National events strategy review: consultation - Gaelic version

Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.


7. COM-PÀIRTEACHAS AGUS CO-OBRACHADH

Bho 2003, tha VisitScotland air a bhith aig Alba, a’ gabhail a-steach EventScotland, airson taic agus co-òrdanachadh do thachartasan tarsainn na roinne, agus dòigh-obrach ro-innleachdail co-leanailteach eadar an Riaghaltas, buidhnean poblach agus gnìomhachas. Tha seo air cuideachadh le dàimhean a thogail agus cleachdadh a cho-roinn, co-obrachadh le coimhearsnachdan ann an dealbhadh is lìbhrigeadh thachartasan, agus tuigse air a’ ghnìomhachas a leasachadh air feadh na roinne phoblaich.

Aig a’ char as fheàrr, bha Buidhnean Cuspaireil a’ faireachdainn gum faod co-obrachadh thar na roinne tachartasan sgoinneil a lìbhrigeadh, tro cheanglaichean làidir agus ruigsinneach ri lìonraidhean gnìomhachais, lìbhrigeadh thachartasan in-ghabhalach, co-roinn deagh chleachdadh, agus obair leis an t-sèine solair gus buaidh àrainneachd a lughdachadh.

Thuirt Buidhnean Cuspaireil cuideachd gu bheil raointean ann far am b’ urrainn dhuinn com-pàirteachas agus co-obrachadh a leasachadh. Tha iad seo air am mìneachadh gu h-ìosal.

7.1 Teicneòlas agus Bun-structar

Chomharraich Buidhnean Cuspaireil gum faodadh co-obrachadh eadar gnìomhachas agus an saoghal acadaimigeach tachartasan a chuideachadh a’ dealbhadh agus ag atharrachadh a rèir nan cothroman a tha an lùib theicneòlasan làithreach is ùr. Dh’fhaodadh e cuideachd roinnean eile a chuideachadh gus na buannachdan a thig an cois thachartasan fhaighinn.

Mar-thà, tha eisimpleirean ann de sheasmhachd àrainneachdail ga fhilleadh a-steach ann an cùrsaichean colaiste is oilthigh a tha buntainneach don ghnìomhachas. Tha eisimpleirean ann cuideachd de dh’ionadan co-labhairt ag obair gu dlùth le ùghdarrasan ionadail gus rùintean Net Zero a lìbhrigeadh, agus tha ìrean àrda aig Glaschu sa Chlàr Seasmhachd Ceann-uidhe Cruinneil.

Chomharraich Buidhnean Cuspaireil sgaoilidhean neo-dhìreach, ris an canar cuideachd sgaoilidhean ‘Scope 2’ agus ‘Scope 3’, mar raon far am feum an gnìomhachas planadh agus co-obrachadh le roinnean eile. Tha seo a’ gabhail a-steach lùths, agus luchd-obrach agus luchd-amais a' siubhal gu seasmhach gu tachartasan. Dh’fhaodadh amalachadh turas an luchd-cleachdaidh buaidh a lughdachadh air an àrainneachd agus leantainn gu siubhal nas sàbhailte do luchd-cleachdaidh agus luchd-obrach, gu sònraichte nuair a thuiteas an oidhche. Dh’fhaodadh planadh thachartasan san ùine ghoirid agus san fhad-ùine le riaghaltas ionadail agus gu nàiseanta cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh sgaoilidhean aig Raon 3. Dh'fhaodadh seo gabhail a-steach ceangal gu Mission Zero airson còmhdhail, mapa-slighe gu lughdachadh 20 sa cheud cilemeatair càr ro 2030, agus siubhal bus an-asgaidh do dhaoine fo aois 22, mar eisimpleir.

7.2 Eòlas ùghdarrais ionadail

Tha Riaghaltasan Ionadail air an taghadh gus co-dhùnaidhean a dhèanamh stèidhichte air prìomhachasan agus feumalachdan muinntir an àite. Mar sin, tha na suidheachaidhean agus na prìomhachasan ionadail aca fhèin aig gach Ùghdarras Ionadail, a’ gabhail a-steach tachartasan do na coimhearsnachdan air am bi iad a’ frithealadh. Mar sin faodaidh dòighean-obrach eadar-dhealaichte a bhith aca. Tha na ro-innleachdan tachartais aca fhèin aig cuid. Tha diofar eòlas aig gach Ùghdarras Ionadail le diofar sheòrsaichean is meudan thachartasan.

Thuirt Buidhnean Cuspaireil gum faodadh atharrachadh ann an teachdaireachdan, taic aonaichte, ceadachd agus miann cunnairt a dhèanamh nas duilghe tachartasan a phlanadh agus a chur air dòigh. Bha iad a’ faireachdainn gun robh Ùghdarrasan Ionadail a tha comasach air dòigh-obrach dhealbhaichte a chur an sàs a thaobh thachartasan nas dualtaiche cosnadh a chruthachadh, luach a chur ann an tachartasan stèidhichte agus an cur air adhart, agus coimhearsnachdan a chumail seasmhach tro thachartasan. Tha eisimpleirean ann de dh’obair thar Ùghdarrasan Ionadail, leithid am measg oifigearan tachartais no Oifigearan Slàinte Àrainneachd rè galar lèir-sgaoilte Covid-19, gus tuigse cho-roinnte a leasachadh agus deagh chleachdadh adhartachadh. Bha Buidhnean Cuspaireil a’ faireachdainn gum faodadh togail air na lìonraidhean sin grunn bhuannachdan a lìbhrigeadh.

7.3 Co-thaobhadh poileasaidh

Thuirt Buidhnean Cuspaireil gum faodadh deagh chonaltradh thar riaghaltas ionadail agus nàiseanta mothachadh àrdachadh air na buannachdan a gheibhear bho dhiofar sheòrsaichean is mheudan thachartasan. An uair sin, dh’fhaodadh seo àite thachartasan a neartachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh bhuilean co-roinnte agus maoineachadh co-cheangailte riutha, leithid an fheadhainn mu thimcheall cultar, spòrs, foghlam agus slàinte. Mar an ceudna, dh’fhaodadh e cuideachadh le raon nas fharsainge de phoileasaidhean a chomharrachadh a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air roinn nan tachartasan, agus conaltradh tràth a bhrosnachadh gus ùpraid a lùghdachadh don mhargaidh choimeirsealta.

Dh’fhaodadh co-obrachadh thar roinnean mu thachartasan cuideachd taic a thoirt do dh’amasan eile, mar eisimpleir a thaobh brosnachadh malairt no conaltradh dioplòmasach, ge bith an e tachartas gnìomhachais, spòrs no cultarail a th’ ann.

Mhol Buidhnean Cuspaireil cuid de rudan air am faodadh luchd-maoineachaidh tabhartais beachdachadh a chuidicheadh le lìbhrigeadh bhuilean ionadail no nàiseanta. Leithid cho furasta ’s a tha na pròiseasan tagraidh agus aithris, structaran maoineachaidh brosnaichte, tasgadh gus buannachd mhaireannach fhàgail, agus slatan-tomhais a bhrosnaicheas co-obrachadh.

Shaoil Buidhnean Cuspaireil cuideachd gun robh e cudromach do Riaghaltas na RA, Riaghaltas na h-Alba, riaghaltasan tiomnaichte eile agus Ùghdarrasan Ionadail a bhith ag obair còmhla gus dòighean-obrach cunbhalach a bhith aca ann an cuid de raointean, mar eisimpleir a thaobh poilis agus bagairt ceannairc.

Ceist 24: Dè an ìre gu bheil thu ag aontachadh no a’ dol an aghaidh gu bheil luchd-eagrachaidh thachartasan a’ dèanamh cheanglaichean eadar tachartasan agus an comas a th' aca builean adhartach nas fharsainge a lìbhrigeadh don chomann-shòisealta?

  • ag aontachadh gu mòr
  • ag aontachadh
  • Chan eil mi ag aontachadh no a' dol an aghaidh
  • a’ dol an aghaidh
  • a’ dol an aghaidh gu mòr
  • chan eil fhios agam

Ceist 25: Chuireadh sinn fàilte air fianais air mar a tha luchd-eagrachaidh thachartasan ag obair còmhla ri buidhnean ionadail agus/no nàiseanta gus builean a lìbhrigeadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach, ach gun a bhith cuingealaichte ri:

  • Lìbhrigeadh thachartasan a bheir buaidh mhath air sunnd
  • Coinneachadh ri feumalachdan muinntir an àite
  • A bhith nas seasmhaiche a thaobh na h-àrainneachd
  • Toirt taic do ghnìomhachas ionadail
  • Tàladh dhaoine gu obair ann an tachartasan
  • Leasachadh sgioba-obrach thachartasan:

Theirig chun na h-ath cheist (ceist 26) mura h-eil seo a’ buntainn riutsa.

Contact

Email: majorevents@gov.scot

Back to top