Òrdugh Colaiste a' Chaisteil (Gluasad & Dùnadh) 2023: Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean (ICIA)
Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean a rinneadh a thaobh a’ mholaidh gus Colaiste a’ Chaisteil is Colaiste Ceann a Tuath na Gàidhealtachd a chur còmhla.
Òrdugh Colaiste a’ Chaisteil (Gluasad & Dùnadh) 2023 - Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean (ICIA)
MEASADH BUAIDH AIR COIMHEARSNACHDAN NAN EILEAN
Ainm a’ Phoileasaidh, na Ro-innleachd no na Seirbheis
Òrdugh Colaiste a’ Chaisteil (Gluasad & Dùnadh) 2023
AMASAN A’ PHOILEASAIDH
1. Dè na h-amasan a tha aig a’ phoileasaidh, ro-innleachd no seirbheis?
Is e an t-amas Colaiste Ceann a Tuath na Gàidhealtachd agus Colaiste a’ Chaisteil a chur còmhla le bhith a’ dùnadh Colaiste a’ Chaisteil agus a’ gluasad a cuid seilbh, chòraichean, uallaichean agus dhleastanasan gu Colaiste Ceann a Tuath na Gàidhealtachd.
2. Dè na buaidhean no na builean a thathas a’ sùileachadh?
Is iad na builean a thathas a’ sùileachadh le bhith a’ cur nan colaistean còmhla:
- Gum bi buidheann aon-fhillte ann a tha seasmhach a thaobh ionmhais.
- Fàs a thoirt air a’ churraicealam.
- Fàs a thoirt air rannsachadh agus iomlaid eòlais.
- Cothroman meudachaidh a ghabhail.
- Piseach a thoirt air foghlam nan oileanach.
- A’ dèiligeadh ri prìomhachasan agus cothroman caochlaideach agus duilgheadasan eaconamach.
3. Ciamar a dh’fhaodadh na buaidhean seo a bhith eadar-dhealaichte eadar coimhearsnachdan tìr-mòr agus Eileanach?
Tha na pàrtaidhean aonaidh air innse gun toir an t-aonadh aire do shuidheachadh sònraichte coimhearsnachd nan eilean.
LUCHD-ÙIDH & DÀTA
4. Dè am fiosrachadh a tha ri fhaotainn mun t-suidheachadh anns na h-eileanan an-dràsta?
Tha 4 ionadan aig Colaiste a’ Chaisteil an-dràsta ann an: Steòrnabhagh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla agus Barraigh. Tha e cuideachd na pàirt de cho-iomairt ann an Uibhist a Deas. Tha Ceòlas Uibhist (buidheann a tha an sàs ann an cultar, dualchas is ealain na Gàidhlig) agus Colaiste a’ Chaisteil nan com-pàirtichean ann an Cnoc Soilleir, ionad airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig.
5. Am feum sibh co-chomhairle a chumail?
Rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle mun mholadh seo.
6. Cò iad am prìomh Luchd-ùidh agaibh?
Bùird cholaistean, oileanaich, comann oileanach, luchd-obrach agus aonaidhean ciùird.
7. Ciamar a tha dàta sam bith a tha ann mar-thà eadar-dhealaichte eadar eileanan?
Is i Colaiste a' Chaisteil an tè as lugha de na 3 colaistean a tha am beachd a dhol còmhla. Chan eil fianais sam bith ann gu bheil an dàta eadar-dhealaichte eadar eileanan sna h-Eileanan Siar.
8. A bheil feartan dealbhaidh no lasachaidhean ann mar-thà?
Tha na pàrtaidhean a tha a’ tighinn còmhla air gealltainn a bhith ag obair còmhla ri Ro-innleachd nan Eilean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil toraidhean bho Sgrùdaidhean Sgilean Eileanach gam filleadh a-steach don churraicealam ùr aca.
CO-CHOMHAIRLEACHADH
9. An deach fiosrachadh a chruinneachadh mar-thà tro choinneamhan a bha ann roimhe?
Rinn na pàrtaidhean a tha a’ tighinn còmhla a’ chiad cho-chomhairleachadh tràth ann an 2022. Às dèidh seo chaidh co-chomhairleachadh poblach 10 seachdainean a ruith eadar 8 Lùnastal 2022 agus 14 Dàmhair 2022. Sa cho-chomhairleachadh seo bha:
- Tachartasan fiosrachaidh air-loidhne
- Cothroman cèilidh air a’ cho-òrdanaiche aonaidh thar àrainnean agus ionadan ionnsachaidh
- Rannsachadh-beachd airson luchd-obrach, oileanaich, agus am poball
- Cairtean beachd aig àrainnean agus ionadan ionnsachaidh
- Buidhnean fòcas luchd-obrach
- Cothroman cabadaich do dh’oileanaich
- Tachartasan conaltraidh agus coinneamhan luchd-ùidh bhon taobh a-muigh
Chùm Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh 10 seachdainean mun aonadh a bhathas a’ moladh, a bha a’ ruith eadar 24 Gearran agus 5 Cèitean 2023 agus a fhuair 21 freagairt.
10. Beachdan choimhearsnachdan eileanach - Fiosrachadh ga chruinneachadh tro cho-chomhairleachaidhean
Na h-Eileanan an Iar
Chuir Comhairle nan Eilean Siar an litir a chuir iad a-steach mun cho-chomhairleachadh a rinn na colaistean a tha a’ tighinn còmhla as t-fhoghar 2022 mu choinneamh Riaghaltas na h-Alba. Is iad na prìomh phuingean san litir seo:
- Dleastanas frithealadh air feumalachdan foghlaim choimhearsnachdan eileanach.
- Cho cudromach ’s a tha Measadh Buaidh air na h-Eileanan.
- Dreuchdan gan riarachadh gu cothromach agus gun an cumail sa mheadhan.
- Cho cudromach ’s a tha guth a bhith aig eileanan, tro bhòrd comhairleachaidh ionadail, aig ìre Bòrd na Colaiste ùire.
- Cuideam air a’ Ghàidhlig.
- Co-ionannachd a thaobh ghoireasan – tro Shlighe Neach-ionnsachaidh 15-24 is Slighean Adhartais is Measadh airson Tràth-ionnsachaidh.
- Cho cudromach ’s a tha ionadan ionnsachaidh ionadail.
MEASADH
11. A bheil ur measadh a’ comharrachadh bhuaidhean sònraichte sam bith air coimhearsnachdan eileanach?
- Àireamh sluaigh
- Eaconamach
- Gàidhlig
- Sòisealta
Tha Colaiste a' Chaisteil nas iomallaiche na tha na colaistean eile san aonadh a thathar a' moladh, le dùbhlain còmhdhail sònraichte nach buail air coimhearsnachdan tìr-mòr, ge bith dè cho iomallach agus a tha iad.
Is ann anns na h-Eilean Siar a tha an àireamh as àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig san dùthaich.
12. A bheil am measadh a’ comharrachadh chnapan-starra no bhuaidhean nas fharsainge?
Chan eil
13. A bheil lasachaidhean ann mar-thà airson nam buaidhean sin a chaidh a thogail?
Tha na pàrtaidhean a tha a' tighinn còmhla air innse nach eil planaichean aca an-dràsta airson a bhith a’ dùnadh ionadan far a bheil ionnsachadh ga thoirt seachad, no cùrsaichean sam bith a tharraing a-mach à àite sam bith. Le sin, chan fheum oileanaich a bhith a’ siubhal no gluasad airson chùrsaichean, agus mar sin cha bhi buaidh air gnothaichean còmhdhail.
Tha gealltanas ann an cùis gnìomhachais nan trì colaistean, na buidhnean a tha a’ tighinn còmhla, gus cothrom air foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart air feadh nan Eilean Siar agus an Eilein Sgitheanaich a bharrachd air tìr-mòr na Gàidhealtachd.
Tha gealltanas foillsichte ann airson Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail a chruthachadh, aon airson gach sgìre colaiste a bha ann roimhe, is e am fear iomchaidh an seo Comataidh Comhairleachaidh Ionadail nan Eilean Siar. Bidh àiteachean aig gach cathraiche agus iar-chathraiche gach Comadaidh Comhairliche Ionadail air bòrd na colaiste aonaichte ùire.
14. A bheil lasachaidhean nan àite airson nam buaidh a tha air an comharrachadh agus air an ainmeachadh gu h-àrd bho luchd-ùidhe agus co-chomhairleachaidhean coimhearsnachd?
Tha gealltanasan ann bhon phàrtaidh a tha a’ tighinn còmhla gus aire a thoirt do riatanasan sònraichte nan eilean.
15. A bheil an fhianais a’ nochdadh diofar shuidheachaidhean no diofar mhiannan no feuman, no fèin-fhiosrachaidhean no builean eadar-dhealaichte eadar diofar bhuidhnean? (leithid ìrean toileachais, no ìrean com-pàirteachaidh eadar-dhealaichte)?
Chan eil
16. A bheil coltas ann gum faicear na buaidhean eadar-dhealaichte sin?
Chan eil seo a’ bualadh air an t-suidheachadh seo.
17. A bheil na buaidhean sin gu math eadar-dhealaichte?
Chan eil
18. Am faodadh a’ bhuaidh ana-cothrom adhbharachadh do choimhearsnachd eileanach an taca ri tìr-mòr neo eadar buidhnean de dh’eileanan?
Chan fhaodadh
19. Comharraichibh goireasan a dh’fheumar gus builean airson Coimhearsnachdan eileanach a leasachadh no a lasachadh.
Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) air innse gu bheil iad dòchasach gun cruthaich an t-aonadh buannachdan mòra do dh’oileanaich, luchd-obrach agus luchd-ùidhe.
Dh’innis am Bòrd Eadar-ghluasaid a stèidhich na colaistean a tha a’ tighinn còmhla nach eil planaichean ann an-dràsta gin de na h-ionadan stèidhichte anns na h-Eileanan a dhùnadh agus nach eil planaichean ann an-dràsta cùrsaichean clasa a ghluasad gu ionnsachadh air-loidhne, agus nach eil planaichean aca an-dràsta cùrsaichean clasa a ghluasad.
Dh’innis am Bòrd Eadar-ghluasaid cuideachd nach eileas den bheachd gum bi barrachd gluasad oileanaich ann, a bhios a’ ciallachadh nach bi buaidh sam bith air àireamhan oileanaich a chleachdas aiseagan, no buaidh sam bith air àireamhan oileanaich a tha a’ sireadh àite-fuirich, mar thoradh dìreach air an aonadh. Tha e cudromach a bhith mothachail ge-tà ma shoirbhicheas leis a’ cholaiste aonaichte gus barrachd oileanaich a thàladh, gum faodadh sin a bhith ag adhbharachadh àireamhan a bharrachd de dh’oileanaich a bhith a’ siubhal agus a’ coimhead airson àite-fuirich.
Tha an argamaid ghnothachais airson an aonaidh a’ gealltainn trì Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail a stèidheachadh, aon airson gach colaiste aonaichte. Bidh àiteachean aig gach cathraiche agus iar-chathraiche gach Comadaidh Comhairliche Ionadail air prìomh bhòrd na colaiste aonaichte ùire. Cuidichidh seo le bhith a’ cumail suas ceangal agus taic ionadail, bho na h-eileanan, don cholaiste.
Tha gealltanas sa chùis ghnothachais taic a thoirt do leasachadh foghlam luchd-teagaisg na Gàidhlig agus barrachd chothroman airson foghlam Gàidhlig.
20. Am bu chòir dòighean lìbhrigidh/lasachaidh a bhith eadar-dhealaichte ann an diofar choimhearsnachdan eileanach?
Cha bu chòir
21. Am feumar tilleadh gu com-pàirtichean a’ cho-chomhairleachaidh a thaobh dòighean-obrach no lasachaidhean?
Chan fheum
22. An deach suidheachadh nan eilean a thoirt a-steach don phròiseas mheasaidh?
Chaidh
23. An deach comharran/amasan sònraichte eileanach a chomharrachadh a dh’fheumas sgrùdadh?
Cha deach
24. Ciamar a thomhaisear builean anns na h-eileanan?
Cumaidh a’ cholaiste ùr sùil air na builean agus bidh an SFC an dùil gun cùm UHI, mar a’ Bhuidheann Ro-innleachdail Roinneil, sùil air lìbhrigeadh, toileachas luchd-ionnsachaidh agus builean mar phàirt den aonta mhaoineachaidh aice leis a’ cholaiste ùir.
25. Ciamar a bhuail am poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis air coimhearsnachdan eileanach?
Cha bu chòir lùghdachadh sam bith a bhith ann air cothroman foghlaim agus san fhad-ùine bu chòir gum faicear àrdachadh ann an cothroman.
26. Ciamar a chuireas leasanan a dh’ionnsaichear san ICIA seo fiosrachadh ri dealbhadh poileasaidh agus lìbhrigeadh seirbheis san àm ri teachd?
Chan eil seo a’ bualadh air an t-suidheachadh seo.
A' FOILLSEACHADH ICIA
Foillsichear an ICIA sa Ghàidhlig air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba
ICIA air a chrìochnachadh le
Màiri Maxwell
Dreuchd
Prìomh Oifigear Poileasaidh
Ainm-sgrìobhte agus ceann-là
12/5/23
ICIA le ùghdarras
Adhamh Reid
Dreuchd
DD – Sgilean; Ionnsachadh Fad-beatha & Saidheans
Ainm-sgrìobhte agus ceann-là
23/5/23
Contact
Email: mary.maxwell@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback