National events strategy review: consultation - Gaelic version

Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.


1. RO-RÀDH AGUS CÙL-FHIOSRACHADH

1.1 Adhbhar na suirbhidh

Tha ro-innleachd thachartasan nàiseanta na h-Alba, Scotland the Perfect Stage (2014 – 2025) ga ath-bhreithneachadh agus ga ùrachadh. Leudaichidh seo an teirm aige gu deireadh 2035. Tha roinn thachartasan na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba agus VisitScotland ag obair còmhla ri aonaidhean ciùird agus ùghdarrasan ionadail gus seo a dhèanamh.

Chaidh Scotland the Perfect Stage fhoillseachadh an toiseach ann an 2008 mar fhreagairt do chomas fàsmhor na h-Alba a bhith air thùs san t-saoghal ann an gnìomhachas nan tachartasan. Chaidh ath-bhreithneachadh agus ùrachadh mu dheireadh ann gus an ùine 2015 – 2025 a chòmhdach. Is e an lèirsinn a th’ aige gum bi cliù na h-Alba mar àite foirfe airson thachartasan ga aithneachadh aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha e airson stòras na h-Alba a chleachdadh agus a leasachadh gus portfòilio de thachartasan a lìbhrigeadh a bheir eòlasan fìor-bheatha do luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail na h-Alba a bhios air thùs san t-saoghal.

Ged a chunnaic Alba iomadh soirbheachadh fon ro-innleachd làithreach, o chionn ghoirid tha roinn nan tachartasan air fulang ùine bhuaireasach nas miosa na chunnacas a-riamh roimhe. Dh'fhaodadh iomadh dùbhlan is cothrom èirigh à seo don roinn ann an Alba, mar a tha ga mhìneachadh ann am Pàipear-taice A. Air an adhbhar sin, tha Riaghaltas na h-Alba air taic a ghealltainn do dh’ath-bhreithneachadh agus ùrachadh eile air Scotland the Perfect Stage.

Tha còmhraidhean san Dùbhlachd 2022 le riochdairean bhon ghnìomhachas, aonaidhean ciùird, ùghdarrasan ionadail agus bhon roinn phoblaich air fiosrachadh a thoirt don sgrùdadh seo. Bheachdaich na còmhraidhean sin air cuspairean gnìomhachais agus eaconamaidh, Obair Chothromach agus luchd-obrach sgileil, seasmhachd àrainneachdail, agus sunnd. Thathas a’ toirt iomradh orra san sgrùdadh seo mar “Bhuidhnean Cuspaireil.”

Tha an t-suirbhidh seo a’ toirt cothrom do gach neach aig a bheil àite ann an sàr ghnìomhachas thachartasan na h-Alba cumadh a thoirt air ro-innleachd ùraichte na roinne. Bheir e timcheall air 30-40 mionaid ga chrìochnachadh.

Contact

Email: majorevents@gov.scot

Back to top