Crofting community right to buy: introduction

Introductory guidance for Crofting Community Right to Buy under Part 3 of the Land Reform (Scotland) Act 2003.


Ro-ràdh

1. Tha an stiùireadh goirid seo a' toirt iomradh don choimhearsnachd chroitearachd air a' chòir ceannach a th' aca tro Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003. Tha e a' toirt seachad mìneachadh goirid air a' chòir a th' aig coimhearsnachd chroitearachd am fearann aca a cheannach agus a' toirt fiosrachaidh air an stiùireadh a th' ann a chuidicheadh coimhearsnachdan barrachd fhaighinn a-mach mun phròiseas.

Dè a th' ann an còir ceannach coimhearsnachd chroitearachd?

2. Tha a' chòir a th' aig coimhearsnachdan chroitearachd am fearann aca a cheannach fo Phàirt 3 de dh'Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003 ("An Achd") air siostam a chruthachadh far am faod buidheann chroitearachd ann an coimhearsnachd ( CCB), a tha a' riochdachadh coimhearsnachd chroitearachd aithnichte, talamh chroitearachd ion-roghnach fhaighinn (a' gabhail a-steach iasgach bhradain, còirichean mèinnearach (ach a-mhàin còirichean ola, guail, gas, òir no airgid)), a tha ceangailte ris a' choimhearsnachd chroitearachd sin, agus còirichean seilge. Faodaidh CCB cuideachd, aig an aon àm, no taobh a-staigh àm sònraichte às dèidh dhan talamh chroitearachd ion-roghnach a bhith air a ceannach, an ùidh a th' aig an teanant ann am fearann a th' air a leigeil a-mach air màl (aonta-màil eatarra) fhaighinn. Chan fhaodar a' chòir seo - a' chòir a th' aig coimhearsnachd chroitearachd am fearann aca a cheannach - a chur an gnìomh mura h-eil buidheann CCB le bun-stèidh ceart ann agus mura h-eil a' mhòr-chuid den choimhearsnachd chroitearachd agus na croitearan anns a' choimhearsnachd chroitearachd sin a' cur taic ris an iarrtas, agus mura h-eil e air a cheadachadh le Ministearan na h-Alba.

3. Tha na riatasan a tha mu choinneamh coimhearsnachd chroitearachd agus a' chòir a th' aca am fearann aca a cheannach fo Phàirt 3 den Achd iom-fhillte agus a' ciallachadh tòrr obrach. Bu chòir do choimhearsnachdan chroitearachd aig a bheil ùidh ann a bhith a' ceannach an fhearainn chroitearachd aca fhèin is mar sin air adhart, a bhith a' coimhead ris an reachdas mar dhòigh air rudan a thoirt air adhart ma 's e 's nach eilear air a bhith soirbheachail nan oidhirpean am fearann fhaighinn tro aonta. Tha sealbh fhaighinn le aonta, nas buailtiche rèite fhaighinn a bhios nas freagarraiche an dà chuid don choimhearsnachd agus don uachdaran.

Fiù 's ma dh'fhailicheas oidhirp sealbh fhaighinn tro aonta thig tòrr fiosrachaidh am bàrr a bhios feumail nuair a thig e gu bhith ag ullachadh iarrtais. Tha e cuideachd feumail oir faodar mì-thuigse a sheachnadh a dh'fhàgadh an t-iarrtas le gaoid no mi-fhreagarrachd air choireigin.

Stiùireadh air còir coimhearsnachd chroitearachd am fearann aca a cheannach

4. Tha Riaghaltas na h-Alba air stiùireadh fhoillseachadh ("Còir Ceannach aig Coimhearsnachd Chroitearachd am fearann aca a cheannach: Stiùireadh") gus cuideachadh a thoirt do choimhearsnachdan chroitearachd aig a bheil ùidh san fhearann aca a cheannach tro na h-ullachaidhean a th' ann am Pàirt 3 den Achd: do dh'uachdarain a dh'fhaodadh thighinn fo bhuaidh na còir a th' aig coimhearsnachd chroitearachd brath a ghabhail air a' chothrom am fearann aca a cheannach; agus air daoine fa leth agus gnìomhachasan a tha den bheachd gum biodh buaidh aig leithid de dh'iarrtas air an ùidh aca ann an pàirt shònraichte den fhearann. Tha an stiùireadh air a sgrìobhadh ann an trì pàirtean:

  • Tha a' chiad phàirt a' toirt stiùireadh seachad gu sònraichte do CCB'an;
  • Tha an dàrna pàirt a' toirt stiùireadh seachad gu sònraichte do dh'uachdarain;
  • Tha an treas pàirt gu sònraichte do dhaoine eile.

5. Tha an stiùireadh a' coimhead ris na riatasan reachdail a th' ann am Pàirt 3 den Achd agus an fho-reachdais a tha na cois. Tha iomraidhean air an Achd mar phàirt dheth airson an leughadair a stiùireadh gu earrannan iomchaidh ma 's e 's gu bheil iad airson an reachdas a leughadh aig an aon àm ris an stiùireadh seo.

6. Faodar an stiùireadh agus foirm-iarrtais a thoirt sìos bhon eadar-lìon bho dhuilleagan Còir Ceannach Coimhearsnachd Chroitearachd air làrach-lìn an Riaghaltais Albannaich aig http://Scotland.gov.uk/Topics/Rural/rural-land/right-to-buy/crofting . Gheibhear leth-bhreacan pàipeir bho Roinn So-mhaoin Coimhearsnachd (Sgìre 1-D, Taigh a' Phentland, 47 Robb's Loan, Dùn Èideann, EH14 1TY).

Tuilleadh Fiosrachaidh

7. Feumaidh am pròiseas fom bi coimhearsnachd chroitearachd a' cleachdadh na còir am fearann aca a cheannach a bhith a rèir Pàirt 3 den Achd. Tha an Achd agus na notaichean mìneachaidh a tha na cois ri fhaighinn aig na ceangailean eileagtronaigeach: http://www.opsi.gov.uk/legislation/scotland/acts2003/asp_20030002_en_1 . Bu chòir dhuibh cuideachd sùil a thoirt air Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn is eile 2007 (faic earrann 31) aig http://www.opsi.gov.uk/legislation/scotland/acts2007/asp_20070007_en_1 Faodar an Achd 2003 daingnichte fhaicinn air Stòr-data Lagh Reachdail aig http://www.statutelaw.gov.uk/ .

8. Tha stiùireadh feumail mu dheidhinn a' phròiseis a th' ann airson coimhearsnachd chroitearachd a tha a' miannachadh na còir ceannach aice a chur an gnìomh, anns an leabhran "Còir ceannach na coimhearsnachd chroitearachd - ur ceistean air am freagairt", air fhoillseachadh le Ionad Fearann Coimhearsnachd ( CLU) Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Faodar seo fhaighinn bhon CLU no fhaicinn air làrach-lìn Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ( http://www.hie.co.uk/CLU-General-/-holding-area/crofting-right-to-buy-0604.pdf ).

Comhairle Phroifeiseanta

9. Faodaidh Roinn So-mhaoin Coimhearsnachd an Riaghaltais Albannaich ceistean sam bith a fhreagairt air pròiseas còir ceannach coimhearsnachd chroitearachd. Chan fhaod i, ge-tà, comhairle laghail no, air sgàth gum feumte a bhith neo-eisimeileach nuair a thathar a' comhairleachadh Mhinistearan air gach cùis fa leth, comhairle a thoirt seachad a dh'fhaodadh a bhith air a' mheas mar gun robhar a' toirt taic do bhuidheann shònraichte, (me CCB, uachdaran no neach sam bith eile) a tha an sàs ann an cùis shònraichte.

10. Bu chòir do bhuidheann sam bith ann an coimhearsnachd chroitearachd a tha airson CCB a stèidheachadh air sgàth 's gu bheil iad airson còir ceannach coimhearsnachd chroitearachd a chur an sàs, comhairle laghail fhaighinn. Bhiodh e cuideachd iomchaidh do dh'uachdaran no neach sam bith eile aig a bheil ùidh anns an fhearann, agus tha a' meas gum biodh buaidh aig iarrtas bho choimhearsnachd chroitearachd airson còir ceannach an fhearann a chur an sàs, comhairle phroifeiseanta den aon sheòrsa fhaighinn, a' gabhail a-steach comhairle laghail agus comhairle air luachadh, gnothaichean àrainneachd agus riaghladh an fhearainn.

Back to top