Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2022-2027

’S e seo treas Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba – air ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ mìneachah nan ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig is a luchd-labhairt taobh staigh na h-obraichean againn.


Facal-toisich bhon Mhinistear

Mar Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean le dleastanas airson Gàidhlig, tha mi uabhasach toilichte taic a thoirt do dh’fhoillseachadh treas Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, a chaidh a chruthachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach ann a bhith a’ toirt taic don Ghàidhlig agus ag amas dèanamh cinnteach gu bheil iadsan a bu mhiann a bhith an sàs anns a’ bheatha aca tron chànan a’ faighinn cothrom seo a dhèanamh. Tha na dleastanasan anns an deasaschadh seo den phlana ag amas togail orrasan a tha air a bhith an àite bho fhoillseachadh a’ chiad phlana ann an 2010. A thuilleadh air dleastanasan obrach, tha ar Plana a’ mìneachadh gu follaiseach na gnìomhan eile anns a bheil sinn an sàs tro ar poileasaidhean ann a bhith a’ toirt taic don Ghàidhlig mar phàirt de Fhream-obrach Choileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba. Bidh na poileasaidhean seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig a’ faighinn taice air feadh ar raon obrach agus beatha phoblach na h-Alba.

Tha mi an dòchas gun aontaich sibh gu bheil an deasachadh seo de Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a’ cuideachadh àrainneachd thaiceil a chruthachadh don Ghàidhlig.

Shirley-Anne Somerville BPA

Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam & Sgilean

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top