National events strategy review: consultation - Gaelic version

Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.


8. Co-ionannachdan

Tha sinn air tòiseachadh a’ comharrachadh chothroman airson làn chomas an ath-bhreithneachaidh a chleachdadh gus co-ionannachd, in-ghabhalachd agus iomadachd a bhrosnachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach togail air soirbheas agus leasanan ionnsachadh bho na Bliadhnaichean Cuspair mu dheireadh, Prìomh Thachartasan, agus Pròiseact Turasachd In-ghabhalach VisitScotland. Tha seo cuideachd a’ ciallachadh ceangal ri prìomh ro-innleachdan leithid Ro-innleachd Turasachd 2030 agus Frèam-obrach agus Plana Gnìomha Co-ionannachd Cinnidh aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha gnìomhachd com-pàirtiche susbainteach nas fharsainge a’ dol air adhart mar-thà gus co-ionannachd a chur am meud tro thurasachd agus tachartasan. Tha eisimpleirean a’ gabhail a-steach innealan gus turasachd in-ghabhalach a bhrosnachadh a gheibhear bho làrach-lìn VisitScotland agus dealas ann an ro-innleachd turasachd 2030 gus dèanamh cinnteach gu bheil Alba na ceann-uidhe in-ghabhalach agus ruigsinneach. Dh’fhaodadh togail air a’ ghnìomhachd seo a bhith na phrìomh phàirt den Lèirmheas Ro-innleachd.

8.1 Eadar-ghearradh

Is e aon de na dòighean as èifeachdaiche air fàilte a chur air na buidhnean dìonta gu lèir gu tachartasan a bhith a’ dèanamh margaidheachd cuimsichte agus gnìomhachd Dhàimhean Poblach gus daingneachadh gu bheil fàilte ga chur orra agus gus dèanamh cinnteach gum faic daoine na coimhearsnachdan aca air an nochdadh anns na meadhanan. Mar eisimpleir thuirt 73% de luchd-freagairt rannsachadh Lìonra Co-ionannachd/VisitScotland air turasachd LGBT gun robh cliù càirdeil LGBT na fheart cudromach dhaibh a’ taghadh ceann-uidhe.

8.2 Aois

Mar as tric is e daoine nas òige as motha a bhios a' frithealadh thachartasan cultarail ann an Alba Tha cothroman ann gus còraichean is sunnd cloinne a bhrosnachadh gu neo-dhìreach. Tha seo a’ gabhail a-steach ionnsachadh bho Bhliadhna na h-Òigridh 2018 gus sunnd àrdachadh agus cumhachd a bhrosnachadh tro mhodalan leithid co-dhealbhadh. Tha e cuideachd a' gabhail a-steach cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ri bochdainn cloinne tro Chleachdaidhean Obrach Chothromaich, agus cleachdadh deagh chothroman saor-thoileach gus sgilean a thogail agus sgioba-obrach an ama ri teachd a thàladh.

8.3 Coimhearsnachdan Cinnidh/Ioma-chultarach

Is e am fios air ais a thàinig bho bhuidhnean riochdachaidh anns na bliadhnachan mu dheireadh gu bheil comas mòr aig Prìomh Thachartasan àrdachadh a thoirt air co-ionannachd cinnidh agus iomadachd chultarach. Faodaidh seo a bhith tro thachartasan sònraichte no mar phàirt de phasgan nas fharsainge de ghnìomhachd phrògraman. Tha eisimpleirean a’ toirt a-steach gnìomhachd timcheall air Farpais na h-Eòrpa 2018.

8.4 Ciorram

Bha duilgheadas slàinte no ciorram fad-ùine aig a’ chòigeamh cuid de dhaoine ann an Alba ann an 2011 a chuireas bacadh air an gnìomhachd. Tha fianais a’ fàs a thaobh com-pàirteachadh dhaoine ciorramach agus seann daoine ann an turasachd, cultar agus tachartasan – air a neartachadh le dàta a chaidh a chruinneachadh mar thaic do Phròiseact Turasachd In-ghabhalaich VisitScotland. Tha làn fhiosrachadh soilleir mu ruigsinneachd thachartasan (siubhal agus air an làraich) na phrìomh cheist do dhaoine ciorramach.

8.5 Taobhadh feise

Tha e coltach gu bheil tachartasan bliadhnail làithreach leithid mìos Eachdraidh LGBT agus gnìomhachdan co-cheangailte ri PRIDE (bhiortail no air an làraich) a’ tabhann chothroman sònraichte gus dol an sàs leis a’ choimhearsnachd LGBTI. A bharrachd air sin, bidh àbhaisteachadh susbaint LGBTI feadh gnìomhachd margaidheachd is Dàimhean Poblach a’ cuideachadh le bhith ag àrdachadh faicsinneachd, a’ daingneachadh fàilte agus a’ togail mothachadh thar comann-sòisealta na h-Alba san fharsaingeachd mu thuras co-ionannachd LGBTI. Tha fàilte cuideachd cudromach don choimhearsnachd thar-ghnèitheach còmhla ri sàbhailteachd agus spèis, mar eisimpleir mu rannsachaidhean tèarainteachd.

8.6 Neo-ionannachdan sòisio-eaconamach

Tha cothrom ann do thachartasan na h-Alba neo-ionannachd bhuilean a lùghdachadh a tha air adhbhrachadh le anacothrom sòisio-eaconamach. Dh’fhaodadh seo a bhith tro, mar eisimpleir, barrachd com-pàirt coimhearsnachd aig tachartasan, obair shaor-thoileach agus conaltradh cultarach nas fharsainge.

Tha tomhas buaidh na phrìomh chùis airson na ro-innleachd thachartasan nàiseanta ùraichte. Tha seo a’ toirt cothrom a bhith a’ toirt a-steach neo-ionannachd bhuilean air adhbhrachadh le anacothrom sòisio-eaconamach. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ toirt a-steach:

  • Buaidh eaconamach thachartasan air bochdainn cruinn-eòlasach agus cuspaireil mar a chithear tro Chlàr Ioma-bhochdainn na h-Alba agus cuideachd seataichean dàta taisbeanach eile leithid Suirbhidh Taigheadais na h-Alba
  • Amalachadh cleachdaidhean Obrach Chothromaich, leasachadh shlighean dreuchdail, agus gnìomhan eile gus daoine a thàladh gu obair ann an roinn nan tachartasan
  • Ruigsinneachd thachartasan, a’ cleachdadh an comais gus pròis chatharra, spiorad coimhearsnachd, in-ghabhalachd shòisealta, cumhachdachadh agus mothachadh air àite a bhrosnachadh

8.7 Coimhearsnachdan eileanach

Tha na h-eileanan nan àiteachan sònraichte airson tachartasan a’ togail air na cruthan-tìre, an eachdraidh agus an traidiseanan a tha ainmeil air feadh an t-saoghail. Tha seo an-dràsta a’ cuimseachadh gu ìre mhòr air gnìomhachd chultarach ach tha comas aig Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean 2025 seo a leudachadh gu bhith a’ toirt a-steach ioma-spòrs cuideachd.

Tha portfòilio làidir de thachartasan air feadh mòran de na h-eileanan mar-thà. Am measg nan tachartasan tha: Up Helly Aa (Sealtainn); Fèis Thallachan Beaga SEALL (An t-Eilean Sgitheanach); Fèis Bheanntan Eilean Arainn; Fèis Cheilteach Innse Gall; Fèis Eilean Dorcha (Uibhist); Fèis Bhòid; Fèis Saidheans Eadar-nàiseanta Arcaibh; Ralaidh Chàraichean Eilean Mhuile; Tiree Wave Classic; agus Fèis Jazz Ìleach Lagavulin.

Tha dùbhlain mhòra ann fhathast do na h-eileanan a thaobh a bhith a’ dèanamh làn fheum den iomadh buannachd co-cheangailte ri tachartasan. Nam measg, còmhdhail agus ceangalachd, dùmhlachd sluaigh nas ìsle, agus comas na roinn turasachd agus aoigheachd fàilte a chur air àireamhan mòra de luchd-tadhail a bhios an làthair aig tachartas mòr.

8.8 Cur ri measaidhean buaidh

Tha sinn a’ sireadh beachdan luchd-ùidh agus a’ phobaill air cùisean co-ionannachd. Tha sinn a’ measadh dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig an ro-innleachd thairis air feartan dìonta mar a tha mìnichte ann an Achd Co-ionannachd 2010 (aois, ciorram, ath-shònrachadh gnè, pòsadh agus com-pàirteachas catharra, torrachas is màthaireachd, cinneadh, creideamh, gnè, taobhadh feise). Tha sinn cuideachd a’ coimhead air buaidhean a thaobh inbhe shòisio-eaconamach agus suidheachadh cruinn-eòlasach. Tha sinn a’ coimhead air buaidhean gnìomhachais agus riaghlaidh cuideachd.

Thèid tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air measaidhean buaidh an cois ullachadh na ro-innleachd nàiseanta thachartasan ùraichte. Ma tha thu airson a bhith an sàs sa phròiseas measadh buaidh, cuir post-d gu Sgioba Prìomh Thachartasan Riaghaltas na h-Alba.

Ceist 26: Ma tha dad sam bith eile a tha thu a’ smaoineachadh air am bu chòir dhuinn beachdachadh mar phàirt de mheasaidhean buaidh, innis an seo.

Ceist 27: Ma tha atharrachaidhean sam bith eile air an Ro-innleachd Thachartasan Nàiseanta a tha thu airson fhaicinn an-dràsta, innis an seo.

Contact

Email: majorevents@gov.scot

Back to top