Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach
Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.
Geàrr-chunntas
’S iad co-ionannachd, cothroman is coimhearsnachdan na trì bun-phrionnsapalan farsaing air a bheil lèirsinn an Riaghaltais seo stèidhichte, agus tha a bhith a’ togail no a’ tabhann taigheadas aig prìs reusanta sna coimhearsnachdan dùthchail is eileanach againn aithnichte mar phrìomhachas san Ro-innleachd Taigheadais againn airson na h-ùine fada, Taigheadas gu ruige 2040, ann am Plana Nàiseanta nan Eilean aig Alba agus san Ro-innleachd Nàiseanta airson Cruth-atharrachadh a thoirt air an Eaconamaidh agus san Aonta Ùr airson Luchd-gnothaich.
Tha na sgrìobhainnean poileasaidh ro-innleachdail sin a’ cur an cèill gu soilleir gu bheil dùbhlain ro na coimhearsnachdan dùthchail is eileanach a tha co-cheangailte ris na h-àiteachan sa bheil iad agus a tha uaireannan eadar-dhealaichte bho chàch, agus thugadh iomradh air na dùbhlain sin cuideachd sa cho-chomhairleachadh is co-chonaltradh farsaing a rinneadh a tha, cho math ri coileanadh com-pàirteach, mar bhunait dhan Phlana Ghnìomh seo. Chuala sinn gu bheil daoine ag iarraidh co-obrachadh nas dlùithe buileach a bhith ann le ùghdarrasan ionadail, comainn thaigheadais agus buidhnean coileanaidh eile agus gun tèid togail as ùr air an obair chom-pàirteach le luchd-gnothaich, agus tha sinn air cur romhainn sin uile a thoirt gu buil.
Tha am plana a’ sealltainn na h-obrach a tha sinn a’ dèanamh mu thràth a dh’fheumas sinn a chumail suas, na rudan a bharrachd a nì sinn, agus mar a chumas sinn oirnn a’ sgrùdadh buaidh ar gnìomhan agus mar a dh’fheumas sinn a bhith innleachdach nar gnìomhan nuair a dh’èireas feumalachdan ùra no feumalachdan air nach deach frithealadh, no ma nochdas cothroman ùra.
Obraichidh sinn còmhla ri daoine eile gus am Plana Gnìomh seo a choileanadh, agus sinn a’ dèanamh sgrùdadh is measadh air ìrean-coileanaidh agus buaidh a’ phlana, a’ beachdachadh air atharraichean a thig air coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach na h-Alba agus a’ dèiligeadh, mar as iomchaidh, ri dùbhlain ùra nuair a dh’èireas iad.
Fhad ’s a tha sinn ag obair ann an com-pàirt ri càch cumaidh sinn oirnn:
- a’ coileanadh ar n-amais gus 110,000 dachaigh ùr aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ro 2032, agus bidh 10% dhiubh ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach;
- a’ sgrùdadh coileanadh Frèam Planaidh Nàiseanta 4;
- ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus uachdarain shòisealta chlàraichte gus feum a dhèanamh dhen Mhaoin airson Taigheadas aig Prìs Reusanta do Phrìomh Luchd-obrach a rèir an iarrtais a bhios ann agus tha suas ri £25 millean ri fhaotainn gu 2028;
- ag obair còmhla ri Com-pàirteachas Dhachaighean Falamh na h-Alba gus feum as ùr a dhèanamh de bharrachd dhachaighean falamh, agus an lùib na h-obrach sin bithear a’ comharrachadh chothroman co-obrachaidh ùra agus a’ co-phàirteachadh shàr dhòighean-obrach am measg oifigearan airson dhachaighean falamh ann an sgìrean dùthchail is eileanach;
- a’ toirt taic do leasachaidhean taigheadais fo stiùir na coimhearsnachd, agus sinn a’ cumail oirnn a’ tabhann taic bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach le suas ri £30 millean ri fhaotainn ann an ùine na Pàrlamaid seo;
- a’ coimhead air na cothroman a th’ ann an lùib mhodhan-togail ùra agus a’ bhuaidh a bhios aca ann an sgìrean dùthchail is eileanach;
- ag ath-leasachadh is ag ùrachadh reachdas a thaobh ceannach èigneachail ann an Alba;
- a’ sgrùdadh sgeama nan Tabhartasan airson Taigh-croite gach bliadhna gus measadh a dhèanamh air buaidh is èifeachd an sgeama;
- a’ dèanamh sanasachd am measg choimhearsnachdan air Aontaidhean airson Sealbh, agus a’ leudachadh air comasan dhaoine agus air na th’ ann de choimhearsnachdan a ghabhas an cothrom agus sinn a’ dèanamh sanasachd air lìonra de luchd-comhairleachaidh is eòlaichean ionadail; agus
- ag obair ann an com-pàirt gus sgrùdadh a dhèanamh air na thathar a’ togail, no air togail, de thaigheadas a tha uidheamaichte airson ceangal gigabit gus dèanamh cinnteach gum faighear nas urrainnear de ghoireasan is buannachdan bhon chiad Phròiseact Gigabit ann an Alba a bhios a’ sireadh thairgsean nas fhaide air a’ bhliadhna seo.
Nì sinn na leanas cuideachd:
- a’ toirt taic do dhòighean-obrach co-obrachail a tha stèidhichte air àiteachan gus fearann a chomharrachadh airson taigheadas aig prìs reusanta, agus bithear a’ cur cuideam air fearann is goireasan san roinn phoblaich, agus air ath-leasachadh an fhearainn a tha ag amas air cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan;
- a’ toirt taic-airgid seachad, a tha air a co-mhaoineachadh leis an Stèidheachd Nàiseanta, airson cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na comasan is an t-eòlas aig an luchd-obrach aig Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Taigheadas Coimhearsnachd Cheann a Deas na h-Alba gus cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh taigheadas aig prìs reusanta;
- a’ dèanamh co-chomhairleachadh air atharraichean air inbhean-togail a bhiodh a’ fàgail dleastanas air luchd-leasachaidh gus ceanglaichean didseatach sàr mhath a chur air dòigh anns gach leasachadh taigheadais ùr;
- a’ toirt chumhachdan ùra do dh’ùghdarrasan ionadail gus ìrean cìs comhairle nas àirde iarraidh airson dàrna dachaighean bhon Ghiblean 2024;
- ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a thèid raointean-rian airson àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine a stèidheachadh;
- a’ barantachadh rannsachadh neo-eisimeileach gus cuideachadh le sgrùdadh air sealbh air dachaighean aig prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail agus eileanach;
- a’ leudachadh air mar a thèid uallaichean taigheadais dùthchail a chleachdadh gus taigheadas aig prìs reusanta a stèidheachadh;
- a’ beachdachadh air Òrduighean Reic Èigneachail is mar a ghabhas an cleachdadh;
- a’ cur nam prionnsapalan bhon Aonta Ùr airson Luchd-gnothaich an sàs gus taic nas fheàrr a thoirt do dh’obair chom-pàirteach a tha a’ cur taic ri eaconamaidhean dùthchail is eileanach, fàs am measg ghnothachasan, agus ri oidhirpean gus beairteas nan coimhearsnachdan a leudachadh, gu h-àraidh tro:
- cheanglaichean nas dlùithe ri fo-bhuidhnean taigheadais nan Com-pàirteachasan Roinneil Eaconamach, agus sinn a’ beachdachadh gu mionaideach air cothroman gus fàs a thoirt air eaconamaidhean, mar a thèid taigheadas ùr a stèidheachadh, comasan is sgilean ann an roinn na h-obrach-togail agus an t-àite a th’ aig an roinn phrìobhaidich san fharsaingeachd an lùib chùisean; agus
- bhith ag obair gus dèiligeadh ri dùbhlain a gheibhear a thaobh solarachaidh, sgilean is chomasan ann an roinn na h-obrach-togail.
Agus bithear a’ cruthachadh dhòighean-obrach ùr-ghnàthach mar thoradh air:
- co-obrachadh leantainneach eadar sgiobaidhean sgìreil Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail, uachdarain shòisealta chlàraichte agus prìomh luchd-compàirt is luchd-ùidhe eile, leithid a bhith a’ co-phàirteachadh eòlas is sàr dhòighean-obrach; agus
- co-chonaltradh cunbhalach le luchd-compàirt is coimhearsnachdan, agus àrd-choinneamh bhliadhnail leis a’ Mhinistear airson Taigheadas sa chathair gus measadh a dhèanamh air adhartas, buaidh a’ phlana agus mar a tha cùisean ag atharrachadh ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach na h-Alba.
Gheibhear mìneachadh nas mionaidiche air na gnìomhan seo sa Phlana Ghnìomh fhèin.
Contact
Email: morehomesbusman@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback