Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021

Tha am plana seo a' mìneachadh an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt dhan Ghàidhlig na obraichean, airson gun dèan sinn cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.


Caibideil III: Dleastanasan A Thaobh Plana Cànain Nàiseanta Na Gàidhlig

Sealladh farsaing air a’ Phlana Nàiseanta

’S e aon de na prìomh cumhachan ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 an dleastanas a tha air a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith ag ullachadh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus stiùireadh a thoirt seachad mu bhith a’ coileanadh pàirtean dheth. Tha Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a’ cur fòcas air iomairtean airson an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba àrdachadh agus na suidheachaidhean far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh a leudachadh.

Le Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 agus anns na bliadhnaichean ri teachd, obraichidh Riaghaltas na h-Alba le Bòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi fàs ann an co-roinn luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba, ro 2021, chun na h-ìre aig an robh iad ann an Cunntas-sluaigh 2001. Tha geàrr-chunntas de na builean a th’ air an cur a-mach leis a’ Phlana Nàiseanta gu h-ìosal.

Geàrr-chunntas de Bhuilean bho Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17

  • Dachaigh agus Tràth-bhliadhnaichean
    Barrachd dhaoine òga a’ togail is a’ cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh, agus àrdachadh san àireamh chloinne a’ dol gu foghlam thràth-bhliadhnaichean tro mheadhan na Gàidhlig.
  • Foghlam: Sgoiltean agus Tidsearan
    Àrdachadh gach bliadhna san àireamh a’ dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), a’ dùblachadh na h-àireimh a tha a’ tòiseachadh gach bliadhna an-dràsta gu 800 ann an 2017.
    Àrdachadh bliadhnail san àireamh sgoilearan ann am foghlam luchd-ionnsachaidh Gàidhlig (FLI), an dà chuid ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean.
    Leudachadh air na tha de chuspairean air an teagasg tron Ghàidhlig ann an àrd-sgoiltean.
  • Foghlam: Foghlam Seach-sgoile
    Àrdachadh san àireamh inbheach a tha a’ togail na Gàidhlig on 2,000 no mar sin a tha ann an-dràsta gu 3,000 ann an 2017, agus leasachadh air sgilean cànain fhileantach.
  • Coimhearsnachdan
    Barrachd chothroman aig coimhearsnachdan is lìonraidhean luchd-labhairt a’ Ghàidhlig a chleachdadh, is a’ Ghàidhlig a bhith ga cleachdadh barrachd ann an tachartasan is seirbhisean coimhearsnachd.
  • Àite-obrach
    Leudachadh air cleachdadh na Gàidhlig ann an àiteachan-obrach agus air cothroman cosnaidh far a bheil feum air sgilean Gàidhlig airson gun gabh seirbhisean a thoirt seachad sa chànan.
  • Ealain agus Meadhanan
    Leasachadh air ealain agus meadhanan Gàidhlig mar dhòigh air a’ Ghàidhlig a thoirt gu aire a’ mhòr-shluaigh daoine a tharraing chun na cànain agus an deagh-ghean dhan Ghàidhlig a neartachadh tro chothroman a h-ionnsachadh, a cleachdadh agus a leasachadh. > Dualchas agus Turasachd
    A’ Ghàidhlig a bhith nas fhollaisiche ann an dualchas is turasachd, agus barrachd feum a bhith ga dhèanamh dhen Ghàidhlig ann a bhith a’ mìneachadh eachdraidh agus cultar na h-Alba.
  • Corpas
    Co-òrdanachadh air obair nam buidhnean a tha an sàs ann an leasachadh corpais Ghàidhlig gus a’ Ghàidhlig mar chànan a dhèanamh làidir, feumail, cunbhalach is follaiseach ann an Alba.
  • Builean Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba
    Tha an clàr a leanas a’ sealltainn mar a tha Builean Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba a’ ceangal agus a’ cur ri earrainn leasachaidh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.

Raon Leasachaidh

Buil Nàiseanta: Àireamh agus mìneachadh

Dachaigh agus Tràth-bhliadhnaichean

Foghlam

Corpas

5

Tha an cothrom as fheàrr aig ar cloinn soirbheachadh nam beatha.

4

Tha ar daoine òga nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, com-pàirtichean èifeachdach is saoranaich chiallach.

3

Tha sinn nas ionnsaichte, nas sgileile agus nas soirbheachaile, le cliù airson rannsachadh agus adhartas.

Coimhearsnachdan

Àite-obrach

11

Tha coimhearsnachdan làidir, seasmhach agus taiceil againn far a bheil daoine a’ gabhail uallach airson an giùlain fhèin agus a’ bhuaidh a tha aige air daoine eile.

2

Tha sinn a’ coileanadh ar làn-chomais eaconamach le cothroman cosnaidh nas pailte agus nas fheàrr do ar daoine.

6

Tha sinn beò nas fhaide agus tha sinn nas fhallaine.

Ealain agus Meadhanan

Dualchas agus Turasachd

13

Tha sinn moiteil às ar n-ìomhaigh mar nàisean làidir, chothromach agus fhosgailte.

Am plana iomlan

16

Tha ar seirbhisean poblach aig ìre àrd is a’ sìor fhàs nas fheàrr agus tha iad èifeachdach is a’ freagairt air feuman an t-sluaigh.

7

Tha sinn a’ cur an aghaidh dìth co-ionnanachd nar dòigh-beatha.

Tha Riaghaltas na h-Alba gu mòr an-sàs ann an leasachadh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2017-22 agus atharrachaidh sinn na dleastanasan sa Phlana seo mar a tha iomchaidh a-rèir na prìomhachasan agus builean a thèid an stèidheachadh nuair a thèid am plana nàiseanta ùr fhoillseachadh.

Na dòighean anns a bheil Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do leasachadh na Gàidhlig aig an àm seo

Tha Riaghaltas na h-Alba ag adhartachadh agus a’ toirt taic do leasachadh na Gàidhlig ann an iomadh dòigh. Thathas a’ dèanamh seo tro mhaoineachadh dìreach do bhuidhnean mar Bòrd na Gàidhlig, tro obair nam buidhnean poblach eadar-dhealaichte a tha a’ coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba, agus a tha ag obrachadh taobh a-staigh na h-àrainneachd reachdail agus poileasaidh a stèidhich Riaghaltas na h-Alba agus Pàrlamaid na h-Alba.

Tha geàrr-chunntas air a thoirt gu h-ìosal air na h-eileamaidean as cudromaiche den structair taice seo.

Gnìomhachadh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Thòisich Achd 2005 sa Ghearran 2006, a’ cruthachadh frèam airson leasachadh Planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach, agus a’ stèidheachadh buidheann ùr, Bòrd na Gàidhlig, gus Gàidhlig adhartachadh agus a leasachadh. Mar sponsair Achd 2005, tha dlùth chom-pàirt aig Riaghaltas na h-Alba ann an gnìomhachadh na h-Achd.

Planaichean Gàidhlig

Faodaidh Bòrd na Gàidhlig iarraidh air ùghdarras poblach Plana Gàidhlig a dheasachadh. Faodar liosta de Phlanaichean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh gu ruige seo aig http://gaeliclanguageplansscotland.org.uk/. Faodaidh buidhnean poblach a tha a’ coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba agus nach deach iarraidh Plana Gàidhlig a dheasachadh fhathast coimhead air am Plana seo agus air Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig airson ìre iomchaidh a thaobh dleastanasan Gàidhlig, gu h-àraid a thaobh faicsinneachd.

Bòrd na Gàidhlig

Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh fo Achd 2005 le raon-ùghdarrais reachdail a bhith ag adhartachadh agus a’ cuideachadh le bhith a’ brosnachadh leasachadh na Gàidhlig. ’S e Bòrd na Gàidhlig prìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus tha uallach air airson maoineachadh dìreach Riaghaltas na h-Alba airson leasachadh na Gàidhlig a stiùireadh. Tha buidseat bliadhnail a’ Bhùird airson leasachadh na Gàidhlig aig £5.1m ann an 2015/16 agus tron seo tha e a’ toirt taic do dhiofar bhuidhneann leasachaidh gus obair leasachaidh a dhèanamh ann am foghlam, san dachaigh agus sa choimhearsnachd. ’S e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann airson gnìomhachadh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus nam prìomh pròiseactan anns a’ Phlana a stiùireadh, agus airson iarraidh air buidhnean poblach Plana Gàidhlig a chruthachadh.

Meadhanan Gàidhlig Alba

Tha MG ALBA a’ faighinn £12.8m (ann an 2015/16) bho Riaghaltas na h-Alba. Leis an taic seo, tha MG ALBA, an co-bhonn ri Urras a’ BhBC, ag obrachadh BBC Alba, an t-seirbhis teilebhisean Gàidhlig. Tha Riaghaltas na h-Alba air maoineachadh a thoirt seachad airson tuilleadh phròiseactan an co-bhonn ri MG ALBA, nam measg trèanadh agus duaisean FilmG, an làrach-lìn Learn Gaelic, an Ionad airson Gnìomhachas Cruthachail agus na Meadhanan, agus maoineachadh a bharrachd gach bliadhna airson prògraman.

Ùghdarrasan Ionadail

Tha dreuchd shònraichte aig ùghdarrasan ionadail ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig ann an Alba. Tha ìre an t-solarachaidh a gheibhear ag atharrachadh a-rèir ìomhaigh na Gàidhlig anns na diofar sgìrean anns a bheil gach comhairle. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ solarachadh an sgèama nan Tabhartasan Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig airson a bhith cinnteach gum mair leudachadh ann am foghlam Gàidhlig agus gu bheil e na phrìomhachas, agus tha an sgeama seo a’ toirt seachad £4.482m ann an 2015/6. Faodaidh ùghdarrasan cuideachd tagradh airson maoineachadh calpa airson bun-structar co-cheangailte ri solarachadh foghlam Gàidhlig, le £10.7m air a thoirt seachad eadar 2010 agus 2015.

Am measg an reachdais le solarachaidhean Gàidhlig a bhuineas do dh’ùghdarrasan, tha Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, Achd Inbhean an Sgoiltean na h-Alba msaa. 2000, Achd nan Sgoiltean (Co-chomhairle) (Alba) 2010, Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016.

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

Chaidh Stòrlann a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba ann an 1999 airson a bhith a’ foillseachadh agus a’ sgaoileadh ghoireasan teagaisg do dh’fhoghlam Gàidhlig a cho-òrdanachadh. Tha Stòrlann a’ faighinn maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna, le taic a thaobh ro-innleachd agus coileanadh bho ùghdarrasan ionadail tro co-bhanntachd a’ Bhuidhinn Stiùiridh Rianachd (MRG) agus buidhnean eile. Tha dreuchd sònraichte aig Stòrlann airson stuthan ionnsachaidh a chruthachadh airson ùghdarrasan ionadail agus luchd-solarachaidh foghlaim Gàidhlig eile, airson a bhith cinnteach gum bi seasmhachd agus fàs ann airson bliadhnaichean ri teachd.

Buidhnean foghlaim eile

Tha dleastanas airson solarachadh agus stuthan foghlaim aig diofar bhuidhnean, bho ùghdarrasan ionadail gu buidhnean mar Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, Foghlam Alba, agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, aig a bheil planaichean Gàidhlig air leth.

Foghlam Àrd-ìre

Tha Sabhal Mòr Ostaig UHI, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ faighinn maoineachadh bliadhnail bho Riaghaltas na h-Alba airson Foghlam Gàidhlig Àrd-Ire agus goireasan do luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a sholarachadh. A bharrachd air seo, tha Riaghaltas na h-Alba air taic a thoirt do phròiseactan an co-bhonn ri SMO, nam measg Ionad Fàs airson Gnìomhachas Cruthachail agus Cultarail, Pròiseact ConnectG, Ionad Chaluim Chille Ìle agus baile Gàidhlig a stèidheachadh sa Chill Bhig.

Tha Riaghaltas na h-Alba air taic a thoirt do rannsachadh agus cùrsaichean co-cheangailte ri leasachadh agus foghlam Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Heriot Watt, Oilthigh Shrath Chluaidh, Oilthigh Obair Dheathain, Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Buidhnean leasachaidh eaconamach

’S iad Iomairt na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) na prìomh bhuidhnean an Alba le uallach airson leasachadh eaconamach adhartachadh Tha prìomh phàirt air a bhith aig HIE gu sònraichte ann a bhith a’ toirt taic do leasachadh na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha sin fìor gach cuid a thaobh cultair agus eaconamaidh, a’ toirt taic do phròiseactan agus diofar iomairtean leasachaidh coimhearsnachd, agus chur iad a-mach o chionn ghoirid suirbhidh a’ sealltainn an luach a th’ aig Gàidhlig mar so-mhaoin eaconamach do ghnothachas agus do choimhearsnachdan na h-Alba.

Buidhnean roinn-shònraichte eile

Bidh iomadh seòrsa buidheann-gnìomha agus NDPB eile a’ coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba, agus tron obair aca faodaidh iad cur ri inbhe na Gàidhlig. Tha Alba Chruthachail, Dualchas Nàdair na h-Alba, Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba agus buidhnean eile uile an sàs ann an adhartachadh agus toirt taic don Ghàidhlig ann an iomadh dòigh.

Maoineachadh a bharrachd

Tha Riaghaltas na h-Alba, a bharrachd air seo, air maoineachadh dìreach a thoirt do phròiseactan agus bhuidhnean eile airson amasan Plana Cànain Nàiseanta na h-Alba a choileanadh. Nam measg tha An Comunn Gàidhealach airson am Mòd Nàiseanta Rìoghail, Ceòlas, Comunn Eachdraidh Nis, Comunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, Glaschu Beò, Pròiseact nan Ealan agus Tobar an Dualchais.

Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig & Riaghaltas na h-Alba

Tha dleastanas sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba maoineachadh agus comhairle a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson a bhith cinnteach gun tèid amasan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh. Tha na h-amasan gu h-ìosal, a’ leantainn bhon chiad Phlana Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba, a’ sealltainn iomadh dòigh a chumas Riaghaltas na h-Alba taic ri leasachadh na Gàidhlig anns an àm ri teachd.

Tha na h-amasan seo co-cheangailte ri na ceithir roinnean planaidh cànan a leanas:

  • Togail cànain: a’ leasachadh sgilean labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh dhaoine sa Ghàidhlig
  • Cleachdadh cànain: cleachdadh na Gàidhlig ann an co-theacsan sòisealta, foirmeil agus obrach
  • Inbhe: a’ Ghàidhlig a bhith ri cluinntinn is ri faicinn agus barrachd aithne agus inbhe a bhith aice
  • Corpas: leasachadh na Gàidhlig mar chànan èifeachdach, riaghailteach is beairteach

Togail cànain

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gum feum seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd barrachd dhaoine a bhith ag ionnsachadh a’ chànain agus feumaidh an aire sin a bhith gu h-àraidh air an dachaigh, foghlam agus ionnsachadh inbheach mar a’ phrìomh dhòigh air seo a choileanadh. Gabhaidh sinn na ceumannan a leanas a chuideachadh le bhith a’ cruthachadh àrainneachd thaiceil gus an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig ann an Alba a mheudachadh.

  • Tha sinn air ar riochdachadh air Buidheann-stiùiridh Ro-innleachd Foghlam Nàiseanta na Gàidhlig (NGESSG), a tha a’ toirt còmhla gach gnothach a bhuineas don roinn foghlaim Gàidhlig, agus bheir sinn taic do Bòrd na Gàidhlig ann a bhith coileanadh molaidhean na buidhne.
  • Leanaidh sinn oirnn a’ solarachadh an sgèama de thabhartasan sònraichte airson foghlam Gàidhlig airson an roinn a leasachadh, agus leanaidh sinn oirnn leis an adhartas a tha sinn air a dhèanamh le maoineachadh a bharrachd, goireasan a bharrachd, taic calpa agus taic airson foghlam luchd-teagaisg.
  • Tha sinn ag aithneachadh an dreuchd chudromach a th’ aig luchd-teagaisg ann a bhith ag àrdachadh an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig. Mar sin, tha sinn air taic a thoirt don chùrsa GIfT (Bogadh sa Ghàidhlig airson Luchd-teagaisg) agus leanaidh sinn oirnn ag obair le Bòrd na Gàidhlig agus gach buidheann co-cheangailte ri foghlam luchd-teagaisg airson gun dèan sinn cinnteach gum bi iomadh cothrom acasan a tha a’ beachdachadh air trèanadh nan luchd-teagaisg Gàidhlig.
  • Leanaidh sinn oirnn a bhith a’ toirt seachad maoineachadh a bharrachd airson pròiseactan co-cheangailte ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an Alba.
  • Leanaidh sinn oirnn a bhith ag adhartachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig mar roghainn mhath do phàrantan, ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus Bòrd na Gàidhlig gus seo a lìbhrigeadh air feadh Alba.
  • Leanaidh sinn oirnn a bhith ag adhartachadh Gàidhlig sa Bhun-sgoil (GLPS), ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail, Foghlam Alba agus SCILT airson am frèam a leasachadh agus airson a bhrosnachadh air feadh sgoiltean.
  • Leanaidh sinn oirnn a’ brosnachadh agus a’ cumail taic a ri leasachdadh sgoiltean Gàidhlig air leth, agus sgoiltean le inbhe Gàidhlig, gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh na h-àrainneachd as buannachdaile airson ionnsachadh na Gàidhlig.
  • Leanaidh sinn oirnn a’ rianachadh maoin calpa airson sgoiltean Gàidhlig gus taic a thoirt to dh’ùghdarrasan ionadail le bun-structar airson solarachadh foghlam Gàidhlig.
  • Tha solarachaidhean susbainteach don Ghàidhlig ann am Bile an Fhoghlaim (Alba) 2015, a chaidh a toirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba sa Mhàirt 2015, a’ cruthachadh pròiseas reachdail far an urrainn pàrantan iarrtas a chur a-steach don Ùghdarras Ionadail aca meòrachadh air solarachadh foghlam Gàidhlig a thairgsinn.
  • Leanaidh sinn oirnn a’ cur prìomhachas air foghlam inbheach Gàidhlig, a’ cumail taic ri Sabhal Mòr Ostaig mar ionad airson ionnsachadh agus leasachadh cultarail na Gàidhlig, agus iomairtean foghlam inbheach Gàidhlig eile.
  • Cumaidh sinn a’ dol am maoineachadh airson Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg aig Bòrd na Gàidhlig.
  • Obraichidh sinn còmhla ri ùghdarrasan ionadail airson planadh luchd-obrach a leasachadh airson sgoiltean Gàidhlig.
  • Obraichidh sinn còmhla ri com-pàirtichean airson dòighean ùra a rannsachadh air dèanamh cinnteach gum bi solar luchd-teagaisg a rèir iarrtais
  • Brosnaichidh sinn Ùghdarrasan Ionadail gus prìomhachas a chuir air a’ Ghàidhlig mar L1, L2 no L3 fo iomairt cànain 1+2.
  • Leanaidh sinn oirnn taic a thoirt do Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a’ bhuidheann air a bheil an t-uallach airson a bhith a’ co-òrdanachadh agus a’ sgaoileadh stòras foghlaim Gàidhlig air feadh Alba.

Cleachdadh cànain

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gum feumar, airson seasmhachd a chruthachadh don Ghàidhlig san àm ri teachd, chan e a-mhàin gum bi barrachd dhaoine comasach air a’ chànan a bhruidhinn, ach gum bi barrachd dhaoine ga cleachdadh. Tha sinn a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e gum bi cothrom aig barrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh mar am modh conaltraidh gnàthach ann am barrachd is barrachd seòrsa obair làitheil. Gabhaidh Riaghaltas na h-Alba na ceumannan a leanas airson cleachdadh na Gàidhlig a leasachadh ann an co-theacsan sòisealta, foirmeil agus obrach:

  • Leanaidh sinn oirnn le taic do Bhòrd na Gàidhlig airson prìomh bhuilean Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a lìbhrigeadh, le prìomhachas air an fheadhainn a chuidicheas le leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd.
  • Adhartachaidh sinn cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd agus brosnaichidh sinn ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile a bhith a’ toirt taic do leasachaidhean san raon seo.
  • Leanaidh sinn oirnn a’ cumail taic ri MG ALBA agus a com-pàirteachas le Urras a’ BhBC ann a bhith lìbhrigeadh an t-seirbheis Gàidhlig BBC Alba.
  • Bheir sinn taic do Bhòrd na Gàidhlig airson adhartas a dhèanamh le gnìomhachadh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig ann an raointean nan ealan, foillseachaidh, nam meadhanan, coimhearsnachd agus an àite‑obrach.
  • Bheir sinn taic do phròiseactan cultair agus ealain, ag obrachadh le com-pàirtichean gus Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealan Gàidhlig a lìbhrigeadh agus airson na h-ealain Ghàidhlig adhartachadh gach cuid an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.
  • Leanaidh sinn oirnn ag obrachadh gus inbhe poblach na Gàidhlig a mheudachadh tro shoidhnichean dà-chànanach far a bheil soidhnichean air an ùrachadh fo phrionnsabal spèis co-ionnan.
  • Leanaidh sinn oirnn a’ cleachdadh na Gàidhlig le ar n-obair coimhearsnachd tro phròiseactan co-cheangailte ri croitearachd agus Lìonra Dùthchail na h-Alba.
  • Brosnaichidh sinn adhartachadh na Gàidhlig ann an raointean turasachd, dualchas agus cur-seachadan.

Inbhe

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gu bheil an t-àite a tha aig cànan anns an àrainneachd làitheil agus an ìre gu bheil e air a chleachdadh, air a mheas agus air fhaicinn gu bhith ga mheas le na h-ùghdarrasan aig a bheil pàirt cudromach nar beatha làitheil a’ toirt buaidh air inbhe cànain. Nuair a dh’àrdaicheas sinn inbhe na Gàidhlig, tha sinn ag àrdachadh an luach eaconomach agus sòisealta a bheir i don dùthaich. Gabhaidh Riaghaltas na h-Alba na ceumannan a leanas airson gum bi a’ Ghàidhlig ri cluinntinn agus ri fhaicinn agus gum bi barrachd aithne agus inbhe aice, gus ìomhaigh fhiughaireach a chur air adhart don Ghàidhlig.

  • Leanaidh sinn oirnn a’ brosnachadh a’ Ghàidhlig nar n-àiteachan-obrachadh, ag ullachadh am Plana Gàidhlig reachdail seo fo chumhachdan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, agus sgrùdadh leantainneach air mar as urrainn dhuinn cur ris.
  • Leis gu bheil sinn ag aithneachadh a’ Ghàidhlig mar mhain, leanaidh sinn òirnn a’ dèanamh cinnteach gum bi taic air a thoirt do bhuidhnean poblach a fhuair fios bho Bhòrd na Gàidhlig airson Plana Gàidhlig a dheasachadh gus am faigh iad air dòigh fhiughaireach a ghabhail airson leasachadh am Planaichean, agus buannachdan faicsinneach a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig.
  • Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach sa tha co-obrachadh eadar buidhnean poblach aig a bheil Planaichean Gàidhlig, agus nì sinn cinnteach gum bi Riaghaltas na h-Alba na phàirt den cho-obrachadh seo, le riochdachadh air GMòr, buidheann de dh’oifigearan a tha an-sàs ann am Planaichean Gàidhlig.
  • Nì sinn measadh air poileasaidhean agus iomairtean ùra airson comasan Gàidhlig a leasachadh. Obraichidh Sgioba Gàidhlig is Albais le ar co-obraichean gus seo a bhrosnachadh, agus iarraidh sinn beachd bho Bhòrd na Gàidhlig air iomairtean sam bith a bheir buaidh dhìreach air leasachadh na Gàidhlig.
  • Bheir sinn taic do phrìomh raointean rannsachaidh na Gàidhlig, còmhla ri buidhnean eile le com-pàirt san raon seo, mar Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus oilthighean air feadh Alba.
  • Leanaidh sinn oirnn taic a chumail ri cànain na h-Alba tro Chomhairle Bhreatannach-Èireannach agus a slighe-obrach airson mion-chànain, cànain dùthchasach agus cànain air bheag-chleachdadh.
  • Brosnaichidh sinn cleachdadh na Gàidhlig ann an iomairtean sanasachd nàiseanta.

Corpas

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gu bheil leasachadh iomairtean gus neart, buntainneas, cunbhalachd agus lèirsinneachd na Gàidhlig a mheudachadh air leth cudromach don chànan ann an Alba san àm ri teachd. Gabhaidh Riaghaltas na h-Alba na ceumannan a leanas gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig na cànan èifeachdach, cunbhalach is beairteach.

  • Obraichidh sinn le Bòrd na Gàidhlig air gnìomhachas planaidh corpais an co-bhonn ri buidhnean iomchaidh mar Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, Foghlam Alba, Faclair na Gàidhlig, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus na h-oilthighean.
  • Nì sinn measadh air builean cànanach phoileasaidhean no iomairtean ùra gus dèanamh cinnteach nach toir iad droch bhuaidh air cleachdadh na Gàidhlig, agus far an gabh a dhèanamh ni sinn cinnteach gum bi buaidh fhiughaireach aca.
  • Leanaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri Ainmean-Àite na h-Alba airson a bhith cinnteach gum bi ceart-sgrìobhadh cunbhalach sa Ghàidhlig ann an ainmean-àite.
  • Obraichidh sinn còmhla ri buidhnean a tha a’ rannsachadh san earrann seo gus inbhe na Gàidhlig a leasachadh.
  • Leanaidh sinn Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig, foillsichte leis an SQA, nar foillseachaidhean agus meadhanan a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig.

Contact

Back to top