Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.


Mar as Urrainnear Barrachd Dhachaighean Sàr-mhath a Thabhann aig Prìs Reusanta

Cothrom air Fearann

Tha e fìor chudromach gum bi cothrom ann air fearann a ghabhas cleachdadh airson taigheadas, sna h-àiteachan ceart agus aig a’ phrìs cheart mar thaic do leasachaidhean freagarrach ma tha sinn a’ dol a choileanadh ar n-amasan is prògraman taigheadais ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach. Tha e cudromach, ge-tà, le bhith a’ beachdachadh air sin gun gabhar ealla cuideachd ri cùisean sònraichte eile leithid a bhith a’ dìon na h-àrainneachd, mar eisimpleir a’ cur dìon air is ag ath-nuadhachadh tìr-mhònach agus àrainnean-nàdair cudromach eile agus a bhith a’ toirt taic do dhòighean-beatha traidiseanta agus do thaobhan eile de ar dualchas, mar eisimpleir coimhearsnachdan Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa dèanamh cinnteach gum bi barrachd soilleireachd ann a thaobh cò leis a tha am fearann agus dèanamh cinnteach gum faighear buannachdan dhan phoball bho fhearann agus gum bi barrachd cumhachd aig coimhearsnachdan nuair a thig gu co-dhùnaidhean a thaobh mar a bu chòir feum a dhèanamh de dh’fhearann.

Cuideachd, tha Coimisean Fearainn na h-Alba a’ dèanamh obair chudromach gus cuideachadh le bhith a’ cur fearann fo shealbh choimhearsnachdan, leithid na h-obrach a thathar a’ dèanamh tron Bhuidhinn Cheannais airson Fearann Coimhearsnachd agus an co-obrachadh a tha iad a’ dèanamh le Oighreachd a’ Chrùin air an Sgeama Dhearbhaidh airson Adhartas le Fearann Coimhearsnachd.

Tha Riaghaltas na h-Alba air còig Com-pàirteachasan Roinneil airson mar a Thèid Fearann a Chleachdadh a stèidheachadh mar sgeamaichean dearbhaidh airson co-obrachadh a bhrosnachadh eadar riaghaltas ionadail agus riaghaltas nàiseanta, coimhearsnachdan, luchd-seilbh fearainn, luchd-stiùiridh fearainn agus luchd-ùidhe eile. Tha na sgeamaichean dearbhaidh sin ag obrachadh gus dòighean ionadail, freagarrach a chruthachadh gus Frèamaichean Roinneil airson mar a Thèid Fearann a Chleachdadh a dhealbh ro dheireadh 2023. Bidh na frèamaichean seo a’ sealltainn mar a gheibh sinn an taic as motha as urrainn dhuinn bhon fhearann, agus sinn a’ beachdachadh air ar stòrasan nàdarra, gus cuideachadh le prìomhachasan roinneil agus amasan is cinn-uidhe nàiseanta agus le bhith a’ cur cothromach-carboin an sàs tro eadar-ghluasad cothromach.

Planaichean Leasachaidh Ionadail

Bidh Planaichean Leasachaidh Ionadail a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh nan dòighean-obrach ro-innleachdail is nan ceann-uidhe poileasaidh a gheibhear ann am Frèam Planaidh Nàiseanta 4, leithid nan riatanasan a th’ ann airson nuair a thathar a’ comharrachadh fearann airson taigheadas. Ann am Frèam Planaidh Nàiseanta 4, gheibhear Bun-riatanasan airson Fearann Taigheadais airson Gach Seòrsa Gabhaltais do gach ùghdarras planaidh ann an Alba. ’S e th’ ann am Bun-riatanas airson Fearann Taigheadais airson Gach Seòrsa Gabhaltais, a’ chuid as lugha de dh’fhearann, agus sin air a mhìneachadh mar àireamh de dh’aonadan taigheadais, a thathar an dùil a chomharraicheas Plana Leasachaidh Ionadail ann an sgìre an ùghdarrais phlanaidh thar 10 bliadhna. Tha aig Planaichean Leasachaidh Ionadail ri Riatanas Ionadail airson Fearann Taigheadais ainmeachadh airson na sgìre agus thathar an dùil gum bi sin nas àirde na am Bun-riatanas airson Fearann Taigheadais airson Gach Seòrsa Gabhaltais a chithear ann am Frèam Planaidh Nàiseanta 4.

Feumaidh ro-innleachd-àiteachan a bhith sa Phlana Leasachaidh Ionadail a tha a’ beachdachadh air taigheadas ann an sgìrean dùthchail. Bu chòir dha dòighean-beatha seasmhach a chur air adhart, agus ealla a ghabhail ris na feumalachdan eadar-dhealaichte a th’ aig sgìrean is coimhearsnachdan dùthchail, agus ris na dùbhlain eadar-dhealaichte a th’ ann an lùib a bhith a’ stèidheachadh taigheadas sna sgìrean sin. Bu chòir tuigse a bhith ann air na bhios a dhìth a thaobh ghoireasan ri

linn leasachaidhean ùra, leithid chothroman gu leòr air seirbheisean coimhearsnachd ionadail agus taic airson còmhdhail sheasmhach, agus bu chòir an tuigse sin a chur gu feum gus dòigh-smaoineachaidh dhùthchail a chur an sàs nuair a thathar a’ beachdachadh air beatha ionadail dhaoine.

Gnìomh

Obraichidh sinn còmhla ri luchd-ùidhe gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a thèid poileasaidhean planaidh nàiseanta bho Fhrèam Planaidh Nàiseanta 4 a chur an gnìomh tro Phrògram Coileanaidh an Fhrèam agus beachdachaidh sinn air Planaichean Leasachaidh Ionadail ùra nuair a tha iad gan ullachadh le sùil air an adhartas a thig bho na planaichean sin, gu h-àraidh a thaobh mar a tha bhios iad a’ togail air agus a’ co-fhreagairt air poileasaidhean Frèam Planaidh Nàiseanta 4.

Fearann airson Taigheadas

Sa cho-chonaltradh a rinn sinn, chomharraich luchd-ùidhe cion cothruim air fearann freagarrach mar aon de na prìomh dhùbhlain a bh’ ann nuair a thigeadh e gu bhith a’ togail barrachd dhachaighean. Cuideachd, chuala sinn bho bhuidhnean coimhearsnachd is urrasan leasachaidh a bha air fearann is toglaichean fhaighinn tro Iarrtasan airson Sealbh Coimhearsnachd agus bho dhaoine aig an robh fearann a bha airson bruidhinn ri coimhearsnachdan is daoine eile mu bhith a’ reic fearann ’s dòcha no a bha airson cuideachadh le cothroman a chur air dòigh gus dachaighean aig prìs reusanta a thogail no a thabhann gu h-ionadail.

San aithisg aig Coimisean Fearainn na h-Alba, Mar a Chuidicheas Fearann le Taigheadas Ùr ann an Sgìrean Dùthchail na h-Alba, chaidh a ràdh gum faod coimhearsnachdan is daoine aig a bheil fearann gu tric a bhith nas fhaisge air a chèile, a thaobh nam beachdan aca air na a dhìth, na thathar uaireannan a’ cumail a-mach. Thugadh fa-near cuideachd, ma tha barrachd conaltraidh is co-obrachaidh ann, gu bheil cothrom tòrr nas fheàrr ann gun tèid fearann a reic no a thoirt seachad.

Faodaidh sgeamaichean mar uallaichean taigheadais dùthchail a bhith mar mheadhan cuideachd gus dearbhachd a thoirt do dhaoine aig a bheil fearann gun tèid fearann sam bith a bheir iad seachad a chleachdadh airson dachaighean aig prìs reusanta thar ùine fhada.

Tha e glè chudromach gum bi fearann freagarrach ri fhaotainn anns na h-àiteachan ceart ma thathar a’ dol a thogail barrachd dhachaighean sna h-àiteachan far a bheil feum orra. Tha maoineachadh nach beag air a bhith ri fhaotainn mar thaic dhan obair gus dachaighean aig prìs reusanta a thogail no a thabhann air feadh sgìrean dùthchail na h-Alba agus cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri ar luchd-compàirt aig na h-ùghdarrasan ionadail agus daoine eile gus taic a thoirt dhan obair gus dachaighean a thogail is a thabhann.

Tha fios againn gu bheil farsaingeachd de dh’obair is diofar iomairtean gan cur an sàs mu thràth agus bu mhath leinn togail air sin. Mar phàirt de sin, obraichidh sinn còmhla ri buidhnean poblach gus beachdachadh air an fhearann is na toglaichean a th’ aca a dh’fhaodadh a bhith freagarrach airson taigheadas.

Nuair a bhios fearann no taigheadas aig buidhnean poblach, a tha iad am beachd a reic no a thoirt seachad, tha sinn an dùil gum beachdaich iad air mar a dh’fhaodadh na goireasan sin a bhith feumail a thaobh amasan taigheadais farsaing agus gum bruidhinn iad, sa chiad dol a-mach, ri ùghdarrasan ionadail no luchd-compàirt taigheadais freagarrach eile.

Gnìomh

Obraichidh sinn còmhla ri buidhnean Riaghaltas na h-Alba agus Buidhnean Poblach Neo-roinneil buntainneach gus fearann no toglaichean, air nach eil feum aca tuilleadh, a chomharrachadh a dh’fhaodadh a bhith freagarrach airson taigheadas aig prìs reusanta.

Tha fios againn gun toir e ùine ann an cuid a sgìrean fearann freagarrach a chomharrachadh agus fhaighinn airson taigheadas aig prìs reusanta, agus gu tric tha ionmhas, obair is co-obrachadh nach beag a dhìth am measg farsaingeachd de luchd-compàirt is luchd-ùidhe. Tha fios againn gum feumar planadh a dhèanamh airson mar a thèid gnìomhan freagarrach a chomharrachadh is a choileanadh, gus am bi fearann freagarrach ri fhaotainn, san àite cheart, agus aig an àm cheart los gun gabh an taigheadas a tha dhìth aig prìs reusanta a stèidheachadh.

Tron Bhuidhinn-obrach air Cùisean-sluaigh aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, chaidh trì dreuchdan airson Oifigearan Tuineachaidh Coimhearsnachd a chruthachadh a chuidicheas gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air na dùbhlain ionadail a th’ ann a thaobh àireamhan-sluaigh, agus gus fuasglaidhean fhaighinn air na dùbhlain sin. Tha na h-Oifigearan Tuineachaidh Sluaigh air am fastadh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd, chaidh sgrùdadh farsaing a dhèanamh gus pìosan talmhainn a chlàradh a chaidh a chomharrachadh le coimhearsnachdan mar thalamh air an gabhadh taigheadas a thogail math dh’fhaodte. B’ urrainn dhan oifigear, agus iad a’ tarraing air deagh eòlas ionadail, co-chonaltradh math a dhèanamh ri daoine aig a bheil oighreachdan prìobhaideach, buidhnean poblach, agus buidhnean coimhearsnachd san sgìre, agus tha gach duine a-nis a’ beachdachadh air mar as urrainn dhaibh cuideachadh le bhith a’ toirt phròiseactan taigheadais gu buil a bheir taic dhan obair gus sluagh a ghleidheadh is a thàladh chun na sgìre. Chaidh 19.42 heactair uile-gu-lèir a chomharrachadh mar fhearann air an gabhadh taigheadas a thogail math dh’fhaodte ann an Sgìrean Chomhairlean Coimhearsnachd, agus dhe sin thathar a-nis a’ beachdachadh air diofar làraichean (12.36 heactair) airson a thoirt air adhart chun na h-ath ìre sa phròiseas leasachaidh.

Gnìomh

Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic do dh’Oifigearan Tuineachaidh Coimhearsnachd ann an 2023-24 agus nì sinn breithneachadh air na buannachdan a dh’fhaodadh tighinn bho bhith a’ stèidheachadh chom-pàirteachasan eadar na roinnean poblach, prìobhaideach is coimhearsnachd gus fearann a chomharrachadh airson taigheadas.

Nuair a chomharraicheas ùghdarras ionadail bacaidhean sònraichte a thaobh mar a tha fearann freagarrach ri fhaotainn airson dachaighean aig prìs reusanta, obraichidh sinn còmhla riutha agus còmhla ri luchd-seilbh fearainn agus luchd-ùidhe buntainneach gus cothroman eile a chomharrachadh a thaobh fearann a dh’fhaodadh a bhith air a chleachdadh airson taigheadas.

Ath-leasachadh an Fhearainn

Bho thàinig fèin-riaghladh, thathar air tòrr adhartais a dhèanamh ann an Alba le ath-leasachadh an fhearainn. Ann an Aonta Taigh Bhòid agus Co-ionannachd, Cothroman, Coimhearsnachdan: Ceannas ùr – Toiseach tòiseachaidh ùr, tha sinn air cur romhainn Bile eile airson ath-leasachadh an fhearainn a thoirt a-steach. Tha sinn air cur romhainn reachdas ath-leasachadh an fhearainn a thoirt a-steach gus am bi barrachd soilleireachd ann a thaobh cò leis a tha am fearann, gus cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gum faighear buannachdan dhan phoball bho phìosan mòra fearainn agus gus barrachd cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan le bhith a’ toirt barrachd chothroman dhaibh gus sealbh fhaighinn air fearann agus gus gnothach a ghabhail ri co-dhùnaidhean a thaobh mar a thèid feum a dhèanamh de dh’fhearann san sgìre aca.

Bidh an reachdas seo a’ cuideachadh le agus a’ brosnachadh co-chonaltradh ri coimhearsnachdan, soilleireachd agus stiùireadh cùramach airson fearann, a bhios a chum maith nan coimhearsnachdan ionadail agus iad a’ faighinn cumhachd gus co-chonaltradh a dhèanamh ri luchd-seilbh fearainn ionadail, agus bidh barrachd tuigse aig daoine air cùisean ri linn sin agus bithear a’ brosnachadh dhòighean-stiùiridh cunntachail airson fearann. Bidh cumhachan ùra san reachdas gus a’ mhargaidh a riaghladh airson pìosan mòra fearainn, leithid Measadh a thaobh Math a’ Phobaill, agus riatanasan far am feum buidhnean coimhearsnachd fios fhaighinn mu fhearann a tha gu bhith a’ dol air a’ mhargaidh no air a thoirt seachad.

Tha e na amas le Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016 gum bi cunntachalachd is farsaingeachd de luchd-seilbh ann nuair a thig e gu sealbh air fearann; agus tha i a’ dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri cothromachd, co-ionannachd agus ceartas sòisealta a tha a’ buntainn ri sealbh is cothroman air fearann agus mar a thèid fearann a chur gu feum, agus i a’ cur dleastanas reachdail air Ministearan gus Aithris air Còraichean is Dleastanasan Fearainn na h-Alba ullachadh. Chaidh an aithris fhoillseachadh airson a’ chiad uair ann an 2017 agus chaidh a h-ùrachadh ann an 2022, agus tha Lèirsinn agus seachd Prionnsapalan innte a tha a’ cur an cèill mar a ghabhas fearann a chleachdadh gu cùramach gus cuideachadh le bhith a’ togail ceangal làidir, brìoghmhor eadar muinntir is tìr na h-Alba. Tha e a’ sealltainn mar a tha sinn a’ faicinn cothromachadh eadar còraichean luchd-seilbh, luchd-stiùiridh, choimhearsnachdan ionadail agus a’ mhòr-shluaigh. Chaidh prionnsapal a chur ris an Aithris air Còraichean is Dleastanasan Fearainn na h-Alba 2022 a tha ag ràdh “Gum bu chòir farsaingeachd de bhuannachdan sòisealta, eaconamach, cultarach agus a thaobh na h-àrainneachd tighinn bho mar a bhios sealbh aig daoine air, mar a stiùireas iad agus mar a chleachdas iad fearann.”

Tha Ministearan na h-Alba cuideachd air stiùireadh fhoillseachadh air mar a nithear co-chonaltradh ri coimhearsnachdan a thaobh cho-dhùnaidhean a nithear mu fhearann, riatanas fo Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016, feuch am bi barrachd co-obrachaidh is co-chonaltraidh eadar an fheadhainn a nì co-dhùnaidhean mu fhearann agus na coimhearsnachdan ionadail air an toir na co-dhùnaidhean sin buaidh.

Cuideachd mar thoradh air Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016, tha barrachd soilleireachd ann a thaobh cò leis tha agus cò aige a tha smachd air fearann, agus i a’ stèidheachadh chumhachdan gus Clàr de Dhaoine aig a bheil Smachd air Fearann a chur air chois, rud a nì cinnteach gum bi barrachd fios agus tuigse aig coimhearsnachdan, luchd-gabhail, agus luchd-seilbh fearainn air cò aige a tha smachd air an fhearann – a’ gabhail a-steach dhaoine bho thaobh a-muigh na RA.

Chaidh a’ chòir a th’ aig coimhearsnachdan gus fearann a cheannach a stèidheachadh an toiseach fo Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2003, sin an reachdas trom faigh coimhearsnachdan còir gus fearann a cheannach. Chaidh leudachadh air sin ann an 2016 airson choimhearsnachdan ionadail, a tha stèidhichte ann an àite, agus far am faod i taic a chur ri leasachaidhean seasmhach. Tha a’ chòir aig coimhearsnachdan mu thràth, fo Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan 2015, ùidh a chlàradh ann am fearann de sheòrsa sam bith – ann am baile no air an dùthaich. Ma thathar a’ reic an fhearainn, bidh a’ chiad chothrom acasan gus am fearann a cheannach.

Gnìomh

Bheir sinn reachdas airson Ath-leasachadh an Fhearainn a-steach gus am bi barrachd soilleireachd ann a thaobh cò leis a tha am fearann, gus cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gum faighear buannachdan dhan phoball bho phìosan mòra fearainn agus gus barrachd cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan le bhith a’ toirt barrachd chothroman dhaibh gus sealbh fhaighinn air fearann agus gus gnothach a ghabhail ri co-dhùnaidhean a thaobh mar a thèid feum a dhèanamh de dh’fhearann san sgìre aca.

Iarrtasan airson Sealbh Coimhearsnachd

Stèidhich Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan (Alba) 2015 còir far am faod buidhnean coimhearsnachd iarrtas a chur gu ùghdarrasan ionadail, Ministearan na h-Alba agus diofar bhuidhnean poblach airson sealbh fhaighinn air fearann no togalaichean a b’ urrainn dhaibh, nam beachd-san, a chur gu feum nas fheàrr. Tha sin a’ toirt chòraichean ùra do bhuidhnean coimhearsnachd far am feumar cumail ri clàr-ama nuair a thathar a’ beachdachadh air an iarrtas aca airson fearann no togalaichean, agus tha e a’ stèidheachadh dòigh gus tagradh a thogail nuair a thèid an t-iarrtas aca a dhiùltadh. Tha e cuideachd a’ cur dhleastanasan ùra air buidhnean poblach far am feum iad beachdachadh air iarrtasan airson fearann no togalaichean sam bith san oighreachd aca, chan ann dìreach airson fearann no togalaichean air nach eil feum aca tuilleadh.

Gheibhear maoineachadh airson iarrtasan airson sealbh bho dhiofar thobraichean maoineachaidh. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt maoineachadh dhan t-Seirbheis Thaice airson Sealbh Coimhearsnachd gus obrachadh le buidhnean coimhearsnachd agus leis na h-ùghdarrasan buntainneach air feadh a’ phròiseis gus sealbh a thoirt do choimhearsnachdan air fearann no goireasan. Tha an taic dhan t-Seirbheis Thaice airson Sealbh Coimhearsnachd a’ cuideachadh gus cur ri comasan nan coimhearsnachdan, agus bidh an t-Seirbheis a’ toirt stiùireadh do bhuidhnean ionadail agus gan cuideachadh fhad ’s a tha iad a’ gabhail sealbh air fearann no goireasan agus bidh an t-Seirbheis ag obair còmhla ris na h-ùghdarrasan buntainneach gus leudachadh air eòlas dhaoine agus gus am poileasaidh a dhaingneachadh nan obair. Tha neach-comhairleachaidh sònraichte aig an t-Seirbheis Thaice airson Sealbh Coimhearsnachd airson nan eilean mu thuath agus an iar, agus tha na seirbheisean aca an-asgaidh. Faodaidh daoine cur a-steach airson taic bho Mhaoin Fearainn na h-Alba gus cuideachadh le iarrtasan airson sealbh coimhearsnachd.

Faodaidh aontaidhean airson sealbh coimhearsnachd cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh taigheadas ùr aig prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail is eileanach far a bheil coimhearsnachdan ag iarraidh adhartas a dhèanamh agus nuair as urrainn dhaibh dearbhadh gum bi buannachdan coimhearsnachd ann agus mar sin gun cuidich e gu mòr ann a bhith a’ cruthachadh chothroman ùra do dhaoine ionadail gus cumail orra a bhith a’ fuireach sna coimhearsnachdan aca agus sin a’ cur ris an eaconamaidh ionadail agus math dhaoine. Tha sinn a’ tuigsinn gum faod e a bhith doirbh uaireannan do choimhearsnachdan a bhith a’ dol an sàs sa phròiseas, agus tha sinn ag obair còmhla ri coimhearsnachdan agus buidhnean com-pàirt gus tuigse fhaighinn air na dùbhlain seo agus gus taic nas fheàrr a thoirt do ar coimhearsnachdan gus na h-amasan aca a choileanadh.

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi buidhnean a’ cumail ris na riaghailtean airson iarrtasan airson sealbh coimhearsnachd agus gum faigh buidhnean coimhearsnachd cothrom ceart agus follaiseach gus na planaichean aca a shealltainn. Tron obair againn leis a’ Bhuidhinn-obrach Nàiseanta airson Iarrtasan airson Sealbh agus tron ath-sgrùdadh a tha ga dhèanamh air Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan (Alba) 2015, gheibh a h-uile duine barrachd chothroman gus pàirt a ghabhail ann an cùisean.

Gnìomh

Cuiridh sinn ris na comasan a th’ aig coimhearsnachdan agus ris an eòlas a th’ aca air a’ phròiseas airson Iarrtasan airson Sealbh agus sinn ag obair còmhla ri coimhearsnachdan, ùghdarrasan buntainneach, agus ar luchd-compàirt leithid na Buidhne-gnìomh Nàiseanta airson Iarrtasan airson Sealbh. Nì sinn sin le bhith a’ brosnachadh dhaoine gus innse do chàch a chèile mu na deagh dhòighean-obrach aca (leithid gum bi daoine ainmichte aig ùghdarrasan buntainneach ris am faod coimhearsnachdan conaltradh a dhèanamh), agus le bhith a’ moladh mhodhan-obrach soilleir a tha a’ gabhail làn-ealla ris na tha na coimhearsnachdan a’ miannachadh.

Còmhdhail

Anns an Ro-innleachd Chòmhdhail Nàiseanta, a chaidh fhoillseachadh sa Ghearran 2020, chithear ar lèirsinn airson ‘siostam còmhdhail seasmhach, in-ghabhalach, sàbhailte agus so-ruigsinneach a chuidicheas sinn le bhith a’ stèidheachadh Alba mar dhùthaich a tha nas fallaine, nas cothromaiche agus nas beartaiche do choimhearsnachdan, gnothachasan agus luchd-tadhail’. Bheir An Dàrna Breithneachadh air Pròiseactan Còmhdhail Ro-innleachdail stiùir do phrògram ionmhais Riaghaltas na h-Alba airson còmhdhail thairis air an ath 20 bliadhna.

’S e aon rud a bheir buaidh gu sònraichte air coimhearsnachdan nan eilean agus nan leth-eilean, Plana Cheanglaichean nan Eilean bhios a’ dol an àite Plana nan Aiseagan agus a bhios a’ gabhail sealladh nas fharsainge air cùisean, agus e a’

beachdachadh air plèanaichean, aiseagan, agus ceanglaichean togte a thuilleadh air seirbheisean còmhdhail taobh a-muigh nan eilean a nì ceangal ri seirbheisean còmhdhail nan eilean. Fhad ’s a thathar a’ dealbh Plana Cheanglaichean nan Eilean thathar a’ gabhail ealla ris an Ro-innleachd Chòmhdhail Nàiseanta agus Plana Nàiseanta nan Eilean. Thathar an dùil Plana Cheanglaichean nan Eilean a dhealbh airson na h-eileanan uile, plana anns am bi fios air na tha san amharc againn airson aiseagan na h-Alba agus mìneachadh air deagh mhodhan-obrach agus inbhean airson seirbheisean aiseig.

Faodaidh an iomairt airson a bhith a’ fuireach gu h-ionadail, a tha mar bhunait dhan Ro-innleachd Chòmhdhail Nàiseanta agus taghadh de phoileasaidhean is iomairtean eile – leithid Frèam Planaidh Nàiseanta 4, riaghailtean is stiùireadh airson Phlanaichean Leasachaidh Ionadail, agus Taigheadas gu ruige 2040 – uile cuideachadh gus cothromachadh-carboin a chur an sàs le bhith a’ stèidheachadh chothroman nas fheàrr air bun-structair, seirbheisean, agus obraichean, agus sin a’ lùghdachadh an uiread ’s a sinn a’ cleachdadh charbadan prìobhaideach agus le bhith a’ neartachadh ar n-àiteachan mu choinneamh nan dòighean san toir atharrachadh na gnàth-shìde orra. Faodar an dòigh-smaoineachaidh air cùl a bhith a’ fuireach gu h-ionadail a chur an sàs sna sgìrean iomallach, dùthchail no eileanach gus cuideachadh le bhith a’ neartachadh nan sgìrean sin mu choinneamh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde, le cothroman nas fheàrr air taigheadas, le atharraichean ann an dòighean-siubhail, le sràidean àrda a tha nas eadar-mheasgaichte agus le bhith a’ cur ri beairteas choimhearsnachdan.

Ceanglaichean Didseatach

Am measg nan rudan a tha san amharc dhuinn le Taigheadas gu ruige 2040 tha gum bi ceanglaichean didseatach aig coimhearsnachdan, gus an urrainn do dhaoine a bhith ag obair bhon taigh no a bhith ag obair san sgìre ionadail nuair a dh’fheumas no a thogras iad. Thathar an dùil gum bi gach taigh ùr a thèid a thogail le ùghdarrasan ionadail agus uachdarain shòisealta chlàraichte, fo Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta, uidheamaichte leis na ceanglaichean is goireasan didseatach a tha dhìth gus feum a dhèanamh dhen teicneòlas as fheàrr a gheibhear. Ann an àiteachan far nach fhaighear an teicneòlas airson aon ghigabit, bu chòir am bun-structair a chur ann feuch am bi na taighean deiseil airson an astair sin nuair a thig an teicneòlas.

Tha ceanglaichean didseatach a’ cuideachadh gu mòr le bhith a’ toirt fàs air an eaconamaidh, an dà chuid a thaobh na taice a bheir iad do ghnothachasan agus a thaobh mar a tha iad feumail do dhaoine a tha airson a bhith a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach fhad ’s a tha iad ag obair air astar. Tha am prògram A’ Ruighinn air 100% (R100) a’ cur taic ris a’ ghealladh aig Riaghaltas na h-Alba gus leudachadh a thoirt air na cothroman air bann-leathann fìor luath gus am bi cothrom aig gach togalach ann an Alba air. Tha an riaghaltas agus an roinn choimeirsealta ag obair gus ceanglaichean didseatach a thogail air feadh Alba a bhios freagarrach airson an ama ri teachd. Ron Mhàrt 2028, tha sinn an dùil gum bi sinn air còrr is 114,000 togalach a cheangal ri bann-leathann fìor luath tro chùmhnantan R100 agus bidh mu 70% dhiubh sin ann an sgìrean dùthchail, agus bidh 12,000 dhiubh ann an coimhearsnachdan eileanach. Air 30 Ògmhios 2023, mar thoradh air obair tro R100 bha cothrom aig 30,000 togalach a bharrachd air bann-leathann fìor luath.

Bidh a’ mhòr, mhòr-chuid de na ceanglaichean a thèid a chur air dòigh tro chùmhnantan R100 dhen t-seòrsa le ceangal snàithlich chun an togalaich, agus iad sin comasach air ceangal gigabit a lìbhrigeadh le suas ri 1,000 megabit san diog. ’S iad na cùmhnantan R100 a tha aig teis-meadhan na h-iomairt gus ceanglaichean gigabit a thabhann airson toglaichean ann an sgìrean dùthchail is eileanach na h-Alba. Le bhith a’ tabhann cheanglaichean gigabit, tha sinn a’ toirt cothrom do sgìrean dùthchail na h-Alba a bhith ceum air thoiseach a thaobh teicneòlais, agus sinn a’ tabhann cheanglaichean a tha 30 uiread nas luaithe na gheall sinn sa chiad dol-a-mach (30 Megabit san diog).

Ann an 2022, chaidh 16 càbaill a chur fon uisge agus iad a’ dol gu 15 eileanan ann an Alba mar phàirt dhen Phrògram airson R100 a tha a’ ciallachadh gum bi ceanglaichean aig na coimhearsnachdan sin a bhios làidir agus freagarrach airson bhliadhnaichean mòra ri thighinn. Nuair a bhios an obair-togail dèanta, bidh cothrom aig 12,000 togalach sna h-eileanan air ceangal snàithlich chun an togalaich a tha comasach air ceangal gigabit a thoirt seachad.

Bidh sgrùdadh poblach a’ dearbhadh cò na toglaichean a dh’fhaodas cothrom fhaighinn air ceanglaichean a thèid a thabhann tro chùmhnantan solarachaidh san àm ri thighinn mar phàirt dhen phrògram Pròiseact Gigabit Riaghaltas na RA, agus iad a’ cleachdadh fiosrachadh a gheibhear bho luchd-solair air na goireasan gigabit a th’ aca agus a tha iad an dùil a thogail. Fad na h-ùine a chumas sinn oirnn ag obair gu dlùth còmhla ri Riaghaltas na RA, bidh sinn gan coiteachadh gus am maoineachadh a tha a dhìth a thoirt seachad gus ceanglaichean a tha freagarrach airson an ama ri teachd a thogail air feadh Alba, feuch nach bi neach sam bith air am fàgail air an iomall.

Gnìomhan

Nì sinn sgrùdadh air na th’ aig luchd-solair de ghoireasan gigabit agus air na tha iad an dùil a thogail dhiubh, agus mar phàirt de sin iarraidh sinn beachdan bho luchd-ùidhe san fharsaingeachd.

Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth còmhla ri A’ Cur ri Goireasan Didseatach na RA fhad ’s a thathar a’ dèanamh adhartas mu choinneimh a bhith a’ tairgsinn nan ciad chùmhnantan solarachaidh airson Pròiseact Gigabit ann an Alba, tha dùil againn gun tachair sin ro dheireadh 2023.

Ann an 2023, nì sinn co-chomhairleachadh air atharraichean air inbhean-togail a bhiodh a’ fàgail dleastanas air luchd-leasachaidh gus ceanglaichean didseatach sàr mhath a chur air dòigh anns gach leasachadh taigheadais ùr.

Prògraman Taigheadais Riaghaltas na h-Alba

Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic seachad gus dachaighean a thogail is a thabhann ann an sgìrean dùthchail is eileanach tro dhiofar phrògraman is maoinean nàiseanta. Bidh ùghdarrasan ionadail a’ faighinn Bheachdan Ionmhasail airson Planadh Ghoireasan airson grunn bhliadhnaichean tro Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta gus an urrainn dhaibh planadh airson taigheadas aig prìs reusanta airson na h-ùine air thoiseach. Chithear na prìomhachasan airson ionmhas airson taigheadas thairis air còig bliadhna sna Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas aig ùghdarrasan ionadail agus thathar an dùil gum bi iad a’ planadh airson barrachd taigheadais na tha dhìth air eagal ’s gum bi dàil ann le cuid a phrògraman. Tha sinn an dùil cuideachd gun lean ùghdarrasan ionadail orra a’ beachdachadh air pròiseactan a chur air adhart a tha a’ frithealadh air prìomh fheumalachdan taigheadais air

feadh gach sgìre a’ gabhail a-steach choimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach.

Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta

Eadar 2016-17 agus 2022-23, tha Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta, a’ gabhail a-steach na Maoine airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach, air taic a thoirt dhan obair gus còrr is 10,000 dachaigh aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach.

Tha grunn dhòighean ann am Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta gus maoineachadh fhaotainn airson dachaighean a thogail no a thabhann air feadh Alba a gheibh daoine air mhàl sòisealta, air mhàl aig prìs mheadhanach na margaidh, no air am faigh daoine sealbh aig prìs nas lugha, agus sin uile a’ cur taic ri prìomhachasan nan Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail agus nam Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas aig ùghdarrasan ionadail. Sa phrògram, tha slatan-tomhais airson ionmhas airson taigheadas aig prìs reusanta a tha a’ gabhail ealla ris mar tha e a’ cosg barrachd dachaighean a thogail ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach. Tha siostam nan slatan-tomhais na ghoireas rianachd shùbailte a thèid a chleachdadh gus measadh a dhèanamh air tabhartasan – chan e dòigh a th’ ann casg a chur air an ìre de mhaoineachadh a tha dhìth.

Barraid Brathwic – Arainn, Siorrachd Àir a Tuath[1]

Chaidh crìoch a chur air na taighean air Barraid Brathwic ann an Tràigh a’ Chaisteil ann an Arainn san Ògmhios 2022. B’ e seo a’ chiad taigheadas comhairle a chaidh a thogail san eilean o chionn còrr is 20 bliadhna. Tha am pròiseact a’ ciallachadh gu bheil 34 dachaighean ùra aig Comhairle Siorrachd Àir a Tuath airson màl sòisealta, agus nam measg tha taighean coitcheann, taighean aon-làir le goireasan agus dachaighean airson daoine le sèithear-cuibhle. Thug Riaghaltas na h-Alba maoineachadh luach £2.38 millean seachad bho Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta. Chaidh na taighean a thoirt seachad air mhàl tro Chlàr Taigheadais Siorrachd Àir a Tuath agus bha Iomairt Mhàil Ionadail ann airson prìomh luchd-obrach san eilean.

A thuilleadh air a’ phrìomh mhaoineachadh a gheibhear bho Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta do dh’ùghdarrasan ionadail agus uachdarain shòisealta chlàraichte, tha grunn phrògraman maoineachaidh fa leth eile ann fo Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta.

A’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach

Gus frithealadh air feumalachdan eadar-dhealaichte a gheibhear ann an siostam an taigheadais ann an sgìrean dùthchail is eileanach na h-Alba, tha a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach air a bhith ann bho 2016-17, agus tha e a’ frithealadh air iarrtas agus airson daoine is bhuidhnean nach fhaigh taic bhon phrìomh mhaoin aig prògram an taigheadais aig prìs reusanta, leithid choimhearsnachdan, daoine aig a bheil fearann agus buidhnean iomchaidh eile. Tron mhaoin seo, ’s urrainn do bhuidhnean ionadail a dhol an sàs gu ìre nas motha san obair gus frithealadh air feumalachdan taigheadais nan coimhearsnachdan aca ma tha iad airson, agus tha am maoineachadh seo a thuilleadh air a’ mhaoineachadh a gheibh uachdarain shòisealta chlàraichte is ùghdarrasan ionadail airson taigheadas aig prìs reusanta. Thathar ag aithneachadh a-nis mar a tha a’ mhaoin seo, a tha a’ frithealadh air iarrtas, na meadhan gus dachaighean a thogail no a thabhann ann an cuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tairgse suas ri £30 millean tron mhaoin seo, a tha a’ frithealadh air iarrtas, airson teirm na Pàrlamaid seo. Tha iarrtas mòr air a son fhathast, agus suas chun an Lùnastail 2023, bhathar air còrr is £18 millean a thoirt seachad airson phròiseactan, agus thugadh taic do thòrr phròiseactan a tha air fàire tro mhaoineachaidh-dearbhaidh, leis an amas gum faigh iad maoineachadh bhon phrìomh mhaoin aig a’ cheann thall.

Na h-Eileanan Beaga – Arcaibh[2]

Bho thòisich a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach aig Riaghaltas na h-Alba ann an 2016-17, tha grunn phròiseactan le Urrasan Leasachaidh ann an eileanan beaga Arcaibh air cur a-staigh air a son.

Tha a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach air cha mhòr £1 mhillean a thoirt seachad airson dachaighean no togalaichean eile a nuadhachadh, gus an urrainn do dhaoine fuireach annta, ann an Ronaldsay a Tuath, Papa Westray, Shapinsay, Westray, Sanday agus Stronsay. Sa Chèitean 2023, bhathar air crìoch a chur air còig dachaighean, le daoine a’ fuireach annta, agus bhathar ag obair air còig eile. ’S e goireasan cudromach a th’ anns na dachaighean seo do na coimhearsnachdan beaga seo a tha air stèidh chugallach, agus na dachaighean a’ cuideachadh le bhith a’ gleidheadh, no a’ cur ri, sluagh nan eilean. Tha grunn de na h-Urrasan Leasachaidh a-nis air tòiseachadh air barrachd taigheadais aig prìs reusanta a chur air dòigh, agus thig barrachd phròiseactan gu bith ann an 2023 agus às dèidh sin.

A’ Faighinn Sealbh air Dachaigh aig Prìs Reusanta

Tha sinn a’ toirt taic do dhaoine a tha a’ ceannach airson a’ chiad uair agus buidhnean air a bheil prìomhachas – nach b’ urrainn mar as àbhaist dachaigh a cheannach sa mhargaidh fhosgailte – gus sealbh fhaighinn air dachaigh aig prìs reusanta tro ar sgeamaichean fo bhrataich na h-Iomairt Beag-chosgais airson Daoine a tha Ceannach airson a’ Chiad Uair, sin na sgeamaichean seo: Sgeama Co-sheilbh airson na Margaidh Fosgailte agus Sgeama Co-sheilbh airson Taigheadas Ùr.

Eadar 2014 is 2022, chaidh 1,486 dachaighean a cheannach tron Sgeama Cho-sheilbh airson na Margaidh Fosgailte ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach. Bha 243 dhiubh sin ann an sgìrean dùthchail iomallach, bha 353 dhiubh ann am bailtean beaga iomallach agus bha 890 dhiubh ann an sgìrean dùthchail ruigsinneach. Eadar 2017 is 2022, chaidh aontachadh ri 250 dachaighean ùra tro sgeamaichean eile fo bhrataich na h-Iomairt Beag-chosgais airson Daoine a tha Ceannach airson a’ Chiad Uair. Chaidh 83 dhiubh a chrìochnachadh san ùine sin – 14 ann am bailtean beaga iomallach, 23 ann an sgìrean dùthchail ruigsinneach agus 46 ann an sgìrean dùthchail iomallach.

Taic Chom-pàirteach airson Ath-nuadhachadh

Bidh sinn cuideachd a’ toirt thabhartasan seachad, tron sgeama Taic Chom-pàirteach airson Ath-nuadhachadh, do luchd-leasachaidh prìobhaideach gus dachaighean a thogail airson an reic ann an sgìrean far a bheil iarrtas ann airson taigheadas ach far nach eilear a’ togail mòran taigheadais phrìobhaidich idir. Feumaidh pròiseactan cumail ri cinn-uidhe ro-innleachdail ionadail na sgìre airson mar a thèid ionmhas a chosg.

Maoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail

Tha a’ Mhaoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail a’ toirt taic glè chudromach do na coimhearsnachdan dùthchail is eileanach agus i a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gum mair iad air stèidh sheasmhach thar na h-ùine fada, agus tha an sgeama air soirbheachadh gu h-àraidh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Tha a’ mhaoin seo airson daoine, bho air feadh Alba, a tha airson dachaigh a thogail iad fhèin ach nach urrainn iasad banca àbhaisteach fhaighinn, agus tha a’ mhaoin a’ tabhann iasad suas gu £175,000 gus cuideachadh le cosgaisean. Chaidh sìneadh suas ri 5 bliadhna a thoirt air a’ Mhaoin san t-Samhain 2022, le £6 millean de mhaoineachadh a ghabhas ath-chuairteachadh. Bho 2016, thathar air 61 iasadan a thabhann, a’ gabhail a-steach trithead ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd agus deich ann an sgìre Comhairle nan Eilean Siar.

A’ Mhaoin airson Bun-structair Taigheadais

Tha a’ Mhaoin airson Bun-structair Taigheadais a’ cuideachadh le prìomh phròiseactan taigheadais ro-innleachdail nach b’ urrainnear a thoirt air adhart air sàillibh gun robh uiread bun-structair a dhìth agus air sàillibh cosgais a’ bhun-structair. Tha a’ mhaoin a’ cur prìomhachas air pròiseactan a tha a’ togail taigheadas a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta. Chaidh an dàrna cuairt dhen Mhaoin airson Bun-structair Taigheadais a thòiseachadh ann an 2021 agus bidh i fosgailte gu 31 Màrt 2026, agus i a’ togail air mar a shoirbhich leis a’ Chiad Chuairt nuair a chaidh iasadan is tabhartasan luach £50 millean a thoirt seachad air feadh sgìrean bailteil is dùthchail gus pàigheadh airson bun-structair a leigeas le daoine barrachd dhachaighean a thogail.

A’ Mhaoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail – Muile[3]

Chuir Garaidh is Siùsan à Muile romhpa taigh a thogail le taic bhon Mhaoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail.

Le cothrom air iasadan luach suas ri £175,000, thug a’ Mhaoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail misneachd is tèarainteachd do Gharaidh is Siùsan gus am pròiseact aca a ghabhail os làimh. Tha an dithis aca air chluaineas, agus b’ urrainn dhaibh ionmhas a fhuair iad bho bhith a’ reic an t-seann taigh aca a chleachdadh gus an taigh ùr a thogail. Thug a’ Mhaoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail iasad eadar-amail dhaibh leis am b’ urrainn dhaibh am pròiseact a thoirt air adhart gu luath, rud a bha gu math feumail ann am Muile ri linn mar a tha t-sìde a’ ciallachadh nach eil seusan togail uabhasach fada ann.

Leis an iasad eadar-amail, b’ urrainn dhaibh luchd-togail is cunnradairean ionadail fhastadh, agus fios aca gum b’ urrainn dhaibh am pàigheadh. Fhuair a’ chàraid stiùireadh is comhairle glè phrìseil bho Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan.

Contact

Email: morehomesbusman@gov.scot

Back to top