Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2022-2027
’S e seo treas Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba – air ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ mìneachah nan ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig is a luchd-labhairt taobh staigh na h-obraichean againn.
Caibideal IV
Dleastanasan a’ Phlana
Amasan Àrd-ìre
Tha Riaghaltas na h-Alba air obrachadh còmhla ri Bòrd na Gàidhlig son àireamh de dh’amasan Àrd- Ìre a chruthachadh gus dèanamh follaiseach ar dealas don Ghàidhlig aig ìre ro-innleachdail agus a tha dlùth-cheangailte ris a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta 2018-23. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu mar a tha sinn a’ coileanadh a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig ann an Caibideal III.
A’ Fàs Cleachdadh na Gàidhlig
Amas Àrd-ìre
Cleachdadh Làithreach
Bheir a h-uile roinn de RnA taic don mhodail obrach adhartais is compairteachaidh a chruthaich an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe gus a bhith cinnteach de cho-obrachadh ann a bhith a’ toirt taic don Ghàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt prìomhachas don Ghàidhlig agus tha seo follaiseach anns na dleastanasan manifesto agus am Prògram Riaghaltais againn.
Chaidh an Iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe a chur an sàs leis an Leas Phrìomh Mhinistear. Tha seo a-nis air a bhith ann an àite airson trì bliadhna ’s a toirt ri chèile farsaingeachd ùghdarrasan poblach ag obair air feadh Alba gus taic a thoirt don Ghàidhlig is iadsan a bu mhiann a cleachdadh.
Amas Àrd-ìre
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Bheir a h-uile roinn de RnA taic don mhodail obrach adhartais is compairteachaidh a chruthaich an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe gus a bhith cinnteach de cho-obrachadh ann a bhith a’ toirt taic don Ghàidhlig.
‘S e an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe bun-stèidh do phoileasaidh Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus e a’ ceangal ri chèile mu 25 Buidheann Phoblach a tha a’ cur ri fàs is taic seasmhach na Gàidhlig. Tha Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean air aontachadh gun cùm an obair seo a’ dol leatha anns a’ Chathair.
Faodaidh raointean eile de Riaghaltas na h-Alba a thighinn an sàs mar a dh’aontaicheas Ministearan agus leanaidh seo.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ cuideachadh taic a thoirt don Ghàidhlig tro ar n-obair ri lorg ann an Roinn 3.
Amas Àrd-ìre
Ceann-là
Bheir a h-uile roinn de RnA taic don mhodail obrach adhartais is compairteachaidh a chruthaich an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe gus a bhith cinnteach de cho-obrachadh ann a bhith a’ toirt taic don Ghàidhlig.
Coinneamh Bhliadhnail le coinneamhan sruth-obrach dà-bhliadhnail
Amas Àrd-ìre
Dleastanas
Bheir a h-uile roinn de RnA taic don mhodail obrach adhartais is compairteachaidh a chruthaich an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe gus a bhith cinnteach de cho-obrachadh ann a bhith a’ toirt taic don Ghàidhlig.
Roinn na Gàidhlig is Albais
A’ Fàs Ionnsachadh na Gàidhlig
Amas Àrd-ìre
Cleachdadh Làithreach
Fàsaidh Riaghaltas na h-Alba cleachdadh na Gàidhlig ’s e a’ coluadar leis a’ phoball mar aithne de na coimhearsnachdan a tha e a’ frithealadh agus a-rèir Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.
Tha tairgse fhosgailte aig Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ conaltradh tro mheadhan na Gàidhlig.
Cuideachd, tha Conaltradh RnA a’ cur fàilte air iarrtasan sgrìobhte anns a’ Ghàidhlig às na meadhanan.
Amas Àrd-ìre
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Fàsaidh Riaghaltas na h-Alba cleachdadh na Gàidhlig ’s e a’ coluadar leis a’ phoball mar aithne de na coimhearsnachdan a tha e a’ frithealadh agus a-rèir Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.
Leanaidh Riaghaltas na h-Alba orra tairgse fhosgailte a bhith aca don phoball conaltradh ann an Gàidhlig.
Cuideachd, tha Conaltradh RnA a’ cur fàilte air iarrtasan sgrìobhte anns a’ Ghàidhlig às na meadhanan.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ cuideachadh a’ toirt taic do Ghàidhlig tro choluadar ainmichte ann an Roinn 3.
Amas Àrd-ìre
Ceann-là
Fàsaidh Riaghaltas na h-Alba cleachdadh na Gàidhlig ’s e a’ coluadar leis a’ phoball mar aithne de na coimhearsnachdan a tha e a’ frithealadh agus a-rèir Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.
2023 is bliadhnail as deidh sin
Amas Àrd-ìre
Dleastanas
Fàsaidh Riaghaltas na h-Alba cleachdadh na Gàidhlig ’s e a’ coluadar leis a’ phoball mar aithne de na coimhearsnachdan a tha e a’ frithealadh agus a-rèir Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.
Corporra/Roinn na Gàidhlig is Albais/Conaltradh
Amas Àrd-ìre
Cleachdadh Làithreach
Nì Riaghaltas na h-Alba oidhirp Gàidhlig a stèidheachadh anns a h-uile iomairt ùr a thaobh poileasaidh foghlaim.
Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach foghlam Gàidhlig fhàs aig a h-uile ìre agus mar sin thèid aire a thoirt do feumalachdan na Gàidhlig fhad ’s a tha poileasaidhean air an leasachadh.
Amas Àrd-ìre
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Nì Riaghaltas na h-Alba oidhirp Gàidhlig a stèidheachadh anns a h-uile iomairt ùr a thaobh poileasaidh foghlaim.
Leanaidh Riaghaltas na h-Alba orra a’ meòrachadh feumalachdan foghlam Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh Gàidhlig aig a h-uile ìre fhad ’s a tha poileasaidhean air an leasachadh.
Tha e an dùil gum bi riochdairean bho air feadh na Buidhne-stiùiridh Ionnsachaidh is Buidhne-stiùiridh Leasachaidh an sàs anns a’ Bhuidhinn Bhuileachaidh a thathar a’ moladh son Plana Gàidhlig Riaghaltas na
h-Alba, gus dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig stèidhichte ann an leasachaidhean foghlaim.
A thuilleadh air an sin, mhol an sgrìobhainn Putting Pupils at the Centre Report on Education Reform mar as urrainn Gàidhlig a bhith stèidhichte ann am buidhnean Foghlaim teachdail is obraichidh sinn leothasan a tha an sàs gus dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig air a riochdachadh.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ cuideachadh taic a thoirt don Ghàidhlig tro ar n-obair ri lorg ann an Roinn 3.
Amas Àrd-ìre
Ceann-là
Nì Riaghaltas na h-Alba oidhirp Gàidhlig a stèidheachadh anns a h-uile iomairt ùr a thaobh poileasaidh foghlaim.
Ro dheireadh 2025
Amas Àrd-ìre
Dleastanas
Nì Riaghaltas na h-Alba oidhirp Gàidhlig a stèidheachadh anns a h-uile iomairt ùr a thaobh poileasaidh foghlaim.
Foghlam/Corporra/Roinn na Gàidhlig is Albais/Conaltradh
A’ Toirt Ìomhaigh Fhiughairich Don Ghàidhlig
Amas Àrd-ìre
Cleachdadh Làithreach
Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba buidheann bhuileachaidh airson a’ Phlana Gàidhlig anns am bidh Buidhnean-stiùiridh bho air feadh RnA air an riochdachadh.
An-dràsta ’s e Roinn na Gàidhlig is Albais a bhios a’ brosnachadh dleastanasan a’ Phlana Gàidhlig.
Amas Àrd-ìre
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba buidheann bhuileachaidh airson a’ Phlana Gàidhlig anns am bidh Buidhnean-stiùiridh bho air feadh RnA air an riochdachadh.
Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba Buidheann Bhuileachaidh a’ Phlana Gàidhlig le riochdairean bho air feadh nam Buidhnean-stiùiridh. Thathar an dùil gum bi buill treun às leth na Gàidhlig anns na raointean fa leth aca.
Thèid Cumhaichean Iomraidh a chruthachadh don Bhuidhinn agus bidh builean ri lorg air duilleagan Gàidhlig na làraich-lìn Corporra.
Amas Àrd-ìre
Ceann-là
Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba buidheann bhuileachaidh airson a’ Phlana Gàidhlig anns am bidh Buidhnean-stiùiridh bho air feadh RnA air an riochdachadh.
2023 is an uair sin bliadhnail
Amas Àrd-ìre
Dleastanas
Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba buidheann bhuileachaidh airson a’ Phlana Gàidhlig anns am bidh Buidhnean-stiùiridh bho air feadh RnA air an riochdachadh.
Roinn na Gàidhlig is Albais/Buidhnean-stiùiridh eile
Amasan Seirbheis Corporra
’S e seo treas ath-thriall de Phlana Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus bho 2010 tha sinn beag air bheag air ceuman a ghabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig tro ar seirbheisean corporra.
Leanaidh seann dhleastanasan orra mur a h-atharrachaidh an lìbhrigeadh corporra agus far an atharraich sin chì sinn ciamar as urrainn don atharrachadh taic a thoirt don Ghàidhlig.
Inbhe
Buil Mhiannaichte
Soidhneachadh
Thèid Gàidhlig agus Beurla a chur air soidhneachadh mòr sam bith nuair a thèid ùrachadh.
Cleachdadh Làithreach
Tha soidhneachadh suaicheantais dà-chànanach Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba aig a h-uile làrach. Tha cuideachd soidhneachadh dà- chànanach tro Chidhe Bhictoria air fad.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn ag ùrachadh soidhneachadh Gàidhlig far a bheil soidhnichean gu bhith air an ùrachadh.
Smaoinichidh Riaghaltas na h-Alba mun ìre de shoidhneachadh Ghàidhlig anns na h-oifisean hub againn fhad ’s a tha iad seo air an leasachadh.
Ceann-là
2024 is an uair sin bliadhnail
Dleastanas
Manaidsearachd Ghoireasan
Buil Mhiannaichte
Suaicheantas is brannd
Suaicheantas agus branndadh corporra a chur gu Gàidhlig is Beurla aig a’ chiad chothrom agus mar phàirt de phròiseas ùrachaidh sam bith. Bu chòir an suaicheantas co-ionnanachd a thoirt do gach cànan.
Cleachdadh Làithreach
Tha suaicheantas dà-chànanach aig Riaghaltas na h-Alba is tha seo air a chleachdadh sa h-uile suidheachadh. Tha stiùireadh aig luchd-obrach mun a chleachdadh.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Cumaidh sinn oirnn a’ cleachdadh an t-suaicheantais dà-chànanaich anns a h-uile suidheachadh air feadh ar gnìomhan agus bheir sinn aire luchd- obrach don stiùireadh tro na duilleagan corporra Gàidhlig againn.
Ceann-là
Stiùireadh ri fhoillseachadh ann an 2022
Dleastanas
Conaltradh/Roinn na Gàidhlig is Albais
A’ Conaltradh Leis A’ Phoball
Buil Mhiannaichte
Brosnachadh
Teachdaireachd fhiughaireach gu bheil an còmhnaidh fàilte air conaltradh Gàidhlig bhon phoball.
Cleachdadh Làithreach
Tha tairgse for-ghnìomhach aig Riaghaltas na h-Alba agus tha sinn a’ cur fàilte air conaltradh ann an Gàidhlig. Tha seo brosnaichte air ar làrach- lìn.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn a’ cur fàilte air conaltradh Gàidhlig agus brosnaichidh sinn an t-seirbheis seo air na h-àrd-ùrlaran compàirteachaidh poblach againn.
Freagairidh sinn an conaltradh seo ann an Gàidhlig cuideachd.
Thèid stiùireadh ullachadh do cho-obraichean mu làimhseachadh is thèid seo fhoillseachadh air ar làrach-lìn a-staigh.
Ceann-là
2023 is an uair sin bliadhnail
Dleastanas
Aonad Compàirteachaidh Poblach
Buil Mhiannaichte
Conaltradh Sgrìobhte
Gabhaidh sinn an còmhnaidh conaltradh sgrìobhte ann an Gàidhlig (post, post-d agus meadhanan sòisealta) agus thèid freagairtean a thoirt ann an Gàidhlig a-rèir poileasaidh choitchinn.
Cleachdadh Làithreach
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte air sgrìobhadh Gàidhlig agus thèid freagairt Ghàidhlig a thoirt do sgrìobhadh sam bith a gheibh sinn ann an Gàidhlig.
Tha Roinn na Gàidhlig is Albais a’ cumail orra a’ toirt taic air feadh Riaghaltas na h-Alba le seirbheisean eadar-theangachaidh do cho- obraichean.
Tha stuthan eileagtronaigeach fèin-fhreagairt mar brathan-àichidh post-d san dà-chànan.
Gheibhear eadar-theangachadh Gàidhlig den bhileag gearain againn air- loidhne
Tha Roinn na Gàidhlig is Albais ag obair leis an Aonad Chompàirteachaidh Phoblach gus dèanamh cinnteach gu bheil teamplaidean litreach dà-chànanch ann do Mhinistearan, Buidhnean- stiùiridh agus Roinnean.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Tha siostam conaltraidh ùr aig Riaghaltas na h-Alba agus obraichidh sinn gus:
Dèanamh cinnteach gu bheil fiosan-freagairt gnèitheach dà-chànanach, gum bi teamplaidean airson Ministearan, Buidhnean-stiùiridh agus Roinnean fhathast ullaichte agus luchd-obrach air am brosnachadh iad seo a chleachdadh.
Bidh Stiùireadh Air-loidhne mu chleachdadh an t-siostaim chonaltraidh a’ gabhail a-steach comhairle mun Ghàidhlig.
Misnichidh sinn luchd-obrach làrach-ainm dà-chànanach a thogail gus an cànan a bhrosnachadh is gus a dhèanamh nas fhaicsinnich.
Tha am modh-ghearain an-dràsta fo ath-sgrùdadh. Bidh ro-ràdh Gàidhlig aig an seo.
Ceann-là
2023
Dleastanas
Aonad Compàirteachaidh Poblach agus Roinn na Gàidhlig is Albais
Buil Mhiannaichte
Ionad-fàilte agus fòn
Far an urrainn luchd-obrach le Gàidhlig an t-seirbheis seo a thabhann gheibh iad taic sin a dhèanamh agus tha an t-seirbheis air a thoirt gu aire a’ phobaill.
Cleachdadh Làithreach
Tha fàiltean Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba n-ar ionad-fàilte agus soidhneachadh Gàidhlig againn ann an Cidhe Bhictoria.
’S urrainn ar luchd-obrach beulaibh an taighe agus anns a’ Phrìomh
Aonad Fiosrachaidh iarrtasan (fòn, post, post-d) a ghabhail ann an Gàidhlig ’s iad seo a chur gu roinn na Gàidhlig far am freagar neach- labhairt fileanta.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Thèid an dleastanas seo a ghlèidheadh is luchd-obrach ùr ag ionnsachadh mun Ghàidhlig tro ar n-inntrigeadh agus duilleagan Gàidhlig ar làrach-lìn chorporra.
Brosnaichidh sinn an luchd-obrach seo na h-abairtean Gàidhlig air an làraich-lìn a chleachdadh còmhla ris a’ phoball.
Bu chòir na meadhanan pròtacalan aontaichte a chleachdadh agus tha sinn a’ gabhail iarrtasan sgrìobhte ann an Gàidhlig.
Bidh teachdaireachdan fèin-obrachail ùra ann an Gàidhlig air a’ bhòrd- suidse againn.
Bidh sinn dealasach, far an urrainn, sanasachd ar n-obraichean PAF a leudachadh gus feuchainn ri luchd-labhairt na Gàidhlig leis na sgilean buntainneach a thàladh don sgioba.
Thèid smaoineachadh mu dheidhinn àireamh fa-leth a stèidheachadh son gairmearan na Gàidhlig. Ma thachaireas seo, thèid fhoillseachadh is a bhrosnachadh.
Thèid smaoineachadh mu dheidhinn na buaidhe a bhios aig ùrachadh teicneolais sam bith de shiostaman a’ PhAF gus leasachadh an
t-seirbheis do luchd-labhairt Gàidhlig far a bheil seo comasach.
Ceann-là
2024
Dleastanas
ITECS/Manaidsearachd Ghoireasan/Conaltradh
Buil Mhiannaichte
Coinneamhan poblach
Tha cothroman coinneamhan poblach a chumail gu dà-chànanch no ann an Gàidhlig tric air an rannsachadh agus air am brosnachadh.
Cleachdadh Làithreach
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig aig coinneamhan poblach ann an sgìrean far a bheil àireamh mhòr den t-sluagh na bruidhinn neo far an e Gàidhlig cuspair na coinneimh.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leasaichidh sinn stuthan sònraichte ann an co-cheangal ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba gus a bhith cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd- obrach a dh’fheumas iad gus ar dleastanasan taice don Ghàidhlig a lìbhrigeadh.
Ceann-là
Stiùireadh ri fhoillseachadh ann an 2022
Dleastanas
Gach Buidheann-stiùiridh/Roinn na Gàidhlig is Albais
Fiosrachadh
Buil Mhiannaichte
Meadhanan
Tha brathan-naidheachd mu chuspairean mòra agus gach brath- naidheachd ceangailte ri Gàidhlig air an sgapadh ann an Gàidhlig agus Beurla.
Cleachdadh Làithreach
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ foillseachadh bhrathan-naidheachd ann am Beurla agus Gàidhlig mu fharsaingeachd chùisean a bhuaileas air luchd- labhairt na Gàidhlig. Ma thèid iarraidh, bheir sinn iomraidhean Ministreil do threas-phàrtaidhean ann an Gàidhlig.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn a’ foillseachadh bhrathan-naidheachd Gàidhlig gu na meadhanan Gàidhlig.
Gabhaidh sinn ceuman a bharrachd is foillsichidh sinn brathan- naidheachd Gàidhlig gu na meadhanan Gàidhlig mu chùisean de dh’fhìor àrd ìomhaigh a ghabhas buaidh air coimhearsnachdan Gàidhlig.
Bheir sinn cuideachd beachd sgrìobhte ann an Gàidhlig air cùis sam bith ma thèid iarraidh.
Ceann-là
2022 is an uair sin bliadhnail
Dleastanas
Conaltradh (Naidheachdan)
Buil Mhiannaichte
Meadhanan sòisealta
Stuthan Gàidhlig gu cunbhalach air an sgaoileadh tro na meadhanan sòisealta, a-rèir na h-ìre de luchd-cleachdaidh a tha ann agus a dh’fhaodadh a bhith ann.
Cleachdadh Làithreach
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cleachdadh Gàidhlig anns na meadhanan sòisealta againn.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn a’ brosnachadh Gàidhlig tron chunntas Twitter Gàidhlig againn agus brosnaichidh sinn obair dhaoine eile tron chunntas seo.
Cuideachd, coimheadaidh sinn ri leasachadh na stuthan Gàidhlig le bhith na cleachdadh nas trice air @scotgovedu agus smaoinichidh sinn mu ciamar as urrainn seo leantainn air seanailean portfolio Twitter eile.
Ceann-là
2022 is an uair sin bliadhnail
Dleastanas
Conaltradh/Roinn na Gàidhlig is Albais
Buil Mhiannaichte
Làrach-lìn
Bu chòir suthan Gàidhlig a bhith ri fhaighinn air làraich-lìn an ùghdarrais phoblaich, le ìmpidh air na duilleagan a tha dualtach an àireamh as motha de dhaoine a ruighinn.
Cleachdadh Làithreach
Tha stuthan Gàidhlig air làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Àrdaichidh sinn làthaireachd na Gàidhlig air làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba fon phrionnsabal spèis cho-ionnan, follaiseachd agus cleachdadh na Gàidhlig
Leasaichidh sinn stuthan sònraichte ceangailte ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh’fheumas iad gus ar dleastanasan taice don chànan a lìbhrigeadh.
Ceann-là
Stiùireadh ri fhoillseachadh ann an 2022
Dleastanas
Conaltradh/Roinn na Gàidhlig is Albais
Buil Mhiannaichte
Feumalachd Chànain
Tha pròiseas an sàs gus dèanamh cinnteach gu bheil inbhe agus tuigsinneachd na Gàidhlig ann am fiosrachadh corporra aig àrd ìre.
Cleachdadh Làithreach
Tha cothrom aig a h-uile Buidheann-stiùiridh air àrd ìre de chomhairle is seirbheisean eadar-theangachaidh gus dèanamh cinnteach gun coilean ar stuthan càileachd aithnichte.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leasaichidh sinn stuthan sònraichte ceangailte ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh’fheumas iad gus ar dleastanasan taice don chànan a lìbhrigeadh.
Ceann-là
2022
Dleastanas
Roinn na Gàidhlig is Albais
Buil Mhiannaichte
Foillseachaidhean Corporra
Air an ullachadh ann an Gàidhlig agus Beurla, le prìomhachas dhan fheadhainn as dualtaiche an àireamh as motha a ruighinn.
Cleachdadh Làithreach
Aithnichidh Riaghaltas na h-Alba luach na Gàidhlig anns na foillseachaidhean againn.
Nì sinn cinnteach gu bheil co-chomhairleachaidhean air am foillseachadh gu dà-chànanach far a bheil e iomchaidh, agus tha freagairtean Gàidhlig brosnaichte. Thèid freagairtean co-chomhairleachaidh Gàidhlig a fhreagairt ann an Gàidhlig.
Cuideachd, tha eadar-theangachaidhean Gàidhlig de stuthan clo-bhuailte Riaghaltas na h-Alba ri fhaighinn ma thèid iarraidh.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn ag ullachadh fhoillseachaidhean is geàrr-chunntasan Gàidhlig.
Thèid comhairle mun an seo a chur an lùib stiùireadh do luchd-obrach anns na duilleagan corporra Gàidhlig a tha ann am beachd gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh’fheumas iad gus ar dleastanasan taice a lìbhrigeadh don chànan.
Cleachdaidh sinn G’Mor (Buidheann nam Plana Gàidhlig) gus cothroman a thogail le Buidhnean Poblach eile fiosrachadh a sgaoileadh mu eadar- theangairean.
Ceann-là
2023 is an uair sin bliadhnail
Dleastanas
Gach Buidheann-stiùiridh/Roinn na Gàidhlig is Albais
Luchd-Obrach
Buil Mhiannaichte
Ion-sgrùdadh
Thèid ion-sgrùdadh a dhèanamh air comasan agus feumalachdan trèanaidh Gàidhlig thairis beatha gach plana.
Cleachdadh Làithreach
Rinn Riaghaltas na h-Alba suirbhidh luchd-obrach ann an 2010.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Nì Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh de chomasan Gàidhlig an luchd- obrach.
>Ceann-là
2023
Dleastanas
Roinn na Gàidhlig is Albais/Mìneachadh Ionnsachaidh
Buil Mhiannaichte
Inntrigeadh
Eòlas de phlana Ghàidhlig an ùghdarrais phoblaich mar phàirt de dh’inntrigidhean luchd-obrach ùr.
Cleachdadh Làithreach
Còmhla ri trèanadh mothachaidh Gàidhlig anns na tachartasan inntrigidh againn, bidh Roinn na Gàidhlig is Albais a’ tabhann sheiseanan mothachaidh do Roinnean eile.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Cuiridh Riaghaltas na h-Alba earrann Gàidhlig anns a’ phasgan inntrigidh son luchd-obrach ùr.
Tha tairgse fhosgailte againn son earrannan Gàidhlig ann am pasgain inntrigidh ionadail sam bith.
Roinn na Gàidhlig agus Albais gus taic a thoirt aig tachartasan fàilte do luchd-obrach anns am bi comhairle mun ath-thriall seo den Phlana is eachdraidh a’ chànain.
Ceann-là
2022
Dleastanas
Leasachadh Dhaoine/Roinn na Gàidhlig is Albais
Buil Mhiannaichte
Trèanadh cànain
Trèanadh agus leasachadh son sgilean Gàidhlig air an tabhann do luchd-obrach, gu sònraichte ceangailte ri buileachadh plana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich.
Cleachdadh Làithreach
Tha ionnsachadh cànain ri fhaighinn don luchd-obrach gu lèir a tha na iarraidh.
Gheibhear buidseatan trèanaidh aig ìre ionadail a bheir cothrom do luchd-obrach smaoineachadh mun thrèanadh a dh’fheumas iad gus na dreuchdan aca a lìbhrigeadh.
Gheibhear comhairle a thaobh chùrsaichean bho Roinn na Gàidhlig is Albais agus Leasachadh Dhaoine.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Tha sinn a’ leasachadh Àrd-ùrlar Eòlas Ionnsachaidh ùr is nì sinn cinnteach gu bheil Gàidhlig na pàirt dhe gus cothroman ionnsachaidh luchd-obrach a làn-mheudachadh.
Leasaichidh sinn stuthan eadar-ghnìomhach mun Phlana Ghàidhlig.
Cuiridh sinn fiosrachadh mu na cùrsaichean tron urrainn luchd-obrach Gàidhlig ionnsachadh air ar duilleagan stiùiridh.
Ceann-là
2023 is an uair sin bliadhnail
Dleastanas
Leasachadh Dhaoine/Roinn na Gàidhlig is Albais
Buil Mhiannaichte
Trèanadh mothachaidh
Trèanadh mothachaidh Gàidhlig air a thabhann do luchd-obrach.
Cleachdadh Làithreach
Còmhla ri trèanadh mothachaidh Gàidhlig anns na tachartasan inntrigidh againn, bidh Roinn na Gàidhlig is Albais a’ tabhann sheiseanan mothachaidh do Roinnean eile.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn a’ tabhann sheiseanan mothachaidh Gàidhlig agus smaoinichidh sinn mu stuthan mothachaidh Gàidhlig son an Àrd-ùrlar Eòlas Ionnsachaidh ùr gus cothroman ionnsachaidh luchd-obrach a làn- mheudachadh.
Tha tairgse fhosgailte againn seiseanan mothachaidh a sholarachadh do luchd-obrach gu lèir is thèid seo a bhrosnachadh air na duilleagan Gàidhlig a thèid ullachadh.
Tha sinn an dùil gun cuidich seo brosnachadh is ionnsachadh a’ chànain, le àrd-ùrlaran leithid Speak Gaelic am measg seo.
Ceann-là
2022 is an uair sin bliadhnail
Dleastanas
Leasachadh Dhaoine/Roinn na Gàidhlig is Albais
Buil Mhiannaichte
Trusadh
Ag aithneachadh agus a’ toirt spèis do sgilean Gàidhlig am broinn a’ phròiseas trusaidh tron ùghdarras phoblach.
Cleachdadh Làithreach
Tha an ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh airson obraichean far a bheil seo riatanach agus air an sanas nuair a thathar a’ fastadh na h-obraichean seo.
Ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh airson obraichean far a bheil seo riatanach.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh an dleastanas seo agus bidh comhairle mu dheidhinn air an làraich-lìn chorporra againn.
Ceann-là
2024
Dleastanas
Poileasaidh agus Lìbhrigeadh HR
Buil Mhiannaichte
Trusadh
Sanasan dà-chànanach neo Gàidhlig son gach obair far an e Gàidhlig sgil riatanach.
Cleachdadh Làithreach
Dreuchdan Gàidhlig air an sanaschd gu dà-chànanach.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Bidh dreuchdan Gàidhlig fhathast air an sanasachd gu dà-chànanach. Nochdaidh comhairle air na duilleagan corporra Gàidhlig againn.
Ceann-là
2022
Dleastanas
Poileasaidh agus Lìbhrigeadh HR
Buil Mhiannaichte
Trusadh
Gàidhlig air ainmeachadh mar sgil riatanach agus/neo miannaichte ann an sònrachaidhean obrach gus lìbhrigeadh am Plana Gàidhlig agus a-rèir comhairle trusaidh Bòrd na Gàidhlig.
Cleachdadh Làithreach
Tha sinn a’ meòrachadh dhreuchdan agus a bheil Gàidhlig riatanach no miannaichte.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn a’ meòrachadh dhreuchdan agus a bheil Gàidhlig riatanach no miannaichte.
Ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh son dhreuchdan nuair a dh’fheumas.
Ceann-là
2022
Dleastanas
Poileasaidh agus Lìbhrigeadh HR
Corpas Cànain na Gàidhlig
Buil Mhiannaichte
Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig (GOC)
Leanaidh sinn Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig anns a h-uile rud sgrìobhte a dh’ullaicheas an t-ùghdarras poblach.
Cleachdadh Làithreach
Tha spèis aig Riaghaltas na h-Alba son Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn a’ cumail ri Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig.
Cuiridh sinn fiosrachadh mu GOC air an làraich-lìn chorporra Ghàidhlig againn gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh’fheumas iad gus ar dleastanasan taice don chànan a lìbhrigeadh.
Ceann-là
2023
Dleastanas
Roinn na Gàidhlig is Albais
Buil Mhiannaichte
Ainmean-àite
Tha comhairle a thaobh ainmean-àite na Gàidhlig air a shireadh bho Ainmean-Àite na h-Alba is air a chur gu feum.
Cleachdadh Làithreach
Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair gu dlùth le AÀA gus a bhith cinnteach gum faigh sinn am fiosrachadh is comhairle cheart.
Tha sinn cuideachd nar ball de chomataidh AÀA.
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, 2022-2027
Leanaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri Ainmean-Àite na h-Alba airson a bhith cinnteach gum bi ceart-sgrìobhadh cunbhalach sa Ghàidhlig ann an ainmean-àite.
Cuiridh sinn fiosrachadh mu dheidhinn obair AÀA dhan làraich-lìn chorporra Ghàidhlig againn gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh’fheumas iad gus ar dleastanasan taice don chànan a lìbhrigeadh.
Ceann-là
2023
Dleastanas
Roinn na Gàidhlig is Albais
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback