Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


7 Beachdan bùithtean-obrach air riaghladh, mothachadh agus fòcas

7.1 Rè na co-chomhairle gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air Plana Nàiseanta nan Eilean, chùm Riaghaltas na h-Alba 16 bùithtean-obrach anns an robh 231 luchd-còmhnaidh eileanach agus riochdairean bho choimhearsnachdan eileanach an sàs. Bha na bùithtean-obrach a’ cuimseachadh air trì cuspairean: Riaghladh, Mothachadh agus Fòcas. Chaidh iarraidh air com-pàirtichean anns na bùithtean-obrach am beachdan a thoirt seachad air dà cheist airson gach cuspair.

Riaghladh

C1: Mar bhall de choimhearsnachd eileanach, ciamar a dh’fhaodadh guth nas treasa a bhith agad ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean?

C2: A bheil buidhnean sam bith aig am bu chòir àite nas motha a bhith aca ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean?

Aire

C1: Ciamar a dh’fhaodadh Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba conaltradh nas fheàrr a dhèanamh le coimhearsnachdan eileanach mu ar cuid obrach?

C2: An toir thu eisimpleirean dhuinn de chom-pàirteachadh eileanach le buidhnean eile a bha soirbheachail nad bheachd?

Fòcas

C1: Am biodh tu airson ’s gum biodh na h-Amasan Ro-innleachdail ann am Plana Nàiseanta nan Eilean air am prìomhachadh?

C2: Mas e is gum biodh, ciamar a bu chòir dhaibh a bhith air am prìomhachadh nad bheachd?

7.2 Tha an earrann seo na geàrr-chunntas aig àrd-ìre air na prìomh chuspairean a tha ag èirigh airson gach tè de na sia ceistean do bhùithtean-obrach. Tha am mion-sgrùdadh seo stèidhichte air geàrr-chunntasan airson gach bùth-obrach a rinn buill de Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba. Thoir an aire, ann an cuid de chùisean, gur dòcha gun deach puingean a dhèanamh iomadh uair thar diofar bhùithtean-obrach agus, ann an cùisean eile, gun deach puingean a dhèanamh dìreach aon turas.

7.3 Tha na puingean mionaideach a chaidh a thogail aig na bùithtean-obrach, air an cruinneachadh a rèir cuspair, ann an Eàrr-ràdh 4.

Riaghladh

A’ toirt guth nas treasa do bhuill choimhearsnachdan eileanach ann an lìbhrigeadh (C1)

7.4 Thug com-pàirtichean nam bùithtean-obrach raon farsaing de bheachdan seachad air mar a dh’fhaodadh guth nas treasa a bhith aig coimhearsnachdan eileanach ann a bhith lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Chomharraich iad (i) na bacaidhean a th’ ann an-dràsta a thaobh com-pàirteachadh coimhearsnachd, agus (ii) dè ghabhas dèanamh gus piseach a thoirt air com-pàirt coimhearsnachd ann an lìbhrigeadh.

Bacaidhean air com-pàirteachadh coimhearsnachd

7.5 Bha com-pàirtichean nam bùithtean-obrach a’ faicinn ceithir prìomh bhacaidhean ro bhuill de choimhearsnachdan eileanach a thaobh guth nas làidire a bhith aca ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean? B’ iad sin:

  • Dìth comas-lìbhrigidh: Tha luchd-còmhnaidh nan eilean uaireannan a’ fulang le ‘sgìths co-chomhairleachaidh’. Chan eil guth làidir aig a h-uile eilean, agus dh’fhaodadh seo neo-ionannachd adhbharachadh nuair a thèid co-chomhairle a chumail ri coimhearsnachdan eileanach.
  • Beachdan dhaoine: Tha daoine uaireannan a’ faireachdainn gu bheil an guthan gan cluinntinn ach nach eilear ag èisteachd riutha. Tha co-chomhairle uaireannan a’ faireachdainn ‘tokenistic’ – oir chan atharraich dad mar thoradh oirre.
  • Dìth fiosrachaidh: Chan eil daoine mothachail air cothroman gus cur ri lìbhrigeadh a’ phlana. Is dòcha nach eil eòlas aca air poileasaidhean eileanach agus is dòcha nach eil iad a’ tuigsinn cho luachmhor ’s a tha e am beachdan a thoirt seachad.
  • Dìth chothroman: Chan eil cothroman gu leòr ann do choimhearsnachdan a bhith an sàs dha-rìribh ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean.

Mar a bheirear piseach air com-pàirt coimhearsnachd

7.6 Thug com-pàirtichean nam bùithtean-obrach grunn mholaidhean seachad mu bhith a’ toirt piseach air com-pàirt coimhearsnachd ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Bha na molaidhean seo farsaing ach bha iad co-cheangailte ri sia prìomh chuspairean: (i) a’ togail mothachadh agus a’ toirt barrachd fiosrachaidh do dhaoine, (ii) a’ toirt piseach air conaltradh dìreach eadar Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba agus coimhearsnachdan eileanach, (iii) deamocrasaidh ionadail a neartachadh, (iv) comas a chruthachadh airson dèanamh cho-dhùnaidhean agus ri lìbhrigeadh aig ìre ionadail, (v) a’ toirt seachad taic agus maoineachadh gus comas com-pàirteachaidh a thogail, agus (vi) obrachadh tro bhuidhnean riochdachaidh coimhearsnachd no solaraichean seirbheis a tha ann mar-thà. Tha geàrr-chunntas gu h-ìosal air na prìomh phuingean a chaidh a thogail mu gach fhear de na cuspairean sin.

  • Tog mothachadh agus thoir barrachd fiosrachaidh do dhaoine: Bha com-pàirtichean nam bùithtean-obrach den bheachd gum feum daoine ann an coimhearsnachdan eileanach fiosrachadh fhaighinn mu Phlana Nàiseanta nan Eilean nas trice agus ann an dòighean a tha ruigsinneach agus iomchaidh dhaibh. Bu chòir beachdachadh air aithisgean bliadhnail eileanach a tha furasta a chleachdadh a dhèanamh an àite (no a bharrachd air) aon aithisg bhliadhnail mhòr. Bu chòir lùban fios-air-ais a chruthachadh gus fiosrachadh a cho-roinn gu dìreach le daoine mu na h-atharrachaidhean a chaidh a dhèanamh mar thoradh air co-chomhairle.
  • Thoir piseach air conaltradh dìreach eadar Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba agus coimhearsnachdan eileanach: Chaidh a mholadh gum bu chòir do bhuill Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba a bhith stèidhichte anns na h-eileanan. Chan e a-mhàin gum biodh iad na bu ruigsinniche do choimhearsnachdan ionadail, ach bheireadh e cuideachd tuigse nas fheàrr dhaibh air na dùbhlain shònraichte a tha mu choinneamh choimhearsnachdan ionadail. Bhathar den bheachd gu bheil tachartasan com-pàirteachail nan dòighean feumail gus conaltradh dìreach a chumail le coimhearsnachdan eileanach.
  • Neartaich deamocrasaidh ionadail: Chaidh a ràdh gur e aon dòigh air deamocrasaidh ionadail àrdachadh a bhith a’ gabhail a-steach daoine ionadail ann a bhith a’ suidheachadh phrìomhachasan agus a’ dèanamh cho-dhùnaidhean maoineachaidh. Aig an aon àm, feumar structaran deamocratach ann an coimhearsnachdan a neartachadh gus am bi e comasach guthan fa leth a chruinneachadh agus ‘a chur còmhla’. Bha dragh ann gum bi guthan àrda aig daoine fa leth a’ ciallachadh nach cluinnear guth na coimhearsnachd, agus gum bu chòir oidhirpean a dhèanamh gus guthan nas sàmhaiche a shireadh ann an coimhearsnachdan ionadail.
  • Cuir an comas a bhith a’ dèanamh agus a’ lìbhrigeadh cho-dhùnaidhean aig ìre ionadail: Bidh tuigse nas soilleire aig coimhearsnachdan eileanach air buaidh Plana Nàiseanta nan Eilean ma tha e air a dheagh cho-thaobhadh ris na prìomhachasan ionadail aca. Bu chòir barrachd phlanaichean eileanach a bhith ann airson eileanan fa leth (mar a tha ann an Cumaradh agus Arainn). Bu chòir planaichean eileanach fa leth a chruthachadh a bhios a’ biathadh a-steach do Phlana Nàiseanta nan Eilean. Bhathas a’ faicinn nan Eileanan Fàrach mar dheagh eisimpleir de co-dhùnaidhean ionadail agus lìbhrigeadh phrìomhachasan eileanach.
  • Thoir seachad taic is maoineachadh gus comas-lìbhrigidh a thogail airson com-pàirteachadh: Chaidh a mholadh gun gabhadh lìonra de ‘ghaisgich nan eilean’ a chruthachadh, le dleastanas sònraichte a bhith a’ conaltradh ri coimhearsnachdan agus a’ toirt fios air ais do SGIT. Dh’fhaodadh uallach a bhith air na daoine sin airson eilean, no cuspair taobh a-staigh Plana Nàiseanta nan Eilean, agus dh’fhaodadh iad a bhith air am fastadh le urrasan leasachaidh ionadail no ùghdarrasan ionadail.
  • Obraich tro buidhnean riochdachaidh ionadail a tha ann mar-thà: Mhol com-pàirtichean nam bùithtean-obrach ceanglaichean a mheudachadh agus a neartachadh le comhairlean coimhearsnachd, urrasan leasachaidh, com-pàirteachasan planadh coimhearsnachd agus Eadar-aghaidhean Treas Roinn ionadail. Bhathar den bheachd gun robh àite cudromach aig Caidreachas Eileanan na h-Alba (SIF) agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ann a bhith a’ tuigsinn agus a’ riochdachadh bheachdan choimhearsnachdan eileanach.

7.7 Chaidh na puingean a leanas a dhèanamh cuideachd, nach eil co-cheangailte ri puingean sam bith eile a rinneadh: (i) dh’fhaodadh modail conaltraidh a’ gabhail a-steach riochdairean bho na h-eileanan uile a bhith dùbhlanach a riaghladh, agus (ii) gum feumar daoine òga a thoirt an sàs ann an lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean.

Buidhnean a bu chòir àite nas motha a bhith aca ann a bhith a’ lìbhrigeadh a’ phlana (Q2)

7.8 Bha grunn chuspairean a nochd uair is uair san deasbad air am bu chòir àite nas motha a bhith aig buidhnean sònraichte ann a bhith lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Bha beachdan chom-pàirtichean na bùithtean-obrach a’ cuimseachadh air dreuchdan (i) urrasan leasachaidh, (ii) ùghdarrasan ionadail agus na com-pàirtichean planadh coimhearsnachd aca, (iii) comhairlean coimhearsnachd, (iv) Caidreachas Eileanan na h-Alba, (v) fòraman no buidhnean coimhearsnachd ionadail eile, (vi) buidhnean treas roinn ionadail eile, agus (vii) buidhnean san roinn phrìobhaidich. Thathar a’ coimhead orra seo uile gu luath:

  • Urrasan Leasachaidh: Thuirt com-pàirtichean nam bùithtean-obrach gu tric gum faodadh (no bu chòir) àite nas motha a bhith aig urrasan leasachaidh agus buidhnean acair coimhearsnachd eile ann a bhith lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean aig ìre ionadail. Ach, thug com-pàirtichean rabhadh seachad gun robh e cunnartach a bhith an urra ri saor-thoilich gun phàigheadh oir bha iad den bheachd nach robh seo seasmhach.
  • Ùghdarrasan ionadail agus na com-pàirtichean planadh coimhearsnachd aca: Bha cuid de chom-pàirtichean nam bùithtean-obrach den bheachd gu bheil ùghdarrasan ionadail san àite as fheàrr gus deagh bhuilean a lìbhrigeadh do choimhearsnachdan ionadail. Ach, bha cuid eile (ann an sgìrean far an robh uallach air an ùghdarras ionadail an dà chuid airson coimhearsnachdan tìr-mòr agus eileanach) den bheachd nach bu chòir an dleastanas lìbhrigidh a bhith air ùghdarrasan ionadail a-mhàin agus thuirt iad gum feumadh an t-ùghdarras ionadail aca fhèin barrachd fòcas a chur air na h-eileanan.
  • Comhairlean coimhearsnachd: Bha cuid de chom-pàirtichean den bheachd gur iad na comhairlean coimhearsnachd na buidhnean as fheàrr airson a bhith an sàs leis gu bheil iad nan ‘riochdairean dìreach de na coimhearsnachdan ionadail’. Ach, cha do dh’aontaich a h-uile duine ris a seo, le cuid den bheachd gum feumadh modail nan comhairlean coimhearsnachd ath-sgrùdadh agus goireasan iomchaidh a thoirt seachad mus tèid uallach mòr a bharrachd a thoirt do chomhairlean coimhearsnachd.
  • Caidreachas Eileanan na h-Alba (SIF): Bhathar a’ faicinn SIF mar bhuidheann chuideachail, agus bha buidheann taigheadais SIF air fhaicinn mar rud a bha a’ dèanamh feum anns na h-eileanan. Bha com-pàirtichean ann an aon bhùth-obrach den bheachd gum feum SIF a dhol an sàs leis a h-uile comhairle coimhearsnachd agus urras leasachaidh gus dèanamh cinnteach gum biodh àite nas motha aig coimhearsnachdan ann a bhith a’ lìbhrigeadh a’ phlana. Bha com-pàirtichean ann am bùth-obrach eile den bheachd gum bu chòir barrachd taic is maoineachaidh a thoirt do SIF gus an urrainn dha fàs agus a bhith nas sùbailte.
  • Fòraman no buidhnean coimhearsnachd ionadail eile: Bha com-pàirtichean nam bùithtean-obrach a’ faicinn ‘com-pàirteachasan aig ìre na coimhearsnachd’ mar phrìomh dhòigh air guth agus com-pàirteachadh choimhearsnachdan a dhaingneachadh. B’ e ‘conaltradh dìreach’ le coimhearsnachdan, seach a bhith dol an sàs tro bhuidhnean leithid Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Scottish Futures Trust, no fiù ’s ùghdarrasan ionadail a b’ fheàrr le daoine.
  • Buidhnean treas roinn ionadail eile: Thuirt com-pàirtichean nam bùithtean-obrach gun robh comas ann barrachd àite a bhith aig riochdairean bho iomairtean sòisealta ionadail agus Eadar-aghaidhean Treas Roinn ionadail ann a bhith a’ lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean gu h-ionadail. Chaidh a ràdh cuideachd gum bu chòir àite nas motha a bhith aig eaglaisean ionadail ann a bhith a’ cur ri co-roinn fiosrachaidh agus togail mothachaidh.
  • Buidhnean san roinn phrìobhaidich (ionadail is nàiseanta): Bha cuid de chom-pàirtichean den bheachd gum feumadh gnìomhachasan ionadail a bhith sàs ann an lìbhrigeadh, oir bhathar den bheachd gun robh iad nan cnàimh-droma aig coimhearsnachdan. Thug luchd-freagairt iomradh gu sònraichte air: (i) prìomh luchd-fastaidh agus gnìomhachasan eileanach (iasgach, tuathanachas is msaa), (ii) companaidhean ghoireasan, (iii) companaidhean conaltraidh, agus (iv) na meadhanan ionadail agus roinneil.

7.9 Chaidh puing nas fharsainge a thogail cuideachd gur dòcha gum biodh na buidhnean a bu chòir (no a dh’fhaodadh) barrachd àite a bhith aca ann an lìbhrigeadh a bhith eadar-dhealaichte anns na diofar eileanan. Ach, dh’fheumadh maoineachadh / goireasan gu leòr a bhith aig buidheann no daoine fa leth sam bith a tha an sàs ann a bhith a’ toirt taic do lìbhrigeadh a’ phlana. Bhathar den bheachd nach eil e seasmhach a bhith an urra ri saor-thoilich gus seo a dhèanamh.

Aire

Ciamar a dh’fhaodadh Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba conaltradh nas fheàrr a dhèanamh mun obair aca le coimhearsnachdan eileanach? (C1)

7.10 Thuirt com-pàirtichean nam bùithtean-obrach grunn thursan nach robh mòran de na daoine sna coimhearsnachdan aca mothachail air Plana Nàiseanta nan Eilean no Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba. Tha daoine den bheachd nach eil dad ga dhèanamh tro Phlana Nàiseanta nan Eilean mar thoradh air dìth conaltraidh. Feumaidh SGIT smaoineachadh barrachd air mar a thogas iad mothachadh coimhearsnachd air na tasgaidhean a thathar a’ dèanamh tron phlana.

7.11 Rinn com-pàirtichean farsaingeachd de mholaidhean sònraichte air mar a b’ urrainn do SGIT piseach a thoirt air conaltradh le coimhearsnachdan eileanach. Bha cuid dhiubh sin farsaing nan nàdar. Mar eisimpleir, chaidh a mholadh:

  • Gun gabhadh Plana Nàiseanta nan Eilean a bhith air a chur ann an earrannan nas lugha, nas ruigsinniche agus air a sgrìobhadh ann am Beurla shìmplidh (gun sgleò-chainnt).
  • Dh’fhaodadh geàrr-chunntasan, criomagan goirid, bhideothan, beothachaidhean agus grafaigean a bhith air an cleachdadh na bu trice airson conaltradh le coimhearsnachdan eileanach.
  • Bu chòir conaltradh freagarrach a bhith ann airson gach eilein. Tha daoine nas dualtaiche a dhol an sàs ann an cùisean ionadail, seach cùisean nàiseanta.
  • Bu chòir conaltradh a bhith leantainneach agus dà-thaobhach– chan e deagh mhodail a th’ ann a bhith a’ dèanamh co-chomhairle uair gach ceithir bliadhna.

7.12 Bha molaidhean sònraichte a’ coimhead gu sònraichte air: (i) conaltradh dìreach aghaidh-ri-aghaidh, (ii) cleachdadh mheadhanan clò-bhuailte agus craolaidh, (iii) conaltradh didseatach, (iv) sgaoileadh fiosrachaidh tro bhuidhnean coimhearsnachd, agus (v) sgioba conaltraidh (no oifigear) a stèidheachadh taobh a-staigh na SGIT. Thathar a’ coimhead aig gach fear de na cuspairean seo gu h-ìosal:

  • Conaltradh dìreach aghaidh-ri-aghaidh: Bha com-pàirtichean nam bùithtean-obrach den bheachd gum bu chòir do SGIT a dhol nas fhaide na coinneamhan le ùghdarrasan ionadail gus conaltradh gu dìreach ri coimhearsnachdan eileanach na bu trice. Am measg mholaidhean airson ciamar/càit am bu chòir com-pàirteachadh le coimhearsnachdan bha: a bhith a’ cumail tachartasan conaltraidh ionadail, le rabhadh iomchaidh air a thoirt seachad gus an urrainn do dhaoine a bhith an làthair; a bhith a’ frithealadh choinneamhan coimhearsnachd clàraichte; bòrd/stàile aig tachartasan ionadail leithid taisbeanaidhean àiteachais; agus a’ cleachdadh leabharlannan, ionadan slàinte, tallaichean baile agus sgoiltean gus coinneachadh ri coimhearsnachdan ionadail.
  • Conaltradh leis na meadhanan clò-bhuailte agus craolaidh: Chaidh a thoirt fa-near nach eil a h-uile duine comasach air conaltradh tro mheadhanan didseatach. Mar sin, bha molaidhean ann gum bu chòir do SGIT feum a dhèanamh de chuairt-litrichean coimhearsnachd, pàipearan-naidheachd ionadail (clò-bhuailte agus air-loidhne), stèiseanan rèidio, postairean air bùird-fiosrachaidh ionadail agus ann an uinneagan bhùthan, agus bileagan do dhachaighean. Dh’fhaodadh SGIT cuideachd cuairt-litir / iris chunbhalach a chur ri chèile (agus a sgaoileadh gu farsaing), a’ toirt seachad ùrachaidhean air pròiseactan a tha air am maoineachadh tro Phlana Nàiseanta nan Eilean. Bha com-pàirtichean nam bùithtean-obrach den bheachd gum bu chòir do phròiseactan sam bith a tha air am maoineachadh fon phlana suaicheantas SGIT (no Plana Nàiseanta nan Eilean) a thaisbeanadh gu follaiseach.
  • Com-pàirteachadh Didseatach: Am measg bheachdan airson conaltradh didseatach bha a bhith a’ cruthachadh làrach-lìn airson Plana Nàiseanta nan Eilean (no airson SGIT) agus/no fòram deasbaid; barrachd feum a dhèanamh de Facebook; agus a bhith a’ cumail choinneamhan cunbhalach (air-loidhne) le coimhearsnachdan eileanach. Ach, chaidh a thoirt fa-near gu bheil an seòrsa com-pàirteachaidh seo an urra ri ceanglaichean didseatach math a bhith aig daoine ann an coimhearsnachdan eileanach.
  • A’ sgaoileadh fiosrachaidh tro bhuidhnean ionadail, buidhnean agus fòraman coimhearsnachd: Mhol com-pàirtichean gum ghabhadh fiosrachadh a sgaoileadh tro ùghdarrasan ionadail, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Caidreachas Eileanan na h-Alba, comhairlean coimhearsnachd, urrasan leasachaidh, comataidhean talla baile, clubaichean lòn, buidhnean òigridh, neo fòraman ionadail eile.
  • A’ stèidheachadh sgioba conaltraidh (no oifigear conaltraidh) taobh a-staigh Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba: B’ e moladh a rinneadh an ìre mhath tric ann an grunn bhùithtean-obrach gum bu chòir SGIT plana conaltraidh a chruthachadh, agus a bhith a’ stèidheachadh an sgioba conaltraidh is margaidheachd aca fhèin, no dìreach a bhith a’ fastadh oifigear conaltraidh.

7.13 Mu dheireadh, chomharraich luchd-freagairt nam bùithtean-obrach rudan nach bu chòir a dhèanamh ma tha SGIT airson piseach a thoirt air conaltradh le coimhearsnachdan eileanach. Nam measg bha:

  • GUN A BHITH a’ cur choinneamhan air dòigh le coimhearsnachdan eileanach gun rabhadh gu leòr
  • GUN A BHITH a’ cleachdadh chòdan QR gus fiosrachadh cudromach a sgaoileadh
  • GUN A BHITH a’ cleachdadh sgleò-chainnt agus faclan fasanta
  • GUN A BHITH a’ dèanamh conaltradh sgrìobhte a tha ro fhada agus ro-thoinnte
  • GUN A BHITH a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta a-mhàin airson conaltradh.

Eisimpleirean de cho-obrachadh eileanach soirbheachail le buidhnean eile (C2)

7.14 Thug com-pàirtichean nam bùithtean-obrach grunn eisimpleirean seachad de bhuidhnean a bha soirbheachail, nam beachd, a thaobh conaltradh le coimhearsnachdan eileanach, còmhla ri mion-fhiosrachadh air na tha na buidhnean sin a’ dèanamh gu math (no a rinn iad gu math). B’ iad na buidhnean a chaidh ainmeachadh a bu thrice:

  • Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean: Thuirt cuid de chom-pàirtichean gun robh a’ bhuidheann seo na eisimpleir de dheagh chleachdadh ann an conaltradh le coimhearsnachdan. Thug com-pàirtichean iomradh air dà rud sònraichte a bhios HIE a’ dèanamh gu math: (i) tha oifigearan sgìreil aca a bhios ag obair gu dìreach le daoine fa leth agus le gnìomhachasan sa choimhearsnachd ionadail, agus (ii) gum bi iad a’ cur a-mach cuairt-litir chunbhalach de dheagh chàileachd.
  • Urrasan leasachaidh ionadail, companaidhean leasachaidh coimhearsnachd agus com-pàirteachasan coimhearsnachd eile: Thug cuid de chom-pàirtichean iomradh air urrasan leasachaidh sònraichte, a’ gabhail a-steach Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Cholbhasa agus Urras an Rubha is Shanndabhaig. Thug cuid eile iomradh air obair a chaidh gu math air a bhith a’ cruthachadh phlanaichean ionadail no dèiligeadh ri draghan ionadail. Am measg eisimpleirean a thug com-pàirtichean seachad bha a bhith a’ cruthachadh plana ionadail Visit Arran, com-pàirteachadh coimhearsnachd ann an leasachaidhean ann an Eilean Eige, obair air cruthachadh agus lìbhrigeadh Plana na Hearadh agus obair coimhearsnachd ann an Cumaradh gus cur an aghaidh planaichean airson tuathanas grèine. Bha com-pàirtichean sna bùithtean-obrach den bheachd gu bheil urrasan leasachaidh / com-pàirteachasan coimhearsnachd a’ dèanamh nan rudan a leanas gu math: (i) a’ com-pàirteachadh leis na coimhearsnachdan aca gu cunbhalach, (ii) ag obair le coimhearsnachdan gus duilgheadasan a chomharrachadh agus gus na fuasglaidhean aca fhèin a chruthachadh, (iii) a’ co-roinn eòlas le urrasan leasachaidh / com-pàirteachasan coimhearsnachd eile, agus (iv) a’ toirt seachad srùbag aig coinneamhan gus làthaireachd aig tachartasan co-chomhairleachaidh a bhrosnachadh.

7.15 Chomharraich com-pàirtichean nam bùithtean-obrach raon farsaing de bhuidhnean eile no seòrsachan conaltraidh eile a bha math nam beachd. Tha liosta dhiubh seo ann an Eàrr-ràdh 3. Mar as trice, chaidh iomradh a thoirt orra sin ann an aon bhùth-obrach a-mhàin.

7.16 San fharsaingeachd, bhathar den bheachd gun robh na taobhan adhartach de dheagh chom-pàirteachadh le buidhnean eile a’ gabhail a-steach:

  • Seiseanan bhuidhnean
  • Com-pàirteachadh coimhearsnachd
  • Ruigsinneachd
  • A’ gabhail gnìomhan air na chaidh a ràdh.

7.17 An coimeas ri sin, bha dòighean conaltraidh nach robh air am meas math a’ gabhail a-steach (i) dìth conaltraidh dìreach leis a’ choimhearsnachd, (ii) dìth fios air ais às dèidh co-chomhairle, agus (iii) gun a bhith a’ dèanamh dad mu na chaidh a ràdh.

Fòcas

Beachdan a thaobh feum air a bhith a’ prìomhachadh nan Amasan Ro-innleachdail ann am Plana Nàiseanta nan Eilean (C1)

7.18 Cha robh beachd soilleir thairis air na bùithtean-obrach a thaobh am bu chòir prìomhachas a thoirt do dh’amasan ro-innleachdail làithreach a’ phlana, ged a bha barrachd co-aonta ann aig cuid de na bùithtean-obrach fa leth. San fharsaingeachd, bha na daoine a ghabh pàirt den bheachd gun robh na h-amasan ro-innleachdail uile cudromach agus ceangailte, ach thuirt com-pàirtichean gu tric CUIDEACHD gum biodh e cuideachail fòcas a chur air seata amasan nas lugha. Anns a’ mhòr-chuid de na bùithtean-obrach, mar sin, bha dà phrìomh bheachd ann: gum bhiodh seòrsa de phrìomhachadh air na h-amasan ro-innleachdail iomchaidh (‘ged a tha iad uile cudromach, tha cuid nas cudromaiche na cuid eile’); NO gum bu chòir na h-amasan ro-innleachdail a th’ ann an-dràsta a chumail ach an cuir ri chèile ann am ‘buidhnean’ no ‘cruinneachaidhean’ ann an dòigh air choireigin. Ach, aig bùithtean-obrach eile, cha do chuir iad taic ri, no cha do mhol iad, prìomhachadh de na h-amasan.

Ciamar a bu chòir na h-amasan ro-innleachdail a phrìomhachadh – agus carson? (C2)

7.19 Thar nam bùithtean-obrach, bha beachd ann a chaidh a chur an cèill uair is uair gu bheil na prìomhachasan buailteach a bhith eadar-dhealaichte airson gach eilean agus, fiù ’s taobh a-staigh buidhnean de dh’eileanan, gum faodadh prìomhachasan eadar-dhealaichte a bhith ann. Mar sin, bu chòir gum biodh e comasach do gach eilean na prìomhachasan aca fhèin a chomharrachadh, seach prìomhachasan nàiseanta a bhith aca.

7.20 Aig a’ cheart àm, bha e coltach bho chòmhraidhean gum biodh cuid de dh’amasan ro-innleachdail aig mullach liosta nam phrìomhachasan anns a’ mhòr-chuid de choimhearsnachdan eileanach. B’ iad sin Còmhdhail (Amas 3), Taigheadas (Amas 4) agus Àireamh-sluaigh (Amas 1). Chaidh a ràdh gu bheil na trì amasan sin ‘gu tur cudromach’ agus ‘deatamach airson a bhith beò ann an eilean’. Ann an cuid de dh’eileanan, bhathar ag ràdh gun robh suidheachadh ‘èiginn’ ann a-nis.

7.21 Taobh a-muigh seo, bha diofar bheachdan ann mu dè na h-amasan ro-innleachdail eile a bu chòir prìomhachas fhaighinn. Chaidh na leanas uile ainmeachadh mar phrìomhachasan aig diofar bhùithtean-obrach: Foghlam (Amas 12), Leasachadh Eaconamach Seasmhach (Amas 2), Ceanglaichean Didseatach (Amas 6), Slàinte, Cùram Sòisealta agus Sunnd (Amas 7), Coimhearsnachdan Cumhachdach (Amas 10), Lùths (pàirt de Amas 9), agus Bochdainn Connaidh (Amas 5). Tha na h-adhbharan airson prìomhachas a thoirt do na h-amasan sin rim faicinn ann an Eàrr-ràdh 3.

7.22 Cha deach na h-amasan ro-innleachdail a bha air fhàgail – Àrainneachd agus Bith-iomadachd (Amas 8), Atharrachadh na Gnàth-shìde (pàirt de Amas 9), Ealain, Cultar, agus Cànan (Amas 11) agus Buileachadh (Amas 13) a mholadh airson prìomhachas le gin de na bùthan-obrach.

7.23 A bharrachd air deasbad mu na h-amasan a th’ ann mar-thà, mhol dà bhùth-obrach eadar-dhealaichte gum bu chòir àiteachas, iasgach agus turasachd a bhith air an gabhail a-steach gu soilleir ann an amasan ro-innleachdail a’ phlana.

7.24 Mu dheireadh, chaidh a’ phuing a thogail gu bheil cosg airgid a dhìth airson a’ mhòr-chuid de na h-amasan ro-innleachdail. Chaidh a mholadh gum bu chòir barrachd fòcais a bhith ann am Plana Nàiseanta nan Eilean air amasan gus teachd-a-steach a thogail.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top