Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach
Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.
Co-chonaltradh
Tha am plana seo a’ cur taic ris na h-amasan a chithear ann an Taigheadas gu ruige 2040, amasan a chaidh a dhealbh mar thoradh air co-chomhairleachadh farsaing a chaidh a chumail le coimhearsnachdan is luchd-ùidhe air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-steach choimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach.
Nuair a bha sinn ag ullachadh a’ phlana seo, ghabh sinn ealla ri beachan bhon cho-chomhairleachadh sin agus rinn sinn barrachd co-chonaltraidh a dh’aona-ghnothach gus beachdan a shireadh bho thaghadh farsaing de choimhearsnachdan is luchd-ùidhe. Mar phàirt de sin, chùm sinn diofar choinneamhan le prìomh luchd-ùidhe agus buidhnean aig an robh farsaingeachd de bheachdan air taigheadas ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach.
Nam measg bha na h-ùghdarrasan ionadail a tha a’ riochdachadh choimhearsnachdan dùthchail is eileanach na h-Alba, uachdarain shòisealta chlàraichte, luchd-comasachaidh taigheadais dùthchail, urrasan leasachaidh, gnothachasan agus buidhnean leithid Bòrd na Gàidhlig, Uisge na h-Alba, Coimisean Fearainn na h-Alba agus Coimisean na Croitearachd. Cuideachd, rinneadh co-chonaltradh ri riochdairean bho ghnìomhachasan (me, tuathanasan èisg, turasachd, companaidhean togail), òigridh, daoine a bha a’ riochdachadh luchd-labhairt na Gàidhlig, tuathanaich, croitearan agus riochdairean bho fhoghlam àrd-ìre. Chithear liosta de luchd-ùidhe ris an do rinn sinn co-chonaltradh aig deireadh a’ phlana seo.
Bha an co-chonaltradh a rinn sinn le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Iomairt Cheann a Deas na h-Alba glè fheumail. Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth còmhla ris an dà bhuidhinn sin agus tro na fo-bhuidhnean taigheadais ùra aig a’ Chom-pàirteachas Roinneil Eaconamach, còmhla ri ùghdarrasan ionadail, gus taic a chumail ris an obair aca le gnothachasan agus coimhearsnachdan ionadail feuch am bithear a’ daingneachadh nan ceanglaichean làidir eadar taigheadas agus an eaconamaidh ionadail.
Prìomh Phuingean a Chaidh a Thogail sa Cho-chonaltradh againn
Tha fios againn gum faod cùisean a bhith gu math toinnte nuair a thig e gu bhith a’ togail is a’ tabhann taigheadas ùr ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach, agus gu bheil gach sgìre eadar-dhealaichte agus gu bheil aca ri dèiligeadh ris na h-uallaichean is dùbhlain aca fhèin agus gu bheil cothroman sònraichte aig gach sgìre fa leth cuideachd. Ge-tà, chaidh puingean cudromach a thogail sa cho-chonaltradh a dh’fhaodar a ràdh mu thòrr sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach agus tha am Plana Gnìomh seo ag amas air rudeigin a dhèanamh mu choinneimh nam puingean sin. ’S iad sin:
1. Ann an sgìrean dùthchail is eileanach, tha dlùth-cheangal eadar feumalachdan taigheadais agus an t-àite, an eaconamaidh agus a’ choimhearsnachd agus bidh co-obrachadh èifeachdach a dhìth gus fuasglaidhean a lorg.
2. Chan eil an uiread sin de thaigheadas ga thogail leis an roinn phrìobhaidich taobh a-muigh sgìrean sa bheil sluagh mòr a’ fuireach agus tha sin a’ toirt lùghdachadh air an àireimh de roghainnean airson taigheadas ùr agus de chothroman gus sealbh fhaighinn air dachaigh.
3. Ann an cuid a sgìrean, tha dùbhlain ann a thaobh a bhith a’ comharrachadh fearann a tha freagarrach airson na dachaighean a tha a dhìth a thogail. Thathar a’ gabhail ris gum faodadh barrachd co-obrachaidh aig ìre ionadail cuideachadh le bhith a’ gabhail nan cothroman a th’ ann.
4. Tha cion chomasan togail, sgilean agus dùbhlain a thaobh solarachadh stuthan togail a’ toirt buaidh air an uiread taigheadais as urrainnear a thogail ann an cuid a sgìrean, agus tha sin a’ cur ri cosgaisean, an ùine a bheir e taigheadas a thogail agus a’ toirt buaidh air mar as urrainnear taigheadas a thabhann no a thogail.
5. Ann an cuid a sgìrean, tha taigheadas fo stiùir na coimhearsnachd a’ dèanamh diofar mòr ann a bhith a’ frithealadh air feumalachdan taigheadais ionadail agus faodaidh na ceumannan gus leithid a thaigheadas a chur air dòigh a bhith dùbhlanach agus mar sin tha comhairle is stiùireadh cunbhalach a dhìth do na coimhearsnachdan.
6. Feumar am feum as fheàrr a dhèanamh de na dachaighean a th’ ann mu thràth, leithid dhachaighean falamh agus a’ dèanamh cothromachadh eadar an t-iarrtas a th’ ann airson dàrna dachaighean is àiteachan-fuirich le aontaidhean-màil geàrr-ùine agus mar a tha feum air dachaighean maireannach.
Dachaighean Freagarrach sna h-Àiteachan Ceart
Tha taigheadas a’ toirt buaidh mhòr air beatha dhaoine agus seasmhachd ann an coimhearsnachdan dùthchail agus tha e a’ toirt taic dhan eaconamaidh ionadail. Ma tha coimhearsnachdan dùthchail a’ dol a shoirbheachadh, tha e deatamach gum bi dachaighean freagarrach ann dhaibh sna h-àiteachan ceart. Gus dèanamh cinnteach gum faigh coimhearsnachdan taic thar ùine fhada, tha e glè chudromach gun tèid fuasglaidhean a dh’aona-ghnothach, stèidhichte air an àite, a chur an sàs far a bheilear a’ beachdachadh air na dhìth an-dràsta agus san àm ri teachd a thaobh taigheadas, gabhaltas agus prìsean reusanta agus air goireasan agus bun-structair.
Ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach, faodaidh gnìomhan beaga diofar mòr a dhèanamh agus faodaidh àireamh bheag de dhachaighean ùra buaidh mhòr a thoirt air cùisean mar nach fhaicear ach ainneamh, agus iad a’ cur ri neart na coimhearsnachd thar na h-ùine fada. ’S e a tha fa-near do Riaghaltas na h-Alba nuair a tha iad a’ beachdachadh air mar a thèid taigheadas ùr a chur air dòigh agus planaichean airson sin, gum bi “dachaighean freagarrach sna h-àiteachan ceart”. Tha am prionnsapal bunaiteach sin, stèidhichte air an àite, a’ buntainn ri sgìrean dùthchail cho math ri bailtean agus tha e mar bhunait dhan fheallsanachd againn airson fuasglaidhean taigheadais air feadh na h-Alba.
Tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa dachaighean sàr-mhath aig prìs reusanta a thogail is a thabhann air feadh na h-Alba, agus sin a’ gabhail a-steach ar coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach. Tha sinn air amas fad-ùine a stèidheachadh gus 110,000 dachaigh ùr aig prìs reusanta thabhann do dhaoine ro 2032 – bidh co-dhiù 70% dhiubh sin ann an roinn an taigheadais shòisealta air mhàl agus bidh 10% dhiubh sna coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach. Tha fios againn gum faod cùisean a bhith nas iomadh-fhillte nuair a thig e gu bhith a’ togail is a’ tabhann barrachd dhachaighean ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach an coimeas ri sgìrean bailteil, tha e a’ toirt nas fhaide dachaighean a thoirt air adhart, tha na cosgaisean leasachaidh nas àirde, agus faodaidh e a bhith nas duilghe fearann freagarrach a lorg aig prìs reusanta anns na h-àiteachan ceart.
Tha ceangal làidir eadar taigheadas aig prìs reusanta a thèid a thabhann is a thogail tro Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta agus a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach agus mar a thèid cur ri beairteas choimhearsnachdan. Bidh an fheadhainn a bhios a’ tabhann taigheadas aig prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail is eileanach – leithid ùghdarrasan ionadail, uachdarain shòisealta chlàraichte, luchd-
comasachaidh taigheadais dùthchail agus coimhearsnachdan – a’ dèanamh diofar mòr dhan eaconamaidh ionadail, agus ’s iomadh buannachd, a bharrachd air na dachaighean fhèin, a thig bhon taigheadas aca. Tro obair togail is chàraidh tha an taigheadas a’ cruthachadh chothroman obrach do choimhearsnachdan ionadail agus bithear a’ ceannach bathar is sheirbheisean, agus gu tric ’s iad na gnothachasan beaga is meadhanach mòr a gheibh buannachd às an sin agus cuidichidh sin gus obraichean ionadail a ghleidheadh agus gus ionmhas a ghleidheadh sna coimhearsnachdan.
Tha an dòigh-obrach againn gus piseach a thoirt air an eaconamaidh, A’ Cur ri Beairteas nan Coimhearsnachdan, a’ sealltainn mar a tha e na amas dhuinn leasachadh a dhèanamh air na dòighean practaigeach a th’ againn gus ar cinn-uidhe airson eaconamaidh a nì feum do mhath dhaoine a choileanadh, cinn-uidhe a chithear ann an Ro-innleachd Nàiseanta na h-Alba airson Cruth-atharrachadh a thoirt air an Eaconamaidh. Tha sinn air cur romhainn modhan-solarachaidh a chleachdadh gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh barrachd obraichean is obraichean nas fheàrr, le fàs am measg ghnothachasan agus le slighean nas giorra gus bathar is stuthan togail a ghiùlan mar thaic do dh’amasan airson cothromachadh-carboin agus gus am bi gnìomhachas na h-obrach-togail air stèidh nas làidire. Tha sinn air taghadh de ghoireasan, poileasaidhean taice agus stiùiridhean a chur air dòigh gus na modhan-solarachaidh a dhèanamh nas sìmplidh agus gus am bi e nas fhasa do dhaoine fiosrachadh fhaighinn agus cothroman a ghabhail.
A’ togail air an tachartas Luchd-gnothaich sa Phàrlamaid a chaidh a chumail sa Ghearran 2023, rannsachadh a rinneadh air Gnothachasan Beaga is Meadhanach Mòr agus air an treas roinn, agus co-chonaltradh leantainneach le gnothachasan gus dòighean-obrach fheuchainn agus a leasachadh, tha sinn a’ dealbh Plana Gnìomh airson Ghnothachasan Beaga is Meadhanach Mòr a Gheibh Taic agus an Treas Roinn.
Bithear a’ planadh airson taigheadas tro phròiseas stèidhichte. ’S ann an urra ri ùghdarrasan ionadail a tha e measadh a dhèanamh air na tha dhìth a thaobh taigheadas agus dèanamh cinnteach gu bheil talamh freagarrach ann, anns na h-àiteachan ceart, gus taigheadas a thogail – agus iad nan ùghdarrasan taigheadais reachdail agus mar as trice nan ùghdarrasan planaidh cuideachd. Tha dleastanasan air ùghdarrasan nam Pàircean Nàiseanta cuideachd mar ùghdarrasan planaidh.
Tha Còraichean Leasachaidh Ceadaichte a’ cur an cèill na dh’fhaodas daoine a thogail gun a bhith a’ cur iarrtas-dealbhachaidh a-steach. Chaidh Còraichean Leasachaidh Ceadaichte ùra a chur an sàs sa Ghiblean 2021 a tha a’ ceadachadh obair leasachaidh air toglaichean àiteachais no coilltearachd gus suas ri còig àiteachan-còmhnaidh a chruthachadh anns gach togalach.
Tha aig a h-uile ùghdarras planaidh ri Plana Leasachaidh Ionadail ullachadh airson na sgìre aca, air an tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh gach deich bliadhna, a sheallas mar a dh’atharraicheas àiteachan san àm ri thighinn, le fios air càite am bu chòir leasachaidhean a bhith agus càite nach bu chòir dhaibh a bhith. Bidh Planaichean Leasachaidh Ionadail a’ sealltainn nan àiteachan far am bi dachaighean ùra is àiteachan-obrach ùra agus seallaidh iad ciamar a thèid seirbheisean is goireasan, leithid sgoiltean is còmhdhail, a chur air dòigh. Bu chòir do Phlanaichean Leasachaidh Ionadail molaidhean a dh’aona-ghnothach a thoirt seachad a thaobh taigheadas dùthchail, agus nuair a tha e iomchaidh bu chòir molaidhean a bhith ann mu choinneimh mar a thèid fàs a thoirt air an t-sluagh – mar eisimpleir, pròiseactan taigheadais beaga agus croitean coille, agus ath-thuineachadh a bhith ann an sgìrean far am b’ àbhaist daoine a bhith a’ fuireach nuair a tha sin freagarrach.
Nuair a tha ùghdarrasan planaidh ag ullachadh Phlanaichean Leasachaidh Ionadail, feumaidh iad ealla a ghabhail ri Frèam Planaidh Nàiseanta 4 agus Planaichean Àite Ionadail, sin planaichean a thèid ullachadh fo stiùir na coimhearsnachd a bhios a’ stèidheachadh mholaidhean a thaobh mar a bu chòir am fearann a bhith air a leasachadh agus a chleachdadh. Aon uair ’s gu bheil na Planaichean Leasachaidh Ionadail deiseil agus air an clàradh leis an ùghdarras phlanaidh, feumar ealla a ghabhail riutha nuair a thathar ag ullachadh Plana Leasachaidh Ionadail, ma bhuineas iad ri sgìre a’ Phlana sin.
Tha aig a h-uile ùghdarras ionadail ri Ro-innleachd Taigheadais Ionadail ullachadh – stèidhichte air measadh a rinneadh air na tha dhìth a thaobh taigheadas agus air an iarrtas air a shon – anns am bithear a’ sealltainn nam prìomhachasan is nam planaichean aca gus taigheadas is seirbheisean co-cheangailte ris a stèidheachadh thairis air còig bliadhna. A thaobh sgìrean dùthchail is eileanach, bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail beachdachadh air na cùisean is dùbhlain a bhios gu h-àraidh a’ toirt buaidh orra nuair a thig e gu taigheadas is seirbheisean co-cheangailte ris agus bu chòir dhaibh planaichean ullachadh gus dèiligeadh riutha sin. Mar eisimpleir, bu chòir prìomhachasan sònraichte a stèidheachadh airson taigheadas aig prìs reusanta air feadh na sgìre, agus mar phàirt de sin bithear a’ beachdachadh air cùisean gabhaltais, meud nan taighean agus a bheil feum air taigheadas sònraichte. Thèid Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail ùrachadh a h-uile còig bliadhna, agus tha cothrom le sin measadh a dhèanamh feuch a bheil na Feumalachdan a thaobh Fearann airson Taigheadas Ionadail, a tha air an comharrachadh sna Planaichean Leasachaidh Ionadail, fhathast freagarrach agus an gabh frithealadh orra.
Cuideachd, tha aig ùghdarrasan ionadail ri Plana Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas ullachadh gach bliadhna a bu chòir ealla a ghabhail gu dlùth ri prìomhachasan san Ro-innleachd Thaigheadais Ionadail. Anns gach Plana Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas gheibhear fiosrachadh air pròiseactan airson taigheadas aig prìs reusanta air a bheil prìomhachas thairis air còig bliadhna, a’ gabhail a-steach phròiseactan ann an sgìrean iomallach, dùthchail is eileanach. Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ toirt sùil as ùr air gach Plana Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas gach bliadhna agus bheir iad beachdan do dh’ùghdarrasan ionadail orra.
Tha còig sgiobaidhean sgìreil aig Riaghaltas na h-Alba a bhios ag obair gu dlùth còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus luchd-ùidhe ionadail eile gus cuideachadh le bhith a’ togail is a’ tabhann taigheadas aig prìs reusanta agus le bhith a’ coileanadh amasan co-cheangailte ri taigheadas san fharsaingeachd agus ri àiteachan ionadail. Mar eisimpleir, bidh Co-bhuidheann Taigheadais na Gàidhealtachd aig Comhairle na Gàidhealtachd a’ coinneachadh gach seachdain far am bi còig uachdarain shòisealta chlàraichte a tha an sàs ann an leasachaidhean taigheadais, Riaghaltas na h-Alba agus riochdairean bho roinnean buntainneach dhen Chomhairle a’ tighinn còmhla gus obair a sgrùdadh is a cho-òrdanachadh. Mar an ceudna, tha Fòram Taigheadais Ro-innleachdail Earra-Ghàidheal is Bhòid ann, com-pàirteachas le iomadh buidheann, a bhios a’ coinneachadh gach ràith gus co-òrdanachadh is sgrùdadh a dhèanamh air mar a thèid taigheadas aig prìs reusanta a thogail is a thabhann gu h-ionadail. Air an fhòram sin tha, an t-ùghdarras ionadail, uachdarain shòisealta chlàraichte, Riaghaltas na h-Alba, Taigheadas Dùthchail na h-Alba agus Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan.
Tha an clàr gu h-ìosal a’ sealltainn diofar luchd-ùidhe aig a bheil ùidh shònraichte ann an taigheadas agus tha e a’ sealltainn an àite a th’ aca ann an siostam an taigheadais.
Prìomh Luchd-ùidhe Taigheadas ann an Sgìrean Iomallach, Dùthchail is Eileanach
Luchd-leasachaidh Prìobhaideach
- A’ cur mholaidhean leasachaidh ùra a-steach.
- Seirbheisean togail is a’ stèidheachadh taigheadas.
Buidhnean Taigheadais na Treas Roinne
- Taic do phròiseactan taigheadais fo stiùir na coimhearsnachd.
- Fiosrachadh air mar a stèidhichear taigheadas.
- Comhairle is taic.
- Poileasaidhean is dòighean-obrach.
Uachdarain Shòisealta Chlàraichte
- Sealbh air is a’ stiùireadh taigheadas aig prìs reusanta.
- A’ stèidheachadh taigheadas ùr aig prìs reusanta.
- Comhairle is taic do luchd-gabhail.
Riaghaltas na h-Alba
- Poileasaidhean Nàiseanta – Taigheadas gu ruige 2040 / Frèam Planaidh Nàiseanta 4
- Stiùireadh:
- Planaichean Leasachaidh Ionadail;
- Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail;
- Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas; agus
- Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta.
- Maoineachadh do dh’ùghdarrasan ionadail, uachdarain shòisealta chlàraichte agus daoine eile gus taigheadas aig prìs reusanta a stèidheachadh, càileachd an taigheadais a leasachadh agus gus dèanamh cinnteach nach bi daoine gun dachaigh.
- Taic gus dachaighean a cheannach, leithid nan sgeamaichean aig an Iomairt Beag-chosgais airson Daoine a tha Ceannach airson a’ Chiad Uair agus Maoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail
Buidhnean Iomairt
- Iomairt Cheann a Deas na h-Alba.
- Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.
- A’ toirt taic dhan eaconamaidh roinneil agus do leasachaidhean coimhearsnachd.
Riaghaltas Ionadail
- Ùghdarras Taigheadais is Planaidh Reachdail.
- Dleastanas reachdail fo Achd an Taigheadais (Alba) 2001 gus Ro-innleachd Taigheadais Ionadail ullachadh, tro cho-chomhairleachadh agus le taic bho mheasadh air na tha a dhìth agus air an iarrtas a thaobh taigheadas.
- San Ro-innleachd Taigheadais Ionadail chithear na planaichean airson taigheadas is seirbheisean co-cheangailte ri taigheadas thar sgìre an ùghdarrais ionadail.
- Diofar dhleastanasan reachdail leithid daoine gun dachaigh, bochdainn connaidh, co-ionannachd, atharrachadh na gnàth-shìde, èifeachdas cumhachd agus càileachd taigheadais.
- A’ cruthachadh Plana Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas gach bliadhna a bhios a’ gabhail ealla ri prìomhachasan na Ro-innleachd Taigheadais Ionadail.
- A’ cruthachadh Plana Leasachaidh Ionadail.
- Ag aontachadh ri iarrtasan planaidh.
Luchd-còmhnaidh
- Daoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach.
- A’ stèidheachadh taigheadas is Planaichean Àite Ionadail.
Fastaichean
- Gnothachasan prìobhaideach is seirbheisean poblach.
- ’S dòcha gum bi sealbh aca air goireasan leithid fearann no taigheadas.
Buidhnean Luchd-ùidhe
- Bidh na nì iad a rèir an dleastanasan, ’s dòcha gun toir iad buaidh air no stiùir do phoileasaidhean is ro-innleachdan Riaghaltas na h-Alba no riaghaltas ionadail.
Contact
Email: morehomesbusman@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback