National Islands Plan review: consultation - Gaelic

Chaidh a’ chiad Phlana Nàiseanta nan Eilean riamh aig Alba fhoilseachadh ann an 2019. Tha e a-nis ga ath-sgrùdadh mar a tha riatanach fo Achd nan Eilean (Alba) 2018, agus dh’fhaodte gun tèid Plana Nàiseanta nan Eilean ùr fhoillseachadh mar thoradh air seo.


Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean

Facal-tòiseachaidh

Chaidh a’ chiad Phlana Nàiseanta nan Eilean riamh aig Alba fhoilseachadh ann an 2019. Tha e a-nis ga ath-sgrùdadh mar a tha riatanach fo Achd nan Eilean (Alba) 2018, agus dh’fhaodte gun tèid Plana Nàiseanta nan Eilean ùr fhoillseachadh mar thoradh air seo. Tha Riaghaltas na h-Alba airson obrachadh còmhla ri ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan eileanach agus roinnean is com-pàirtichean iomchaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil am pròiseas seo cho mionaideach agus èifeachdach ’s a ghabhas, a’ toirt dhuinn fios air ais deatamach bhon fheadhainn air an toir Plana Nàiseanta nan Eilean a’ bhuaidh as motha.

Cùl-fhiosrachadh

Fhuair Bile nan Eilean (Alba) 2018 aonta rìoghail air 6 Iuchar 2018. Chaidh na ciad Riaghailtean Tòiseachaidh a chur cuir fa chomhair na Pàrlamaid air 20 Sultain 2018 agus bha iad an gnìomh bho 4 Dàmhair 2018. Tha Bile nan Eilean (Alba) a’ toirt a-staigh diofar cheuman mar bhunait dhan amas aig Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil fòcas leantainneach thairis air an Riaghaltas agus an roinn phoblaich gus feumalachdan nan coimhearsnachdan eileanach a choileanadh - an dà chuid aig an àm am seo agus san àm ri teachd. B’ e fear de na ciad ullachaidhean a chaidh a thoirt a-steach dleastanas air Ministearan na h-Alba Plana Nàiseanta nan Eilean ullachadh.

Plana Nàiseanta nan Eilean

Is e an t-adhbhar airson a bhith ag ullachadh Plana Nàiseanta nan Eilean (am Plana), mar a tha air a chur an cèill ann an Achd nan Eilean (Alba) 2018 (An Achd) "prìomh amasan agus ro-innleachd Mhinistearan na h-Alba a thaobh a bhith a’ toirt seachad bhuilean nas fheàrr do choimhearsnachdan eileanach, a tha mar thoradh air, no a tha air an cur ris, le bhith a’ toirt seachad foincseanan poblach". Ann a bhith ag ullachadh a’ Phlana, feumaidh Ministearan na h-Alba aire a thoirt do dh’fheartan sònraichte cruinn-eòlasach, dualchas nàdair agus cultarail (a’ gabhail a-steach dualchas cànain) aig gach sgìre anns a bheil coimhearsnachdan eileanach.

Tha Earrann 3(3) den Achd a’ stèidheachadh grunn raointean anns am bu chòir builean a leasachadh do choimhearsnachdan eileanach, a’ gabhail a-steach: a) àrdachadh-sluaigh; b) leasachadh agus adhartachadh leasachadh eaconamach seasmhach; (ii) sunnd àrainneachdail; (iii) slàinte agus sunnd, agus (iv) cumhachdachadh coimhearsnachd; c) piseach a thoirt air seirbheisean còmhdhail; d) adhartachadh cheanglaichean didseatach; e) lùghdachadh bochdainn connaidh; f) dèanamh cinnteach gu bheil riaghladh èifeachdach air Oighreachd a’ Chrùin Alba (is e sin, an t-seilbh, na còraichean agus na h-ùidhean dha bheil earrann 90B(5) de dh’Achd na h-Alba 1998 an sàs); agus g) cur ri tèarainteachd bith-eòlasach (a’ gabhail a-steach dìon eileanan bho bhuaidh gnèithean ionnsaigheach neo-dhùthchasach).

Mar a tha riatanach fon Achd, agus às dèidh eacarsaich co-chomhairleachaidh àrd-amasach thairis air còrr is 40 eilean anns an robh còrr is 1,000 com-pàirtiche an sàs, chaidh Plana Nàiseanta nan Eilean fhoillseachadh san Dùbhlachd 2019. Tha 13 Amasan Ro-innleachdail agus còrr is 100 gealltanasan ann a dh’fheumar lìbhrigeadh thairis air beatha còig-bliadhna a’ Phlana.

Chaidh am Plana a chur air bhog dìreach 12 seachdain mus do thòisich galar lèir-sgaoilte Covid-19 sa Mhàrt 2020. Chaidh fhoillseachadh mus do dh’fhàg an RA an AE, agus mus do thòisich èiginn nan cosgaisean. Còmhla ri buaidhean nas fharsainge bho ionnsaigh na Rùise air an Ugràin, tha na cùisean sin air buaidh mhòr a thoirt air coimhearsnachdan eileanach na h-Alba.

Fon Achd, feumar am Plana ath-sgrùdadh taobh a-staigh 5 bliadhna bhon chiad fhoillseachadh. Mar sin tha an lèirmheas seo ann aig deagh àm agus a’ toirt cothrom do Riaghaltas na h-Alba agus an com-pàirtichean meòrachadh air atharrachaidhean ann an suidheachadh nan coimhearsnachdan eileanach bho 2019.

Co-chomhairle

Tha riatanas ann an Achd nan Eilean (Alba) 2018 gum feumar co-chomhairle a chumail mar phàirt den sgrùdadh seo. Bheir seo dhuinn fiosrachadh air na dh’fhaodadh a bhith air ath-sgrùdadh mus tèid am Plana a chur air beulaibh na Pàrlamaid.

Tha dà amas aig an lèirmheas seo. Sa chiad dol a-mach, bheir e dhuinn sealladh mionaideach air a’ bhuaidh a bh’ aig Plana Nàiseanta nan Eilean làithreach bho chaidh fhoillseachadh. ’S e an dàrna amas gum fiosraich e Plana Nàiseanta nan Eilean ùr (ma tha fear ùr a dhìth a rèir an lèirmheis).

Tha Riaghaltas na h-Alba fada den bheachd gum bu chòir dhan ath-sgrùdadh air Plana Nàiseanta nan Eilean a bhith air a stiùireadh le beachdan dhaoine sna h-eileanan againn, chun na h-ìre as motha a ghabhas dèanamh. Gheibhear mion-fhiosrachadh mun phàirt seo den cho-chomhairle agus mar a thèid na toraidhean a làimhseachadh nas fhaide air adhart sa phàipear co-chomhairleachaidh seo.

Thèid toraidhean na co-chomhairle sgrìobhte a chur còmhla ri dàta uimhireil agus ri barrachd dàta a thèid a chruinneachadh tro shreath de choinneamhan le prìomh chom-pàirtichean air feadh nan eilean agus tro chonaltradh dìreach le coimhearsnachdan eileanach.

Tha an co-chomhairleachadh seo a’ toirt cothrom do gach neach aig a bheil ùidh ann an eileanan na h-Alba am beachdan a thoirt dhuinn agus, ma bhios feum air, cumadh a thoirt air an ath thionndadh de Phlana Nàiseanta nan Eilean. Bheir e timcheall air 30-40 mionaid gus a lìonadh.

Tha a’ cho-chomhairle seo ag amas air:

Daoine a tha a’ fuireach ann an eileanan na h-Alba, agus buidheann sam bith a tha gan riochdachadh.

Daoine aig a bheil ùidh ann an eileanan na h-Alba.

Buidhnean agus daoine ag obair ann an, agus còmhla ri, eileanan na h-Alba, thar nan roinnean poblach, is prìobhaideach agus an treas roinn.

A’ cruthachadh Plana Nàiseanta nan Eilean ùr às dèidh an LèirmheIs seo

Às dèidh mion-sgrùdadh air a’ cho-chomhairleachadh seo, agus le ùmhlachd do na molaidhean a nì e, dh’fhaodte gun co-dhùin Ministearan Plana Nàiseanta nan Eilean ùrachadh no Plana ùr a chruthachadh. Bidh am pròiseas co-chomhairleachaidh airson seo a’ crochadh air toradh a’ chiad cho-chomhairleachaidh seo, agus an ìre is gu bheil e a’ nochdadh gu bheil feum air ath-dhreachdadh Plana Nàiseanta nan Eilean làithreach.

Foirm fiosrachaidh mun neach-freagairt

Tha an RIF ri fhaighinn mar phàirt de na sgrìobhainnean taice anns an fhoillseachadh seo.

Measaidhean Buaidh

Bidh sinn a’ sireadh bheachdan luchd-ùidh agus a’ mhòr-shluaigh air Measadh Buaidh Coimhearsnachdan nan Eilean airson na h-obrach seo agus air cùis co-ionannachd sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann. Tha sinn a’ coimhead air dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig na poileasaidhean eileanach air feachdan dìonta a tha air am mìneachadh fo Achd na Co-ionannachd 2010 (aois, ciorram, ath-bhuileachadh gnè, posadh agus com-pàirteachas sìobhalta, leatromachd agus màthaireachd, cinneadh, creideamh no feallsanachd, gnè agus taobhadh feise). Thèid obair leasachaidh a bharrachd a dhèanamh air measaidhean buaidh aig an aon àm ri bhith a’ sgrìobhadh Plana Nàiseanta ùraichte nan Eilean.

Ma tha thu airson a bhith an sàs sa phròiseas measaidh buaidh, cuir post-d gu Sgioba nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba aig info@islandsteam.scot.

A’ cur beachd a-steach dhan cho-chomhairle seo

Tha sinn a’ sireadh bheachdan dhan cho-chomhairle seo le ceann-latha mu dheireadh de mheadhan oidhche 9 Dàmhair 2023.

Cuir do bheachdan a-steach dhan cho-chomhairle seo a’ cleachdadh hub co-comhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba, Citizen Space (http://consult.gov.scot). Gheibhear a’ cho-chomhairle agus faodar a freagairt air-loidhne aig https://consult.gov.scot/agriculture-and-rural-economy/national-islands-plan-review-consultation.

Faodaidh tu an fhreagairt a shàbhaladh is tilleadh thuice fhad ’s a tha a’ cho-chomhairle fosgailte. Dèan cinnteach gun tèid freagairtean co-chomhairle a chur a-steach ron cheann-latha mu dheireadh 9 Dàmhair 2023.

Mur a bi e comasach dhut freagairt tron hub co-chomhairleachaidh againn, cuir am Foirm Fiosrachaidh mun Neach-freagairt gu:

Sgioba Poileasaidh nan Eilean
Riaghaltas na h-Alba
Taigh an Longman
Inbhir Nis
IV1 1SF

A’ làimhseachadh ur freagairt

Ma tha thu a’ freagairt tron hub co-chomhairleachaidh, thèid do chur air adhart chun na duilleig "Mu do Dheidhinn" mus cuir thu do bheachd air ais. Innis dhuinn mar bu chòir dhuinn dèiligeadh ris an fhreagairt agaibh, agus gu sònraichte a bheil sibh toilichte gun tèid an fhreagairt agaibh fhoillseachadh. Ma dh’iarras tu nach tèid do fhreagairt fhoillseachadh, bidh sinn ga meas dìomhair agus a’ dèiligeadh rithe mar sin.

Bu chòir a h-uile neach-freagairt a bhith mothachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ tighinn fo ullachaidhean Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus mar sin, gum biodh aige ri beachdachadh air iarrtas sam bith a rinneadh dha fon Achd co-cheangailte ri freagairtean dhan cho-chomhairle seo.

Mur a h-eil e comasach dhuibh freagairt tro Citizen Space, lìonaibh agus cuiribh air ais am Foirm Fiosrachaidh mun Neach-freagairt a tha an cois na sgrìobhainn seo.

Gus faighinn a-mach mar a làimhsicheas sinn an dàta pearsanta againn, faic am poileasaidh prìobhaideachd againn:

https://www.gov.scot/privacy/

Na h-ath-cheumannan sa phròiseas

Far a bheil luchd-freagairt air cead a thoirt gun tèid an fhreagairt aca fhoillseachadh, agus às dèidh dhuinn dearbhadh nach eil stuth cliù-mhillteach annta, bidh freagairtean rim faighinn gu poblach air http://consult.gov.scot. Ma chleachdas tu an hub co-chomhairleachaidh gus freagairt, gheibh thu lethbhreac den fhreagairt agad tro phost-d.

Às dèidh a’ chinn-latha mu dheireadh airson freagairtean, thèid anailis a dhèanamh air gach freagairt agus thèid beachdachadh air cho math ri fianais sam bith eile a tha ri fhaighinn gus ar cuideachadh. Thèid freagairtean fhoillseachadh far an deach cead a thoirt dhuinn sin a dhèanamh. Bidh aithisg anailis ri faighinn cuideachd.

Beachdan agus gearanan

Ma tha beachd sam bith agad mu mar a chaidh a’ cho-chomhairle seo a dhèanamh, cuir seo chun an t-seòlaidh gu h-àrd, no gu info@islandsteam.scot

Pròiseas Co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba

Tha co-chomhairle na pàirt bhunaiteach den phròiseas gus poileasaidh a dhèanamh. Bheir e cothrom dhuinn beachdachadh air na beachdan agus sgilean agaibh air raon obrach a tha air a mholadh.

Gheibhear na co-chomhairlean uile againn air-loidhne aig:http://consult.gov.scot. Tha gach co-chomhairle a’ mìneachadh nan cuspairean air a bheilear a’ beachdachadh, cho math ri dòighean gus ur beachdan a thoirt dhuinn, air-loidhne, tro phost-d no tron phost.

Thèid mion-sgrùdadh a dhèanamh air na freagairtean mar phàirt den phròiseas poileasaidh, cho math ri farsaingeachd eile de dh’fhiosrachadh is de dh’fhianais. Foillsichidh sinn aithisg den anailis seo airson gach co-chomhairle. A rèir nàdair na co-chomhairle, dh’fhaodte gum bi na freagairtean:

  • a’ sealltainn gu bheil feum air leasachadh no ath-sgrùdadh poileasaidh
  • a’ fiosrachadh cruthachadh poileasaidh sònraichte
  • a’ cuideachadh gus co-dhùnadh a dhèanamh eadar diofar mholaidhean poileasaidh
  • air an cleachdadh gus crìoch a chur air reachdas mus tèid a chur an sàs

Ged a dh’fhaodadh fiosrachadh mu shuidheachadh sònraichte a chaidh a mhìneachadh ann am freagairt do cho-chomhairleachadh am pròiseas poileasaidh fhiosrachadh, chan urrainn do dh’eacarsaichean co-chomhairleachaidh dèiligeadh ri draghan agus beachdan aig daoine fa leth, a bu chòir a bhith air an cur chun na buidhne poblaich iomchaidh.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top