Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.


An Co-theacsa Ro-innleachdail

Chuir am Prìomh Mhinistear cinn-uidhe Riaghaltas na h-Alba an cèill ann an Co-ionannachd, cothroman, coimhearsnachdan: Ceannas ùr – Toiseach tòiseachaidh ùr sa Ghiblean 2023, agus e ga dhèanamh soilleir gur ann stèidhichte air co-ionannachd, cothroman is coimhearsnachdan a tha cinn-uidhe an riaghaltais. Tha am plana seo a’ toirt taic do na cinn-uidhe phoileasaidh sin agus tha e a’ co-fhreagairt air taghadh de dh’obair chudromach eile a thathar a’ dèanamh airson ar coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach. Bidh taigheadas cuideachd na phàirt cudromach dhen Phlana Choileanaidh Dhùthchail a thèid fhoillseachadh, a chuireas an cèill na tha gach pàirt de Riaghaltas na h-Alba a’ coileanadh airson coimhearsnachdan dùthchail, oirthire agus eileanach na h-Alba.

Tha am plana seo a’ stèidheachadh grunn ghnìomhan mar thaic do Thaigheadas gu ruige 2040, ar ro-innleachd taigheadais airson na h-ùine-fhada dha bheil e na amas dèanamh cinnteach gum bi dachaighean matha, sàbhailte, tèarainte agus blàth aig daoine. Tha am plana a’ toirt taic gu h-àraidh dhan ghealladh san ro-innleachd sin gus ‘gnìomhan a choileanadh feuch am bi cothrom aig daoine ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, a thèid a phlanadh còmhla ris a’ bhun-structair a bhios na thaic do dhaoine nam beatha, nan obair agus a chuidicheas iad gus soirbheachadh – agus cuidichidh sin le bhith a’ cur stad air call-sluaigh ann an sgìrean dùthchail’.

Ann an Taigheadas gu ruige 2040, thathar ag aithneachadh gu bheil dùbhlain ann agus measgachadh de shuidheachaidhean ann an sgìrean dùthchail a thaobh mar a thèid taigheadas a thogail no a thabhann agus thathar cuideachd a’ gabhail ris gum faod àireamh bheag de dhachaighean a bharrachd diofar glè mhòr a dhèanamh a thaobh mar a mhaireas coimhearsnachdan dùthchail air stèidh làidir thar ùine fhada. Chaidh cuideam a chur air taigheadas dùthchail cuideachd an lùib cuid a gheallaidhean ann an Aonta Taigh Bhòid eadar Riaghaltas na h-Alba agus Partaidh Uaine na h-Alba.

Ann am Plana Nàiseanta nan Eilean airson Alba thathar ag aithneachadh gu bheil gach nì, leithid còmhdhail, taigheadas no slàinte, co-cheangailte. Tha iad uile an urra ri chèile agus feumaidh gach roinn obrachadh còmhla gus am faicear na builean as fheàrr airson dhaoine. Tha grunn gheallaidhean sa phlana co-cheangailte ri taigheadas leithid a’ dèanamh an fheum as fheàrr de dhachaighean a th’ ann mu thràth,

riaghladh airson aontaidhean-màil goirid, a’ dèanamh rudeigin mu dhachaighean falamh agus gun lean am maoineachadh airson thabhartasan a leigeas le croitearan taighean-croite a thogail no a leasachadh. Tha Clàr Coileanaidh Plana Nàiseanta nan Eilean a’ sealltainn mar a bheir Riaghaltas na h-Alba na prìomhachasan gu buil thar na h-ùine a chaidh a chomharrachadh gus Plana Nàiseanta nan Eilean a choileanadh. Mar a dh’fheumar a dhèanamh fo Achd nan Eilean (Alba) 2018, thathar a’ dèanamh ath-sgrùdadh air Plana Nàiseanta nan Eilean ann an 2023-2024 gus dèanamh cinnteach gu bheil e a’ coileanadh na tha a dhìth.

Tha am Plana Gnìomh seo ag amas air coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ seòrsachadh àiteachan bailteil/dùthchail ann an dòigh chunbhalach agus sin stèidhichte air àireamh an t-sluaigh agus ruigsinneachd. Airson a’ Phlana Ghnìomh seo tha sinn a’ cleachdadh dòigh-sheòrsachaidh le sia slatan-tomhais: dùthchail iomallach, dùthchail ruigsinneach agus bailtean beaga iomallach (raointean seòrsachaidh 4, 5 agus 6).

’S iomadh seòrsa cùis co-cheangailte ri taigheadas air am feum coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach beachdachadh. Faodaidh càileachd, prìs agus àireamh nan dachaighean a bhith eadar-dhealaichte ann an diofar sgìrean, cuideachd gheibhear suidheachaidhean eadar-dhealaichte a thaobh chothroman eaconamach is tuarastalan. Cuideachd, faodaidh nithean mar ruigsinneachd, còmhdhail, goireasan agus far a bheil àite buaidh a thoirt air cùisean. ’S e dùbhlan mòr eile a gheibhear, na th’ ann de thaighean a tha air an cleachdadh airson adhbharan eile seach a bhith nan dachaigh mhaireannach. Tha gnìomhachas na turasachd fìor chudromach do thòrr àiteachan dùthchail ann an Alba, ach, faodaidh mar a tha luchd-turais a’ sireadh àiteachan-fuirich agus dàrna dachaighean buaidh a thoirt air an uiread de thaigheadas a tha ri fhaotainn agus air prìs an taigheadais sin airson choimhearsnachdan ionadail, prìomh luchd-obrach agus luchd-obrach turasachd.

Sa Phlana Ghnìomh seo, thathar a’ tuigsinn gum faodadh fuasglaidhean iomadh-fhillte a bhith a dhìth gus barrachd dhachaighean a thabhann sna h-àiteachan ceart ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach agus gum bi diofar fhuasglaidhean a dhìth air diofar àiteachan. Dh’fhaodadh nach obraich an aon seòrsa taice anns gach coimhearsnachd. Ma thathar a’ dol lorg fhuasglaidhean freagarrach airson taigheadas a tha stèidhichte air an àite agus a chuidicheas coimhearsnachdan thar nan ginealach a tha ri thighinn, tha e fìor chudromach gum bi tuigse againn air cùisean co-cheangailte ri solarachadh taigheadais, na nithean a bheir buaidh air a’ mhargaidh agus air an iarrtas a th’ ann agus tuigse air cùisean co-cheangailte ri gabhaltas agus prìsean reusanta.

Le tòrr de na gnìomhan sa phlana seo, thathar ag iarraidh dèiligeadh ris na prìomh dhùbhlain a gheibhear an lùib a bhith a’ tabhann barrachd dhachaighean aig prìs reusanta, leithid cion fearainn, gainnead luchd-obrach no companaidhean gus dachaighean a thogail, dachaighean airson prìomh luchd-obrach a dhìth, agus a’ dèanamh an fheum as fheàrr dhen taigheadas a th’ ann le bhith a’ dèiligeadh ris an àireimh àird de dhàrna dachaighean agus an uiread de thaighean falamh a gheibhear.

Ma thathar a’ dol a choileanadh gnìomhan a’ phlana seo, ’s ann tro chom-pàirteachas as fheàrr a nithear sin. Bidh feum air dealas, co-obrachadh agus taic bho iomadh buidheann agus feumaidh coimhearsnachdan obrachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba gus barrachd taigheadais a thogail is a thabhann ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach.

Contact

Email: morehomesbusman@gov.scot

Back to top