Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.


Geàrr-iomradh air na Gnìomhan agus Clàr-ama Coileanaidh

Tha ar gnìomhan stèidhichte air prìomhachasan sa gheàrr-ùine, sa mheadhan-ùine agus san ùine fhada:

Geàrr-ùine – 0-9 mìosan

Meadhan-ùine – 10-24 mìosan

Ùine fhada – 24+ mìosan

Mar as Urrainnear Barrachd Dhachaighean Sàr-mhath a Thabhann aig Prìs Reusanta

Obraichidh sinn còmhla ri luchd-ùidhe gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a thèid poileasaidhean planaidh nàiseanta bho Fhrèam Planaidh Nàiseanta 4 a chur an gnìomh tro Phrògram Coileanaidh an Fhrèam agus beachdachaidh sinn Planaichean Leasachaidh Ionadail ùra nuair a tha iad gan ullachadh le sùil air an adhartas a thig bho na planaichean sin, gu h-àraidh a thaobh mar a tha bhios iad a’ togail air agus a’ co-fhreagairt air poileasaidhean Frèam Planaidh Nàiseanta 4.

Meadhan-ùine – Ùine fhada

Obraichidh sinn còmhla ri buidhnean Riaghaltas na h-Alba agus Buidhnean Poblach Neo-roinneil buntainneach gus fearann no toglaichean, air nach eil feum aca tuilleadh, a chomharrachadh a dh’fhaodadh a bhith freagarrach airson taigheadas aig prìs reusanta.

Meadhan-ùine

Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic do dh’Oifigearan Tuineachaidh Coimhearsnachd ann an 2023-24 agus nì sinn breithneachadh air na buannachdan a dh’fhaodadh tighinn bho bhith a’ stèidheachadh chom-pàirteachasan eadar na roinnean poblach, prìobhaideach is coimhearsnachd gus fearann a chomharrachadh airson taigheadas.

Meadhan-ùine

Nuair a chomharraicheas ùghdarras ionadail bacaidhean sònraichte a thaobh mar a tha fearann freagarrach ri fhaotainn airson dachaighean aig prìs reusanta, obraichidh sinn còmhla riutha agus còmhla ri luchd-seilbh fearainn agus luchd-ùidhe buntainneach gus cothroman eile a chomharrachadh a thaobh fearann a dh’fhaodadh a bhith air a chleachdadh airson taigheadas.

Geàrr-ùine

Bheir sinn reachdas airson Ath-leasachadh an Fhearainn a-steach gus am bi barrachd soilleireachd ann a thaobh cò leis a tha am fearann, gus cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gum faighear buannachdan dhan phoball bho phìosan mòra fearainn agus gus barrachd cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan le bhith a’ toirt barrachd chothroman dhaibh gus sealbh fhaighinn air fearann agus gus gnothach a ghabhail ri co-dhùnaidhean a thaobh mar a thèid feum a dhèanamh de dh’fhearann san sgìre aca.

Geàrr-ùine

Cuiridh sinn ris na comasan a th’ aig coimhearsnachdan agus ris an eòlas a th’ aca air a’ phròiseas airson Iarrtasan airson Sealbh agus sinn ag obair còmhla ri coimhearsnachdan, ùghdarrasan buntainneach, agus ar luchd-compàirt leithid na Buidhne-gnìomh Nàiseanta airson Iarrtasan airson Sealbh. Nì sinn sin le bhith a’ brosnachadh dhaoine gus innse do chàch a chèile mu na deagh dhòighean-obrach aca (leithid gum bi daoine ainmichte aig ùghdarrasan buntainneach ris am faod coimhearsnachdan conaltradh a dhèanamh), agus le bhith a’ moladh mhodhan-obrach soilleir a tha a’ gabhail làn-ealla ris na tha na coimhearsnachdan a’ miannachadh.

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

Nì sinn sgrùdadh air na th’ aig luchd-solair de ghoireasan gigabit agus air na tha iad an dùil a thogail dhiubh, agus mar phàirt de sin iarraidh sinn beachdan bho luchd-ùidhe san fharsaingeachd.

Geàrr-ùine

Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth còmhla ri A’ Cur ri Goireasan Didseatach na RA fhad ’s a thathar a’ dèanamh adhartas mu choinneimh a bhith a’ tairgsinn nan ciad chùmhnantan solarachaidh airson Pròiseact Gigabit ann an Alba, tha dùil againn gun tachair sin ro dheireadh 2023.

Geàrr-ùine

Ann an 2023, nì sinn co-chomhairleachadh air atharraichean air inbhean-togail a bhiodh a’ fàgail dleastanas air luchd-leasachaidh gus ceanglaichean didseatach sàr mhath a chur air dòigh anns gach leasachadh taigheadais ùr.

Geàrr-ùine

A’ Dèanamh an Fheum as Fheàrr dhen Taigheadas a th’ ann Mu Thràth agus a’ Cuideachadh Dhaoine gus Sealbh Fhaighinn air Dachaigh

Cuiridh sinn dàrnach reachdas an sàs tron urrainn do chomhairlean sùim suas ri 100% a bharrachd a chur air ìrean cìse comhairle airson dàrna dachaighean bhon Ghiblean 2024.

Geàrr-ùine

Cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a thèid raointean-rian airson àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine a stèidheachadh airson tuigse fhaighinn is eòlas a cho-phàirteachadh air mar a tha iad air comhairlean ann an diofar àiteachan (sgìrean bailteil is dùthchail) a chuideachadh gus rian nas fheàrr a chumail air àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine. Thèid sgrùdadh is aithris nas fharsainge a dhèanamh ann an 2025 air mar a tha riaghailtean airson diofar sheòrsaichean àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine gan cur an sàs, a thaobh planaidh agus cheadan.

Geàrr-ùine

Obraichidh sinn còmhla ri Com-pàirteachas Dhachaighean Falamh na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus luchd-seilbh gus feum as ùr a dhèanamh de bharrachd dhachaighean falamh ann an sgìrean dùthchail is eileanach, agus sinn a’ cur nan cothroman maoineachaidh a th’ ann air adhart, a’ co-phàirteachadh shàr dhòighean-obrach agus a’ comharrachadh chothroman airson co-obrachadh nas dlùithe eadar daoine.

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

As t-Samhraidh 2024, barantaichidh sinn rannsachadh neo-eisimeileach gus cuideachadh le sgrùdadh air sealbh air dachaighean aig prìs reusanta ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach. Beachdaichidh sinn air toraidhean an rannsachaidh seo agus molaidhean sam bith fhad ’s a tha sinn a’ stèidheachadh nan gnìomhan a bhios a dhìth gus an ath cheum a ghabhail.

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

Bidh sinn a’ cur taic ri agus a’ brosnachadh dhaoine gus barrachd uallaichean taigheadais dùthchail a chleachdadh airson taigheadas aig prìs reusanta a thogail no a thabhann. Mar phàirt de sin, obraichidh sinn còmhla ri luchd-iasaid gus faicinn ciamar as urrainn dhaibh cuideachadh le uallaichean taigheadais dùthchail tro phròiseactan taigheadais aig prìs reusanta a gheibh maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

Geàrr-ùine

Tha sinn air cur romhainn ath-leasachadh is ùrachadh a dhèanamh air reachdas airson òrduighean ceannaich èigneachail ann an Alba gus am bi an siostam nas cothromaiche, nas soilleire agus nas luaithe airson a h-uile duine. Mar chiad cheum, nì sinn trusadh airson pannal comhairleachaidh le eòlaichean ann an 2023-24 gus cuideachadh le bhith a’ beachdachadh air na roghainnean a th’ ann airson ath-leasachadh.

Geàrr-ùine

Ann an 2024 nì sinn obair gus beachdachadh air na h-adhbharan airson Òrduighean Ceannaich Èigneachail agus mar a tha iad gan cur an sàs gu practaigeach, gu h-àraidh le sùil ris a’ ghealladh againn gus ath-leasachadh a thoirt air Òrduighean Ceannaich Èigneachail.

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

Le maoineachadh a bharrachd luach £1.9 millean ann an 2023 – 2024, cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic-airgid do chroitearan a tha airson taigh-croite a thogail no a leasachadh agus bheir sinn prìomhachas dhan fheadhainn as motha aig a bheil feum air an taic. Cuideachd, cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh ath-sgrùdadh gach bliadhna air an sgeama gus measadh a dhèanamh air buaidh is èifeachd an sgeama agus sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi e fhathast a’ toirt taic air leth feumail do chroitearan a tha ag obrachadh na talmhainn.

Geàrr-ùine

Taigheadas is Eaconamaidhean Ionadail

Nì sinn ùrachadh air an stiùireadh airson Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail ann an 2024 gus ceanglaichean a neartachadh aig ìre ionadail eadar taigheadas agus an eaconamaidh, agus sinn ag aithneachadh gu bheil taigheadas a’ cur taic chudromach ri eaconamaidhean dùthchail is eileanach.

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

Obraichidh sinn còmhla ri ùghdarrasan ionadail, buidhnean iomairt agus riochdairean gnothachais, a’ gabhail a-steach luchd-leasachaidh prìobhaideach, gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air na feumalachdan a thaobh taigheadas a th’ aig roinnean eaconamach cudromach. Feuchaidh sinn ri barrachd taigheadais a stèidheachadh tro bhith a’ co-phàirteachadh dheagh dhòighean-obrach agus tro cho-obrachadh eadar fastaichean is luchd-solair taigheadais.

Meadhan-ùine – Ùine Fhada

Obraichidh sinn còmhla ri Iomairt Cheann a Deas na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean tro na fo-bhuidhnean airson taigheadas aig a’ Chom-pàirteachas Roinneil Eaconamach, mar phàirt de sin thèid beachdachadh air na cothroman a th’ ann gus leudachadh air an eaconamaidh san àm ri thighinn, mar a thèid taigheadas ùr a thogail is a thabhann, comasan togail agus na sgilean a th’ aig daoine agus an t-àite a th’ aig an roinn phrìobhaidich san fharsaingeachd ann a bhith a’ cuideachadh le agus a’ frithealadh air feumalachdan taigheadais.

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

Coimheadaidh sinn air a’ bhuaidh a bhios aig, agus na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann le, modhan-togail ùra ann an sgìrean dùthchail is eileanach thairis air an ath dhà mhìos dheug gus faicinn dè na buannachdan a thig bhuapa (mar eisimpleir, cosgaisean, ùine, càileachd taigheadais, an àrainneachd is an eaconamaidh).

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

Obraichidh sinn còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus a’ Mhaoin airson Taigheadas aig Prìs Reusanta do Phrìomh Luchd-obrach a thoirt seachad agus nithear cinnteach gum bi co-chonaltradh èifeachdach ann aig ìre ionadail le fastaichean is uachdarain shòisealta chlàraichte gus cuideachadh le bhith a’ comharrachadh tuilleadh dhachaighean do phrìomh luchd-obrach.

Meadhan-ùine – Ùine Fhada

Nì sinn cinnteach, agus sinn ag obair còmhla ri Lìonra Taigheadais na h-Alba, gum bi poileasaidhean freagarrach aig ùghdarrasan ionadail airson sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach gus barrachd dhachaighean a thogail no a thabhann do phrìomh luchd-obrach. An lùib sin, thèid tobraichean fiosrachaidh freagarrach a chomharrachadh airson dàta air luchd-obrach.

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

Nithear breithneachadh ann an 2023-24 air na dh’obraich gu math agus air na dùbhlain a dh’èirich an lùib nam pròiseactan a chaidh a chur an gnìomh airson Sgilean nan Eilean agus Cur ri Sluagh nan Eilean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, Siorrachd Àir a Tuath, agus sna h-Eileanan Siar. An uair sin, beachdaichidh sinn, còmhla ri luchd-compàirt, air mar a dh’fhaodar feum a dhèanamh de na dòighean-obrach a chaidh a chleachdadh gus cothroman a chruthachadh airson dèiligeadh ri cion sgilean is chomasan ann an roinn na h-obrach-togail.

Geàrr-ùine

Taic do Leasachaidhean fo Stiùir na Coimhearsnachd

Neartaichidh sinn na ceanglaichean obrach eadar Maoin Fearainn na h-Alba agus a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach gus am bi co-dhùnaidhean a nithear a thaobh choimhearsnachdan a’ co-fhreagairt nas fheàrr air a chèile.

Geàrr-ùine

Nì sinn sgrùdadh air dòighean-obrach na Maoine airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach gus an urrainnear maoineachadh-comasachd a thoirt seachad nas tràithe, nuair a tha sin a dhìth, mar thaic do mheasaidhean taigheadais ionadail a dh’fhaodadh cuideachadh le iarrtasan airson taic bho Mhaoin Fearainn na h-Alba.

Geàrr-ùine – Meadhan-ùine

Tha sinn a’ toirt seachad taic-airgid, a tha air a co-mhaoineachadh leis an Stèidheachd Nàiseanta, luach suas ri £960,000 airson 2023-24 – 2025-26 airson cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na comasan is an t-eòlas aig an luchd-obrach aig Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Taigheadas Coimhearsnachd Cheann a Deas na h-Alba gus na pròiseactan a tha sna clàran-obrach aca a thoirt gu buil.

Geàrr-ùine

Nì sinn ùrachadh ann an 2024 air an stiùireadh airson Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail agus Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas gus am bithear a’ cur cuideam air taigheadas fo stiùir na coimhearsnachd. Bidh an stiùireadh ùr a’ brosnachadh barrachd co-chonaltraidh aig ìre ionadail eadar ùghdarrasan ionadail, uachdarain shòisealta chlàraichte, luchd-comasachaidh taigheadais dùthchail agus coimhearsnachdan agus bithear ag iarraidh gun tèid pròiseactan a gheibh taic bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach a chomharrachadh ann am Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas.

Geàrr-ùine

Ullaichidh sinn stiùireadh a chuidicheas coimhearsnachdan, ùghdarrasan ionadail agus daoine eile gus measaidhean taigheadais ionadail a dhèanamh a tha stèidhichte air sàr dhòighean-obrach is modhan-obrach làidir.

Geàrr-ùine

Contact

Email: morehomesbusman@gov.scot

Back to top