Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach
Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.
Sgrùdadh air Coileanadh a’ Phlana Ghnìomh
Obraichidh sinn còmhla ri taghadh farsaing de luchd-compàirt gus am Plana Gnìomh seo a choileanadh, agus sinn a’ dèanamh sgrùdadh is measadh air coileanadh is buaidh a’ phlana, agus a’ gabhail ealla ris mar a dh’atharraicheas cùisean ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach na h-Alba.
Bidh co-obrachadh ann agus co-chonaltradh ri luchd-compàirt is coimhearsnachdan gus cuideachadh le coileanadh a’ phlana, agus thèid àrd-choinneamh a chumail gach bliadhna leis a’ Mhinistear airson Taigheadas sa chathair gus sgrùdadh a dhèanamh air coileanadh is buaidh a’ phlana, agus air mar a tha cùisean ag atharrachadh ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach na h-Alba.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air adhartas le bhith a’ coileanadh a’ gheallaidh aig Riaghaltas na h-Alba gus 110,000 dachaigh ùr aig prìs reusanta a thogail no a thabhann airson 2032 agus bidh 70% dhiubh rim faotainn air mhàl sòisealta agus bidh 10% dhiubh sna coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach againn. Thèid an sgrùdadh sin a dhèanamh tro na modhan-riaghlaidh aig Riaghaltas na h-Alba airson Taigheadas gu ruige 2040, agus tro bhith a’ foillseachadh staitistearachd oifigeil mu adhartas gach ràith agus san Aithisg-thoraidhean Bhliadhnail airson Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta aig an Roinn airson Barrachd Dhachaighean.
A thaobh sgrùdadh air coileanadh a’ Phlana Ghnìomh, thuirt am Ministear airson Taigheadas: “Aig an àrd-choinneimh bhliadhnail bidh cothrom ann measadh a dhèanamh air adhartas agus beachdan a chluinntinn bhon luchd-ùidhe aig an robh pàirt cudromach san obair gus am Plana Gnìomh seo fhoillseachadh. Tha fios againn gur e seo a’ chiad cheum, cunntas air na tha sinn an dùil a dhèanamh a thaobh taigheadas sna coimhearsnachdan dùthchail is eileanach againn, agus tha e mar uallach oirnn a-nis atharrachadh nach beag a thoirt air cùisean.”
Contact
Email: morehomesbusman@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback