Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2022-2027

’S e seo treas Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba – air ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ mìneachah nan ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig is a luchd-labhairt taobh staigh na h-obraichean againn.


Structar Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

’S iad na prìomh phàirtean den Phlana Ghàidhlig againn:

Caibideal I – Ro-ràdh

Tha an caibideal seo a’ toirt bun-fhiosrachadh mu Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus na prìomh nithean a tha innte. Tha dealbh farsaing air a thoirt de na prìomh sholairean reachdail co-cheangailte ri ullachadh Planaichean Gàidhlig fo Achd 2005. Tha geàrr-chunntas air structar Riaghaltas na h-Alba agus a phrìomh raointean obrach ann cuideachd.

Caibideal II – Prìomh Phrionnsabalan

Mìnichidh an caibideal seo na prionnsabalan leis an deach am Plana seo a sgrìobhadh.

Caibideal III – Ceanglaichean ris an Fhrèam- obrach Choileanaidh Nàiseanta

Mìnichidh an caibideal seo mar a chuidicheas poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba Gàidhlig ann an co-theacsa an Fhrèam-obrach Choileanaidh Nàiseanta.

Caibideal IV – Dleastanasan

Tha an caibideal seo a’ mìneachadh ciamar a nì Riaghaltas na h-Alba feum den

Ghàidhlig, agus ciamar a bheir iad cothrom a cleachdadh an lùib a phrìomh ghnìomhan obrach. Tha e a’ gabhail a-steach prìomh raointean obrach mar ar dearbh-aithne chorporra, mar a bhios ar litrichean agus post-dealain air an làimhseachadh agus cleachdadh na Gàidhlig air an làraich-lìn againn. Tha an caibideal a’ mìneachadh na h-ìre as ìsle de sholarachadh na Gàidhlig a tha sinn a’ dol a dh’ullachadh anns na còig bliadhna a mhaireas am plana.

Caibideal V – Am Plana Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba

Tha an caibideal seo a’ mìneachadh mar a bhios gnìomhachadh ar Plana Gàidhlig air a ghluasad air adhart, agus mar a nithear sgrùdadh air a’ ghnìomhachadh.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top