Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle
Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.
6 Feum air plana ùr (C10 agus C11)
6.1 Bha an dà cheist co-chomhairleachaidh mu dheireadh a’ cuimseachadh air a’ cheist a bheil fheum air tionndadh ùr de Phlana Nàiseanta nan Eilean. Chaidh faighneachd dhan luchd-fhreagairt an robh iad den bheachd gu bheil feum air plana ùr, agus ma tha, dè an cruth a bu chòir a bhith air agus dè bu chòir a bhith ann.
Ceist 10: A bheil thu a’ smaoineachadh gum bu chòir plana ùr a bhith ann do dh’Eileanan na h-Alba? [Tha / Chan eil / Chan eil fhios agam]
Mìnich do fhreagairt
Ceist 11: Dè bu toil leat fhaicinn ann am Plana Nàiseanta nan Eilean ùr no ùraichte? [Ùraich am Plana Naiseanta làithreach ach cùm an aon chruth / Tha plana gu tur ùr a dhìth /Rudeigin eile]
Faodaidh tu do fhreagairt a leudachadh sa bhogsa gu h-ìosal.
Beachdan air a’ cheist a bheil feum air Plana Nàiseanta Eileanach ùr (C10)
6.2 Dh’fhaighnich ceist 10 an robh luchd-freagairt den bheachd gum bu chòir plana ùr a bhith ann do dh’Eileanan na h-Alba.
6.3 Tha Clàr 6.1 a’ sealltainn gun robh mòr-chuid mhòr den luchd-freagairt (73%) den bheachd gum bu chòir plana ùr a bhith ann, agus gun robh 12% den bheachd nach bu chòir, agus nach robh fios aig 15%.
6.4 Bha pàtran nam freagairtean aig buidhnean agus daoine fa leth glè choltach ri chèile.
Seòrsa neach-freagairt |
Tha |
Chan eil |
Chan eil fhios agam |
Iomlan |
||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|
n |
% |
n |
% |
n |
% |
n |
% |
|
Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach |
10 |
71% |
2 |
14% |
2 |
14% |
14 |
100% |
Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd |
5 |
71% |
1 |
14% |
1 |
14% |
7 |
100% |
Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd |
5 |
71% |
1 |
14% |
1 |
14% |
7 |
100% |
Seòrsaichean buidhne eile |
4 |
100% |
0 |
0% |
0 |
0% |
4 |
100% |
Buidhnean iomlan |
24 |
75% |
4 |
13% |
4 |
13% |
32 |
100% |
Daoine iomlan |
90 |
73% |
15 |
12% |
19 |
15% |
124 |
100% |
Iomlan, a h-uile neach-freagairt |
114 |
73% |
19 |
12% |
23 |
15% |
156 |
100% |
Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.
6.5 Uile gu lèir, thug 137 neach-freagairt (35 buidheann agus 102 neach fa leth) beachdan seachad air Ceist 10 gus na freagairtean aca a mhìneachadh. Bha e follaiseach bho na beachdan gun robh luchd-freagairt air a’ cheist seo a thuigsinn – gun robh iad air dè bh’ ann am ‘plana ùr’ a thuigsinn – ann an dòighean eadar-dhealaichte. Gu sònraichte, thug a’ mhòr-chuid den luchd-fhreagairt a fhreagair ‘chan eil no ‘chan eil fios agam’ beachdan ann a bha a’ sealltainn gur dòcha gun robh iad ag iarraidh plana ùraichte no ath-sgrùdaichte, seach plana gu tur ùr no gun phlana sam bith a bhith ann. Mar sin, cha robh a’ mhòr-chuid den fheadhainn a fhreagair ‘chan eil fios agam’ mì-chinnteach an robh feum air plana. San aon dòigh, bha cuid a fhreagair ‘tha’ cuideachd ag iarraidh plana ùraichte no ath-sgrùdaichte, seach plana gu tur ùr. Leis na diofar chiallan a dh’fhaodadh a bhith aig a’ cheist seo, bu chòir dèiligeadh gu faiceallach ris na figearan airson Clàr 6.1. Is e a’ phrìomh theachdaireachd, ge-tà, gun robh a’ mhòr-chuid den luchd-fhreagairt airson ’s gun leanadh Plana Nàiseanta nan Eilean ann an dòigh air choreigin.
6.6 Tha an deasbad gu h-ìosal a’ mìneachadh beachdan luchd-freagairt air carson a tha feum air plana ùr / ath-sgrùdaichte – no, carson nach eil feum air, bhon fheadhainn a thuirt seo gu soilleir.
6.7 Bhruidhinn luchd-freagairt gu tric aig Ceist 10 cuideachd air na h-atharrachaidhean a bha iad airson fhaicinn ann am plana ath-sgrùdaichte. Bha mòran de na molaidhean seo an dàrna cuid ag ath-aithris an fheadhainn a rinneadh aig Ceist 9 (a bha a’ faighneachd ‘dè a dh’fhaodadh a bhith air obrachadh na b’ fheàrr sa phlana làithreach’), no bha iad a’ dol thairis air puingean a rinneadh aig Ceist 11 (a dh’fhaighnich ‘dè bu chòir a bhith ann am plana ùr no ath-sgrùdaichte sam bith san àm ri teachd’). Chan eil na puingean sin gan ath-aithris an seo.
Carson a tha feum air plana ùr – no ath-sgrùdaichte
6.8 Thug luchd-freagairt grunn adhbharan seachad airson a ràdh carson a bha iad den bheachd gun robh feum air plana ùr. Thoir an aire gun deach cuid de na h-adhbharan sin a thoirt seachad cuideachd le luchd-freagairt a fhreagair ‘cha bu chòir’ no ‘chan eil fhios agam’ dhan cheist dhùinte aig Ceist 10.
- Bha an adhbhar tùsail airson a’ phlana fhathast làidir. Tha am plana a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ beachdachadh agus a’ cur aghaidh air feumalachdan agus suidheachaidhean dùbhlanach nan eilean agus nan coimhearsnachdan eileanach. Tha e cudromach nach caillear eileamaidean adhartach a’ phlana làithrich ann am plana ùr/ath-sgrùdaichte sam bith.
- Tha dìth adhartais air a bhith ann thar nan còig bliadhna a dh’fhalbh a thaobh dèiligeadh ris na prìomhachasan as cudromaiche a th’ aig coimhearsnachdan eileanach – ann an cuid de shuidheachaidhean ri linn tachartasan ris nach robh dùil leithid Brexit agus galar lèir-sgaoilte Covid. Le plana ùr / ath-sgrùdaichte, nithear adhartas (no nithear barrachd adhartais).
- Tha barrachd feum air Plana Nàiseanta nan Eilean a-nis na bha bho chionn còig bliadhna, agus tha co-leanailteachd nan eilean mar bhuidheann cuideachd nas motha. Mar sin, tha rùintean plana ùr/ath-sgrùdaichte sam bith nas ruigsinniche a-nis.
- Tha am plana làithreach air diofar a dhèanamh ann a bhith a’ brosnachadh beatha chultarail ann am eileanan na h-Alba. Bu chòir seo leantainn ann am plana ùr/ath-sgrùdaichte sam bith.
- Feumar am plana ùrachadh gus atharrachaidhean anns a’ chruth-tìre poileasaidh a nochdadh a bharrachd air cothroman ùra, prìomhachasan agus dùbhlain a bharrachd a tha air èirigh anns na còig bliadhna a dh’fhalbh. Thuirt aon neach-freagairt gun robh feum air plana ùr/ath-sgrùdaichte, a thaobh còmhdhail agus lùths a-mhàin.
6.9 Chuir cuid de luchd-freagairt an taic an cèill airson plana ùraichte/ath-sgrùdaichte, ach thuirt iad cuideachd, mar eisimpleir, nach bu chòir plana ùr a chruthachadh ach a-mhàin ma thèid gnìomh a dhèanamh gus na h-amasan a thoirt air adhart, no dìreach ma tha pròiseasan tomhais agus sgrùdaidh air an leasachadh.
6.10 Bho àm gu àm chuir daoine fa leth am beachd air adhart gum bu chòir plana(ichean) ath-sgrùdaichte a bhith air an sgrìobhadh agus air an lìbhrigeadh le eileanaich. Bha an luchd-freagairt seo airson ’s gun toireadh Riaghaltas na h-Alba cumhachd agus maoineachadh do choimhearsnachdan gus na fuasglaidhean aca fhèin a lìbhrigeadh.
Carson NACH EIL feum air plana ùr – no ath-sgrùdaichte
6.11 Bha a h-uile buidheann agus cuid de na daoine a fhreagair ‘chan eil’ aig Ceist 10 ag iarraidh Plana Nàiseanta nan Eilean ùraichte (seach plana gu tur ùr). Tha na beachdan aca rim faicinn ann am paragrafan 6.8 gu 6.10 gu h-àrd.
6.12 Ach, thuirt beagan den luchd-freagairt fa leth a fhreagair ‘chan eil’ gu soilleir anns na beachdan aca nach robh iad a’ toirt taic do Phlana Nàiseanta nan Eilean ùr (no ath-sgrùdaichte no ath-nuadhaichte). Bha beachdan a thug an luchd-freagairt seachad airson seo gu ìre mhòr co-cheangailte ris a’ bheachd gum biodh cruthachadh plana ùr ‘na dhroch chleachdadh de dh’ùine agus de dh’obair’. Bha a’ bhuidheann seo den bheachd nach bu chòir barrachd ghoireasan a chosg gus plana ùr a chur na àite. An àite sin, b’ fheàrr leotha:
- A bhith a’ cosg an airgid air leasachadh nan seirbheisean a th’ ann mar-thà / a’ gabhail cheumannan, seach a bhith a’ cruthachadh phlanaichean ùra
- A’ leigeil le comhairlean ionadail planadh airson feumalachdan nan coimhearsnachdan eileanach aca.
Dè bu chòir a bhith ann am plana ùr no ath-sgrùdaichte sam bith san àm ri teachd? (C11)
6.13 Dh’fhaighnich Ceistean 11 do luchd-freagairt dè bu toil leotha fhaicinn ann am ann am Plana Nàiseanta nan Eilean ùr no ùraichte san àm ri teachd. Dh’iarr a’ chiad cheist dhùinte air luchd-freagairt innse am bu chòir am plana ‘ùrachadh agus an aon chruth a chumail’, a bhith na ‘phlana gu tur ùr’, no ‘rudeigin eile’.
6.14 Tha Clàr 6.2 a’ sealltainn gun robh diofar bheachdan aig luchd-freagairt air a’ cheist seo: thuirt an treas cuid (33%) gum bu chòir am plana làithreach ùrachadh, a’ cumail ris a’ chruth làithreach, le dà chòigeamh (41%) den bheachd gun robh rudeigin eile a dhìth.
6.15 Ach, bha eadar-dhealachaidhean eadar buidhnean agus daoine fa leth. Bha an dàrna leth (51%) de bhuidhnean (18 a-mach à 35) ag iarraidh ùrachadh air a’ phlana làithreach an taca ri timcheall air cairteal (27%) de na daoine fa leth. An coimeas ri sin, bha a’ chuibhreann a bu motha de dhaoine fa leth (44%) airson plana gu tur ùr fhaicinn, an taca ri timcheall air trian (31%) de bhuidhnean – 11 a-mach à 35.
6.16 Am measg bhuidhnean, b’ e buidhnean treas roinn, carthannais agus ballrachd a’ bhuidheann a bu mhotha a bha ag iarraidh ùrachadh air a’ phlana làithreach (5 a-mach à 6). Bha timcheall air an dàrna leth de na h-ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach (9 a-mach à 17) cuideachd ag iarraidh ùrachadh, ach bha sgaradh bheachd aig an leth eile an robh feum air plana gu tur ùr – no rudeigin eile.
Seòrsa neach-freagairt |
Ùraich am plana làithreach ach cùm an aon chruth |
Tha plana gu tur ùr a dhìth |
Rudeigin eile |
Iomlan |
||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|
n |
% |
n |
% |
n |
% |
n |
% |
|
Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach |
9 |
56% |
5 |
31% |
2 |
13% |
16 |
100% |
Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd |
3 |
38% |
3 |
38% |
2 |
25% |
8 |
100% |
Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd |
5 |
83% |
1 |
17% |
0 |
0% |
6 |
100% |
Seòrsaichean buidhne eile |
1 |
20% |
2 |
40% |
2 |
40% |
5 |
100% |
Buidhnean iomlan |
18 |
51% |
11 |
31% |
6 |
17% |
35 |
100% |
Daoine iomlan |
31 |
27% |
51 |
44% |
33 |
29% |
115 |
100% |
Iomlan, a h-uile neach-freagairt |
49 |
33% |
62 |
41% |
39 |
26% |
150 |
100% |
Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.
6.17 Uile gu lèir, thug 122 neach-freagairt (37 buidheann agus 85 neach fa leth) beachdan seachad air Ceist 11. Bha beachdan bho chuid den luchd-freagairt (gu sònraichte bho bhuidhnean) fada agus mionaideach, a’ moladh leasachaidhean no atharrachaidhean sònraichte air na h-amasan ro-innleachdail is gealltanasan a th’ ann an-dràsta. Chan urrainnear susbaint nam freagairtean sin a nochdadh gu h-iomlan san aithisg seo.[5] An àite sin, tha am fòcas an seo air a bhith a’ beachdachadh air cuspairean a nochd uair is uair am measg an fheadhainn a mhol (i) ùrachadh air a’ phlana làithreach, (ii) plana gu tur ùr, no (iii) rudeigin eile. Chaidh beachdan an fheadhainn nach do fhreagair a’ cheist dhùinte, ach a thug seachad beachdan, a thoirt a-steach do na h-earrannan gu h-ìosal.
Beachdan an fheadhainn a tha airson ùrachadh a dhèanamh air a’ phlana làithreach
6.18 Thug luchd-freagairt a thug taic do dh’ùrachadh a’ phlana làithrich dà phrìomh adhbhar seachad airson am beachdan. Sa chiad dol a-mach, bha iad a’ smaoineachadh ‘tha am plana math’; mar sin, bu chòir a dhaingneachadh, seach a bhith a’ cur rudeigin eile na àite. San dàrna h-àite, mhol iad gum feumadh cruthachadh plana ùraichte nas lugha de stòrasan agus gum biodh e na b’ èifeachdaiche a thaobh cosgaisean na bhith a’ sgrìobhadh plana gu tur ùr. Bha luchd-freagairt sa bhuidhinn seo den bheachd gun toireadh a’ cho-chomhairle a th’ ann an-dràsta cothrom seachad dèanamh cinnteach gu bheil amasan a’ phlana làithrich fhathast buntainneach agus fhathast a rèir prìomhachasan choimhearsnachdan eileanach. Rinn cuid an argamaid gum biodh cothrom an lùib plana ath-nuadhaichte gus barrachd fòcas a chur air gnìomh / buileachadh anns na còig bliadhna a tha romhainn.
6.19 Rinn cuid de luchd-freagairt sa bhuidhinn seo molaidhean sònraichte air dè seòrsa cruth a dh’fhaodadh a bhith air phlana ùraichte. Mar eisimpleir:
- Bu chòir dha a bhith ann an cruth coltach ris a’ phlana làithreach ach chan fheum e a bhith san aon chruth.
- Leis na h-eadar-dhealachaidhean a th’ anns na prìomhachasan aig diofar eileanan, bu chòir beachdachadh air fòcas a chur air beagan phrìomh amasan airson gach eilean no buidheann de dh’eileanan. Dh’fhaodadh an seòrsa dòigh-obrach seo buannachdan nas motha agus fuasglaidhean air leth a chruthachadh a dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh ann an coimhearsnachdan eileanach eile.
- Bu chòir dhan phlana cuideam a chur air na h-eadar-eisimeileachdan eadar amasan ro-innleachdail. Bha moladh ann gum faodadh dòigh-obrach nas cuspaireil a thaobh nan amasan ro-innleachdail (no na h-amasan a bhith ann am buidhnean) a bhith cuideachail. Am measg nan cuspairean a mhol cuid den luchd-fhreagairt bha Togail Beartas Coimhearsnachd, Cothromachadh-carbon, Eadar-ghluasad Cothromach, Beatha Ionadail (i.e coimhearsnachdan 20-mionaid) agus Còmhdhail Sheasmhach.
6.20 Bheachdaich cuid den luchd-freagairt a bha ag iarraidh ùrachadh air a’ phlana làithreach air cùisean co-cheangailte ri stòrasan, riaghladh agus stiùireadh coileanaidh . Mar eisimpleir, bha iad den bheachd:
- Gum feumadh goireasan iomchaidh a bhith aig a’ phlana aig ìre nàiseanta is ionadail. Bha iad airson maoineachadh fad-ùine, ioma-bhliadhnail fhaicinn a chruthaicheadh, nam beachd-san, cothroman ionadail, a’ chruthaicheadh beartas coimhearsnachd, a’ togail spionnadh, a’ toirt taic do dh’atharrachadh agus a’ lìbhrigeadh eaconamaidhean meud, luach an airgid agus toradh sòisealta air tasgadh.
- Bu chòir stòrasan sam bith co-cheangailte ris a’ phlana a sgaoileadh a rèir feum, leis na h-eileanan as motha a tha a feumach air (stèidhichte air comharran aontaichte) a’ faighinn a’ mhaoineachaidh as motha.
- Feumaidh frèam stiùireadh coileanaidh làidir a bhith aig a’ phlana, le ceumannan àireamhach air an cur an sàs. Ach, mar a chaidh a chomharrachadh ann an Caibideil 5, cha robhar den bheachd gu bheil Clàr-innse Ioma-bhochdainn na h-Alba (SIMD) ro fhreagarrach airson coimhearsnachdan eileanach. Mhol aon neach-freagairt gun rachadh ‘comharran so-chòmhnaidh agus dòighean-obrach co-cheangailte’ a chleachdadh gus cruthachadh phlanaichean stèidhichte air àite fhiosrachadh agus gus dèiligeadh ri dùbhlain deamografach, imrich, solar lùths, eaconamach, is msaa.
- Bu chòir na gealltanasan (no gnìomhan) sa phlana a bhith air an àireamhachadh (mar a tha na h-amasan ro-innleachdail) agus bu chòir a’ bhuidheann le uallach airson gach gnìomh a lìbhrigeadh a bhith air a mhìneachadh gu soilleir.
- Feumaidh ro-innleachd conaltraidh leasaichte, èifeachdach a bhith ann, chan ann a-mhàin nuair a thèid am plana fhoillseachadh, ach airson conaltradh leantainneach le coimhearsnachdan. Thuirt luchd-freagairt gum bu chòir do ro-innleachd conaltraidh san àm ri teachd a bhith a’ gabhail a-steach cleachdadh dhòighean conaltraidh traidiseanta (i.e cuairt-litrichean agus pàipearan naidheachd ionadail, bileagan, postairean, is msaa), ag aithneachadh nach eil a h-uile neach-còmhnaidh eileanach comasach air conaltradh didseatach fhaighinn no ag iarraidh conaltradh didseatach fhaighinn.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba feum a dhèanamh de na sgilean a tha rim faighinn ann an coimhearsnachdan eileanach gus am plana a dhreachdadh agus gus taic a thoirt do mhuinntir an àite gus a lìbhrigeadh.
6.21 Rinn luchd-freagairt a bha airson ath-sgrùdadh (no ùrachadh) fhaicinn air a’ phlana làithreach farsaingeachd de mholaidhean glè shònraichte mu na bu chòir a bhith sa phlana agus/no mu phrìomhachasan.. Tha na puingean a tha air an liostadh gu h-ìosal ann gus na seòrsaichean mholaidhean a chaidh a dhèanamh a shealltainn agus chan eil iad coileanta. Mar eisimpleir:
- Bu chòir barrachd fòcas a bhith aig a’ phlana air cumhachd a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd, urrasan coimhearsnachd agus buidhnean cultarail is cruthachail gus taic a thoirt dhaibh gus pròiseactan a dhèanamh sna coimhearsnachdan aca fhèin.
- A thaobh fulangas gnàth-shìde, chaidh a ràdh nach eil a’ mhòr-chuid de dh’eileanaich mothachail air planaichean èiginn a dh’fhaodadh a bhith an sàs gus dèiligeadh ri tachartasan sònraichte. Chaidh a mholadh gum feumadh a h-uile suidheachadh eileanach ath-sgrùdadh, a mheasadh, a mhapadh agus aghaidh a chur air mar phàirt riatanach den ath Phlana Nàiseanta nan Eilean.
- Bu chòir gealltanas a bhith anns a’ phlana co-cheangailte ri Geamannan nan Eilean, Arcaibh (a thèid chumail ann an 2025) agus air a’ bhuaidh / an dìleab aig seo.
- Bu chòir barrachd aithne a bhith sa phlana air àite nan ionadan foghlaim àrd-ìre stèidhichte sna h-eileanan ann a bhith a’ toirt taic do rannsachadh, ùr-ghnàthachadh, teagasg agus ionnsachadh thar nan amasan ro-innleachdail.
- Bu chòir fòcas nas motha a bhith sa phlana air sàbhailteachd rathaid gus siubhal gnìomhach a bhrosnachadh.
6.22 Bha diofar luchd-freagairt ag iarraidh gum biodh am plana ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ gabhail a-steach gnìomhan sònraichte co-cheangailte ri cuspairean leithid tuathanachas bhradan, taigheadas air prìs ruigsinneach, bith-iomadachd agus bith-thèarainteachd, cleachdadh fhuasglaidhean stèidhichte air nàdar gus cothroman sòisio-eaconamach a chruthachadh, turasachd chultarail is dualchais, Scots a bharrachd air Gàidhlig, boireannaich, foghlam, gnìomhachd chorporra agus còmhdhail phoblach.
6.23 Bha luchd-freagairt a bha ag iarraidh Plana Nàiseanta nan Eilean ùraichte cuideachd den bheachd gum bu chòir dhan phlana coimhead air agus co-thaobhadh ri atharrachaidhean poileasaidh agus iomairtean nàiseanta a bha air tachairt bho chionn ghoirid no a bha gu bhith a’ tachairt. Bha eisimpleirean de na rudan air an deach iomradh a thoirt co-cheangailte ri:
- Leasachadh bun-structair eileanach – Frèam Planaidh Nàiseanta 4 (NPF4), agus raointean de ghnìomhachd Oighreachd a’ Chrùin Alba co-cheangailte ri lùths agus stiùireadh mara
- Cànanan na h-Alba (an dà chuid Scots agus Gàidhlig) – Bile nan Cànan Albannach a tha gu bhith ann, Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023–28, Aithisg Buidheann-obrach Beatha Ghoirid air Cothroman Eaconamach is Sòisealta dhan Ghàidhlig
- Cruthachadh lùths – Ro-innleachd lùths is Eadar-ghluasad Cothromach, Plana Gnìomh Haidridein aig Riaghaltas na h-Alba
- Àrainneachd eachdraidheil – Plana Tasgaidh Sgilean airson na h-àrainneachd eachdraidheil, agus an ro-innleachd nàiseanta ùr airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba – Our Past, Our Future
- Atharrachadh na gnàth-shìde – Plana Atharrachadh Gnàth-shìde ri thighinn
- Còmhdhail agus siubhal gnìomhach – Plana Ceangailteachd nan Eilean aig Còmhdhail Alba, an Ro-innleachd Coiseachd Nàiseanta, agus prionnsapal nàbachd 20-mionaid ann an NPF4
- Gnìomhachd chorporra – Frèam Builean Alba Ghnìomhach agus a’ planadh dìleab bho Gheamaichean nan Eilean, Arcaibh ann an 2025.
6.24 Ged a chomharraich mòran luchd-freagairt poileasaidhean agus ro-innleachdan ris am bu chòir Plana Nàiseanta nan Eilean a bhith co-thaobhadh, bha beachd ann cuideachd gum feumte ceumannan a ghabhail gus dèanamh cinnteach gun toireadh luchd-co-dhùnaidh ionadail (ùghdarrasan ionadail gu h-àraidh) aire do dh’amasan Plana Nàiseanta nan Eilean san obair uile aca.
Beachdan an fheadhainn a tha airson plana gu tur ùr a bhith ann
6.25 Bha luchd-freagairt a thug taic do chruthachadh plana gu tur ùr ag iarraidh plana nas cuimsichte fhaicinn le seata nas lugha de ghealltanasan a ghabhas tomhas agus a ghabhas coileanadh. Thuirt cuid gun robh am plana làithreach ro 'liobasta'. Bha cuid eile den bheachd gu bheil an suidheachaidhean air atharrachadh gu ìre cho mòr anns na còig bliadhna a dh’fhalbh is gu bheil feum air plana gu tur ùr (seach ùraichte). Ach bha dà diofar lèirsinn aig an luchd-freagairt seo air cò ris a bhiodh plana ùr coltach.
6.26 Bha aon bhuidheann (a’ gabhail a-steach buidhnean/comainn sa mhòr-chuid, ach cuideachd cuid de dhaoine fa leth) den bheachd gum bu chòir dhan ath thionndadh de Phlana Nàiseanta nan Eilean na h-amasan ro-innleachdail làithreach a chumail, ach gum biodh e na phlana nas giorra, nas mionaidiche agus nas cuimsichte, le frèam sgrùdaidh, cosgaisean ceart agus ro-innleachd maoineachaidh. Bhiodh buileachadh nas fheàrr ann agus rachadh na builean ris a bheil dùil a lìbhrigeadh nam beachd. Bu chòir dhan phlana ùr aire a thoirt cuideachd do nithean ris nach robh dùil ann an 2019 - leithid an cogadh san Ugràin, cosgaisean connaidh is lùths nas àirde, agus èiginn nan cosgaisean bith-beò nas fharsainge - agus bu chòir leasanan sam bith a chaidh ionnsachadh bho ghalar lèir-sgaoilte Covid a thoirt a-steach.
6.27 Thuirt luchd-freagairt sa bhuidhinn seo gun robh na h-amasan làithreach fhathast buntainneach san fharsaingeachd ach gum bu chòir barrachd cuideam a chur air na nì Ministearan na h-Alba gus prìomhachasan eileanach a thoirt air adhart. Chaidh moladh gum bu chòir an àireamh de ghealltanasan a lùghdachadh gu mòr, a’ cumail an fheadhainn nach eil a’ toirt iomradh air obair leantainneach aig buidhnean poblach eile. Mhol aon neach-freagairt sa bhuidhinn seo gum bu chòir na 134 gealltanasan a th’ ann an-dràsta a chumail mar fhiosrachadh, leis gu bheil iad a’ sealltainn an iomadh dùbhlan a tha mu choinneamh eileanan na h-Alba, ach cha bu chòir an àireamh seo de ghealltanasan a bhith mar bhunait airson lìbhrigeadh ann am plana san àm ri teachd.
6.28 Bha an dàrna buidheann (a’ gabhail a-steach daoine fa leth sa mhòr-chuid, ach cuideachd cuid de bhuidhnean) ag iarraidh barrachd phlanaichean ionadail no roinneil seach aon phlana nàiseanta. Bha a’ bhuidheann seo den bheachd gum faodadh amasan leithid còmhdhail agus taigheadas a phrìomhachadh thar gach buidheann de dh’eileanan, ach seach sin, gum bu chòir do choimhearsnachdan eileanach na h-amasan is prìomhachasan aca fhèin a stèidheachadh.
6.29 Bha a’ bhuidheann seo den bheachd gum bu chòir na planaichean aca fhèin a bhith aig sgìrean ionadail a bha ceangailte ri – agus mar bhunait air – a’ phlana nàiseanta. Coltach ris a’ chiad bhuidhinn (air a bheilear a’ bruidhinn gu h-àrd), bha a’ bhuidheann seo cuideachd airson amasan a ghabhas a choileanadh, agus a ghabhas tomhas, fhaicinn ann am plana ùr sam bith. Bha iad den bheachd gun dèanadh an seòrsa dòigh-obrach seo cinnteach gum biodh prìomhachasan agus amasan choimhearsnachdan ann an diofar eileanan air an comharrachadh agus air an cur an gnìomh agus, mar thoradh air sin, gum biodh builean na b’ fhasa a thomhas agus a lìbhrigeadh.
6.30 Bha maoineachadh agus riaghladh nam prìomh chuspairean do luchd-freagairt a bha ag iarraidh plana gu tur ùr, le cuid a’ toirt seachad argamaidean mionaideach airson atharrachadh a thoirt a-steach san dòigh sa bheil pròiseactan air am maoineachadh, air an lìbhrigeadh agus air an sgrùdadh fo Phlana Nàiseanta nan Eilean.
6.31 Bha buidhnean san roinn phoblaich a thug taic do chruthachadh plana gu tur ùr airson ’s gum biodh uallach airson lìbhrigeadh – agus am buidseat lìbhrigidh – air a shònrachadh do dh’ùghdarrasan ionadail agus an com-pàirtichean. Rinn iad an argamaid gun cuireadh an seòrsa dòigh-obrach seo às dhan ùine agus dhan chaitheamh stòrasan le ùghdarrasan ionadail gus tagraidhean ullachadh do chuairtean maoineachaidh Prògram nan Eilean agus gun cruthaicheadh e suidheachaidhean nas fheàrr do dh’ùghdarrasan ionadail gus am b’ urrainn dhaibh gealltainn tasgaidhean deatamach a chur an sàs. Thug grunn luchd-freagairt san roinn phoblaich iomradh air Aonta Taigh Verity agus air a’ phrionnsapal ‘ionadail mar bhun-roghainn, nàiseanta le aonta’. Bha an luchd-freagairt seo den bheachd gum bu chòir co-dhùnaidhean mu mhaoineachadh phròiseactan a bhith air an dèanamh leis na buidhnean a tha as eòlaiche air na coimhearsnachdan. Rinneadh a’ phuing cuideachd, nam biodh an dà chuid buidhnean ionadail agus Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba a’ cumail a-mach gun robh iad a’ lìbhrigeadh bhuilean, gun robh cunnart ann gum biodh dùblachadh ann.
6.32 Mhol aon ùghdarras ionadail modail maoineachaidh eile stèidhichte air planaichean tasgaidh a bhiodh air an cruthachadh gu h-ionadail, a chuireadh an cèill prìomhachasan ionadail sa gheàrr-ùine gu meadhan-ùine. Bha am modail seo (a chaidh a mhìneachadh gu mionaideach san fhreagairt aca) air fhaicinn mar dhòigh gus cumhachd a thoirt do chomhairlean eileanach na h-Alba, agus a bhith a’ sealltainn gu bheil earbsa annta, a’ toirt air falbh biùrocrasaidh, agus a’ cleachdadh ghoireasan cuibhrichte ann an dòigh nas èifeachdaiche.
6.33 Thog an aon ùghdarras ionadail cuideachd ceist mu ‘chothromachd’ a thaobh an teachd a-steach a fhuair Riaghaltas na h-Alba bho sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail air feadh nan eilean. Rinn an neach-freagairt seo an argamaid gum bu chòir an teachd-a-steach seo a bhith air a roinn ann an dòigh chothromach le coimhearsnachdan eileanach – gu sònraichte aig àm nuair a tha cuid de na cunntasan lùths as àirde ann an Alba aig teaghlaichean eileanach agus iad a’ fulang bho fhìor bhochdainn connaidh. Chaidh iomradh a thoirt air pàipear 2014 A’ Cumhachdachadh Coimhearsnachdan Eileanach na h-Alba aig a bheil rùn poileasaidh gum bu chòir ‘coimhearsnachdan ionadail air feadh ar n-eileanan a bhith nam prìomh luchd-buannachd bho theachd a-steach bho phàighidhean màil is dligheachd air gnìomhachd timcheall nan cladaichean’.
Beachdan a bha a’ moladh ‘rudeigin eile’
6.34 Mar a tha Clàr 6.2 gu h-àrd a’ sealltainn, bha daoine fa leth na bu bhuailtiche na buidhnean a bhith ag iarraidh rudeigin seach plana ath-nuadhaichte no plana gu tur ùr. Ged a bha beachdan coltach ri chèile aig an dà bhuidhinn gu tric, cha robh co-aontachd soilleir a thaobh cò ris a bhiodh ‘rudeigin eile’ coltach. Gu sònraichte:
- Bha cuid airson am plana a lùghdachadh gus am biodh seata nas lugha de dh’amasan ann (m.e. ‘A’ chiad sia amasan: dìreach ‘ceithir no còig amasan; dìreach ‘còmhdhail, taigheadas agus foghlam’, ‘na nithean as motha a-mhàin’) agus an uair sin a’ lìbhrigeadh air an fheadhainn sin. Chaidh a ràdh gum biodh e na b’ fhasa am plana a lìbhrigeadh nan tachradh sin.
- Thuirt cuid nach bu chòir plana nàiseanta a dhèanamh idir, ach gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba obrachadh gu dìreach le coimhearsnachdan eileanach (le ‘pròiseas air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd’) gus feumalachdan ionadail a chomharrachadh agus maoineachadh a sholarachadh gu dìreach gus na fuasglaidhean aca fhèin a lìbhrigeadh. Nam beachd, dhèanadh seo cinnteach gum biodh planaichean ionadail air am fiosrachadh leis na daoine air an toireadh iad buaidh.
- Thuirt cuid dìreach gun robh iad ag iarraidh amasan soilleir a ghabhadh a thomhas, a tha comasach a choileanadh, no gum feumadh ‘fiaclan’ a bhith aig plana ùr sam bith gus am biodh e èigneachail agus gus an gabhadh ceuman smachd a chur an sàs ma thèid dearmad a dhèanamh air.
- Bha beachd ann cuideachd gun robh coltas ann gun robh am plana làithreach ag amas air ‘ùghdarrasan nan eilean’ a chuideachadh leis gu bheil sin nas fhasa. Bu chòir do phlana ùr sam bith beachdachadh air cho iom-fhillte ’s a tha e a bhith a’ lìbhrigeadh do dh’eileanan ann an ùghdarrasan ionadail aig a bheil uallach cuideachd airson coimhearsnachdan air tìr-mòr (i.e Earra-Ghàidheal is Bhòid, a’ Ghàidhealtachd, Siorrachd Àir a Tuath), agus am biodh feum air atharrachaidhean rianachd sam bith anns an leithid de shuidheachaidhean.
6.35 Thuirt a’ bhuidheann seo gu tric gu soilleir gu bheil cruaidh fheum air ‘lìbhrigeadh’ agus air builean a ghabhas tomhas.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback