Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.


Facal bhon Mhinistear

’S iad co-ionannachd, cothroman is coimhearsnachdan na trì bun-phrionnsapalan farsaing air a bheil lèirsinn an Riaghaltais seo stèidhichte, agus tha cothroman air taigheadas aig prìs reusanta sna coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach againn fìor chudromach dhan lèirsinn sin.

Tha taigheadas glè chudromach do choimhearsnachdan dùthchail agus e gan cuideachadh gus soirbheachadh agus gus brìgh na coimhearsnachd a ghleidheadh. Ma tha taigheadas dhen t-seòrsa cheart san àite cheart gus frithealadh air feumalachdan ionadail a chaidh a chomharrachadh, faodaidh sin buaidh mhòr a thoirt air cùisean mar nach fhaicear ach ainneamh. Bheir e cothrom do dhaoine air na dachaighean a tha dhìth orra is cothrom do dhaoine òga fuireach sna coimhearsnachdan far an deach an togail agus cuidichidh e gnothachasan is seirbheisean ionadail gus luchd-obrach a chumail agus luchd-obrach ùra a thàladh.

Bho 2016 tha an Riaghaltas seo air cuideachadh gus còrr is 10,000 dachaigh aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach. Ach tha sinn airson barrachd a dhèanamh, sin carson a tha sinn air cur romhainn 110,000 dachaigh ùr aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ro 2032 agus bidh 70% dhiubh rim faotainn air mhàl sòisealta agus bidh 10% dhiubh sna coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach againn.

Tha e mar phrìomh amas nar ro-innleachd taigheadais airson na h-ùine-fhada, Taigheadas gu ruige 2040, gum bi dachaigh shàbhailte, shàr-mhath aig prìs reusanta aig a h-uile duine a tha a’ frithealadh air na feumalachdan aca agus a tha san àite far a bheil iad airson a bhith a’ fuireach.

Thig buannachdan bho na h-amasan ann an Taigheadas gu ruige 2040 do choimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach, leithid na feadhna a tha ag amas air feum nas fheàrr a dhèanamh dhen taigheadas a th’ ann mu thràth le bhith a’ dèiligeadh ri dachaighean falamh agus a’ cumail rian air mar a thathar a’ dèanamh feum de dhàrna dachaighean agus aontaidhean-màil goirid, agus na h-amasan gus barrachd taigheadais a stèidheachadh tro ar sgeama lèirsinneach, Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta.

Tha fios agam gu bheil dùbhlain shònraichte ann a thaobh taigheadas ann an cuid a sgìrean dùthchail; b’ e aon de na ciad rudan a rinn mi mar am Ministear airson Taigheadas maoineachadh luach suas ri £25 millean fhoillseachadh a chuidicheas ùghdarrasan ionadail le bhith a’ comharrachadh taigheadas aig prìs reusanta do phrìomh luchd-obrach ann an sgìrean dùthchail. Cuidichidh A’ Mhaoin airson Taigheadas aig Prìs Reusanta do Phrìomh Luchd-obrach le bhith a’ gleidheadh is a’ tàladh prìomh luchd-obrach sna sgìrean seo.

Ghabh mi an cothrom as t-samhradh bruidhinn ri taghadh farsaing de luchd-ùidhe is coimhearsnachdan dùthchail gus faicinn agus cluinntinn dhomh fhìn mun obair nach beag a tha ga dèanamh, mun cho-obrachadh fheumail a tha a’ dol air adhart, agus mu na dùbhlain a th’ ann gus

dachaighean aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ann an sgìrean iomallach, dùthchail is eileanach. Chan eil aon fhreagairt shìmplidh ann, agus tha e deatamach gum bi co-obrachadh ann gus dèiligeadh ri grunn mòr chùisean.

Tha am plana seo a’ toirt cothrom glè chudromach dhuinn a bhith ag obair còmhla gus na dachaighean a tha dhìth air ar coimhearsnachdan dùthchail is eileanach a thoirt dhaibh.

Tha sin a’ gabhail a-steach an roinn phoblach – tha taigheadas is fearann aig grunn bhuidhnean poblach a dh’fhaodadh a bhith freagarrach gus taigheadas aig prìs reusanta a stèidheachadh do dhaoine leithid prìomh luchd-obrach. Bheir Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fearainn agus Eileanan agus mi fhìn sùil air na dòighean as fheàrr gus sin a dhèanamh, gus am bi sinne mar riaghaltas a’ cuideachadh gus fuasglaidhean a lorg airson nan dùbhlan a tha ro choimhearsnachdan dùthchail is eileanach.

Tha companaidhean san roinn phrìobhaidich glè chudromach cuideachd an dà chuid mar luchd-fastaidh agus mar ghnothachasan aig a bheil fearann agus goireasan agus tha fios againn gu bheil cuid dhiubh a’ dol an sàs mu thràth ann a bhith a’ togail no a’ tabhann taigheadas math dhan luchd-obrach aca. Faodaidh sinn rudan ionnsachadh bhuapa agus ’s urrainn dhuinn, tron phlana seo agus anns na nì sinn, obrachadh còmhla riutha agus taic a thoirt dhaibh gus barrachd a dhèanamh fhad ’s a tha sinn cuideachd a’ frithealadh air na feumalachdan aca mar fhastaichean fìor chudromach, agus iad gu tric a’ toirt obraichean luachmhor do dhaoine anns na coimhearsnachdan dùthchail is eileanach againn.

Tha fios agam gu bheil taigheadas a thèid a stèidheachadh fo stiùir na coimhearsnachd riatanach dhan iomairt fharsaing againn gus barrachd dhachaighean aig prìs reusanta a thabhann. Tha ar Maoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach a-nis na pàirt aithnichte de Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta agus tha i a’ toirt maoineachadh do choimhearsnachdan is buidhnean gus barrachd dhachaighean aig prìs reusanta a thogail no a thabhann do dhaoine. Tha grunn bhuidhnean a’ toirt taic dhan obair dheatamaich is lèirsinnich seo, agus iad ag obair còmhla ri coimhearsnachdan is daoine eile gus na tha iad a’ miannachadh a thoirt gu buil, agus gus na dachaighean aig prìs reusanta a tha a dhìth orra a thogail, agus tha e riatanach gun lean an obair seo.

Chaidh am Plana Gnìomh seo a dhealbh mar thoradh air co-chonaltradh farsaing a rinneadh le ar coimhearsnachdan dùthchail is eileanach agus bu toil leam mo thaing a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh pàirt sa cho-chonaltradh sin agus a chuidich le bhith a’ dealbh a’ phlana seo.

Ma thathar a’ dol a choileanadh gnìomhan a’ phlana seo, bidh co-obrachadh nach beag a dhìth mar thaic do dh’fheallsanachd a tha a’ gabhail a-steach a h-uile siostam agus thathar ag iarraidh air luchd-compàirt a bhith ag obair còmhla gus na h-atharraichean a chur an sàs a dh’fheumas sinn a thoirt gu buil còmhla.

Tha am plana seo a’ co-fhreagairt air obair lèirsinneach eile a thathar a’ dèanamh mar thaic do choimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach. Tha e mar phàirt cudromach dhen obair gus dèiligeadh ris na dùbhlain a th’ ann agus tha e a’ stèidheachadh nan siostaman is na taice a tha dhìth gus dachaighean a thogail sna h-àiteachan ceart a chuidicheas coimhearsnachdan gus soirbheachadh.

Pòl MacIllFhinnein BPA Am Ministear airson Taigheadas

Contact

Email: morehomesbusman@gov.scot

Back to top