Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


5 Measadh air a’ phlana làithreach (C5, Q8 agus Q9)

5.1 Bha trì ceistean sa cho-chomhairle a dh’fhaighnich de luchd-freagairt dè am beachd air an adhartas a rinneadh a dh’ionnsaigh amasan ro-innleachdail an tionndaidh làithrich de Phlana Nàiseanta nan Eilean, agus dè am beachdan air dè dh’obraich gu math agus dè nach robh cho math.

Ceist 5: Nad bheachd-sa, a bheil an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean air adhartas a dhèanamh a dh’ionnsaigh a bhith a’ coileanadh a Amasan Ro-innleachdail:

  • Amas Ro-innleachdail 1 – Sluagh
  • Amas Ro-innleachdail 2 – Leasachadh eaconamach seasmhach
  • Amas Ro-innleachdail 3 – Còmhdhail
  • Amas Ro-innleachdail 4 – Taigheadas
  • Amas Ro-innleachdail 5 – Bochdainn connaidh
  • Amas Ro-innleachdail 6 – Didseatach
  • Amas Ro-innleachdail 7 – Slàinte, cùram sòisealta agus sunnd
  • Amas Ro-innleachdail 8 – Àrainneachd agus bith-thèarainteachd
  • Amas Ro-innleachdail 9 – Atharrachadh na gnàth-shìde agus cumhachd
  • Amas Ro-innleachdail 10 – Coimhearsnachdan cumhachdach
  • Amas Ro-innleachdail 11 – Ealainean, cultar agus cànan
  • Amas Ro-innleachdail 12 – Foghlam
  • Amas Ro-innleachdail 13 – Buileachadh

[Gun adhartas sam bith / beagan adhartais / adhartas riarachail / adhartas nas àirde na bha dùil]

Ceist 8: San fharsaingeachd, nad bheachd, dè a dh’obraich gu math anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean?

Ceist 9: San fharsaingeachd, dè tha thu a’ smaoineachadh a dh’fhaodadh a bhith air obrachadh na b’ fheàrr anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean?

Beachdan air adhartas a dh’ionnsaigh amasan ro-innleachdail (C5)

5.2 Bha Ceist 5 air a dèanamh suas de 13 ceistean dùinte a sireadh bheachdan an luchd-freagairt air an adhartas a rinneadh a dh’ionnsaigh nan amasan ann am Plana Nàiseanta nan Eilean. Chaidh iarraidh air luchd-freagairt a ràdh, a thaobh gach amas, an robh iad a’ smaoineachadh ‘nach robh adhartas sam bith’ air a bhith ann, ‘glè bheag de dh’adhartas’, ‘adhartas riarachail’ no ‘adhartas nas àirde na bha dùil’.

5.3 Tha Clàr 5.1 a’ sealltainn, a thaobh 11 de na h-amasan, gun robh mòr-chuid den luchd-fhreagairt (eadar 52% agus 80% anns gach suidheachadh) den bheachd nach robh adhartas sam bith ann. B’ e an dà amas far nach robh seo fìor Amas Ro-innleachdail 6 (Didseatach), Amas Ro-innleachdail 11 (Ealainean, Cultar is Cànan) far an robh mòr-chuid de luchd-freagairt den bheachd gun do rinneadh adhartas air choreigin.

5.4 Bha luchd-freagairt na bu bhuailtiche a bhith ag ràdh nach deach adhartas sam bith a dhèanamh mu choinneamh Amas 3 (Còmhdhail) agus Amas 5 (Bochdainn Connaidh). Bha còrr is trì cairteal den luchd-freagairt den bheachd nach deach adhartas sam bith a dhèanamh a dh’ionnsaigh an dà amas sin.

Clàr 5.1: Beachdan air an adhartas a rinneadh a dh’ionnsaigh Amasan Ro-innleachdail sònraichte

Amasan Ro-innleachdail

Gun adhartas sam bith

Beagan adhartais

Deagh adhartas

Adhartas nas fheàrr na bhathar an dùil

Iomlan

n

%

n

%

n

%

n

%

n

%

SO 1: Àireamh-shluaigh

89

64%

46

33%

3

2%

1

1%

139

100%

SO 2: Leasachadh eaconamach seasmhach

74

53%

55

40%

10

7%

0

0%

139

100%

SO 3: Còmhdhail

115

80%

26

18%

1

1%

1

1%

143

100%

SO 4: Taigheadas

81

58%

53

38%

5

4%

1

1%

140

100%

SO 5: Bochdainn Connaidh

106

75%

31

22%

4

3%

0

0%

141

100%

SO 6: Didseatach

61

43%

52

37%

26

18%

2

1%

141

100%

SO 7: Slàinte, Cùram Sòisealta, Sunnd

78

56%

51

37%

9

6%

1

1%

139

100%

SO 8: Àrainneachd is Bith-iomadachd

80

58%

40

29%

17

12%

1

1%

138

100%

SO 9: Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Cumhachd

73

52%

53

38%

9

6%

5

4%

140

100%

SO 10: Coimhearsnachdan le Cumhachd agus Com-pàirteachas Ionadail Làidir

82

59%

41

29%

16

11%

1

1%

140

100%

SO 11: Ealainean, Cultar is Cànan

59

43%

51

37%

25

18%

3

2%

138

100%

SO 12: Foghlam

74

52%

52

37%

16

11%

0

0%

142

100%

SO 13: Buileachadh

76

54%

60

43%

4

3%

1

1%

141

100%

Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.

5.5 Ach bha eadar-dhealachaidhean eadar buidhnean agus daoine fa leth a thaobh freagairtean nan ceistean seo. Bha buidhnean nas dualtaiche na daoine fa leth a bhith den bheachd gun deach beagan adhartais a dhèanamh (mar as trice adhartas beag no riarachail) a thaobh nan amasan gu lèir ach a-mhàin Còmhdhail agus Bochdainn Connaidh. Bha mòr-chuid de bhuidhnean, den bheachd nach deach adhartas sam bith a dhèanamh a dh’ionnsaigh nan amasan sin, mar a bha fìor cuideachd a thaobh luchd-freagairt fa leth. Bha buidhnean na bu dualtaiche a ràdh gun deach adhartas air choreigin a dhèanamh a thaobh Amas 6 (Didseatach), Amas 8 (Àrainneachd agus Bith-iomadachd), agus Amas 11 (Ealain, Cultar agus Cànan). ’S e seo ri ràdh gur iad as neo-bhuailtiche a bhith ag ràdh nach d’ rinneadh adhartas sam bith. Faic Eàrr-ràdh 3 airson mìneachadh mionaideach air na co-dhùnaidhean ann an Clàr 5.1, a rèir seòrsa neach-freagairt.

5.6 Thòir an aire gun robh ìre fhreagairt gu sònraichte ìosal am measg bhuidhnean do gach tè de na 13 pàirtean den cheist seo. Fhreagair eadar 18 agus 21 de na 39 buidhnean gach pàirt den cheist. Mar sin feumar a bhith faiceallach ann a bhith a’ mìneachadh nan co-dhùnaidhean.

Dè a dh’obraich gu math sa phlana làithreach? (C8)

5.7 B’ e ceist fhosgailte a bh’ ann an Ceist 8 gun cheist dhùinte roimhpe a dh’fhaighnich de luchd-freagairt na bha iad a’ smaoineachadh a bha air obrachadh gu math anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean.

5.8 Bha ceithir prìomh chuspairean anns na freagairtean Bha iad sin co-cheangailte ri: (i) cho cudromach ’s a tha am plana ann a bhith ag àrdachadh ìomhaigh eileanan na h-Alba agus a’ toirt seachad frèam airson planadh, (ii) maoineachadh, taic agus co-obrachadh air a sholarachadh tron phlana, (iii) an ìre co-chomhairleachaidh a chaidh a dhèanamh ann a bhith a’ cruthachadh a’ phlana, agus (iv) sgrùdadh agus aithris. Thathar a’ coimhead orra seo uile gu luath gu h-ìosal:

5.9 A bharrachd air na ceithir prìomh chuspairean, chomharraich luchd-freagairt leasachaidhean sònraichte uaireannan a bha iad a’ smaoineachadh a bha air tighinn bhon phlana. Tha geàrr-chunntas orra seo gu h-ìosal fon cheann ’beachdan eile air na dh’obraich gu math’.

5.10 Thoir an aire gun robh beachd caran cumanta ann am measg luchd-freagairt fa leth nach robh ‘rud sam bith’ air obrachadh gu math. Gu tric, thuirt an luchd-freagairt a bha den bheachd seo nach robh iad mothachail air pròiseactan sam bith a chaidh a chrìochnachadh no air leasachaidhean sam bith air beatha eileanach. A bharrachd air sin, thuirt beagan dhaoine fa leth nach robh iad eòlach air a’ phlana roimhe seo ach nach robh iad air builean adhartach sam bith a mhothachadh a bhiodh iad an dùil a bha mar thoradh air a’ phlana.

Ag àrdachadh ìomhaigh nan coimhearsnachdan eileanach agus a bhith mar fhrèam airson planadh

5.11 B’ e an cuspair a bu chumanta ann am beachdan luchd-freagairt air Ceist 8 gun robh Plana Nàiseanta nan Eilean air ìomhaigh eileanan na h-Alba a thogail agus air fòcas ‘air a bheil feum mòr’ a chur air na dùbhlain agus na prìomhachasan a th’ aig coimhearsnachdan eileanach. Sheall e cuideachd deòin aig Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ cur aghaidh air na dùbhlain agus na prìomhachasan sin. Chaidh am beachd seo a chur an cèill an dà chuid le buidhnean agus daoine fa leth, agus am measg gach seòrsa buidhne.

5.12 Thuirt luchd-freagairt gun robh àrdachadh ìomhaigh eileanan na h-Alba air barrachd aire a chur air feumalachdan choimhearsnachdan eileanach ann an grunn raointean poileasaidh a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, Frèam Planaidh Nàiseanta 4 agus cruthachadh Treas Ro-innleachd Cleachdadh Fearainn na h-Alba .[3]

5.13 Thuirt luchd-freagairt cuideachd, ann a bhith a’ suidheachadh amasan agus gealltanasan ro-innleachdail, gun robh Plana Nàiseanta nan Eilean air frèam a chruthachadh airson gnìomhachd, a’ toirt cothrom air goireasan a bhith air an cuimseachadh ann an dòigh a tha iomchaidh agus comasach a lìbhrigeadh ann an co-theacs eileanach.

Maoineachadh, taic agus co-obrachadh

5.14 B’ e an dàrna cuspair coitcheann – a thogadh mar as trice le buidhnean a fhreagair – gun deach fàilte a chur air a’ mhaoineachadh chuimsichte a chaidh a sholarachadh tro Phrògram nan Eilean (a’ gabhail a-steach Maoin Bun-structair nan Eilean, Maoin Èiginn Cosgaisean nan Eilean, agus Maoin Coimhearsnachd nan Eilean) agus gun robh iad air cur ri raon de thasgaidhean ionadail. Thuirt cuid gun robh na coimhearsnachdan ionadail aca air a bhith an sàs ann a bhith a’ co-dhùnadh ciamar a rachadh am maoineachadh a chleachdadh.

5.15 Thog luchd-freagairt cuideachd an taic a bha ri fhaighinn bho Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba. Thuirt cuid gun robh buill Sgioba nan Eilean air a bhith cuideachail agus furasta bruidhinn riutha, agus gun robh iad dealasach a thaobh conaltradh le coimhearsnachdan eileanach agus mu na cùisean a bha a’ toirt buaidh orra. Bha beachd am measg an luchd-fhreagairt gun robh na dàimhean matha a bha iad air cruthachadh le buill Sgioba nan Eilean air a bhith luachmhor ann a bhith a’ cruthachadh co-thuigse mu mhiannan, planaichean agus chuingealachaidhean. Thuirt cuid gun robh e gu sònraichte cuideachail prìomh oifigear a bhith ann taobh a-staigh an sgioba airson buidhnean eileanan sònraichte ann a bhith dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh math ann agus tuigse air cùisean ionadail.

Co-chomhairle

5.16 Bha cuid den luchd-fhreagairt – gach cuid buidhnean agus daoine fa leth – den bheachd gun robh am pròiseas co-chomhairleachaidh a bha air cruthachadh Plana Nàiseanta nan Eilean fhiosrachadh gu math feumail. Bha a’ bhuidheann seo a’ cur luach anns na coinneamhan aghaidh-ri-aghaidh a chaidh a chumail le eileanaich fhad ‘s a bha iad ag ullachadh, a’ cur an gnìomh agus ag ath-sgrùdadh a’ phlana. Bha cuid a’ smaoineachadh gun robh Sgioba nan Eilean air ‘èisteachd’ agus gun robh iad a’ tuigsinn gur e a bhith a’ bruidhinn ri eileanaich an rud as cudromaiche gus coimhearsnachdan eileanach a dhèanamh nas seasmhaiche. Thuirt cuid de bhuidhnean gu bheil plana ‘stèidhichte air fianais’ ann mar thoradh air an ìre seo de chonaltradh.

Sgrùdadh agus aithris

5.17 Thuirt cuid de luchd-freagairt - ùghdarrasan ionadail no buidhnean poblach eile sa mhòr-chuid - gun robh aithisgean bliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean ‘coileanta’. Thuirt cuid eile gun robh iad a’ cur fàilte air foillseachadh bliadhnail nan aithisgean seo a tha ‘a’ sealltainn gu soilleir an ìre adhartais mhòir a chaidh a lìbhrigeadh san ùine seo’. Ach bha molaidhean ann cuideachd gus piseach a thoirt air na h-aithisgean bliadhnail. Thèid beachdachadh orra seo còmhla ri beachdan eile a rinneadh aig Ceist 9 (air dè bhiodh air obrachadh na b’ fheàrr).

5.18 Thuirt luchd-freagairt cuideachd cho cudromach ’s a tha Suirbhidh Plana Nàiseanta nan Eilean a tha a’ cruthachadh comas toraidhean bho eileanan fa leth anns gach buidheann eileanach a bhith air an sealltainn fa leth. Chuir luchd-freagairt fàilte air a’ ghealltanas gun tèid an suirbhidh a chumail a-rithist gach dà bhliadhna agus thuirt iad gun gabhadh adhartas thar ùine a thomhas leis a seo.

Beachdan eile air na dh’obraich gu math

5.19 Chomharraich daoine fa leth leasachaidhean sònraichte san sgìre aca a bha iad a’ smaoineachadh a bha air tighinn bho Phlana Nàiseanta nan Eilean - chomharraich buidhnean seo cuideachd ach chan ann cho tric. Mar bu trice, chomharraich luchd-freagairt fa leth leasachaidhean ann an ceanglaichean ionadail, ged a chaidh briseadh-dùil a nochdadh cuideachd nach robh bann-leathann luath fhathast uile-choitcheann ann an coimhearsnachdan eileanach. Thug cuid iomradh cuideachd air leasachaidhean ionadail ann an taigheadas agus planaichean san àm ri teachd airson a bhith a’ togail taigheadais sòisealta. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air leasachaidhean air seirbheisean bus ionadail (ann an aon sgìre) agus cruthachadh co-ionad cùram-slàinte inntinn (ann an sgìre eile), còmhla ri atharrachaidhean adhartach a thaobh cànan is cultar (Gàidhlig gu sònraichte).

5.20 Thog cuid de bhuidhnean pròiseactan sònraichte a bha air am maoineachadh rè ùine a’ phlana, a’ gabhail a-steach pròiseactan ann an Arainn agus Cumaradh, obair air atharrachadh na gnàth-shìde agus cothromachadh-carboin, agus adhartas a thaobh cumhachd ath-nuadhachail.

Dè a dh’fhaodadh a bhith air obrachadh na b’ fheàrr sa phlana làithreach? (C9)

5.21 B’ e ceist fhosgailte a bh’ ann an Ceist 9 gun cheist dhùinte roimhpe a dh’fhaighnich dè dh’fhaodadh a bhith air obrachadh na b’ fheàrr anns an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean.

5.22 Chaidh còig prìomh chuspairean a thogail anns na beachdan aig a’ cheist seo. Bha iad sin co-cheangailte ris na leanas: (i) na h-amasan, gealltanasan, agus cho cudromach ’s a tha buileachadh, (ii) gum feumar sùil a chumail air adhartas agus soirbheas a thomhas, (iii) maoineachadh agus dòighean maoineachaidh, (iv) cleachdadh Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach (ICIAan), agus (v) co-obrachadh, com-pàirteachadh agus conaltradh. Thathar a’ coimhead orra seo uile gu h-ìosal:

5.23 Bha e cumanta cuideachd do bhuidhnean agus daoine fa leth amasan sònraichte a chomharrachadh a bha iad a’ meas cudromach, ris nach deach aghaidh a chur (no ris nach deach dèiligeadh gu h-iomchaidh), sna choimhearsnachdan eileanach aca. Tha geàrr-chunntas de na beachdan sin air a thoirt seachad gu h-ìosal fon cheann ‘Beachdan eile mu na dh’fhaodadh a bhith air obrachadh na b’ fheàrr’.

Amasan agus gealltanasan agus cho cudromach ’s a tha e a bhith gam buileachadh

5.24 Mar a chaidh a dheasbad ann an Caibideil 4 a thaobh Cheistean 6 agus 7, bha cuid den luchd-fhreagairt den bheachd gum biodh Plana Nàiseanta nan Eilean air obrachadh na b’ fheàrr le seata amasan nas lugha – no le prìomhachadh – agus bha a’ mhòr-chuid den bheachd gum biodh e air obrachadh na b’ fheàrr le nas lugha de ghealltanasan le barrachd fòcas.

5.25 Bha beachd ann cuideachd a nochd uair is uair nach robh am plana soilleir mu lìbhrigeadh. Bha aonta am measg an luchd-freagairt gum bu chòir am plana cur an cèill gu soilleir dè an t-atharrachadh ris am biodh dùil rè ùine a’ phlana, le clachan-mìle. Chaidh a’ phuing a thogail nach robh am Mapa Slighe Buileachaidh èifeachdach leis nach do phrìomhaich e na 134 gealltanasan is nach do shuidhich e slighe lìbhrigidh. Bhathar den bheachd seo, gu ìre, leis gun robh iad den bheachd nach bu chòir do chuid de na gealltanasan làithreach a bhith anns a’ phlana. (Faic Caibideil 4, paragrafan 4.49 agus 4.50 gu sònraichte.)

A’ cumail sùil air agus a’ tomhas soirbheachas

5.26 A’ leantainn air a’ phuing mu dheireadh, bha luchd-freagairt den bheachd nach robh frèam stiùireadh coileanaidh èifeachdach sa phlana a bha a’ fàgail nach robh e comasach adhartas a dhearbhadh.

5.27 Bha luchd-freagairt ag iarraidh amasan SMART a bhith ann – le gach gealltanas co-cheangailte ri gnìomh sònraichte le clàr-ama lìbhrigidh soilleir. Thuirt iad cuideachd gum biodh e cuideachail nam biodh am plana air comharrachadh (i) an fheadhainn le uallach airson lìbhrigeadh, (ii) comharran coileanaidh, (iii) stòrasan iomchaidh, agus (iv) ceanglaichean ri gnìomhan tar-ghearrach buntainneach ann an iomairtean eile (m.e. Aonta nan Eilean, Plana Tasgaidh Bun-structair Nàiseanta, msaa).

5.28 Chaidh a mholadh gun rachadh seata de chomharraidhean coileanaidh a stèidheachadh gus lìbhrigeadh nan amasan a phlanadh san àm ri teachd. Bha comharran a chaidh a mholadh a’ gabhail a-steach atharrachadh sluaigh, gnìomhachasan air an tòiseachadh, brisidhean còmhdhail, solar thaighean, bochdainn connaidh, bun-structar didseatach, is msaa. Bha beachd ann nach eil Clàr-innse Ioma-bhochdainn na h-Alba (SIMD) ro fhreagarrach airson coimhearsnachdan eileanach agus gum biodh e na b’ iomchaidh seata chomharran nas fharsainge, no tionndadh eileanach den SIMD, a chruthachadh. Mhol aon neach-freagairt gun rachadh ‘Bun-inbhe Teachd-a-steach’ a chleachdadh, a sheallas na dh’fheumas teaghlaichean a chosg gus ìre-beatha iomchaidh a ruighinn. Bha moladh ann cuideachd gum bu chòir comharran agus targaidean co-cheangailte ris na h-eileanan a bhith ann am Frèam Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba, stèidhichte air a’ phlana.

5.29 Ged a thuirt luchd-freagairt gu tric (airson Ceist 8) gun robh iad a’ cur luach ann an aithisgean bliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean, thuirt iad cuideachd (airson Ceist 9) gun robh feum air leasachaidhean. Bha luchd-freagairt ag iarraidh gum biodh fòcas nas soilleire aig an aithris bhliadhnail air an adhartas a chaidh a choileanadh an da-rìribh ann an coimhearsnachdan eileanach, le cuid a’ cur air adhart na h-argamaid nach eil foillseachadh ro-innleachd eile ‘a’ ciallachadh gu bheil adhartas ga dhèanamh air an talamh’. Thuirt cuid cuideachd gun robh e an dà chuid a’ lagachadh creideas sa phlana agus a’ dèanamh dì-meas air buidhnean eile a bhith a’ comharrachadh gun robh builean a chaidh a lìbhrigeadh le treas phàrtaidhean gu ìre mhòr mar thoradh air Plana Nàiseanta nan Eilean

5.30 Mar a chaidh a thoirt fa-near san deasbad aig Ceist 8, bhathar a’ faicinn Suirbhidh Plana Nàiseanta nan Eilean mar nì feumail gus sùil a chumail air cur an gnìomh eileamaidean den Phana. Ach, aig Ceist 9, thuirt luchd-freagairt gur dòcha nach e seo am fuasgladh air fad airson a bhith a’ toirt piseach air sgrùdadh cur an gnìomh a’ phlana.

Maoineachaidh agus modhan maoineachaidh

5.31 Bha maoineachadh agus modhan maoineachaidh nan cuspairean cudromach a nochd uair is uair anns na freagairtean bho bhuidhnean – agus gu sònraichte freagairtean aig ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile. San fharsaingeachd, bha luchd-freagairt ag iarraidh pròiseasan maoineachaidh nas sìmplidhe, nas co-òrdanaichte, le nas lugha de thagraidhean farpaiseach. Bha iad airson ’s gum biodh maoineachadh fo Phlana Nàiseanta nan Eilean a’ gabhail a-steach an dà chuid cosgaisean calpa agus teachd a-steach. Thuirt cuid den luchd-fhreagairt gun robh dìth soilleireachd ann a thaobh a’ bhuidseit a bha ri fhaighinn gus am plana a lìbhrigeadh thairis air a bheatha, no fiù ’s bho bhliadhna gu bliadhna. Tha na puingean a leanas a’ sealltainn an t-seòrsa bheachdan a chaidh a chur an cèill:

  • Thugadh fa-near gun deach cuid de ghnìomhan a chur an gnìomh tro bhith a’ cruthachadh mhaoinean ùra air an rianachd tro eadar-mheadhanairean, seach a bhith a’ toirt seachad goireasan gu dìreach do na buidhnean a tha ag obair ann an agus còmhla ri coimhearsnachdan eileanach mar-thà. Bhiodh buaidh na bu motha ann nam biodh lìbhrigeadh air a dhèanamh nas sìmplidh, agus le bhith a’ cleachdadh dhòighean a th’ ann mar-thà (le maoineachadh èifeachdach), seach a bhith a’ cruthachadh feadhainn ùra.
  • Bha beachd ann bho aon ùghdarras ionadail gun gabhadh builean nas fheàrr a choileanadh ann an dòigh nas èifeachdaiche le bhith a’ riarachadh a’ bhuidseat lìbhrigidh aig Plana Nàiseanta nan Eilean de £30m gu dìreach do dh’ùghdarrasan ionadail eileanach. Dh’aontaich dàrna ùghdarras ionadail leis a’ bheachd seo, a’ moladh gum bu chòir tabhartais ioma-bliadhna cinnteach le clàr-ama phròiseactan nas fhaide a chur an àite a’ phròiseas tagraidh farpaisich (a tha ann aig an àm seo). Chaidh a ràdh gum biodh an t-seòrsa dòigh-obrach seo a’ toirt barrachd cinnt seachad a thaobh maoineachadh do leasachaidhean deatamach.
  • Ged a chaidh fàilte a chur air maoineachadh fon phlana, bhiodh maoineachadh calpa a bharrachd – agus maoineachadh teachd a-steach sònraichte do dh’eilean – air barrachd taic a thoirt do lìbhrigeadh phrìomhachasan a’ phlana. Feumaidh maoineachadh do choimhearsnachdan eileanach a bhith a rèir nan cosgaisean bith-beò is gnìomhachas nas àirde sna eileanan.
  • Feumar ‘an suidheachadh maoineachaidh bhon taobh a-muigh’ a dhèanamh nas sìmplidhe co-cheangailte ri Plana Nàiseanta nan Eilean. Bha luchd-freagairt den bheachd gum bu chòir co-òrdanachadh nas fheàrr a bhith ann eadar Prògram nan Eilean agus maoinean calpa eile is iomairtean eile air am planadh airson nan eilean – an dà chuid aig ìre ùghdarrais ionadail agus aig ìre nàiseanta. Feumaidh sruthan maoineachaidh a bhith a’ cur ri agus a’ dol còmhla ri tasgadh leantainneach planaichte, agus feumaidh ùghdarrasan eileanach a bhith comasach air ullachadh airson – seach a bhith a’ dèiligeadh ris – a’ mhaoin a tha ri fhaighinn. Nì seo cinnteach gum faighear an luach as fheàrr bhon mhaoineachadh a tha ri fhaighinn.
  • Bu chòir dòigh-obrach chothromach agus cunbhalach a chleachdadh airson a bhith a’ riarachadh maoineachadh do choimhearsnachdan eileanach.

Cleachdadh Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach (ICIAan)

5.32 Nochd buidhnean agus daoine fa leth draghan mun dìth cunbhalachd is càileachd a bha ri fhaicinn ann an cleachdadh ICIAan nam beachd. Bha beachd ann nach eil na measaidhean sin daonnan gan dèanamh aig an àm cheart agus / no nach eil iad gan dèanamh ann an dòigh iomchaidh. Thuirt cuid de luchd-freagairt gur dòcha gun robh seo fìor a chionn ’s nach eil tuigse fharsaing ann air pròiseas nan ICIA. Bhathar den bheachd gun robh (i) barrachd soilleireachd a dhìth a thaobh na h-inbhe a bu chòir ICIA a choileanadh, agus (ii) gun robh feum air ath-sgrùdadh air cleachdadh na dòigh-obrach seo gus dèanamh cinnteach gu bheil e iomchaidh. Thuirt luchd-freagairt gum bu chòir ICIAan a dhèanamh airson leasachadh no buileachadh poileasaidh sam bith a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan eileanach, agus gum bu chòir an coileanadh gu cunbhalach agus gu h-èifeachdach, agus gum bu chòir beachdachadh gu h-iomlan air a h-uile buaidh a dh’fhaodadh a bhith air coimhearsnachdan eileanach, le fios air ais air a thoirt seachad mu na gnìomhan no atharraichean a thig às.

5.33 Bha molaidhean (agus iarrtasan) ann gum bu chòir clàr ruigsinneach de ICIAan a stèidheachadh, oir nan robh seo ann, ghabhadh measadh air èifeachdachd ICIAan a dhèanamh bho shealladh nan daoine air a bheilear ag amas buannachd fhaighinn asta (i.e. coimhearsnachdan eileanach).

5.34 Rinneadh argamaid cuideachd gum bu chòir ICIAan a bhith riatanach do ghnìomhachasan a bharrachd air buidhnean reachdail. Thug aon neach-freagairt fa-near gu bheil daoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan eileanach fhathast a’ fulang ana-cothroman mòra a thaobh lìbhrigeadh agus prìsean sheirbheisean riatanach (a’ gabhail a-steach lùths, tele-chonaltradh, bancaireachd agus lìbhrigeadh) bho sholaraichean coimeirsealta air tìr-mòr. Bha dragh sònraichte ann cuideachd nach eilear a’ beachdachadh gu cunbhalach air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith air a’ Ghàidhlig ann am pròiseasan nan ICIA (mar a bu chòir).

Co-obrachadh, com-pàirteachadh is conaltradh

5.35 Rinn an dà chuid buidhnean agus daoine fa leth farsaingeachd de phuingean air cuspairean co-cheangailte ri co-obrachadh, com-pàirteachadh agus conaltradh le coimhearsnachdan eileanach.

5.36 Ged a thuirt cuid de na buidhnean a fhreagair gu soilleir gun robh iad air luach a chur air an ìre conaltraidh a bh’ aca le Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba (agus gun robh seo air còrdadh riutha), bha cuid eile a’ nochdadh miann airson barrachd conaltraidh no conaltradh nas fheàrr Tha na puingean a leanas a’ sealltainn an t-seòrsa bheachdan a chaidh a chur an cèill:

  • Mar thoradh air farsaingeachd agus ballrachd Buidheann Lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean agus cleachdadh àrd-ùrlaran air-loidhne, tha e air a bhith duilich coinneamhan a riaghladh agus pàirt a ghabhail annta. Bha moladh ann gum bu chòir cruth le buidhnean nas lugha a bhith ann gus conaltradh nas dìriche agus nas brìoghmhoire a chomasachadh. Thug aon neach-freagairt iomradh air an dòigh-obrach a chleachd Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba a thaobh Bann nan Eilean mar eisimpleir air mar a dh’fhaodadh conaltraidh dìreach obrachadh. Thuirt an aon neach-freagairt cuideachd gun robh coinneamhan aig Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean ag obair gu math.
  • Feumar barrachd conaltraidh a dhèanamh le solaraichean seirbheis slàinte is cùram sòisealta agus leis na buidhnean riochdachaidh aca a thaobh feumalachdan slàinte is cùram sòisealta choimhearsnachdan eileanach.

5.37 Bheachdaich cuid den luchd-freagairt (an dà chuid buidhnean agus daoine fa leth) gu sònraichte air an fheum a bhith a’ co-obrachadh barrachd – agus nas trice – le luchd-còmhnaidh ionadail. Thugadh fa-near gu bheil cuid de bhuill choimhearsnachdan eileanach mothachail gu bheil plana nan eilean ann ach nach eil mòran fios aca air na th’ amasan aige. Bha beachd ann gun robh feum air brosnachadh nas fheàrr air a’ phlana gus cur ri conaltradh. A bharrachd air sin, cha bu chòir conaltradh a thighinn gu crìch aig àm foillseachaidh, ach a bhith a’ leantainn air adhart fhad ’s a tha am plana air a bhuileachadh.

5.38 Chaidh a ràdh cuideachd ged a tha ùghdarrasan ionadail le uallach airson coimhearsnachdan eileanach air a dhol an sàs ann am Plana Nàiseanta nan Eilean, nach eil e cho soilleir ciamar a tha buidhnean poblach eile air a dhol an sàs ann. Thuirt luchd-freagairt cho cudromach ’s a tha e gum bi cùram slàinte is sòisealta, fearann agus coilltearachd, companaidhean co-cheangailte ri aiseagan agus SEPA a’ toirt feart air a’ phlana nuair a bhios iad a’ dealbhadh sheirbheisean / iomairtean.

Beachdan eile air na dh’fhaodadh a bhith air obrachadh na b’ fheàrr

5.39 Bha cuid de luchd-freagairt fa-leth agus, gu ìre nas lugha, de bhuidhnean, a’ cuimseachadh air amasan sònraichte far an robh iad den bheachd nach deach mòran adhartais a dhèanamh a dh’ionnsaigh nan amasan sin.

5.40 Chaidh còmhdhail ainmeachadh uair is uair sa cho-theacsa seo. Thug luchd-freagairt iomradh air còmhdhail phoblach ‘cho neo-iomchaidh is gu bheil e tàmailteach’, droch sheirbheisean aiseig, agus dìth slighean coiseachd is baidhsagal iomchaidh. Chaidh draghan sònraichte a nochdadh mun dìth aire a chaidh a thoirt do bhàtaichean-aiseig ùra sna h-Eileanan a Tuath, cho mì-dheònach ’s a bhathar a bhith a’ cleachdadh catamaranan (chaidh aithris gu bheil iad nas earbsaiche agus nas saoire ri ruith na aiseagan àbhaisteach), agus mun neo-ionannachd a tha ann an cuid de dh’eileanan a chionn ’s gum feum clann pàigheadh airson siubhal dhan sgoil air aiseag, ged as urrainn do chloinn ann an àiteachan eile ann an Alba siubhal dhan sgoil an-asgaidh air bus.[4]

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top