National events strategy review: consultation - Gaelic version
Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.
9. PÀIPEAR-TAICE A: CO-THEACSA CAOCHLAIDEACH
9.1 Tachartasan a' tilleadh
B’ e samhradh cudromach a bh’ ann an 2022 airson tachartasan ann an Alba, às dèidh nan cuingeadan mòra eadar Màrt 2020 agus earrach 2021. Am measg na chaidh a choileanadh bha comharrachadh cruthachail Dandelion air fàs, ceòl agus coimhearsnachd. Ann an samhradh goilf ann an 2022 chùm Alba còig tachartasan àrd-ìomhaigh ann an seachdainean às dèidh a chèile, leis an 150mh Open ann an Cill Rìmhinn aig an ceann. Ach, tha gnìomhachas nan tachartasan fhathast a’ faireachdainn buaidh galar lèir-sgaoilte Covid-19. Bha cultar agus tachartasan am measg a’ chiad roinnean a dhùin agus an fheadhainn mu dheireadh a dh’fhosgail a-rithist. Tha measgachadh den ghalar lèir-sgaoilte, Brexit agus an èiginn lùtha air a bhrosnachadh le ionnsaigh mhì-laghail na Ruis air Ugràin, air prìsean àrdachadh gu mòr. Tha cosgaisean ag èirigh a’ cur bacadh mòr air comas nan roinnean sin faighinn air ais às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte, a’ toirt buaidh air sèinichean solair, luchd-obrach agus luchd-amais. Mar sin tha ath-bheothachadh gu sònraichte cudromach don ghnìomhachas.
Feumaidh an gnìomhachas cuideachd freagradh ri grunn atharrachaidhean agus molaidhean o chionn ghoirid a thaobh riaghlaidhean ann an raointean a tha a’ toirt buaidh orra. Nam measg tha cumhachdan ùra ùghdarrasan ionadail gus riaghladh a dhèanamh air Màl Geàrr-ùine, riatanasan ùra gus buaidh àrainneachdail a lughdachadh leithid an Sgeama Tilleadh Bhotal is Chrogan, an riatanas Fìor Thuarastal Bith-beò a phàigheadh gus cothrom fhaighinn air tabhartasan bhon roinn phoblaich, agus bacadh a dh’fhaodadh a bhith ann san àm ri teachd air margaidheachd deoch làidir.
9.2 Gluasad gu Net Zero
Is e atharrachadh gnàth-shìde aon de na cunnartan as motha a tha mu choinneimh a’ chinne-daonna. Ma chumas teòthachd na cruinne ag èirigh aig an aon ìre, bidh àrdachadh teas ag adhbharachadh teòthachd roinneil is ràitheil anabarrach, a' lùghdachadh còmhdach sneachda agus deigh mara, a' dèanamh uisge trom nas miosa, agus ag atharrachadh no a’ sgrios raointean àrainn airson lusan agus beathaichean, ag atharrachadh ar planaid ann an dòighean a bheir buaidh mhòr oirnn uile. Tha comharran ann gum faodadh èiginn cosgais bith-beò a bhith a’ cuingealachadh comas luchd-cleachdaidh prìomhachas a thoirt do sheasmhachd àrainneachd.
Tha cothrom ann don roinn a bhith aig fìor thoiseach leasachaidhean san raon seo, agus cothrom buannachd fhaighinn bhon tasgadh sin san fhad-ùine. Tha tachartas a tha seasmhach a thaobh na h-àrainneachd na sho-mhaoin ann a bhith a’ dèanamh Alba na àite tarraingeach do thachartasan agus, le gabhail ri dòighean-beatha seasmhach a’ sìor fhàs, tarraingeach do luchd-amais. Tha Riaghaltas na h-Alba air rùintean atharrachadh gnàth-shìde a shuidheachadh gus Alba a bhith na dùthaich net zero a thaobh sgaoileadh gasaichean blàthachaidh ro 2045, le targaidean eadar-amail de 75% ro 2030 agus 90% ro 2040, mu choinneamh ìrean bun-loidhne 1990. Tha iad cuideachd air gealltainn seo a dhèanamh ann an dòigh a tha ceart agus cothromach airson a h-uile duine air feadh na h-Alba. Tha iad seo nan targaidean àrd-mhiannach agus feumaidh iad oidhirp choitcheann bho gach ceàrnaidh den chomann-shòisealta, a’ gabhail a-steach riaghaltasan, gnìomhachasan, buidhnean, coimhearsnachdan agus teaghlaichean.
9.3 Com-pàirteachadh eadar-nàiseanta
A’ tighinn a-mach à galar lèir-sgaoilte Covid-19, tha turasachd eadar-nàiseanta a’ fosgladh a-rithist agus a’ toirt cothrom don ghnìomhachas. Tha cothrom ann cuideachd ceangal ri dùthchannan eile a-rithist, a’ gabhail a-steach ceanglaichean ri ro-innleachd cultair eadar-nàiseanta agus an seòrsa ‘dioplòmasaidh spòrs’ air a bheil dùthchannan eile san RA a’ beachdachadh. Aig an aon àm, tha Brexit a’ toirt dhùbhlan ùra don ghnìomhachas leithid a thaobh luchd-obrach agus còmhdhail bathair.
9.4 Taic do Shlàinte Inntinn is Sunnd
Tha deagh shunnd inntinn a’ brosnachadh càileachd beatha nas fheàrr san fharsaingeachd, dòighean-beatha nas fhallaine, slàinte chorporra nas fheàrr, faighinn seachad air tinneas, dàimhean sòisealta nas fheàrr, agus coileanadh foghlaim àrd-ìre. Tha fios againn gu bheil neo-ionannachdan slàinte inntinn susbainteach ann an Alba.
Tha eadar-theachd agus casg tràth nan àrd phrìomhachasan do Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ toirt air adhart ar modh-obrach a thaobh slàinte inntinn agus sunnd. Is e ar n-amas taic a thoirt do dhaoine a bhith a’ dol an sàs gu h-adhartach le an slàinte inntinn aig ìre thràth, a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do na suidheachaidhean airson deagh shlàinte inntinn agus sunnd aig ìre sluaigh.
Tha iomadh rud a’ toirt buaidh air ar slàinte inntinn agus ar sunnd, leithid ar beatha aig an taigh, ar n-obair, ar n-àrainneachd chorporra agus taigheadas, ar teachd a-steach, ar dàimhean no ar coimhearsnachd. Faodaidh tachartasan cur ri sunnd dhaoine fa-leth agus coimhearsnachd.
9.5 Farpais eadar-nàiseanta
Dh’innis Buidhnean Cuspaireil dhuinn gum faod Alba a bhith a' coimhead na àite cosgail airson tachartasan a chumail an taca ri dùthchannan eile air sgàth cosgais cleachdaidhean cosnaidh. Tha a’ chosgais nas àirde seo, ge-tà, a’ tighinn le bun-structair aoigheachd, daoine a tha deiseil agus aig a bheil na sgilean airson an obair a dhèanamh, agus an t-eòlas a bhith a' lìbhrigeadh taobh a-staigh ùine shònraichte.
Ri linn buaidhean leantainneach Covid-19, cuingeadan cosgais poblach agus èiginn cosgais bith-beò, tha aig Riaghaltas na h-Alba agus an roinn phoblach san fharsaingeachd ri roghainnean duilich a dhèanamh a thaobh cumail ri buidseatan. Nuair a tha dùthchannan eile a’ tasgadh stòrasan susbainteach ann an tachartasan, tha cuideam nan dùbhlan sin air buaidh a thoirt air an roinn phoblaich agus air an airgead a tha ri fhaighinn airson tachartasan ann an Alba. Bha dragh air Buidhnean Cuspaireil gum faodadh seo bacadh a chur air cho farpaiseach ’s a tha Alba ann a bhith a' tàladh thachartasan, rud a nì cron air a cliù eadar-nàiseanta. Dh’fhaodadh e a bhith a’ ciallachadh nas lugha de thaic airson leasachadh agus lìbhrigeadh thachartasan san àm ri teachd san fharsaingeachd, a’ toirt buaidh air na buannachdan a thig bhuapa. Bha seo a’ ciallachadh airson nan tachartasan sin a tha ag iarraidh airgead poblach, gu bheil ro-innleachd a chuidicheas gu soilleir a’ dearbhadh buannachdan thachartasan agus na tha iad a’ cur ris gu sònraichte cudromach.
Contact
Email: majorevents@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback