Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.


Taic do Leasachaidhean fo Stiùir na Coimhearsnachd

Faodaidh leasachaidhean ionadail fo stiùir na coimhearsnachd a bhith glè chudromach airson taic a chumail ri coimhearsnachdan dùthchail feuch am bi iad soirbheachail is làidir. Bidh an lìonra de Bhuidhnean-gnìomh Ionadail airson Leasachaidhean Ionadail fo Stiùir na Coimhearsnachd ag obair air feadh sgìrean dùthchail is eileanach na h-Alba gus dèiligeadh ris na dùbhlain, is gabhail ris na cothroman, a th’ aca gu h-ionadail agus iad a’ togail eòlas is sgilean ùra, a’ cur taic ri beachdan ùra agus a’ brosnachadh co-obrachadh. Nuair a tha fearann no toglaichean ann a tha gu sònraichte cudromach no feumail, ’s urrainnear ealla a ghabhail ri sin agus ri miannan na coimhearsnachd ann am Plana-àite Ionadail. An uair sin, aon uair ’s gu bheil iad clàraichte, faodar ealla a ghabhail ri Planaichean-àite Ionadail nuair a thathar ag ullachadh Plana Leasachaidh Ionadail airson na sgìre.

Taigheadas fo Stiùir na Coimhearsnachd

Tha taigheadas fo stiùir na coimhearsnachd mar phàirt cudromach dhen iomairt fharsaing againn gus barrachd dhachaighean aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach agus tha e a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan gus an taigheadas aca fhèin a stèidheachadh far a bheil iad ag iarraidh. Ge-tà, chan ann dìreach mu dheidhinn taigheadas a tha seo, tha goireasan coimeirsealta is coimhearsnachd a tha, còmhla ri taigheadas, a’ toirt piseach air beatha dhaoine gu h-ionadail fìor chudromach ma tha coimhearsnachdan gu bhith air stèidh làidir is sheasmhach thar ùine fhada.

’S e abairt fharsaing a th’ ann an taigheadas fo stiùir na coimhearsnachd a tha a’ gabhail a-steach taigheadas a tha air a chur air adhart an toiseach leis a’ choimhearsnachd, a tha air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd agus a tha fo shealbh na coimhearsnachd. Ged a thathar mar as trice ag amas air dachaighean a thabhann aig prìs a tha reusanta, faodaidh taigheadas fo stiùir na coimhearsnachd a bhith a’ gabhail a-steach diofar sheòrsaichean gabhaltais leithid màl co-ionann ri màl sòisealta, màl aig prìs mheadhanach na margaidh, màl prìobhaideach no cothrom air sealbh fhaighinn air dachaigh aig prìs nas lugha.

Faodaidh pròiseactan a bhith dìreach airson taigheadas no faodaidh iad a bhith a’ gabhail a-steach leasaichean coimhearsnachd no coimeirsealta eile, agus iad an uair sin a’ toirt cothrom air teachd-a-steach a dh’fhaodadh cuideachadh le cosgaisean leantainneach, leithid chosgaisean gleidhidh. Dh’fhaodadh gun tèid feum as ùr a dhèanamh de, no ath-leasachadh a dhèanamh air, toglaichean a th’ ann mu thràth no gun tèid taigheadas ùr a thogail. ’S dòcha gum bi dachaighean fa leth ann no dachaighean dealbhaichte a rèir bheachdan co-cheangailte ri bhith a’ fuireach ann an coimhearsnachd, le àiteachan-obrach, gàrraidhean-coimhearsnachd airson glasraich agus goireasan eile math dh’fhaodte a chuidicheas le bhith a’ togail

coimhearsnachd sheasmhach, aonaichte. Cuideachd, faodaidh structaran nam buidhnean agus na modhan-stiùiridh aca a bhith eadar-dhealaichte, ’s dòcha gum bi cuid a bhuidhnean ag iarraidh tighinn còmhla tro structaran co-obrachail le no às aonais àiteachan coitcheann, agus bidh cuid eile ag iarraidh structaran nas traidiseanta airson na buidhne aca.

Mar sin, ged a bhios an aon seòrsa feallsanachd gu tric air cùl taigheadas fo stiùir na coimhearsnachd, faodaidh eadar-dhealachaidhean a bhith ann a thaobh dealbhachadh, maoineachadh agus mar a thèid a thoirt gu buil agus tha e buailteach gum bi iad sin a rèir suidheachadh is cinn-uidhe gach pròiseact fa leth agus a rèir an t-seòrsa pròiseict a th’ ann.

Tha coimhearsnachdan air feadh sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach a’ dol an sàs ann am pròiseactan gus an taigheadas a tha a dhìth orra a thogail no a thabhann, agus iad gu tric a’ faotainn taic bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach. Tha a’ mhaoin a’ toirt taic dheatamach seachad do bhuidhnean coimhearsnachd agus daoine eile, nach urrainn taic fhaighinn bhon phrìomh phrògram airson taigheadas aig prìs reusanta, gus na dachaighean aig prìs reusanta a tha a dhìth air na coimhearsnachdan aca a thogail no a thabhann. Faodaidh na pròiseactan seo a bhith a’ gabhail a-steach dhachaighean air mhàl reusanta no a tha gan reic aig prìs reusanta, agus tha diofar sheòrsa phròiseactan ann leithid taigheadas ùr a thèid a thogail, obair ath-nuadhachaidh air dachaighean falamh no obair leasachaidh air toglaichean nach b’ àbhaist a bhith nan àite-còmhnaidh. Cuideachd, mar phàirt de seo faodar iomairtean taigheadais innleachdach is practaigeach a chur an sàs a bheir dhuinn fuasglaidhean, a ghabhas cleachdadh ann an àiteachan eile, airson nan dùbhlan a th’ ann a thaobh a bhith a’ togail is a’ tabhann taigheadas ann an sgìrean dùthchail – fuasglaidhean leithid mhodailean le taigheadas airson diofar ghinealaich a bhith a’ fuireach còmhla agus structaran co-thaigheadais.

Conasg an Iar is Conasg a Tuath, Eag-bhaile na Pàirce – Inbhir Èire, Moireibh[8]

Tha Eag-bhaile na Pàirce ann an Inbhir Èire ann an Moireibh air a bhith ann airson còrr is 60 bliadhna agus tha còrr is 100 dachaigh le dealbhachadh eag-eòlach agus 30 togalach eile sa bhaile, agus tòrr dhiubh sin ’s e goireasan coimhearsnachd a th’ annta. ’S e taigheadas aig prìs reusanta a tha ann am pàirt dhen taigheadas san bhaile, agus tha a’ mhòr-chuid de na toglaichean eile san àite nan dachaighean prìobhaideach fo shealbh diofar dhaoine agus tha beagan thoglaichean coimeirsealta ann leithid bùth agus oifisean airson grunn iomairtean sòisealta a tha stèidhichte sa bhaile.

Chuir Urras Eag-bhaile na Pàirce pròiseact airson taigheadas aig prìs reusanta air dòigh le sia flataichean, air an dealbh a rèir ìrean eag-eòlach àrda, le cosgaisean ruith ìosal air an làrach aca aig Conasg an Iar. Fhuair am pròiseact £130,000 bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach agus fhuaras iasadan prìobhaideach bho bhuill dhen choimhearsnachd. Chaidh crìoch a chur air na dachaighean ann an 2017 agus bha am pròiseact air geàrr-liosta nan Duaisean SURF airson ‘sàr-obair le taigheadas a nì ath-nuadhachadh air coimhearsnachd’ ann an 2018.

Às dèidh do mar a shoirbhich leis a’ phròiseact aig Conasg an Iar, chuir Urras Eag-bhaile na Pàirce dàrna pròiseact air dòigh, an turas seo aig Conasg a Tuath agus thog iad ochd dachaighean le taic luach £532,592 bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach agus le iasadan coimeirsealta agus chaidh crìoch a chur air na h-ochd dachaighean a gheibhear air mhàl reusanta as t-samhradh 2022.

A’ Cuideachadh Choimhearsnachdan gus Barrachd Dhachaighean a Thogail is a Thabhann

Chan eil coimhearsnachd dìreach a’ gabhail a-steach nan daoine a tha a’ còmhnaidh an sin gu cunbhalach, tha coimhearsnachd cuideachd a’ gabhail a-steach nan daoine a bhios a’ fuireach is ag obair innte, agus an fheadhainn aig a bheil ùidh leantainneach san sgìre, leithid fhastaichean, daoine le fearann agus daoine eile. Nuair a thòisich a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach ann an 2016, dh’atharraich cùisean a thaobh taigheadas dùthchail agus an uiread dheth a ghabhadh togail. Tha Riaghaltas na h-Alba fhathast a’ leantainn orra leis a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach agus tha £30 millean gu bhith ri fhaighinn ann an ùine na pàrlamaid seo mar thaic do phròiseactan a ghabhas a thoirt gu buil.

Faodaidh a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach cuideachadh, ann an co-bhuinn ri sgeamaichean eile leithid Maoin Fearainn na h-Alba, gus amasan taigheadais choimhearsnachdan a thoirt gu buil. Bidh Maoin Fearainn na h-Alba a’ tairgse thabhartasan luach suas ri £1 millean mar thaic do choimhearsnachdan a tha airson fearann no toglaichean a cheannach agus cuideachd bheir iad taic phractaigeach seachad airson cuideachadh le pròiseactan. Ged nach e maoin taigheadais a th’ ann am Maoin Fearainn na h-Alba, ’s urrainn dhaibh taic phrìseil a thoirt do choimhearsnachdan le bhith a’ comharrachadh agus a’ faighinn sealbh air fearann a chuidicheas iad leis na h-amasan taigheadais aca. Am measg nan ciad cheuman riatanach a tha dhìth gus planaichean airson taigheadas a thoirt air adhart tha a’ faighinn tuigse air feumalachdan taigheadais ionadail agus a’ comharrachadh fearann air an gabh taigheadas a thogail gus frithealadh air na feumalachdan sin, agus mar sin gheibhear buannachdan bho bhith a’ dèanamh

cinnteach gun cùm Maoin Fearainn na h-Alba agus a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach orra ag obair còmhla agus iad a’ toirt taic do choimhearsnachdan. Mar sin, tha e deatamach gun dèan coimhearsnachdan, aig ìre thràth, measadh air feumalachdan taigheadais ionadail, agus gum bi co-chonaltradh ann eadar luchd-maoineachaidh, ùghdarrasan ionadail agus daoine eile a tha a’ togail no a’ tabhann taigheadas aig prìs reusanta a thaobh nam builean a bu chòir a bhith a’ sùileachadh bho phròiseactan agus bu chòir tuigse choitcheann a bhith aig daoine air an obair-chomasachd a bhios a dhìth.

Oighreachdan Srath Chatarach – Inchbare, Aonghas[9]

Bha Oighreachdan Srath Chatarach am measg nan ciad oighreachdan prìobhaideach a dh’iarr taic bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach. Thòisich Oighreachdan Srath Chatarach air 6 dachaighean airson màl reusanta a thogail ann an Inchbare san Ògmhios 2020, às dèidh dhaibh aonta fhaighinn agus maoineachadh luach £533,000. Chaidh crìoch a chur orra san Dàmhair 2021. Às dèidh iomairt gus a’ bhun-sgoil ionadail a chumail fosgailte, bha am poileasaidh-gabhail a’ cur prìomhachas air teaghlaichean le clann aig aois sgoile no aois ro-sgoile.

Gnìomh

Neartaichidh sinn na ceanglaichean obrach eadar Maoin Fearainn na h-Alba agus a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach gus am bi co-dhùnaidhean a nithear a thaobh choimhearsnachdan a’ co-fhreagairt nas fheàrr air a chèile.

Nì sinn sgrùdadh air dòighean-obrach na Maoine airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach gus an urrainnear maoineachadh-comasachd a thoirt seachad nas tràithe, nuair a tha sin a dhìth, mar thaic do mheasaidhean taigheadais ionadail a dh’fhaodadh cuideachadh le iarrtasan airson taic bho Mhaoin Fearainn na h-Alba.

Taigheadas Dùthchail is Taic

Nuair a tha iad ag amas air leasachaidhean taigheadais a thoirt gu buil, feumaidh coimhearsnachdan beachdachadh air grunn chùisean cudromach. Nam measg tha cùisean obrachaidh leithid structair na buidhne, na goireasan is sgilean a th’ ann, agus na buannachdan a dh’fhaodadh tighinn bho bhith ag obair le luchd-compàirt gus am pròiseact a thoirt gu buil. Airson na h-ùine-fada, bu chòir do choimhearsnachdan cuideachd beachdachadh air mar a ghabhas na toglaichean a chumail suas is a stiùireadh agus air a’ mhaoineachadh is luchd-obrach a bhios a dhìth airson sin.

Tha fios againn gu bheil grunn bhuidhnean taigheadais ann bhon treas roinn a bhios a’ toirt taic do choimhearsnachdan dùthchail is eileanach a thaobh comhairle agus sgilean coileanaidh. Nam measg tha Comann Urrasan Leasachaidh na h-Alba agus Taigheadas Dùthchail na h-Alba, a bhios a’ toirt taic do na buill aca, a’ co-phàirteachadh sàr dhòighean-obrach agus ag iomairt às leth choimhearsnachdan dùthchail. Sna h-Eileanan Siar, tha Tighean Innse Gall a’ dèanamh obair chudromach agus iad a’ toirt seachad sheirbheisean taigheadais ionadail eadar stiùireadh thoglaichean is chùmhnantan-màil, seirbheisean gleidhidh is càraidh agus comhairle is taic a thaobh teas is cumhachd. Bidh Tighean Innse Gall ag obair gu dlùth còmhla ri Com-pàirteachas Taigheadais Innse Gall, an t-uachdaran sòisealta clàraichte airson na sgìre, agus Tighean Innse Gall ag obair às leth Riaghaltas na h-Alba gus stiùir a chumail air mar a thèid dachaighean air am faighear sealbh aig phrìs nas lugha a reic a-rithist.

Bidh Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Taigheadas Coimhearsnachd Cheann a Deas na h-Alba ag obair air feadh Alba agus bidh iad a’ toirt taic is comhairle do choimhearsnachdan is buidhnean eile a tha airson pròiseactan taigheadais a thoirt air adhart, agus mar phàirt de sin bidh iad a’ cuideachadh dhaoine gus cur a-steach airson Maoin Fearainn na h-Alba agus a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach. Thug daoine iomradh sònraichte, sa cho-chonaltradh a rinn sinn, air an taic chudromaich a bheir na buidhnean seo seachad, agus thuirt tòrr dhaoine fa leth agus bhuidhnean nach e dìreach an taic a bhios iad a’ toirt seachad gus pròiseactan a thoirt gu buil a tha feumail ach cuideachd gu bheil an obair a nì iad gu h-ionadail na chuideachadh mòr agus iad a’ togail cheanglaichean eadar coimhearsnachdan is buidhnean.

Bu mhath le Riaghaltas na h-Alba tuilleadh adhartais fhaicinn a thaobh leasachaidhean fo stiùir na coimhearsnachd ann an sgìrean iomallach, dùthchail is eileanach gus an gabh an seòrsa leasachaidhean sin a thoirt air adhart ann an dòigh nas neo-eisimeiliche far nach eil uiread de thaic a dhìth. Tha sinn a’ tuigsinn gur dòcha gun toir e ùine an ìre sin a ruighinn agus gum bi taic a dhìth gus adhartas mar sin fhaicinn. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig coimhearsnachdan air an taic is air a’ chomhairle a tha a dhìth orra agus gu bheilear a’ cur prìomhachas air an obair a tha a’ cuideachadh le bhith a’ toirt nan leasachaidhean gu buil. Tha Riaghaltas na h-Alba air taic-airgid aontachadh, a tha air a co-mhaoineachadh leis an Stèidheachd Nàiseanta, luach suas ri £960,000 airson 2023-24 – 2025-26 airson cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na comasan is an t-eòlas aig an luchd-obrach aig Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Taigheadas Coimhearsnachd Cheann a Deas na h-Alba gus na pròiseactan a tha sa chlàr-obrach aca an-dràsta a thoirt gu buil agus taic a chur ri pròiseactan ùra.

Gnìomh

Tha sinn a’ toirt seachad taic-airgid, a tha air a co-mhaoineachadh leis an Stèidheachd Nàiseanta, luach suas ri £960,000 airson 2023-24 – 2025-26 airson cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na comasan is an t-eòlas aig an luchd-obrach aig Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Taigheadas Coimhearsnachd Cheann a Deas na h-Alba gus na pròiseactan a tha sna clàran-obrach aca a thoirt gu buil.

A’ Toirt Leudachadh air Taigheadas fo Stiùir na Coimhearsnachd

Sa cho-chonaltradh a rinn sinn, thug sinn an aire gun robh diofar ùghdarrasan ionadail a’ toirt diofar ìrean de thaic do leasachaidhean fo stiùir na coimhearsnachd. Tha an obair a nì ùghdarras ionadail a thaobh a bhith a’ toirt taic do agus a’ co-òrdanachadh mar a thèid taigheadas aig prìs reusanta a thogail no a thabhann san sgìre aca glè fheumail. Mar sin, tha e cudromach gum bi ùghdarrasan ionadail a’ toirt taic do phròiseactan

taigheadais fo stiùir na coimhearsnachd. Mar phàirt de sin, dh’fhaodadh iad cuideachadh aig ìre thràth le sgrùdaidhean-comasachd is cnapan-starra, dh’fhaodadh iad coimhearsnachdan is luchd-solair taigheadais a thoirt còmhla gus obrachadh air prìomhachasan taigheadais coitcheann agus dh’fhaodadh iad sùil a chumail air adhartas agus prìomhachasan adhartais a stèidheachadh agus iad a’ gabhail ealla ri prògraman eile gus taigheadas aig prìs reusanta a thogail.

Gnìomh

Nì sinn ùrachadh ann an 2024 air an stiùireadh airson Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail agus Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas gus am bithear a’ cur cuideam air taigheadas fo stiùir na coimhearsnachd. Bidh an stiùireadh ùr a’ brosnachadh barrachd co-chonaltraidh aig ìre ionadail eadar ùghdarrasan ionadail, uachdarain shòisealta chlàraichte, luchd-comasachaidh taigheadais dùthchail agus coimhearsnachdan agus bithear ag iarraidh gun tèid pròiseactan a gheibh taic bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach a chomharrachadh ann am Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas.

Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach[10]

’S e coimhearsnachd bheag, croitearachd a th’ ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach agus tha Gàidhlig aig tòrr de na daoine a tha a’ fuireach ann. Am measg nan dùbhlan mòra a tha ron choimhearsnachd tha cion obraichean maireannach a bheir cosnadh do dhaoine fad na bliadhna agus cion taigheadais aig prìs reusanta, sluagh a tha sean agus a’ crìonadh agus mar a tha na daoine òga a’ falbh gus obair a lorg – dh’fhàg 40 neach ann an ceithir bliadhna.

Ann an com-pàirt ri Urras an Taobh Sear, thug Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan pròiseact taigheadais gu buil le sia dachaighean aig prìs reusanta, dà aonad coimeirsealta airson màl a’ gabhail a-steach àite airson bùth-obrach, agus ionad-slàinte ùr airson NHS na Gàidhealtachd, a chaidh an àite an t-seann fhir nach robh freagarrach tuilleadh. Bidh an t-ionad-slàinte ùr a tha fo shealbh na coimhearsnachd air a leigeil air mhàl dhan NHS agus sin a’ toirt teachd-a-steach dhan choimhearsnachd. Thathar an dùil an seann togalach NHS ath-nuadhachadh gus an gabh a chleachdadh mar dhachaigh ùr aig prìs reusanta dhan choimhearsnachd.

Thòisich an obair-togail san Lùnastal 2020 agus tha measgachadh de dhachaighean ann: feadhainn air mhàl sòisealta tro Chomann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich, feadhainn air mhàl coimhearsnachd tro Urras an Taobh Sear, agus feadhainn a thathar a’ reic le lasachadh-prìse tro Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan. Fhuair am pròiseact £381,426 bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach agus ghluais daoine a-staigh do na dachaighean ùra aca sa Ghearran 2022.

Fhuair am pròiseact grunn dhuaisean, leithid na duaise airson Taigheadas is Ath-nuadhachadh aig Fòram Ath-nuadhachaidh na h-Alba 2022, an duais airson Choimhearsnachdan aig Duaisean Dhachaighean na h-Alba 2022, an duais airson Sàr Obair a thaobh Ath-nuadhachadh is Seasmhachd aig na Duaisean Taigheadais 2022 aig Institiud Taigheadais Ùghdarraichte na h-Alba, agus Am Pròiseact as Fheàrr san Fharsaingeachd aig Duaisean Comann Ailtireachd na Gàidhealtachd is nan Eilean 2022.

A’ Dèanamh Measadh air Feumalachdan Taigheadais ann an Sgìrean Iomallach, Dùthchail is Eileanach

Bidh ùghdarrasan taigheadais is planaidh a’ dèanamh Measadh air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas a h-uile còig bliadhna, mar as àbhaist, mar phàirt dhen phròiseas airson Ro-innleachd Taigheadais Ionadail agus gus cuideachadh le bhith a’ dealbh Phlanaichean Leasachaidh Ionadail. Faodaidh ùghdarrasan taigheadais is planaidh fiosrachadh eile a chleachdadh sa Mheasadh aca air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas, leithid dàta dearbhte a bharrachd is toraidhean rannsachaidh nuair a tha sin aca. Sa Mheasadh air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas, chithear fiosrachadh mu fheumalachdan taigheadais thar na h-ùine fada, leithid cia mheud dachaigh ùr a bhios a dhìth agus pàtranan a tha follaiseach a thaobh phrìsean thaighean is seòrsaichean gabhaltais.

Bidh ùghdarrasan ionadail a’ cleachdadh Measadh air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas gus cuideachadh le bhith a’ dealbh phoileasaidhean taigheadais tron Ro-innleachd Taigheadais Ionadail aca agus Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas. Ged a tha Riaghaltas na h-Alba dhen beachd gu bheil Measaidhean air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas fhathast freagarrach is feumail, tha sinn cuideachd a’ tuigsinn nach bi iad daonnan a’ toirt fiosrachadh seachad a tha mionaideach gu leòr do choimhearsnachdan dùthchail is eileanach, an seòrsa fiosrachaidh a bhios a dhìth orra uaireannan gus cuideachadh le co-dhùnaidhean ionadail co-cheangailte ri taigheadas leithid dè seòrsa dhachaighean no aontaidhean-gabhaltais a tha a dhìth, no dè cho mòr ’s a bu chòir dha na dachaighean a bhith. Tha a’ phuing seo cuideachd air a thogail ann am Plana Nàiseanta nan Eilean.

Mar sin, bidh measadh air feumalachdan taigheadais ionadail mar chiad cheum cudromach do choimhearsnachdan is daoine eile a tha a’ beachdachadh air an taigheadas a tha, agus a bhios, a dhìth orra san sgìre agus bidh e mar mheadhan gus co-chonaltradh a dhèanamh ris a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd. Tha grunn dhòighean ann mu thràth gus cuideachadh leis an obair seo. Mar eisimpleir, tha goireas airson Measadh air Taigheadas sa Choimhearsnachd aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a tha a’ cleachdadh ceisteachan a thèid a sgaoileadh am measg dhachaighean gus tuigse fhaighinn air feumalachdan taigheadais nan coimhearsnachdan. Bidh luchd-comasachaidh taigheadais dùthchail a’ dèanamh mheasaidhean gu cunbhalach air feumalachdan taigheadais ionadail airson choimhearsnachdan mar thaic do phròiseactan taigheadais agus iarrtasan maoineachaidh. Obraichidh sinn còmhla ri ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan agus luchd-comasachaidh dùthchail gus beachdachadh air na dòighean-obrach a th’ ann agus air sàr dhòighean-obrach gus measaidhean taigheadais a dhèanamh, agus mar phàirt de sin thèid beachdachadh air na tobraichean fiosrachaidh a ghabhas cleachdadh gus cuideachadh leis a’ phròiseas seo.

Gnìomh

Ullaichidh sinn stiùireadh a chuidicheas coimhearsnachdan, ùghdarrasan ionadail agus daoine eile gus measaidhean taigheadais ionadail a dhèanamh a tha stèidhichte air sàr dhòighean-obrach is modhan-obrach làidir.

Contact

Email: morehomesbusman@gov.scot

Back to top