National events strategy review: consultation - Gaelic version
Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.
1.2 Cò bhuaithe a tha sinn airson cluinntinn
Tha an t-suirbhidh seo ag amas air:
- Daoine a bhios a’ frithealadh thachartasan ann an Alba no a tha airson am frithealadh, agus buidhnean a bhios gan riochdachadh
- Daoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan far a bheil tachartasan gan cumail, agus buidhnean a bhios gan riochdachadh
- Buidhnean agus daoine ag obair ann an agus còmhla ri gnìomhachas thachartasan na h-Alba, thar nan roinnean poblach, prìobhaideach agus an treas roinn
Chuireamaid fàilte cuideachd air beachdan dhaoine agus bhuidhnean bho thaobh a-muigh na h-Alba, gus cluinntinn mu na dh’fhiosraich iad de thachartasan Albannach agus a bhith ag obair le roinn thachartasan na h-Alba. Bu mhath leinn cuideachd cluinntinn mu dhòighean-obrach a bhios na roinnean prìobhaideach, poblach agus an treas roinn a’ cleachdadh a thaobh thachartasan ann an dùthchannan eile.
Tha sinn a’ sireadh bheachdan air:
- Àrd-miann agus prìomhachasan thachartasan agus na roinn thachartasan ann an Alba
- Ruigsinneachd air tachartasan
- Cò ris a tha e coltach a bhith ag obair ann an tachartasan
- Mar as urrainn do thachartasan ann an Alba cumail orra a’ co-obrachadh agus ag ùr-ghnàthachadh
- Mar as urrainn do thachartasan a bhith a' cur air adhart bailtean-mòra, roinnean agus Alba air fad gu h-eadar-nàiseanta
Contact
Email: majorevents@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback