National events strategy review: consultation - Gaelic version
Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.
2. A' LEASACHADH ÀRD-MHIANN CO-ROINNTE
2.1 Mìneachadh air tachartas
Airson na ro-innleachd thachartasan nàiseanta, tha tachartasan a’ ciallachadh thachartasan poblach agus fèisean poblach. Tha sin a’ ciallachadh gum faod duine sam bith frithealadh an-asgaidh no le bhith a’ ceannach tiogaid, no le bhith ga fhaicinn air telebhisean no gu didseatach. A bharrachd air sin, tha an ro-innleachd a’ toirt a-steach tachartasan gnothaich. Tha na tachartasan gnothaich seo airson bhuidhnean ainmichte agus chan urrainn don mhòr-shluagh am frithealadh. Am measg eisimpleirean de thachartasan gnothaich tha coinneamhan corporra, cur air bhog bathair, taisbeanaidhean agus co-labhairtean, agus siubhal sanasachd. Chan eil an ro-innleachd a’ dèiligeadh ri tachartasan teaghlaich no pearsanta leithid bainnsean, tìodhlacaidhean agus pàrtaidhean co-latha-breith.
Faodaidh tachartasan a bhith suidhichte – a’ tachairt gach bliadhna no nas trice san aon àite gu maireannach. Faodaidh iad a bhith ath-chùrsach – a’ tachairt gach bliadhna san aon àite airson grunn bhliadhnaichean, no gach dà bhliadhna no ceithir bliadhna. No faodaidh iad tachairt dìreach aon turas – mar as trice bithear a' tagradh air an son agus gan cumail mar aon thachartas a-mhàin.
Faodaidh tachartasan cuideachd a bhith iomadh meud, bho thachartasan ionadail agus coimhearsnachd suas gu tachartasan ana-mhòra mòr air an cumail thar iomadh dùthcha.
2.2 Adhbhar na ro-innleachd
Bheir an ro-innleachd ùraichte seachad cuimseachadh ro-innleachdail do na h-uile a tha an sàs ann an taobh sam bith de phlanadh, faighinn, taic agus lìbhrigeadh thachartasan de gach meud ann an Alba gu deireadh 2035. Tha e cudromach gu bheil àrd-mhiann co-roinnte soilleir aig an ro-innleachd as urrainn dhuinn a shireadh còmhla.
Bheachdaich Buidhnean Cuspaireil air cò ris a tha soirbheachas coltach. Dhaibhsan, bha seo a’ ciallachadh roinn thachartasan a bha:
- làidir agus seasmhach a thaobh ionmhais
- a’ lìbhrigeadh buannachd eaconamach shusbainteach do dh’Alba
- a’ tabhann obair tharraingeach a bheir duais chothromach don luchd-obrach ann am pàigheadh, cumhaichean, tèarainteachd agus cothrom
- cunntachail don àrainneachd agus a’ lìbhrigeadh gluasad cothromach gu net zero
- a’ nochdadh Alba, ar luachan agus ar stòras air feadh na cruinne, agus
- a’ cur gu dearbhach ri slàinte is sunnd bodhaig, inntinn is beatha shòisealta dhaoine fa-leth agus choimhearsnachdan.
Dh’fhaodadh seo leantainn gu Àrd-mhiann airson nan deich bliadhna ri thighinn gum biodh
An roinn thachartasan, ann an 2035:
- aithnichte air feadh an t-saoghail mar roinn air thùs san t-saoghal ann an leasachadh agus lìbhrigeadh tachartasan gnìomhachais, spòrs, ealain agus cultarail nas fharsainge – an ‘t-àrd-ùrlair as fheàrr do thachartasan’
- a' cruthachadh agus a' cumail portfòilio buntainneach, eadar-mheasgte agus in-ghabhalach de thachartasan aig ìre cruinne a lìbhrigeas buannachdan eaconamach, sòisealta, cultarail agus àrainneachdail do dh’Alba
- a’ lìbhrigeadh Obair Chothromach do na h-uile a tha ag obair san roinn, le fastaichean a’ toirt seachad àrainneachd obrach dheimhinneach is thèarainte, agus a’ toirt taic do luchd-obrach sgileil, dealasach aig a bheil deagh phàigheadh
Dh’fhaodadh tuigse air adhartas a dh’ionnsaigh an àrd-mhiann seo a bhith air a chuideachadh le grunn Chomharran a tha a’ tomhas:
- ìomhaigh nàiseanta is eadar-nàiseanta thachartasan Albannach
- tabhartas eaconamach thachartasan thar roinnean agus do dh’Alba air fad
- slàinte roinn nan tachartasan, a’ gabhail a-steach seasmhachd agus comas lìbhrigidh
- cò ris a tha an roinn thachartasan coltach mar àite-obrach, ag amalachadh tomhasan Obrach Chothromaich de ghuth èifeachdach, tèarainteachd, spèis, cothrom agus sàsachadh
- gluasad cothromach roinn nan tachartasan gu net zero agus seasmhachd àrainneachd
- mar a bhios so-ruigsinneachd thachartasan a’ cur ri slàinte is sunnd bodhaig, inntinn is beatha shòisealta dhaoine fa-leth agus choimhearsnachdan
Tha sinn a’ faighneachd an e seo an t-amas ceart airson na ro-innleachd.
Ceist 1: Dè an ìre gu bheil thu taiceil no an aghaidh an Àrd-mhiann a thathar a’ moladh?
- an aghaidh gu mòr
- an aghaidh
- chan eil mi na aghaidh no taiceil
- taiceil
- glè thaiceil
- chan eil fhios agam
Ceist 2: Nad bheachd-sa, dè cho cudromach ’s a tha gach prìomhachas ro-innleachdail seo do thachartasan thar nan deich bliadhna a tha romhainn? Thoir sgòr bho aon gu còig airson gach fear, far a bheil aon a’ ciallachadh nach eil e cudromach idir agus còig air leth cudromach, no “chan eil fhios agam”:
- Brosnachadh na h-eaconamaidh
- Cur ri sunnd agus com-pàirteachadh coimhearsnachd
- Cur ris an iomairt a dh’ionnsaigh net zero agus seasmhachd àrainneachdail
- Dèanamh roinn nan tachartasan na àite nas fheàrr airson obair ann
- Taisbeanadh agus cur air adhart stòras na h-Alba
Ceist 3: Dè na prìomhachasan ro-innleachdail eile, (ma tha gin ann), a tha thu a’ smaoineachadh a bu chòir a bhith air an gabhail a-steach san ro-innleachd ùraichte?
Contact
Email: majorevents@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback