Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021

Tha am plana seo a' mìneachadh an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt dhan Ghàidhlig na obraichean, airson gun dèan sinn cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.


Caibideil IV: Gnìomhachadh Is Sgrùdadh

Clàr-ama

Seo an dàrna tionndadh de Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, agus bidh e an gnìomh airson còig bliadhna bhon cheann-là a chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig no gus am bi plana ùr air a chur an sàs. Tha na dleastanasan sa phlana seo a’ meudachadh agus a’ soilleireachadh, seach dol na àite, na dleastanasan bhon tionndadh cheana den phlana, a bha an gnìomh bho 2010 gu 2015.

Foillseachadh a’ Phlana

Bidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba air fhoillseachadh san dà chànan air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba. Còmhla ri sin, bidh sinn:

  • a’ cur am Plana air adhart air, m.e., meadhanan sòisealta
  • ag innse do luchd-obrach mun Phlana agus mu iomairtean fon Phlana tro Eadra-lìon Riaghaltas na h-Alba
  • a’ toirt seachad lethbhric ma thèid an iarraidh
  • innse do chom-pàirtichean mar a gheibh iad fiosrachadh mun Phlana

Rianachd airson a ghnìomhachadh

’S e am plana seo poileasaidh Riaghaltas na h-Alba agus chaidh aonta a chur ris gach cuid le Ministearan na h-Alba agus le Bòrd Ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba.

  • Uallach Iomlan
    Bidh uallach air an Rùnaire Maireannach airson dèanamh cinnteach aig a’ cheann thall gun coilean Riaghaltas na h-Alba na dleastanasan sa Phlana seo.
  • Àrd-stiùirichean
    Cleachdaidh Riaghaltas na h-Alba dòigh thiomnaichte airson gnìomhachadh a’ Phlana agus bidh uallach air Àrd-stiùirichean airson dèanamh cinnteach gum bi an luchd-obrach aca air an dèanamh mothachail air a’ Phlana seo agus a’ bhuaidh a bhios aige air an raon obrach aca.
  • Sgioba Gàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba
    ’S ann aig Sgioba Gàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba, a tha na phàirt de Bhuidheann-stiùiridh an Ionnsachaidh, a tha uallach airson cùisean a bhuineas do phoileasaidh Gàidhlig. Cuiridh sinn aithisg mu adhartas ann an dleastanasan a’ Phlana seo gu Bòrd na Gàidhlig gach bliadhna. Obraichidh sinn còmhla ri co-obraichean air feadh ar n-obair gus dleastanas a’ Phlana a choileanadh, agus gus cothroman leudachaidh aithneachadh a’ dol air adhart. Freagraidh sinn cuideachd iarrtasan airson adhartas a gheibh sinn bhon Bhòrd. Mur bithear a’ coinneachadh ri cumhachan a’ Phlana, mìnichidh an aithisg air na h-adhbharan air a shon agus na ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail gus aghaidh a chur air na duilgheadasan.
  • Buidheann-obrach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba
    Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e na dleastanasan sa Phlana seo a choileanadh, agus mar sin stèidhichidh sinn buidheann-obrach airson seo a chuideachadh nuair a thèid am Plana fhoillseachadh.
  • Luchd-obrach fa leth
    Bidh stiùireadh air a dheasachadh agus air a bhrosnachadh do luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba, a’ mìneachadh an dleastanasan agus dè tha am Plana a’ ciallachadh dhaibhsan. Bithear a’ cur ris an stiùireadh seo nuair a bhios sin iomchaidh le fiosrachadh mu làimhseachadh conaltradh Gàidhlig, fòn agus ullachadh conaltradh dà-chànanach.
  • Seirbhisean air an lìbhrigeadh le treas phàrtaidhean
    Ni Riaghaltas na h-Alba cinnteach gun toir cumhachan a’ phlana seo cumadh air aontaidhean no ullachadh le treas phàrtaidhean a thaobh lìbhrigeadh a sheirbheisean don phoball far a bheil seo iomchaidh. Tha an dleastanas seo a’ gabhail a-steach seirbheisean a dh’fhaodadh a bhith air an leigeil a-mach air chùmhnant. Far nach eil Plana Gàidhlig aig an treas phàrtaidh, iarraidh sinn orra cumhachan plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a leantainn agus dèanamh cinnteach gun tèid innse don luchd-obrach aca mu chumhachan a’ phlana.
    Bidh uallach air a’ mhanaidsear cunnraidh iomchaidh airson sgrùdadh coileanadh an t-solaraiche seirbheis an co-cheangal ri ullachadh sam bith air a dhèanamh airson na Gàidhlig. Bidh seo air a dhèanamh mar phàirt gnàthach den mhodh stiùireadh cunnraidh.
  • Goireasachadh a’ Phlana
    Nì Riaghaltas na h-Alba solarachadh iomchaidh airson goireasachadh a’ Phlana seo, a thaobh nan seirbheisean a tha air an lìbhrigeadh dìreach thugainn. Bidh e an urra ri NDPBan agus Buidhnean-gnìomha, luchd-ionaid agus cunnradairean ullachadh a dhèanamh airson coinneachadh ri cosgaisean gnìomhachadh nam planaichean Gàidhlig aca fhèin.
  • Sgrùdadh air gnìomhachadh
    Thèid aithisg sgrùdaidh a chur gu Bòrd na Gàidhlig mu ghnìomhachadh Phlana seo gach bliadhna. Ann an sgrùdadh gnìomhachadh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, cuiridh sinn cudrom air na raointean a leanas gu sònraichte:
  • poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba agus mar a tha iad a’ toirt buaidh air leasachadh na Gàidhlig
  • gnìomhachadh bun-dhleastanasan sònraichte ann an Caibideil II
  • na thathar a’ cur ri gnìomhachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig mar a tha air a mhìneachadh ann an Caibideil III
  • fiosrachadh mu stuthan fhoillseachadh ann an Gàidhlig gu h-iomlan no ann an geàrr-chunntais
  • an seòrsa agus an àireamh de bheachdan a gheibhear mu lìbhrigeadh nan ceuman a tha anns a’ Phlana

Contact

Back to top