Òrdugh Colaiste a' Chaisteil (Gluasad & Dùnadh) 2023: Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean (ICIA)

Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean a rinneadh a thaobh a’ mholaidh gus Colaiste a’ Chaisteil is Colaiste Ceann a Tuath na Gàidhealtachd a chur còmhla.


Òrdugh Colaiste a’ Chaisteil (Gluasad & Dùnadh) 2023 - Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean (ICIA)

MEASADH BUAIDH AIR COIMHEARSNACHDAN NAN EILEAN

Ainm a’ Phoileasaidh, na Ro-innleachd no na Seirbheis

Òrdugh Colaiste a’ Chaisteil (Gluasad & Dùnadh) 2023

AMASAN A’ PHOILEASAIDH

1. Dè na h-amasan a tha aig a’ phoileasaidh, ro-innleachd no seirbheis?

Is e an t-amas Colaiste Ceann a Tuath na Gàidhealtachd agus Colaiste a’ Chaisteil a chur còmhla le bhith a’ dùnadh Colaiste a’ Chaisteil agus a’ gluasad a cuid seilbh, chòraichean, uallaichean agus dhleastanasan gu Colaiste Ceann a Tuath na Gàidhealtachd.

2. Dè na buaidhean no na builean a thathas a’ sùileachadh?

Is iad na builean a thathas a’ sùileachadh le bhith a’ cur nan colaistean còmhla:

  • Gum bi buidheann aon-fhillte ann a tha seasmhach a thaobh ionmhais.
  • Fàs a thoirt air a’ churraicealam.
  • Fàs a thoirt air rannsachadh agus iomlaid eòlais.
  • Cothroman meudachaidh a ghabhail.
  • Piseach a thoirt air foghlam nan oileanach.
  • A’ dèiligeadh ri prìomhachasan agus cothroman caochlaideach agus duilgheadasan eaconamach.

3. Ciamar a dh’fhaodadh na buaidhean seo a bhith eadar-dhealaichte eadar coimhearsnachdan tìr-mòr agus Eileanach?

Tha na pàrtaidhean aonaidh air innse gun toir an t-aonadh aire do shuidheachadh sònraichte coimhearsnachd nan eilean.

LUCHD-ÙIDH & DÀTA

4. Dè am fiosrachadh a tha ri fhaotainn mun t-suidheachadh anns na h-eileanan an-dràsta?

Tha 4 ionadan aig Colaiste a’ Chaisteil an-dràsta ann an: Steòrnabhagh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla agus Barraigh. Tha e cuideachd na pàirt de cho-iomairt ann an Uibhist a Deas. Tha Ceòlas Uibhist (buidheann a tha an sàs ann an cultar, dualchas is ealain na Gàidhlig) agus Colaiste a’ Chaisteil nan com-pàirtichean ann an Cnoc Soilleir, ionad airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig.

5. Am feum sibh co-chomhairle a chumail?

Rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle mun mholadh seo.

6. Cò iad am prìomh Luchd-ùidh agaibh?

Bùird cholaistean, oileanaich, comann oileanach, luchd-obrach agus aonaidhean ciùird.

7. Ciamar a tha dàta sam bith a tha ann mar-thà eadar-dhealaichte eadar eileanan?

Is i Colaiste a' Chaisteil an tè as lugha de na 3 colaistean a tha am beachd a dhol còmhla. Chan eil fianais sam bith ann gu bheil an dàta eadar-dhealaichte eadar eileanan sna h-Eileanan Siar.

8. A bheil feartan dealbhaidh no lasachaidhean ann mar-thà?

Tha na pàrtaidhean a tha a’ tighinn còmhla air gealltainn a bhith ag obair còmhla ri Ro-innleachd nan Eilean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil toraidhean bho Sgrùdaidhean Sgilean Eileanach gam filleadh a-steach don churraicealam ùr aca.

CO-CHOMHAIRLEACHADH

9. An deach fiosrachadh a chruinneachadh mar-thà tro choinneamhan a bha ann roimhe?

Rinn na pàrtaidhean a tha a’ tighinn còmhla a’ chiad cho-chomhairleachadh tràth ann an 2022. Às dèidh seo chaidh co-chomhairleachadh poblach 10 seachdainean a ruith eadar 8 Lùnastal 2022 agus 14 Dàmhair 2022. Sa cho-chomhairleachadh seo bha:

  • Tachartasan fiosrachaidh air-loidhne
  • Cothroman cèilidh air a’ cho-òrdanaiche aonaidh thar àrainnean agus ionadan ionnsachaidh
  • Rannsachadh-beachd airson luchd-obrach, oileanaich, agus am poball
  • Cairtean beachd aig àrainnean agus ionadan ionnsachaidh
  • Buidhnean fòcas luchd-obrach
  • Cothroman cabadaich do dh’oileanaich
  • Tachartasan conaltraidh agus coinneamhan luchd-ùidh bhon taobh a-muigh

Chùm Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh 10 seachdainean mun aonadh a bhathas a’ moladh, a bha a’ ruith eadar 24 Gearran agus 5 Cèitean 2023 agus a fhuair 21 freagairt.

10. Beachdan choimhearsnachdan eileanach - Fiosrachadh ga chruinneachadh tro cho-chomhairleachaidhean

Na h-Eileanan an Iar

Chuir Comhairle nan Eilean Siar an litir a chuir iad a-steach mun cho-chomhairleachadh a rinn na colaistean a tha a’ tighinn còmhla as t-fhoghar 2022 mu choinneamh Riaghaltas na h-Alba. Is iad na prìomh phuingean san litir seo:

  • Dleastanas frithealadh air feumalachdan foghlaim choimhearsnachdan eileanach.
  • Cho cudromach ’s a tha Measadh Buaidh air na h-Eileanan.
  • Dreuchdan gan riarachadh gu cothromach agus gun an cumail sa mheadhan.
  • Cho cudromach ’s a tha guth a bhith aig eileanan, tro bhòrd comhairleachaidh ionadail, aig ìre Bòrd na Colaiste ùire.
  • Cuideam air a’ Ghàidhlig.
  • Co-ionannachd a thaobh ghoireasan – tro Shlighe Neach-ionnsachaidh 15-24 is Slighean Adhartais is Measadh airson Tràth-ionnsachaidh.
  • Cho cudromach ’s a tha ionadan ionnsachaidh ionadail.

MEASADH

11. A bheil ur measadh a’ comharrachadh bhuaidhean sònraichte sam bith air coimhearsnachdan eileanach?

  • Àireamh sluaigh
  • Eaconamach
  • Gàidhlig
  • Sòisealta

Tha Colaiste a' Chaisteil nas iomallaiche na tha na colaistean eile san aonadh a thathar a' moladh, le dùbhlain còmhdhail sònraichte nach buail air coimhearsnachdan tìr-mòr, ge bith dè cho iomallach agus a tha iad.

Is ann anns na h-Eilean Siar a tha an àireamh as àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig san dùthaich.

12. A bheil am measadh a’ comharrachadh chnapan-starra no bhuaidhean nas fharsainge?

Chan eil

13. A bheil lasachaidhean ann mar-thà airson nam buaidhean sin a chaidh a thogail?

Tha na pàrtaidhean a tha a' tighinn còmhla air innse nach eil planaichean aca an-dràsta airson a bhith a’ dùnadh ionadan far a bheil ionnsachadh ga thoirt seachad, no cùrsaichean sam bith a tharraing a-mach à àite sam bith. Le sin, chan fheum oileanaich a bhith a’ siubhal no gluasad airson chùrsaichean, agus mar sin cha bhi buaidh air gnothaichean còmhdhail.

Tha gealltanas ann an cùis gnìomhachais nan trì colaistean, na buidhnean a tha a’ tighinn còmhla, gus cothrom air foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart air feadh nan Eilean Siar agus an Eilein Sgitheanaich a bharrachd air tìr-mòr na Gàidhealtachd.

Tha gealltanas foillsichte ann airson Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail a chruthachadh, aon airson gach sgìre colaiste a bha ann roimhe, is e am fear iomchaidh an seo Comataidh Comhairleachaidh Ionadail nan Eilean Siar. Bidh àiteachean aig gach cathraiche agus iar-chathraiche gach Comadaidh Comhairliche Ionadail air bòrd na colaiste aonaichte ùire.

14. A bheil lasachaidhean nan àite airson nam buaidh a tha air an comharrachadh agus air an ainmeachadh gu h-àrd bho luchd-ùidhe agus co-chomhairleachaidhean coimhearsnachd?

Tha gealltanasan ann bhon phàrtaidh a tha a’ tighinn còmhla gus aire a thoirt do riatanasan sònraichte nan eilean.

15. A bheil an fhianais a’ nochdadh diofar shuidheachaidhean no diofar mhiannan no feuman, no fèin-fhiosrachaidhean no builean eadar-dhealaichte eadar diofar bhuidhnean? (leithid ìrean toileachais, no ìrean com-pàirteachaidh eadar-dhealaichte)?

Chan eil

16. A bheil coltas ann gum faicear na buaidhean eadar-dhealaichte sin?

Chan eil seo a’ bualadh air an t-suidheachadh seo.

17. A bheil na buaidhean sin gu math eadar-dhealaichte?

Chan eil

18. Am faodadh a’ bhuaidh ana-cothrom adhbharachadh do choimhearsnachd eileanach an taca ri tìr-mòr neo eadar buidhnean de dh’eileanan?

Chan fhaodadh

19. Comharraichibh goireasan a dh’fheumar gus builean airson Coimhearsnachdan eileanach a leasachadh no a lasachadh.

Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) air innse gu bheil iad dòchasach gun cruthaich an t-aonadh buannachdan mòra do dh’oileanaich, luchd-obrach agus luchd-ùidhe.

Dh’innis am Bòrd Eadar-ghluasaid a stèidhich na colaistean a tha a’ tighinn còmhla nach eil planaichean ann an-dràsta gin de na h-ionadan stèidhichte anns na h-Eileanan a dhùnadh agus nach eil planaichean ann an-dràsta cùrsaichean clasa a ghluasad gu ionnsachadh air-loidhne, agus nach eil planaichean aca an-dràsta cùrsaichean clasa a ghluasad.

Dh’innis am Bòrd Eadar-ghluasaid cuideachd nach eileas den bheachd gum bi barrachd gluasad oileanaich ann, a bhios a’ ciallachadh nach bi buaidh sam bith air àireamhan oileanaich a chleachdas aiseagan, no buaidh sam bith air àireamhan oileanaich a tha a’ sireadh àite-fuirich, mar thoradh dìreach air an aonadh. Tha e cudromach a bhith mothachail ge-tà ma shoirbhicheas leis a’ cholaiste aonaichte gus barrachd oileanaich a thàladh, gum faodadh sin a bhith ag adhbharachadh àireamhan a bharrachd de dh’oileanaich a bhith a’ siubhal agus a’ coimhead airson àite-fuirich.

Tha an argamaid ghnothachais airson an aonaidh a’ gealltainn trì Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail a stèidheachadh, aon airson gach colaiste aonaichte. Bidh àiteachean aig gach cathraiche agus iar-chathraiche gach Comadaidh Comhairliche Ionadail air prìomh bhòrd na colaiste aonaichte ùire. Cuidichidh seo le bhith a’ cumail suas ceangal agus taic ionadail, bho na h-eileanan, don cholaiste.

Tha gealltanas sa chùis ghnothachais taic a thoirt do leasachadh foghlam luchd-teagaisg na Gàidhlig agus barrachd chothroman airson foghlam Gàidhlig.

20. Am bu chòir dòighean lìbhrigidh/lasachaidh a bhith eadar-dhealaichte ann an diofar choimhearsnachdan eileanach?

Cha bu chòir

21. Am feumar tilleadh gu com-pàirtichean a’ cho-chomhairleachaidh a thaobh dòighean-obrach no lasachaidhean?

Chan fheum

22. An deach suidheachadh nan eilean a thoirt a-steach don phròiseas mheasaidh?

Chaidh

23. An deach comharran/amasan sònraichte eileanach a chomharrachadh a dh’fheumas sgrùdadh?

Cha deach

24. Ciamar a thomhaisear builean anns na h-eileanan?

Cumaidh a’ cholaiste ùr sùil air na builean agus bidh an SFC an dùil gun cùm UHI, mar a’ Bhuidheann Ro-innleachdail Roinneil, sùil air lìbhrigeadh, toileachas luchd-ionnsachaidh agus builean mar phàirt den aonta mhaoineachaidh aice leis a’ cholaiste ùir.

25. Ciamar a bhuail am poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis air coimhearsnachdan eileanach?

Cha bu chòir lùghdachadh sam bith a bhith ann air cothroman foghlaim agus san fhad-ùine bu chòir gum faicear àrdachadh ann an cothroman.

26. Ciamar a chuireas leasanan a dh’ionnsaichear san ICIA seo fiosrachadh ri dealbhadh poileasaidh agus lìbhrigeadh seirbheis san àm ri teachd?

Chan eil seo a’ bualadh air an t-suidheachadh seo.

A' FOILLSEACHADH ICIA

Foillsichear an ICIA sa Ghàidhlig air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba

ICIA air a chrìochnachadh le

Màiri Maxwell

Dreuchd

Prìomh Oifigear Poileasaidh

Ainm-sgrìobhte agus ceann-là

12/5/23

ICIA le ùghdarras

Adhamh Reid

Dreuchd

DD – Sgilean; Ionnsachadh Fad-beatha & Saidheans

Ainm-sgrìobhte agus ceann-là

23/5/23

Contact

Email: mary.maxwell@gov.scot

Back to top