Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2022-2027

’S e seo treas Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba – air ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ mìneachah nan ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig is a luchd-labhairt taobh staigh na h-obraichean againn.


Caibideal V

Am Plana Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba

Uallach Iomlan Airson A’ Phlana

Bidh uallach air an Rùnaire Maireannach airson dèanamh cinnteach aig a’ cheann thall gun coilean Riaghaltas na h-Alba na dleastanasan sa Phlana seo.

Àrd-stiùirichean

Cleachdaidh Riaghaltas na h-Alba dòigh thiomnaichte airson gnìomhachadh a’ Phlana agus bidh uallach air Àrd-stiùirichean airson dèanamh cinnteach gum bi an luchd-obrach aca air an dèanamh mothachail air a’ Phlana seo agus a’ bhuaidh a bhios aige air an raon obrach aca.

Roinn Ghàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba

’S ann aig Roinn Ghàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba, a tha na phàirt den Bhuidheann- stiùiridh Leasachadh Ionnsachaidh, a tha uallach airson cùisean a bhuineas do phoileasaidh Gàidhlig. Cuiridh sinn aithisg mu adhartas ann an dleastanasan a’ Phlana seo gu Bòrd na Gàidhlig gach bliadhna. Obraichidh sinn còmhla ri co- obraichean air feadh ar n-obair gus dleastanas a’ Phlana a choileanadh, agus gus cothroman leudachaidh aithneachadh a’ dol air adhart.

Freagraidh sinn cuideachd iarrtasan airson adhartas a gheibh sinn bhon Bhòrd. Mur bithear a’ coinneachadh ri cumhachan a’ Phlana, mìnichidh an aithisg air na h-adhbharan air a shon agus na ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail gus aghaidh a chur air na duilgheadasan.

Uallach Làitheil Airson A’ Phlana

’S ann aig Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig a tha uallach làitheil son lìbhrigeadh is sgrùdadh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba. Cuirear ceistean mu obrachadh làitheil a’ phlana gu:

Niall Bartlett

Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig

Buidheann-stiùiridh Leasachadh Ionnsachaidh Riaghaltas na h-Alba

Raon 2B(S) Cidhe Bhictòria Dùn Èideann EH6 6QQ

niall.bartlett@gov.scot

A’ Coluadar Le Luchd-Obrach

Brosnaichidh Riaghaltas na h-Alba comhairle do luchd-obrach tro làraich-lìn taobh a-staigh an riaghaltais agus Buidheann Bhuileachaidh Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba.

Treas Phàrtaidhean

Nì Riaghaltas na h-Alba iomradh ri ar Plana Gàidhlig nuair a tha sinn a’ beachdachadh air cùmhnantan is ullachaidhean anns an tèid sinn an sàs le treas phàrtaidhean. Gus cuideachadh leis an seo bidh sinn air stiùireadh ullachadh do luchd-obrach air ar làrach-lìn a-staigh.

Leas-phàipear – Co-chomhairleachadh Poblach

Ro-ràdh

Air 15 Iuchar 2021 dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an dreach Plana Gàidhlig aca son 2021-26. Tha Planaichean Gàidhlig reachdail ullaichte le ùghdarrasan poblach a-rèir iarrtas Bhòrd na Gàidhlig mar ullachadh de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Tha ullachadh Planaichean Gàidhlig le ùghdarrasan poblach a’ dèanamh cinnteach gu bheil roinn phoblach na h-Alba a’ dèanamh a dìcheall teachd-àm seasmhach a chruthachadh do Ghàidhlig tro togail inbhe is cliù a’ chànain is cruthachadh cothroman practaigeach son a chleachdadh.

Bha Riaghaltas na h-Alba am-measg nan ciad buidhnean poblach a leasaich sa bhuilich Plana Gàidhlig, far na mhìnich e na ceumannan a bheireadh e gus fàs cleachdadh na Gàidhlig ’s na h-obraichean làitheil aige, is cuideachd mar a bheireadh e taic do Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ coileanadh geallaidhean a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta. Mar phàirt den phròiseas mìnichte ann an Achd 2005 thèid Planaichean Gàidhlig ùrachadh gach 5 bliadhna.

Dè a bha an lùib a’ cho-chomhairleachaidh?

Ruith co-chomhairleachadh an Dreach Phlana eadar 15 Iuchar is 9 Sultain 2021 is chaidh fàilte a chur air beachdan mu gheallaidhean Riaghaltas na h-Alba a thaobh:

  • Fàs cleachdadh na Gàidhlig
  • Fàs chothroman gus Gàidhlig ionnsachadh
  • Brosnachadh ìomhaigh mhisneachail de Ghàidhlig

còmhla ri beachdan sam bith eile mun Phlana.

Freagairtean

Fhuairear 51 freagairtean air fad. Thàinig iad seo bho còig ùghdarrasan ionadail, dà bhuidheann leasachaidh Gàidhlig nàiseanta, buidheann ealain Ghàidhlig neo-eisimeileach is 43 neach fa leth.

Leis gun robh an co-chomhairleachadh dà- chànananch, thàinig sia freagairtean sa Ghàidhlig is 45 ann am Beurla.

Far an tug luchd-freagairt cead am freagairt a dhèanamh poblach gheibhear iad seo aig làraich cho-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba.

Toraidhean air fad

Leis gun robh àireamh pìos math nas motha de fhreagairtean aig a’ cho-chomhairleachadh seo an taca ri Plana Gàidhlig mu dheireadh Riaghaltas na h-Alba (51 freagairt gu naoi) bha farsaingeachd nas motha bheachdan

ann cuideachd. Tha seo gu h-àraid fìor mu fhreagairtean dhaoine fa leth.

Ach bha grunn de na fhreagairtean ud nach do thuig adhbhar a’ cho-chomhairleachaidh. Ann an gu leòr dhiubh chaidh an eacarsaich a chleachdadh mar cothrom beachdachadh san fharsaingeachd air poileasaidhean na Gàidhlig neo inbhe a’ chànain am beatha phoblach na h-Alba gun a bhith a’ gabhal gnothaich ris an sgrìobhann fhèin neo amasan sònraichte a’ Phlana a thaobh obraichean taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba.

Mar a bhiodh an dùil, bha seo fìor son freagairtean a bha a’ càineadh na Gàidhlig. Ach, tha e cuideachd fìor mu chuid a fhreagairtean taiceil don chànan is amasan a’ Phlana ach a bha an dùil gun robh ceangal aig an sgrìobhainn ri rudan leithid solar ùghdarrasan ionadail do dh’fhoghlam Ghàidhlig neo oidhirpean na roinn prìobhaidich às leth Gàidhlig.

Anns a’ chumantas sheall freagairt a’ cho- chomhairleachaidh taic do gheallaidhean Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, gu h-àraid an àite ann a bhith a’ coileanadh amasan Plana Gàidhlig Nàiseanta Bhòrd na Gàidhlig.

Chaidh àireamh phuingean a thogail mu gheallaidhean sònraichte ann an raointean- obrach Riaghaltas na h-Alba, m.e. faicsinneachd na Gàidhlig ann an togalaichean RnA is trèanadh luchd-obrach. Bha cuid a dh’atharrachaidhean air am moladh gus soilleireachadh na geallaidhean seo. Chaidh puingean eile a thogail a thaobh mar a bhuineadh geallaidhean a’ Phlana ri Iomairtean RnA, NDPBan is ùghdarrasan poblach eile ag obair ann an Alba, is cudromachd RnA ann a bhith a’ tabhann eisimpleir do na buidhnean ud.

Nochd àireamh de luchd-freagairt puingean sònraichte mu phoileasaidh foghlam Gàidhlig is na h-ullachaidhean Gàidhlig mìnichte sa Bhile Foghlaim an-dràsta mu choinneamh na Pàrlamaid.

Ath Cheumannan

Bu mhiann leinn taing a thoirt do gach buidheann is neach fa leth a fhreagair an co- chomhairleachadh. Chuir toraidhean a’ cho- chomhairleachaidh ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2022-27.

Measadh Fhreagairtean

Ceist 1(a) – Dè ur beachdan air Bun- dhleastanasan Riaghaltas na h-Alba ann an Caibideil IV, a thaobh Inbhe?

Chaidh aithneachadh leis a’ chuid as motha de luchd-freagairt gun deach deagh adhartas a choisinn san raon seo le Riaghaltas na h-Alba bhon chiad Phlana Ghàidhlig againn ann an 2010, is chaidh aithneachadh gun cuidich ar geallaidhean leantainneach is Amasan Àrd-Ìre buileach le togail inbhe na Gàidhlig ann an Alba.

Chaidh puingean sònraichte a thogail a thaobh na ceiste seo mu fhaicsinneachd na Gàidhlig air soidhnichean, cinn-litir is suaicheantas RnA – roinnean uile a th’ air deagh adhartas a choisinn ach a thèid a leasachadh buileach.

Ceist 1(b) – Dè ur beachdan air Bun- dhleastanasan Riaghaltas na h-Alba ann an Caibideil IV, a thaobh Conaltradh leis a’ Phoball agus Fiosrachadh?

Bha geallaidhean ùra a chaidh a thoirt a-steach san earran seo, leithid cothrom neach-labhairt Gàidhlig a bhith ann son brathan naidheachd is fàs làithreachd na Gàidhlig air làraichean-lìn is meadhanan-sòisealta RnA, air aithneachadh mar cheumannan misneachail.

Dh’iarr aon bhuidheann phoblach san fhreagairt cho-chomhairleachaidh aca gum biodh deagh chleachdadh is poileasaidh a dheadh a leasachadh le Riaghaltas na h-Alba a thaobh an cleachdadh Gàidhlig aca air fhoillseachadh gu buidhnean is ùghdarrasan poblach. ’S e seo gealladh a thèid a rannsachadh gu leantainneach is a sgaoileadh eadar buidhnean le Planaichean Gàidhlig, is cuideachd feadhainn a tha a’ leasachadh Planaichean Gàidhlig san teachd- àm, tro Bhòrd na Gàidhlig is GMòr - buidheann lìonrachaidh nan Oifigearan Gàidhlig thairis roinn phoblach na h-Alba.

Ceist 1(c) – Dè ur beachdan air Bun- dhleastanasan Riaghaltas na h-Alba ann an Caibideil IV, a thaobh Luchd-obrach?

Dh’ainmich grunn fhreagairtean solarachadh trèanadh cànain Gàidhlig do luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba mar phàirt chudromach de ghealladh Riaghaltas na h-Alba don chànan.

Chaidh soilleireachadh iarraidh mu chuid a phàirtean den ghealladh seo, ach bha fàilte air an amas taic a thoirt do luchd-obrach a bha airson Gàidhlig ionnsachadh.

Dh’iarr aon neach-freagairt gum biodh goireasan trèanaidh sam bith ullaichte le Riaghaltas na h-Alba air an tabhann do bhuidhnean poblach eile.

Ceist 2 – A bheil molaidhean sam bith eile agaibh a thaobh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba air fad, agus an t-èifeachdas aige gus amasan a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta a choileanadh?

Nochd a’ cheist seo farsaingeachd mhòr de fhreagairtean is molaidhean bhon luchd-freagairt gu lèir, le grunn luchd-freagairt a’ beachdachadh air foghlam Gàidhlig is gu h-àraid àite lìbhrigidh Riaghaltas na h-Alba a thaobh sin.

Bhruidhinn iomadh neach-freagairt air àite Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ stèidheachadh slìghe is eisimpleir do bhuidhnean poblach ann an Alba. Chaidh a’ chudromachd

aig dlùth cho-obrachadh is sgaoileadh deagh chleachdadh is goireasan a chur am follais mar phrìomhachas ann a bhith a’ coileanadh amasan a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta.

Am measg nam puingean sònraichte a chaidh ainmeachadh mar fhreagairt don cheist seo bha:

  • Sluaghan-tomhais nàiseanta son foghlam Gàidhlig – am b’ urrainn barrachd fiosrachaidh a bhith ann a thaobh ìrean eadar-dhealaichte de dh’fhoghlam Gàidhlig?
  • Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig – dh’ainmich aon neach-freagairt bacadh a dh’fhaodadh a bhith an lùib sgoiltean Gàidhlig a-mhàin, ’s iad a’ moladh Beurla, Gàidhlig is 1 chànan eile a bhith riatanach ann an sgoiltean air feadh Alba na àite.
  • Rinn neach-freagairt eile iomradh sònraichte ri ullachaidhean Gàidhlig a’ Bhile Fhoghlaim a tha an-dràsta ron Phàrlamaid, is gum bu chòir neartachadh iad seo a bhith na phrìomhachas ann an lìbhrigeadh geallaidhean Riaghaltas na h-Alba a thaobh togail àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig is lìbhrigeadh a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta.
  • Cudromachd Ghàidhlig mar so-mhaoin eaconamach is sòisealta – dh’iarr aon neach- freagairt gum biodh seo air a chur ris na geallaidhean a thaobh a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig.

Freagairt Riaghaltas na h-Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte air a h-uile freagairt don cho-chomhairleachadh is an fharsaingeachd bheachdan mun Dhreach Phlana Ghàidhlig aca.

Stèidhichte air an fhios-air-ais a nochd, chaidh àireamh atharrachaidhean a dhèanamh ris a’ Phlana mus deach a chuir gu Bòrd na Gàidhlig son aonta. Tha iad seo ag amas soilleireachadh a dhèanamh air cuid a phàirtean de na geallaidhean a th’ air an dèanamh le Riaghaltas na h-Alba a thaobh Gàidhlig anns na raointean- obrach aca is àite an Riaghaltais ann a bhith a’ coileanadh amasan a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top