Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021
Tha am plana seo a' mìneachadh an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt dhan Ghàidhlig na obraichean, airson gun dèan sinn cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.
Caibideil II: Bun-Dhleastanasan
Tha na dleastanasan sa chaibideil seo a’ sealltainn, a bharrachd air maoineachadh airson Bòrd na Gàidhlig agus pròiseactan eile co-cheangailte ri Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig, mar a chleachdas Riaghaltas na h-Alba a’ Ghàidhlig anns na prìomh dhòighean-obrach againn. Seallaidh gach seirbheis agus goireas spèis co-ionnan airson Gàidhlig agus Beurla. Ged a tha na dleastanasan seo gu sònraichte a’ buineadh do bhun-obraichean Riaghaltas na h-Alba, dh’fhaodadh buidhnean-gnìomha, NDPBan agus ùghdarrasan eile a tha a’ coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba an toirt a-steach dha na h-obraichean aca fhèin far a bheil seo buntainneach, gus faighinn deiseil airson am Plana Gàidhlig aca fhèin.
Tha na bun-dhleastanasan againn anns na raointean a leanas:
Earrann 1 – Dearbh-aithne agus Follaiseachd
Earrann 2 – Conaltradh agus Foillseachaidhean
Earrann 3 – Luchd-obrach agus Trèanadh
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gum faod pàirt cudromach a bhith aig gach gnìomh chorporra sin ann an àrdachadh ìomhaidh agus follaiseachd na Gàidhlig, agus ann a bhith a’ cruthachadh cothroman practaigeach do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh Gàidhlig.
Airson gach raon, seallaidh am Plana seo dòigh-obrach làthaireach Riaghaltas na h-Alba (na measg iomairtean a chaidh an toirt gu buil mu thràth), agus raointean leasachaidh, a’ bualadh air na h-Amasan Àrd-Ìre air an do bheachdaich Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba tro phròiseas sgrùdaidh ar Plana. A bharrachd air seo, tha sinn fhathast a’ cur taic ri dleastanasan bhon chiad Phlana far a bheil seo fhathast buntainneach a thaobh atharrachaidhean obrachail.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair thar gach ceàrn de dh’Alba. Mar sin, ann an leasachadh ar solarachadh Gàidhlig, bidh sinn a’ cleachdadh na h-ìre solarachaidh as lugha a bhuineas do na raointean obrach againn uile, agus a’ toirt ìre solarachaidh leasaichte ann an ceàrnaidhean sa bheil an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig agus iarrtas airson seirbhisean a’ fàs. Bidh seirbheisean agus goireasan a gheibhear sa Ghàidhlig air an tairgsinn gu for-ghnìomhach.
Taic Làthaireach aig Riaghaltas na h-Alba dhan Ghàidhlig
Chithear an taic a tha a’ Ghàidhlig a’ faighinn taobh a-steach Riaghaltas na h-Alba sa chlàr gu h-ìosal, le barrachd fiosrachaidh agus raointean leasachaidh sna h-earrainn a leanas.
Dearbh-aithne agus Follaiseachd |
Conaltradh agus Foillseachadh |
Luchd-obrach agus Trèanadh |
---|---|---|
Suaicheantas dà-chànanach Soidhnichean dà-chànanach Ainmean Gàidhlig airson gach Buidheann-stiùiridh agus Roinn |
Conaltradh sa Ghàidhlig air a bhrosnachadh agus air a fhreagairt sa Ghàidhlig Cuid de bhrathan-naidheachd, co-chomhairleachaidhean agus stuthan air-loidhne air am foillseachadh gu dà-chànanach far a bheil seo iomchaidh Tha an cothrom ann eadar-theangachaidhean dhan Ghàidhlig iarraidh de dh’fhoillseachaidhean Riaghaltas na h-Alba |
Tha Oifigear Plana Gàidhlig air fhastadh airson eadar-theangachaidhean a dhèanamh agus airson sùil a chumail air buileachadh a’ Phlana Faodaidh luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba comhairle fhaighinn a thaobh mothachadh mun Ghàidhlig agus ionnsachadh cànain Tha an ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh airson obraichean far a bheil seo riatanach |
Earrann 1 – Dearbh-aithne agus Follaiseachd
Faodaidh Gàidhlig ann an dearbh-aithne chorporra cur gu mòr ri follaiseachd a’ chànain, agus tha e na aithris chudromach le ùghdarras poblach mun mheas agus an àite a tha aig a’ Ghàidhlig.
Tha inbhe a’ chànain air a ghlèidheadh le bhith a’ cumail suas càileachd, cunbhalachd agus beairteas a’ chànain ann an raointean poblach.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cruthachadh mothachadh fad is farsaing air cleachdadh Gàidhlig agus e a’ toirt ìomhaigh fhiughaireach dhi.
Dòigh-obrach làthaireach | Tha suaicheantas dà-chànanach aig Riaghaltas na h-Alba, air a chleachdadh san àbhaist thar gach raon obrach againn. |
Tha tionndadh dà-chànanach ri fhaighinn airson gach teamplaid litreach, agus tha sgiobaidhean air am brosnachadh gus an cleachdadh airson gach litir a tha a’ tighinn bhon Riaghaltas. | |
Tha eadar-theangachaidhean ann airson ainmean gach Buidheann-stiùiridh agus Roinn. Tha iad seo air an ùrachadh mar a dh’fheumar nuair a dh’atharraicheas na h-ainmean. | |
Tha ceann-litreach dà-chànanach aig gach Ministear. | |
Tha soidhnichean dà-chànanach air an cleachdadh air feadh togalaichean Riaghaltas na h-Alba, taobh a-muigh agus air dorsan, agus ann am fosglain poblach. | |
Tha soidhnichean taobh a-muigh togalaichean Riaghaltas na h-Alba dà-chànanach, le togalaichean tuath is siar air Sligh-uisge a’ Ghlinne Mhòir ann an Gàidhlig an toiseach is an uairsin am Beurla, agus am Beurla an toiseach ann an àiteachan eile. | |
Tha an suaicheantas dà-chànanach air a chleachdadh airson gach pìos aodaich corporra ùr airson luchd-obrach ann an togalaichean Riaghaltas na h-Alba, bhon Chèitein 2014. |
Raointean Leasachaidh |
Ceann-là |
Prìomh Raon Obrach |
|
---|---|---|---|
Amas |
Thèid suaicheantas Riaghaltas na h-Alba ùrachadh, a’ toirt spèis co-ionnan don Ghàidhlig. |
2016 |
Margaidheachd |
Cumaidh sinn stòr-data de dh’ainmean Gàidhlig airson roinnean agus bhuidhnean, airson gum bi iad cunbhalach air feadh na buidhnean. |
Amas àrd-ìre |
Sgioba Gàidhlig is Albais/Goireasan/ Didseatach |
|
Thèid teamplaidean litreach dà-chànanach airson Ministearan, Buidhnean-stiùiridh agus Roinnean am moladh mar bhunait. |
Leantainneach |
Sgioba Gàidhlig is Albais |
Earrann 2 – Conaltradh & Foillseachaidhean
Tha cleachdadh agus follaiseachd na Gàidhlig ann an conaltradh eadar a’ mhòr-shluagh agus ùghdarras poblach a’ cur ris a’ mhothachadh gu bheil comas agus cothrom ann Gàidhlig a chleachdadh. A thuilleadh air a bhith ag àrdachadh ìomhaigh a’ chànain, tha e cuideachd a’ cruthachadh cothroman air a bhith ga cleachdadh agus a’ misneachadh buill den phoball Gàidhlig a chleachdadh a’ dèanamh gnothaich ris an ùghdarras phoblaich an dèidh làimhe.
Tha cleachdadh na Gàidhlig ann an sreath de stuth clo-bhuailte, anns na meadhanan agus air loidhne a’ cur ri follaiseachd na Gàidhlig, agus ag àrdachadh inbhe na Gàidhlig le bhith ga cleachdadh ann am follaiseachaidhean iomraiteach, agus faodaidh e cuideachadh a’ deasachadh agus a’ daingneachadh briathrachas. Tha seo a’ sealltainn gu bheil ùghdarras ionadail airson cothrom a thoirt air fiosrachadh cudromach fhaighinn tron Ghàidhlig. Mar a gheibh barrachd dhaoine fiosrachadh mu ùghdarrasan poblach tron làraich-lìn aca, faodaidh ullachadh airson cleachdadh na Gàidhlig cur gu mòr ri inbhe agus faicsinneachd a’ chànain.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cruthachadh cothroman airson Gàidhlig a chleachdadh ann an iomadh seòrsa suidheachadh làitheil agus a’ gealltainn a bhith a’ meudachadh na h-ìre solarachaidh san raon seo.
Dòigh-obrach làthaireach | Tha soidhnichean dà-chànanach aig ionadan-fàilte anns gach prìomh thogalach aig Riaghaltas na h-Alba. |
Faodaidh luchd-obrach aghaidh an taighe agus sam Prìomh Aonad Fiosrachaidh conaltradh (fòn, post, post-d) a chur gu sgioba na Gàidhlig far am faodar neach-labhairt fileanta sa Ghàidhlig freagairt a thoirt dhaibh. | |
Tha gach pìos conaltraidh a gheibhear sa Ghàidhlig a’ faighinn freagairt sa Ghàidhlig. Tha seo a’ tighinn gu sgioba na Gàidhlig airson eadar-theangachadh mar a dh’fheumar. | |
Tha stuth eileagtronaigeach fèin-fhreagairt mar brathan-àichidh post-d san dà chànan, agus bidh san àm ri teachd. | |
Tha beachdachadh mun Ghàidhlig airson cruth foirmean, agus foirmean dà-chànanach air an cur a-mach ma thèid an iarraidh. Tha sinn deònach, agus a’ fàilteachadh, feum de fhoirmean sa Ghàidhlig, agus tha iad seo air am freagairt sa Ghàidhlig. | |
Tha co-chomhairlean air an cur a-mach san dà chànan far a bheil seo iomchaidh, agus freagairtean sa Ghàidhlig air am brosnachadh. Gheibh freagairtean sa Ghàidhlig aithneachadh sa Ghàidhlig. | |
Tha sinn a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig aig coinneamhan poblach far am bi àireamh mòr de luchd-labhairt na Gàidhlig an làthair. Faodaidh sinn comhairle a thoirt seachad mu dhòighean-obrach ma tha feum air eadar-theangachadh. | |
Gheibhear eadar-theangachadh Gàidhlig den bhileag gearain againn air-loidhne. | |
Faodar iomraidhean agus òraidean Ministeireil fhaighinn ann an cruth dà-chànanach air iarrtas bho sgioba na Gàidhlig. | |
Tha feadhainn de na fiosan naidheachd agus nithean air na meadhanan sòisealta againn air an cur a-mach san dà chànan, gu h-àraidh far a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig. | |
Tha an cothrom ann eadar-theangachaidhean dhan Ghàidhlig iarraidh de dh’fhoillseachaidhean Riaghaltas na h-Alba | |
Tha Gàidhlig ri faighinn ann an dearbh-aithne pròiseactan conaltraidh ùr, m.e. làrach-lìn Oifis a’ Phrìomh Mhinistear. | |
Tha sinn a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an taisbeanaidhean sam bith a tha iomchaidh. Meòraichidh luchd-obrach air mar a tha susbaint neo luchd-amais an taisbeanaidh a’ sealltainn am bu chòir fiosrachadh a bhith ann an Gàidhlig a bharrachd air a’ Bheurla. | |
Chaidh stiùireadh a dheasachadh le Oifis Conaltraidh Riaghaltas na h-Alba air mar a chleachdar Gàidhlig ann am brathan-naidheachd. | |
Tha a’ Ghàidhlig ri fhaighinn mar roghainn air ar bòrd-suidse fèin-obrachail. |
Raointean Leasachaidh |
Ceann-là |
Prìomh Raon Obrach |
|
---|---|---|---|
Amas |
Obraichidh sinn le Buidhnean-stiùiridh gus cothroman a lorg Gàidhlig a chleachdadh ann an naidheachdan agus sna meadhanan, a’ dèiligeadh ri cùisean le cudromachd nàiseanta a bharrachd air cùisean a’ buntainn don Ghàidhlig an Alba. |
Rè beatha a’ Phlana |
Conaltradh/ Sgioba Gàidhlig is Albais |
Amas |
Leanaidh sinn oirnn ag àrdachadh làthaireachd na Gàidhlig air làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba (làrach-lìn corporra, làrach-lìn taobh a-staigh airson luchd obrach agus làraich-lìn ùra mar a tha iad air an leasachadh) fon phrionnsabal spèis cho-ionnan, follaiseachd agus cleachdadh na Gàidhlig. |
Rè beatha a’ Phlana |
Didseatach/ Sgioba Gàidhlig is Albais |
Thèid stuthan a bharrachd a dh’fhaodas foillseachadh ann an Gàidhlig neo dà-chànanach aithneachadh, eadar-theangachadh agus fhoillseachadh. |
Leantainneach |
Sgioba Gàidhlig is Albais |
|
Gabhaidh sinn a-steach a’ Ghàidhlig ri leasachaidhean a thaobh foillseachadh barrachd fiosrachaidh tro na meadhanan sòisealta. |
Rè beatha a’ Phlana |
Conaltradh/ Sgioba Gàidhlig is Albais |
|
Bidh riochdaire aig Riaghaltas na h-Alba ri làimh airson agallamhan neo iomraidhean sa Ghàidhlig ma tha seo a dhìth air na meadhanan, agus foillsichidh iad gu bheil an cothrom seo ann. |
Sa bhad |
Conaltradh/Ministearan/Sgioba Gàidhlig is Albais |
|
Bheir Sgioba Gàidhlig is Albais seachad comhairle air mar a chleachdar Gàidhlig ann an coinneamhan phoblach agus clàraidh iad iarrtas sam bith airson seo |
Rè beatha a’ Phlana |
Sgioba Gàidhlig is Albais |
Earrann 3 – Luchd-obrach agus Trèanadh
Gus seirbhisean a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig, feumaidh ùghdarrasan poblach na sgilean obrach agus cànain a dh’fheumas an luchd-obrach a leasachadh. Cuiridh cothroman ionnsachadh cànain airson luchd-obrach ri adhartachadh ionnsachadh Gàidhlig mar inbheach, agus ri adhartachadh Gàidhlig mar sgil fheumail anns an àite-obrach. Cuiridh comharrachadh obraichean anns a bheil Gàidhlig na sgil ainmichte gu mòr ri inbhe a’ chànain, agus ri comharrachadh gur e sgil fheumail a tha innte.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha àite a thoirt don Ghàidhlig mar sgil obrach cudromach agus suidheachaidhean a chomharrachadh anns a bheil cleachdadh na Gàidhlig riatanach no feumail. Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ toirt cothrom do luchd-obrach an sgilean Gàidhlig a leasachadh ma tha iad ag iarraidh sin a dhèanamh.
Dòigh-obrach làthaireach | Tha sinn air seiseanan mothachaidh mun Ghàidhlig a chur air dòigh agus ’s urrainn dhuinn comhairle a thoirt do luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba mu chothroman Gàidhlig ionnsachadh. |
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ fastadh Oifigear Plana Gàidhlig, ag obair ann an Sgioba na Gàidhlig is Albais, le dleastanas airson eadar-theangachaidhean agus a bhios a’ dearcnachadh na dleastanasan sa Phlana seo. | |
Tha an ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh airson obraichean far a bheil seo riatanach agus air an sanas nuair a thathar a’ fastadh na h-obraichean seo. | |
Chaidh a’ Ghàidhlig ainmeachach mar sgile miannaichte ann am fastadh luchd-obrach airson ar Bun-aonad Conaltraidh. | |
Tha trèanadh agus taic sa Ghàidhlig ri fhaighinn airson an sgioba Gàidhlig is Albais airson an cuideachadh an obair a dhèanamh gu h-èifeachdach. |
Raointean Leasachaidh |
Ceann-là |
Prìomh Raon Obrach |
|
---|---|---|---|
Amas |
Rannsaichidh sinn feumailean airson ionnsachadh na Gàidhlig le bhith faighneachd mun deidhinn, agus brosnaichidh sinn do luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba iad. |
Leantainneach |
Sgioba Gàidhlig is Albais/ Leasachadh Dhaoine |
Bheir sinn an cothron do dh’àrd-oifigearan trèanadh mothachaidh fhaighinn mun Ghàidhlig. |
Ro dheireadh 2017 |
Sgioba Gàidhlig is Albais |
|
Cleachdaidh sinn an Slighe Ionnsachaidh, lìonra trèanaidh Riaghaltas na h-Alba, airson taic a thoirt do dh’Oifigearan Ceangal Ionnsachaidh airson ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh. |
Leantainneach |
Sgioba Gàidhlig is Albais/ Leasachadh Dhaoine |
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback