Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021
Tha am plana seo a' mìneachadh an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt dhan Ghàidhlig na obraichean, airson gun dèan sinn cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.
Structar Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba
’S iad na prìomh phàirtean den Phlana Gàidhlig againn:
Tha a’ chaibideil seo a’ toirt bun-fhiosrachadh mu Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus na prìomh nithean a tha innte. Tha dealbh farsaing air a thoirt de na prìomh sholairean reachdail co-cheangailte ri ullachadh Planaichean Gàidhlig fo Achd 2005. Tha geàrr-chunntas air structair Riaghaltas na h-Alba agus a phrìomh raointean obrach ann cuideachd.
Caibideil II – Bun-dhleastanan
Tha a’ chaibideil seo a’ mìneachadh ciamar a nì Riaghaltas na h-Alba feum den Ghàidhlig, agus ciamar a a bheir iad cothrom air a cleachdadh an lùib a phrìomh ghnìomhan obrach. Tha e a’ gabhail a-steach prìomh raointean obrach mar ar dearbh-aithne chorporra, mar a bhios ar litrichean agus post-dealain air an làimhseachadh agus cleachdadh na Gàidhlig air an làrach-lìn againn. Tha a’ chaibideil a’ mìneachadh na h-ìre as ìsle de sholarachadh na Gàidhlig a tha sinn a’ dol a dh’ullachadh anns na còig bliadhna a mhaireas am plana. Tha sinn mothachail gu bheil an suidheachadh cànanach air eadar 2010 agus an-diugh, agus tha sinn air an tionndadh seo den Phlana a chur air dòigh gus an cothrom a thoirt dhuinn solarachaidhean a chur ris mar a bhios feumail is freagarrach.
Caibideil III – Dleastanasan a thaobh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig
Tha a’ chaibideil seo a’ mìneachadh mar a chuidicheas Riaghaltas na h-Alba ann an gnìomhachadh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig. Tha geàrr-chunntas ann de phròiseactan agus buidhnean a fhuair taic ann an 2010-2015. Tha cuideachd dleastanasan ann bho Riaghaltas na h-Alba, an-diugh agus san àm ri teachd, airson toraidhean Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh.
Caibideil IV – Gnìomhachadh is Sgrùdadh
Tha an caibideil seo a’ mìneachadh mar a bhios gnìomhachadh ar Plana Gàidhlig air a ghluasad air adhart, agus mar a nithear sgrùdadh air a’ ghnìomhachadh.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback