National events strategy review: consultation - Gaelic version
Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.
4. TACHARTASAN A' LÌBHRIGEADH EÒLAS SÀR-MHATH
Tha a bhith a’ dèanamh eòlas tachartais a tha cho math ’s a ghabhas aig cridhe soirbheachas malairteach a' ghnìomhachais. Dh’fhaodadh buannachdan a thighinn às airson fastadh agus cumail luchd-obrach, agus tàladh prìomh thachartasan agus tachartasan ana-mhòra a dh’Alba. Faodaidh deagh eòlas tachartais cur ri slàinte is sunnd bodhaig, inntinn is beatha shòisealta dhaoine fa-leth agus choimhearsnachdan.
Tha sinn den bheachd gum bu chòir don ro-innleachd thachartasan nàiseanta taic a thoirt do chom-pàirtichean gus portfòilio iomlan de thachartasan a lìbhrigeadh a tha:
- In-ghabhalach, ruigsinneach agus tarraingeach do raon farsaing de luchd-amais.
- Eadar-mheasgte agus riochdachail le raon farsaing de thachartasan bho thall thairis is bhon dùthaich seo fhèin air an sgaoileadh air feadh roinnean. Bhiodh iad seo a’ riochdachadh guthan, eòlasan agus spionnadh eadar-mheasgte na h-Alba, a’ neartachadh cliù chathair-bhailtean is choimhearsnachdan, agus a’ cur ri mothachadh air moit chatharra.
- Soirbheachail agus fèillmhor, a' cur ris na roinnean tachartais agus turasachd a bharrachd air an eaconamaidh san fharsaingeachd.
- Air a lìbhrigeadh le coimhearsnachdan gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine ionadail an sàs ann an dealbhadh agus lìbhrigeadh.
- A’ toirt taic do dh’àrd-mhiannan nas fharsainge ann an roinnean agus gnìomhachasan eile, gu sònraichte ann am prìomh ghnìomhachasan agus margaidhean a tha a’ tighinn am bàrr, agus tro leasachadh chompanaidhean Albannach san t-sèine solair.
- A’ dìon agus ag adhartachadh calpa nàdarra na h-Alba nan lìbhrigeadh, le com-pàirtichean air feadh na roinne a’ gealltainn sgaoilidhean a lùghdachadh agus freagarrachadh ri atharrachadh gnàth-shìde mar phàirt de ghluasad cothromach gu net zero.
4.1 Tarraing luchd-amais
Tha roinn cultair na h-Alba ga mheas in-ghabhalach ann a bhith a’ tarraing luchd-amais agus coimhearsnachdan, agus aig a bheil luchd-amais eadar-mheasgte. Dh’fhaodadh àrach an luchd-amais seo agus a chliù a bhith na thaic do chliù na h-Alba san fharsaingeachd mar àite airson tachartasan a chumail.
Tha fios againn gu bheil bacaidhean a bharrachd mu choinneamh cuid de dhaoine a bhith a’ faighinn cothrom air tachartasan agus faighinn tlachd asta, agus gu bheil ìrean frithealaidh aig tachartasan cultarail eadar-dhealaichte thar diofar bhuidhnean. Tha fios againn gu bheil bacaidhean a’ toirt a-steach cosgais thiogaidean, siubhal, an tachartas a bhith ro fhada air falbh, trioblaidean slàinte agus cùram-cloinne. Mar phàirt den t-suirbhidh seo, tha sinn airson tuigsinn mar a dh’fhaodadh an ro-innleachd thachartasan nàiseanta dèiligeadh ri sin.
Ceist 4: Bidh daoine a’ frithealadh thachartasan airson diofar adhbharan. An innis thu na tha cudromach dhut ann a bhith a’ cruthachadh sàr eòlas tachartais?
Ceist 5: Dè an ìre gu bheil thu ag aontachadh, no a' dol an aghaidh gu bheil tachartasan ann an Alba:
- Ruigsinneach (a’ dol an aghaidh gu làidir, a’ dol an aghaidh, chan eil mi ag aontachadh no a’ dol an aghaidh, ag aontachadh, ag aontachadh gu làidir, chan eil fhios agam)
- Aig prìs reusanta (a’ dol an aghaidh gu làidir, a’ dol an aghaidh, chan eil mi ag aontachadh no a’ dol an aghaidh, ag aontachadh, aontachadh gu làidir, chan eil fhios agam)
- In-ghabhalach (a’ dol an aghaidh gu làidir, a’ dol an aghaidh, chan eil mi ag aontachadh no a’ dol an aghaidh, ag aontachadh, ag aontachadh gu làidir, chan eil fhios agam)
- Fàilteachail (a’ dol an aghaidh gu làidir, a’ dol an aghaidh, chan eil mi ag aontachadh no a’ dol an aghaidh, ag aontachadh, ag aontachadh gu làidir, chan eil fhios agam)
Ceist 6: Tha ùidh againn cuideachd faighinn a-mach carson nach biodh e comasach do dhaoine a dhol gu tachartasan. An innis thu adhbhar sam bith nach frithealadh tu tachartasan a bu toil leat frithealadh?
4.2 Com-pàirteachadh coimhearsnachd
Tha fèisean agus tachartasan cudromach airson cliù àite a leasachadh. Bha Buidhnean Cuspaireil a’ leigeil fhaicinn gum faodadh strì a bhith ann eadar tachartasan malairteach a dh’fheumas ruith airson grunn làithean gus teachd a-steach gu leòr fhaighinn, agus am buaireadh a dh’fhaodadh seo adhbhrachadh ann an coimhearsnachd. Thuirt iad cuideachd gum faodadh eòlas ionadail an strì seo a lasachadh, agus gum faodadh stèidheachadh dhàimhean le carthannasan ionadail agus iomairtean sòisealta cuideachd slighean a leasachadh gu coimhearsnachdan sònraichte.
Tha sinn airson eòlasan coimhearsnachd de thachartasan ann an Alba a thuigsinn gus an gabh barrachd a dhèanamh gus am faigh coimhearsnachdan buannachd chinnteach bho thachartasan.
Ceist 7: Gu dè an ìre a tha thu ag aontachadh no a’ dol an aghaidh gum bi stiùirichean thachartasan a’ toirt choimhearsnachdan an lùib planadh nan tachartasan a bhios iad a’ cumail?
- na aghaidh gu mòr
- na aghaidh
- chan eil mi na aghaidh no ag aontachadh
- ag aontachadh
- ag aontachadh gu mòr
- chan eil fhios agam
Ceist 8: Gu dè an ìre a tha thu ag aontachadh no a’ dol an aghaidh gum bi stiùirichean thachartasan a’ conaltradh mu mar a bheir na tachartasan aca buaidh air muinntir an àite?
- na aghaidh gu mòr
- na aghaidh
- chan eil mi na aghaidh no ag aontachadh
- ag aontachadh
- ag aontachadh gu mòr
- chan eil fhios agam
Ceist 9: Ciamar a dh’fhaodadh coimhearsnachdan barrachd buannachd fhaighinn bho thachartasan?
4.3 Iomadachd
Tha an ro-innleachd làithreach a’ cleachdadh modh-obrach portfòilio airson thachartasan. Anns an dòigh seo, faodar measgachadh de thachartasan mòra is beaga, spòrs is cultair, stèidhichte, ath-chùrsach agus aon-uair a chomharrachadh agus taic a thoirt dhaibh. Bidh VisitScotland a’ co-òrdanachadh dòigh-obrach nàiseanta na roinne poblaich, ag obair gu dlùth leis na h-ùghdarrasan ionadail iomchaidh gus am feum as fheàrr a dhèanamh de na neartan agus stòrasan eadar-dhealaichte aca. Tha seo a thuilleadh air tachartasan anns an roinn phrìobhaidich agus buidhnean eile.
Thar ùine, tha Alba air mìosachan de thachartasan a leasachadh de dhiofar meud is seòrsa agus ann an diofar sgìrean. Tha an ro-innleachd làithreach a’ toirt taic do mheasgachadh farsaing de thachartasan gus na buannachdan a sgaoileadh air feadh na bliadhna agus na dùthcha, a’ gabhail a-steach tro na prògraman maoineachaidh thachartasan aig VisitScotland. Bidh e cuideachd ag adhartachadh co-ionannachd agus iomadachd le bhith a’ toirt a-steach tachartasan airson diofar deamografaig a’ gabhail a-steach seann daoine, daoine òga, teaghlaichean, daoine le ciorraman agus buidhnean fo anacothrom, a bharrachd air a bhith a’ toirt urram do chòraichean daonna dhaoine fa-leth.
Tha raon de bhuannachdan eile aig modh-obrach portfòilio. Leithid:
- brosnachadh agus àrach ùr-ghnàthachadh agus tionnsgal
- brosnachadh agus dèanamh comasach turasachd sheasmhach le bhith a’ taisbeanadh ar n-àrainneachd nàdarra, ar cultar agus ar dualchas
- a’ tabhann eòlasan measgaichte thar roinnean na dùthcha agus roinnean gnìomhachais
- cruthachadh choimhearsnachdan agus leasachadh àiteachan
Nuair a thèid a dhèanamh gu math, bha Buidhnean Cuspaireil den bheachd gum faod raon de dh’eòlasan fìor-bheatha luchd-amais agus eòlasan com-pàirteachaidh suaicheanta a bhith a' lìbhrigeadh thachartasan a tha gun samhail agus sònraichte do dh’àiteachan fa-leth. Bha iad cuideachd den bheachd gun urrainn do roinn tachartasan a lìbhrigeadh a bhrosnaicheas uaill chatharra, agus a chomharraicheas cultar na h-Alba gus co-obrachadh ùr eadar-nàiseanta a bhrosnachadh.
Ceist 10: Dè cho cudromach ’s a tha iomadachd thachartasan ann an Alba a thaobh gach aon de na leanas? Thoir sgòr bho aon gu còig airson gach fear, far a bheil aon a’ ciallachadh nach eil e cudromach idir agus còig air leth cudromach, no “chan eil fhios agam”:
- Raon de mheudan eadar-dhealaichte
- Sgaoileadh de dh’àiteachan
- Iomadach seòrsa tachartais
Ceist 11: Dè na cnapan-starra, ma tha gin idir, a th’ ann a thaobh measgachadh de thachartasan a chumail ann an Alba?
Contact
Email: majorevents@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback