National events strategy review: consultation - Gaelic version

Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.


5. Cleachdadh as Fheàrr, Ùr-ghnàthachadh agus Leasachadh Leantainneach

Tha an ro-innleachd thachartasan nàiseanta làithreach a’ comharrachadh gu bheil feum air a h-uile buidheann iomchaidh uallach a ghabhail airson dèanamh cinnteach gu bheil Alba a’ leantainn air adhart ag ùr-ghnàthachadh ann an roinn nan tachartasan agus gu bheil ùr-ghnàthachadh a’ faighinn taic agus àrach. Tha e cuideachd ag aithneachadh àite a h-uile com-pàirtiche ann a bhith a’ cur an sàs an cleachdadh as fheàrr bho air feadh an t-saoghail agus ann a bhith ag adhartachadh ar cleachdaidhean as fheàrr gu h-eadar-nàiseanta.

Gus fuireach air thùs gu h-eadar-nàiseanta, feumaidh tachartasan ann an Alba ùr-ghnàthachadh agus leasachadh leantainneach a dhèanamh mar fhreagairt do dhùbhlain is cothroman ùra. Tha a’ phàirt seo den t-suirbhidh a’ sireadh do bheachdan air far am faodadh an ro-innleachd taic a thoirt do bharrachd ùr-ghnàthachaidh agus leasachadh leantainneach.

5.1 Obair Chothromach agus leasachadh sgioba-obrach

Air feadh an t-saoghail, tha cliù aig muinntir na h-Alba airson a bhith dìcheallach, onarach agus sgileil. Dh’aithnich Buidhnean Cuspaireil an luchd-obrach, a’ gabhail a-steach an t-sèine solair, mar phrìomh neart agus raon leasachaidh.

San àm bho dhealbhadh tachartais gu a lìbhrigidh, faodaidh an sgioba-obrach atharrachadh gu mòr. Faodaidh e fàs bho bhith na phrìomh sgioba dealbhaidh airson a’ mhòr-chuid den bhliadhna gu bhith mòran nas fharsainge. Tha seo a’ dol bho chunnradairean, gnìomhachd luchd-urrais agus luchd-ùidh eile gu luchd-obrach sealach air am fastadh airson an latha, leithid luchd-frithealaidh, luchd-obrach bàir agus stiùbhardan. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil measgachadh farsaing de dh’eòlasan, cothroman, teisteanasan, ullachadh cosnaidh agus pàigheadh ann dhaibhsan a tha ag obair ann an tachartasan. Tha e cuideachd a’ ciallachadh gum faod daoine gluasad a-steach agus a-mach à tachartasan gu math luath.

Tha sinn ag iarraidh beachdan a chluinntinn air cho tarraingeach ’s a tha obair san roinn bhon fheadhainn aig a bheil eòlas air obair ann an tachartasan, ge bith dè an dreuchd a th’ aca. Tha ùidh againn cuideachd beachdan a chluinntinn bhon fheadhainn a tha a’ coimhead air an roinn bhon taobh a-muigh.

Ceist 12: A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil roinn nan tachartasan na àite tarraingeach a bhith ag obair ann?

  • Tha
  • Chan eil
  • Chan eil fhios agam

Ceist 13: Innis carson a thagh thu Tha, Chan eil, no Chan eil fhios agam an seo.

5.1.1 Cleachdaidhean Obrach Chothromaich

Tha sinn ag iarraidh gum bi Alba na prìomh nàisean Obrach Chothromaich ro 2025, far a bheil obair chothromach a’ stiùireadh soirbheachas, sunnd agus beairteas do dhaoine fa-leth, do ghnìomhachasan, do bhuidhnean agus don chomann-shòisealta.

Nar Plana Gnìomha Obrach Chothromaich Ùraichte, mhìnich sinn na nì sinn gus àiteachan-obrach cothromach is in-ghabhalach a bhrosnachadh air feadh na h-Alba, far am faigh luchd-obrach eòlas air na còig Tomhasan Obrach Chothromaich – air am mìneachadh leis a’ Chùmhnant Obrach Chothromaich mar Guth Èifeachdach, Tèarainteachd, Spèis, Cothrom agus Sàsachadh. Bidh e na phrìomh ghnìomh dhuinn dòigh-obrach neartaichte a chur an sàs a thaobh chumhachan ann am maoineachadh san roinn phoblaich. Bho 1 Iuchar 2023, bidh gach tabhartas san roinn phoblaich a’ toirt a-steach riatanas co-dhiù am Fìor Thuarastal Bith-beò a phàigheadh don luchd-obrach air fad, agus dòighean iomchaidh a chleachdadh airson guth èifeachdach a thoirt dhaibh.

Chomharraich Buidhnean Cuspaireil obair chothromach mar phàirt chudromach de bhith a’ tàladh dhaoine gu obair ann an roinn nan tachartasan. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ leantainn air adhart a’ cur an gnìomh cleachdaidhean-obrach cothromach, a’ solarachadh àrainneachdan-obrach sàbhailte agus a’ brosnachadh cultaran dearbhach san àite-obrach far a bheil luchd-obrach an sàs, far an urrainn dhaibh tabhartas luachmhor a thoirt seachad, agus guth èifeachdach a bhith aca.

Ceist 14: Ma tha thu ag obair san roinn thachartasan, dè an t-eòlas a th’ agad air cleachdaidhean Obrach Chothromaich san roinn?

Ceist 15: Ma tha thu ag obair san roinn thachartasan, a bheil dad ann a bu mhath leat atharrachadh a thaobh cleachdaidhean Obrach Chothromaich?

5.1.2 Planadh sgioba-obrach agus leasachadh sgilean

Shaoil Buidhnean Cuspaireil gum faodadh a leithid de sgioba-obrach gluasadach a bhith na dhùbhlan a thaobh dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a tha an sàs ann an tachartas foghlamaichte, air an cumhachdachadh agus cunntachail. Faodaidh e a bhith duilich do ghnìomhachasan tasgadh a dhèanamh ann am foghlam agus trèanadh taobh a-muigh a' phrìomh sgioba aca. Tha tachartasan a’ farpais ri chèile, roinnean eile agus dùthchannan eile airson luchd-obrach. Tha grunn earrainnean air am bi tachartasan a’ tarraing, leithid aoigheachd, a’ fulang nan aon dùbhlain fastaidh is glèidhidh.

Chomharraich Buidhnean Cuspaireil cothrom airson shlighean soilleir gu agus tro dhreuchd ann an tachartasan mar fhreagairt air na dùbhlain sin, còmhla ri meantoradh, agus deagh fhiosrachadh is comhairle mu dhreuchdan. Dh’fhaodadh seo daoine òga agus an fheadhainn nach eil gnìomhach sa mhargaidh obrach an-dràsta a thàladh, agus iomadachd a chur am meud.

Mhol Buidhnean Cuspaireil cuideachd seasmhachd dhreuchdan, sgilean so-ghluasadach, diofar phàtranan obrach, co-roinn deagh chleachdadh, agus taic do chothroman matha saor-thoileach mar phàirt den fhuasgladh seo. Thug iad fa-near gu robh cleachdadh sàr-mhath agus nach robh cho math ann an obair shaor-thoileach san roinn, agus gu bheil fo-riochdachadh ann de bhuidhnean fo anacothrom ann an dreuchdan foirmeil saor-thoileach. Tha buannachdan eaconamach, slàinte is sòisealta aig obair shaor-thoileach, a bharrachd air daoine a chuideachadh gus an sgilean agus an comas cosnaidh a leasachadh ach cha bu chòir a chleachdadh an àite dhreuchdan pàighte.

Ceist 16: A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil cothroman gu leòr ann airson gach aon de na leanas a dhèanamh? Freagair Tha, Chan eil, no Chan eil fhios agam airson gach fear:

  • ionnsachadh mu cò ris a tha e coltach a bhith ag obair san roinn
  • na sgilean agus eòlas fhaighinn a dh’fheumas tu airson obair san roinn
  • dreuchd a leantainn san roinn
  • ionnsachadh bho leasanan agus deagh chleachdadh dhaoine eile san roinn

Ceist 17: Saoil ciamar a ghabhadh cothrom air na cothroman sin a leasachadh?

5.2 Seasmhachd Àrainneachdail

Tha an ro-innleachd làithreach ag ràdh gum feum a h-uile tachartas ann an Alba targaidean a shuidheachadh airson èifeachdas stòrais agus mar sin cuideachadh le bhith a’ glèidheadh aon de phrìomh mhaoinean na h-Alba, ar n-àrainneachd nàdarra. An-dràsta, tha inbhean seasmhachd thachartasan eadar-nàiseanta ann (ISO 20121). Tha grunn iomairtean ann gus taic a thoirt do dhaoine fa leth agus do bhuidhnean a bhith nas seasmhaiche a thaobh na h-àrainneachd, a’ gabhail a-steach tron Hub Gnìomh Gnàth-thìde aig Co-obrachadh Gnàth-thìde Gnothaichean na h-Alba agus Creative Carbon Alba.

Air an dàrna làimh, chomharraich Buidhnean Cuspaireil miann thar roinn an tachartais gus adhartas a stiùireadh ann a bhith a’ coileanadh gluasad cothromach gu net zero. Bha sin a’ gabhail a-steach ùr-ghnàthachadh agus tasgadh a tha a’ tachairt mar-thà san roinn. Air an làimh eile, bha iad a’ faireachdainn, san fharsaingeachd, nach robh fhathast deagh thuigse ann air mar a ghabhadh tachartas seasmhach a chumail. Ghabh seo a-steach nach eil an-còmhnaidh cuideam gu leòr ga chur air cìsean mòra, follaiseach leithid còmhdhail seasmhach (agus feum air cleachdadh chàraichean a lùghdachadh), cleachdadh teas is lùth aig ionadan, agus solarachd.

Tha an t-suirbhidh seo a’ sireadh bheachdan air mar as urrainn dhuinn dèiligeadh ris na dùbhlain a tha air am mìneachadh gu h-ìosal:

  • Togail sgilean agus eòlas. Chomharraich Buidhnean Cuspaireil dìth sholaraichean sònraichte ionadail mar bhacadh – an dà chuid a thaobh lughdachadh buaidh àrainneachdail agus a bhith a’ meudachadh bhuannachdan eaconamach ionadail bho thachartasan.
  • Cothrom air agus co-roinn fiosrachaidh. Thuirt Buidhnean Cuspaireil gu bheil fiosrachadh a tha air a thoirt seachad le mòran bhuidhnean eadar-dhealaichte a’ ciallachadh gu bheil dìth soilleireachd ann don roinn. Feumaidh gnìomhachasan cuideachd fuasglaidhean cruthachail a lorg gus buaidh àrainneachd a lughdachadh ann an taobhan de sponsaireachd agus marsantachd. Bha Buidhnean Cuspaireil a’ faireachdainn gum faodadh co-obrachadh le chèile agus le roinnean eile adhartas a stiùireadh.
  • Inbhean agus cleachdadh coitcheann. Bha Buidhnean Cuspaireil den bheachd nach eil dòigh-obrach àbhaisteach gnìomhachais ann fhathast a thaobh seasmhachd àrainneachdail. Dh’fhaodadh còd cleachdaidh no prionnsapalan coitcheann air feadh na roinne seo a leasachadh agus luchd-cleachdaidh a chuideachadh gus tuigsinn dè dh’fheumas iad a dhèanamh. Is dòcha gur e eisimpleirean de seo cairt leithid a' Chòd Thachartasan Uaine aig Vision 2025, no còd solarachaidh, no stiùireadh do thachartasan.

Ceist 18: Dè a shaoileas tu a chuidicheadh tachartasan a bhith nas seasmhaiche a thaobh na h-àrainneachd?

5.3 Seasmhachd ionmhasail

Bidh tachartasan a’ tarraing teachd a-steach bho ghrunn shruthan eadar-dhealaichte. Bidh na sruthan sin ag atharrachadh bho thachartas gu tachartas ach faodaidh iad a bhith a’ gabhail a-steach reic thiogaidean, urrasachd agus tabhartasan. Ann an co-theacsa caochlaideach (fiosrachadh aig Pàipear-taice A), feumar ùr-ghnàthachadh ann an tachartasan na h-Alba gus leantainn air adhart a’ cruthachadh sruthan teachd-a-steach seasmhach. Tha àite ann cuideachd do luchd-dèanaimh poileasaidh poblach aig ìre nàiseanta is ionadail a bhith ag obair le gnìomhachas nan tachartasan far a bheil luach poblach ri fhaighinn.

Ceist 19: Dè na stòran teachd-a-steach a tha thu a’ smaoineachadh a bu chòir do thachartasan a bhith a’ leasachadh airson a bhith seasmhach a thaobh ionmhais?

5.4 Tomhas

Tha comas air adhartas a thomhas agus a luachadh deatamach airson ùr-ghnàthachadh agus leasachadh leantainneach. Faodaidh comas air fianais a thoirt seachad mu bhuaidhean tachartais a bhith na chuideachadh uaireannan a thaobh maoineachadh fhaighinn. Ach, chan eil an t-eòlas no an comas aig a h-uile eagraiche thachartasan airson luachadh èifeachdach a dhèanamh. Tha goireasan sa phasgan innealan eventIMPACTS a chuidicheas luchd-eagrachaidh air feadh na RA gus luachadh a leasachadh air na tha an lùib a bhith a’ cumail thachartasan spòrs is cultarail.

Mhol Buidhnean Cuspaireil gun robh grunn raointean ann far am faodadh tomhas agus innealan nas fheàrr taic a thoirt do leasachadh leantainneach. An uair sin, dh’fhaodadh seo cuideachadh le bhith a’ comharrachadh far am bi tachartasan a’ lìbhrigeadh bhuilean nas fharsainge do dh’Alba.

Ceist 20: Dè a bheireadh taic don roinn thachartasan gus cudromachd thachartasan a thomhas?

Ceist 21: Chuireadh sinn fàilte air fianais air buaidh thachartasan a ghabhas tomhas, gu sònraichte feadhainn ann an Alba. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach, ach gun a bhith cuingealaichte ri, buaidhean air:

  • Gnìomhachasan ionadail
  • Cothroman obrach
  • Cothroman do chom-pàirtichean sgilean a leasachadh
  • Àrainneachd
  • Slàinte agus sunnd dhaoine fa leth no buidhnean
  • Ceanglaichean agus co-leanailteachd coimhearsnachd
  • Cur iomadachd air adhart
  • Pròifil agus cur air adhart na sgìre agad

Theirig chun na h-ath cheist (ceist 22) mura h-eil seo a’ buntainn riutsa.

Contact

Email: majorevents@gov.scot

Back to top