Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2022-2027

’S e seo treas Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba – air ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ mìneachah nan ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig is a luchd-labhairt taobh staigh na h-obraichean againn.


Geàrr-chunntas

Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gur e a’ Ghàidhlig pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail, eaconamach is sòisealta na h-Alba san latha an- diugh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air ceuman a ghabhail agus air na structairean agus iomairtean a tha a dhìth a chur an sàs gus dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig ann an Alba ùr, fàsmhor agus adhartach san àm ri teachd. Ach, tha mothachadh againn gu bheil suidheachadh na Gàidhlig fhathast cugallach is sinn a’ leantainn oirnn ag aithneachadh taic a bharrachd don chànan is iadsan a bhios na cleachdadh.

Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith beò agus seasmhach anns na làithean ri teachd, feumar oidhirp làidir bhon Riaghaltas, an earrann phoblach, an earrann phrìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth gus:

  • sgilean labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh sa Ghàidhlig a leasachadh
  • cleachdadh na Gàidhlig ann an cotheacsan sòisealta, foirmeil agus obrach a dhèanamh comasach
  • barrachd inbhe agus aithne a thoirt don Ghàidhlig, gus an cluinnear agus gum faicear Gàidhlig nas trice
  • a’ Ghàidhlig a leasachadh mar chànan èifeachdadh, cunbhalach is beairteach

Tha leasachadh Planaichean Gàidhlig le ùghdarrasan poblach na phrìomh phàirt de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha Planaichean Gàidhlig a’ cuideachadh le daingneachadh agus innse do luchd-obrach buidhne dè am poileasaidh an co-cheangal ri cùisean na Gàidhlig agus a’ dèanamh soilleir do luchd-cleachdaidh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig dè na seirbheisean a dh’fhaodas iad a shùileachadh tron Ghàidhlig.

’S e an treas iris de Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a tha seo, air ullachadh taobh a-staigh frèam Achd 2005. Tha e a’ mìneachadh ciamar a nì sinn feum den Ghàidhlig nar n-obair, ciamar a bheir sinn cothrom air cleachdadh na Gàidhlig nuair a bhios daoine an coluadar leis an riaghaltas, agus ciamar a bhrosnaicheas sinn leasachadh na Gàidhlig. Tha dleastanas sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig, a’ cuideachadh Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile gus na h-amasan aig Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23 a choileanadh. Chaidh an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe a chuir air dòigh gus cuideachadh san t-seagh seo is gheibhear tuilleadh fiosrachaidh anns na h-Amasan Àrd-ìre (Caibideil 4).

Cuideachd, tha na pròiseactan is gnìomhan a th’ air am mìneachadh ann an caibideal 3 a’ toirt taic do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

Coltach ri Bòrd na Gàidhlig, tha co-obrachadh le buidhnean eile cudromach dhuinn gus taic airson na Gàidhlig a choileanadh agus tha sinn airson gach buidheann a bhrosnachadh san raon seo.

Nì atharrachaidhean beaga anns na dòighean- obrach againn uile diofar mòr.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top