha cuid eile den bheachd gum faodadh cuid de dh’amasan a bhith air an toirt às gu tur – mar eisimpleir, bha aon neach-freagairt den bheachd nach bu chòir ‘àireamh-sluaigh’ (Amas 1) a bhith air fhaicinn mar amas, ach mar chomharra coileanaidh (i.e gun àrdaich an sluagh ma thèid dèiligeadh ri amasan eile agus ma thèid an coileanadh). Bha molaidhean am measg na buidhne seo cuideachd nach bu chòir Amas 13 (buileachadh) a bhith na amas ro-innleachdail.

4.31 Mu dheireadh, chaidh an dà bheachd a bharrachd seo a chur an cèill uair is uair: (i) gum faodadh na h-amasan làithreach a bhith air am prìomhachadh aig ìre ionadail (ìre eileanach), seach taobh a-staigh a’ phlana fhèin; agus (ii) gum bu chòir na h-amasan ro-innleachdail a bhith a’ nochdadh no a’ ceangal nas dlùithe ri Amasan Leasachadh Seasmhach nan Dùthchannan Aonaichte .

Chan eil amasan ro-innleachdail ‘gu leòr’ ann

4.32 Cha robh ach seachdnar den bheachd nach robh gu leòr amasan anns a’ phlana làithreach. Às na daoine seo, thug ceathrar beachdan seachad, agus b’ e dìreach aon dhiubh a thug seachad mìneachadh air dè na h-amasan eile a bha a dhith nam beachd. Ach, mhol dithis neach-freagairt eadar-dhealaichte amasan a bharrachd anns na beachdan aca aig Ceist 4, agus tha na beachdan sin air an gabhail a-steach an seo.

4.33 Bha argamaidean a thaobh amasan a bharrachd mar a leanas:

  • Thog aon neach na duilgheadasan a tha aig mòran choimhearsnachdan eileanach ann a bhith a’ faighinn cothrom air seirbheisean uisge is uisge caithte agus air a’ bhuaidh a tha aig seo air slàinte is sunnd dhaoine, air an àrainneachd agus air leasachadh choimhearsnachdan. Bha an neach-freagairt seo ag argamaid gu bheil cothrom air seirbheisean uisge is slàintealachd a tha sàbhailte agus freagarrach deatamach airson leasachadh taigheadais, agus mar sin gum bu chòir leasachadh ruigsinneachd air na seirbheisean sin a chur ris mar amas ro-innleachdail fa leth ann am Plana Nàiseanta nan Eilean sam bith san àm ri teachd.
  • Bha aon bhuidheann agus aon neach fa leth den bheachd gun deach dearmad a dhèanamh air biadh is deoch (agus tèarainteachd bìdh) gu ìre mhòr sa phlana no nach robh gu leòr prìomhachais aig seo. Mhol an luchd-freagairt seo gum bu chòir biadh is deoch a bhith air a ghabhail a-steach mar amas ro-innleachdail leis fhèin no mar ‘chuspair tar-ghearraidh’ co-cheangailte ri iomadh amas.

4.34 Cuideachd, mhol aon neach-freagairt gum bu chòir amas a bhith ann gus ‘an àrainneachd agus a’ mhuir a dhìon bho thuathan-gaoithe’. Ach, ’s e argamaid an aghaidh togail thuathan-gaoithe a bh’ ann am beachd an neach seo gu ìre mhòr, seach argamaid airson amasan a bharrachd ann am Plana Nàiseanta nan Eilean.

‘Gun bheachd’ air àireamh nan amasan ro-innleachdail

4.35 Thug luchd-freagairt a thuirt nach robh ‘beachd sam bith aca’ air an àireimh de dh’amasan (agus an fheadhainn nach do fhreagair a’ cheist dhùinte) grunn bheachdan seachad.

4.36 Sgrìobh cuid de bhuidhnean agus dhaoine fa leth aithrisean farsaing – ag ràdh nach robh an àireamh de dh’amasan cho cudromach ri (i) na bha anns na h-amasan agus (ii) a bhith dèanamh cinnteach gun gabh an lìbhrigeadh. Mhol aon ùghdarras ionadail gum bu chòir an àireamh de dh’amasan ro-innleachdail a bhith ‘co-rèireach’ agus a’ nochdadh feumalachdan choimhearsnachdan eileanach agus gealltanasan a’ phlana.

4.37 Thug dà bhuidhinn beachdan seachad coltach ris an fheadhainn gu h-àrd a bha den bheachd gun robh ‘cus’ amasan ann. Thug an luchd-freagairt seo fa-near gun robh grunn de na h-amasan an urra ri lìbhrigeadh cuid eile. Mhìnich iad an uair sin na bha iad a’ faicinn mar phrìomh amasan (fo-sheata den fheadhainn a th’ ann an-dràsta) no mhol iad ‘cruinneachadh’ no buidhnean de dh’amasan. Bha an dà bhuidhinn seo den bheachd gum bu chòir beachdachadh air seata nas lugha de dh’amasan nas cuimsichte. Thug tè dhiubh iomradh air Plana Gnìomh Eileanan na h-Èireann, a’ moladh gum faodadh an seòrsa dòigh-obrach amalaichte a thathar a’ cleachdadh sa phlana seo a bhith iomchaidh ann an Alba.

Àireamh nan gealltanasan (C7)

4.38 Tha 134 gealltanasan anns a’ Phlana Nàiseanta làithreach. Dh’fhaighnich Ceist 7 dè am beachd a bh’ aig luchd-freagairt air an àireimh de ghealltanasan.

4.39 Tha clàr 4.3 a’ sealltainn, uile gu lèir, gun robh còrr is an dàrna leth den luchd-freagairt (55%) den bheachd gun robh cus ghealltanasan sa phlana làithreach. Bha nas lugha na aonan às gach deichnear (8%) den bheachd gun robh an àireamh de gheallaidhean dìreach ceart, agus bha 5% den bheachd nach robh gu leòr de ghealltanasan ann. Cha robh beachd sam bith aig an treas cuid den luchd-fhreagairt (33%) air a’ chùis.

4.40 Bha buidhnean (64%) na bu dualtaiche na daoine fa leth (52%) a bhith ag a ràdh gun robh cus ghealltanasan ann. Bha mòr-chuid mhòr de (i) dh’ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach (8 a-mach à 13), (ii) buidhnean / comainn coimhearsnachd (5 a-mach à 6), agus (iii) buidhnean san roinn ‘seòrsaichean buidhne eile’ (4 a-mach à 4) den bheachd gun robh cus ghealltanasan anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean. Ach, thuirt a h-uile buidheann treas roinn, carthannais agus ballrachd a fhreagair a’ cheist seo nach robh beachd aca air a’ chùis.

4.41 Às na 7 luchd-freagairt a bha den bheachd nach robh gu leòr ghealltanasan ann, bha iad uile nan daoine fa leth.

Clàr 4.3: C7 - Dè do bheachd air àireamh nan gealltanasan?

Seòrsa neach-freagairt

Dìreach ceart

Cus

Chan eil gu leòr idir

Chan eil beachd sam bith agam

Iomlan

n

%

n

%

n

%

n

%

n

%

Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach

2

15%

8

62%

0

0%

3

23%

13

100%

Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd

0

0%

5

83%

0

0%

1

17%

6

100%

Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd

0

0%

0

0%

0

0%

4

100%

4

100%

Seòrsaichean buidhne eile

0

0%

5

100%

0

0%

0

0%

5

100%

Buidhnean iomlan

2

7%

18

64%

0

0%

8

29%

28

100%

Daoine iomlan

10

8%

64

52%

7

6%

41

34%

122

100%

Iomlan

12

8%

82

55%

7

5%

49

33%

150

100%

Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.

4.42 Uile gu lèir, thug 100 neach-freagairt (29 buidheann agus 71 neach fa leth) beachdan seachad air Ceist 7. Tha beachdan a chur luchd-freagairt air adhart a thagh gach roghainn air an deasbad gu h-ìosal.

Tha àireamh nan gealltanasan ‘dìreach ceart’

4.43 A-mach às an 12 neach-freagairt a thuirt gun robh an àireamh de gheallaidhean ceart, thug ceithir (dà bhuidhinn phoblach agus dithis dhaoine fa leth) barrachd bheachdan seachad. Bha gach fear de na beachdan sin eadar-dhealaichte; b’ e an aon chuspair sa chumantas (ann an dhà dhiubh) cho cudromach ’s a bha e sùil a chumail air adhartas ann an coileanadh nan gealltanasan.

4.44 Thug ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach fa-near gum feum Plana Nàiseanta nan Eilean a bhith farsaing na raon agus gum bu chòir gach amas ro-innleachdail a bhith ceangailte ri gealltanasan iomchaidh. Ach, bha iad cuideachd den bheachd gun robh e cudromach a bhith a’ toirt seachad stòrasan gu leòr, adhartas a dhèanamh air, agus sùil a chumail air lìbhrigeadh nan gealltanasan.

4.45 Thuirt na daoine fa leth:

  • Bu chòir fiosrachadh a thoirt seachad air mar a thèid na geallaidhean a choileanadh.
  • Tha an àireamh de ghealltanasan a th’ ann an-dràsta àrd-amasach (rud a thathar a’ meas math) ach bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh às dèidh na co-chomhairle làithrich (agus tha e coltach gun tachair seo).

Tha ‘cus’ ghealltanasan ann

4.46 Bha còrr is an dàrna leth den luchd-freagairt den bheachd gun robh cus ghealltanasan anns an tionndadh làithreach de Plana Nàiseanta nan Eilean. San fharsaingeachd, bha a’ bhuidheann seo den bheachd gum biodh e math a bhith a’ prìomhachadh - agus a lìbhrigeadh nas lugha de ghealltanasan.

4.47 Ged a bha beachd ann gun robh cuid de na gealltanasan a th’ ann an-dràsta ‘neo-shoilleir’ no ‘ro fharsaing’, bha beachd eadar-dhealaichte ann cuideachd gun robh an t-seata ghealltanasan a th’ ann aig an àm seo ‘coileanta’, ‘ciallach’ agus ‘stèidhichte air fianais’. Ach, bha an àireamh mhòr de ghealltanasan air dùilean àrdachadh am measg choimhearsnachdan eileanach, agus bha luchd-freagairt a’ faighneachd an gabhadh iad uile a lìbhrigeadh, no fiù ’s a bhith air an sgrùdadh, taobh a-staigh nan stòrasan a tha rim faighinn. Thuirt grunn dhaoine gun robh an liosta làithreach na ‘liosta mhiannan’ seach liosta de ghealltanasan a ghabhadh a lìbhrigeadh.

4.48 Chaidh a’ phuing a thogail cuideachd nach robh cuid de na gealltanasan a’ buntainn ris a h-uile coimhearsnachd eileanach. Mar eisimpleir, chaidh am beachd a thoirt seachad nach robh am fòcas air Gàidhlig agus croitearachd buntainneach anns na h-Eileanan a Tuath.

4.49 Gu tric, bha beachdan gu math sònraichte aig luchd-freagairt mu mar a ghabhadh an liosta làithreach de ghealltanasan a lùghdachadh. Rinn cuid den luchd-freagairt an argamaid nach bu chòir barrachd air còig prìomh ghnìomhan a bhith ann airson gach amas ro-innleachdail. Thug dà bhuidhinn eile san roinn phoblaich fa-near:

  • Chan eil cuid de ghealltanasan a’ buntainn ri builean sònraichte – mar eisimpleir, tha iad a’ nochdadh rùn plana gnìomh a chruthachadh airson builean a tha fhathast ri dhearbhadh.
  • Tha cuid de na gealltanasan nan dleastanasan reachdail a thachradh co-dhiù.
  • Tha cuid de ghealltanasan co-cheangailte ri prògraman no iomairtean poileasaidh nàiseanta a bha a’ dol air adhart mar-thà nuair a chaidh am plana fhoillseachadh agus mar sin chan eil iad a’ toirt dhuinn dad a bharrachd no dad ùr.
  • Tha cuid de ghealltanasan a’ gabhail a-steach ‘obrachadh còmhla ri’ buidhnean no luchd-ùidh eile, no tha iad a’ toirt iomradh air obair a tha buidhnean eile a’ dèanamh. A-rithist, chan eil e soilleir an robh gealltanasan mar seo a’ cur dad a bharrachd ris an obair leantainneach seo.

4.50 Mhol an dà bhuidhinn seo gum bu chòir na gealltanasan sin uile a thoirt air falbh, gus am biodh fòcas nas teinne air obair nach tachradh às aonais Plana Nàiseanta nan Eilean. Thog luchd-freagairt eile am beachd seo.

Chan eil gealltanasan ‘gu leòr’ ann

4.51 Thuirt seachdnar luchd-freagairt fa leth gun robh iad den bheachd nach robh gealltanasan gu leòr sa phlana làithreach. Cha tug ach ceathrar de na daoine sin beachdan a bharrachd seachad, agus cha do leudaich ach aonan air a’ bheachd nach robh gealltanasan gu leòr ann, le bhith a’ moladh gur e ‘toiseach tòiseachaidh’ a bh’ anns an àireamh de ghealltanasan a th’ ann an-dràsta.[2]

‘Gun bheachd’ air àireamh nan gealltanasan

4.52 Thug luchd-freagairt a thuirt nach robh beachd aca air an àireimh de ghealltanasan (agus an fheadhainn nach do fhreagair a’ cheist dhùinte) diofar bheachdan seachad.

4.53 San fharsaingeachd, chuir luchd-freagairt fa leth am beachd air adhart gun robh coileanadh nan gealltanasan nas cudromaiche na àireamh nan gealltanasan. Bha an luchd-freagairt seo airson gnìomhan fhaicinn le toraidhean a ghabhadh a thomhas. Bha buidhnean – agus gu sònraichte na buidhnean coimhearsnachd – gu tric a’ cur a’ bheachd seo an cèill cuideachd.

4.54 Bho àm gu àm, thuirt buidhnean gu bheil na gealltanasan a th’ ann an-dràsta fhathast buntainneach agus àrd-amasach. Mhol cuid de bhuidhnean nach do fhreagair a’ cheist dhùinte gum bu chòir an àireamh de ghealltanasan a bhith ‘co-rèireach’, ‘fiosraichte le fios air ais bhon cho-chomhairle’ agus ‘gun gabh an lìbhrigeadh’ taobh a-staigh co-theacs a’ phlana agus na goireasan a tha rim faighinn.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top