Am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh: Sgrìobhainn Chochomhairleachaidh

This consultation covers the content of the national Good Food Nation Plan. It seeks views on the Outcomes; ways of measuring progress; and how different groups envision life in a Good Food Nation. It also seeks views on specified functions. This is a Gaelic translation of the consultation.


Ro-ràdh

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh plana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Tha seo mar riatanas fon Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022, ris an deach aonta a chur as t-Samhradh 2022. Sa Phlana seo airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh chithear cinn-uidhe Riaghaltas na h-Alba airson phoileasaidhean bìdh agus fios air ciamar a tha sinn an dùil na cinn-uidhe sin a choileanadh.

Tha an siostam bìdh againn air leth soirbheachail: tha toradh ionmhasail luach mu £15 billean a’ tighinn bho mhalairt roinn bìdh is dheochan na h-Alba gach bliadhna, agus rinneadh as-mhalairt luach £8.1 billean le biadh is deochan na h-Alba ann an 2022. Tha gnìomhachas iomraiteach a’ bhìdh againn a’ toirt cosnadh do dh’iomadh neach eadar margaidhean ionadail nan tuathanach agus as-mhalairt eadar-nàiseanta far a bheilear a’ reic sàr thoraidhean bìdh na h-Alba air feadh an t-saoghail. Tha an soirbheachas seo a’ cur taic ri math luchd-obrach roinn a’ bhìdh is nan deochan, agus tha e a’ ciallachadh gu bheil e nas fhasa dhan t-sluagh cothrom fhaighinn air biadh fallain. Tha biadh a’ toirt cothrom do shluagh fallainn air beatha mhath is slàinte. Le bhith a’ cur obair an sàs a thaobh Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, tha sinn a’ gabhail ealla ri sin agus ris cho cudromach ’s a tha roinn bìdh is dheochan na h-Alba dhan eaconamaidh againn, agus cuideachd do ar cultar, dualchas, agus comann-sòisealta.

Tha biadh riatanach do gach rud a nì sinn, ach faodaidh sinn gabhail ris a’ sin gun smaoineachadh uaireannan agus faodaidh sinn dìochuimhneachadh mun t-siostam-sholair a bheir am biadh dhuinn. Ged a tha tòrr rudan san t-siostam bhìdh againn a tha rim moladh, tha dùbhlain ann cuideachd ris am feum sin aghaidh a chur: tha an siostam bìdh agus na daoine a tha ag obair ann an roinn a’ bhìdh airidh agus feumach air stiùbhardachd is cùram. Tha e mar aon de na prìomh amasan le Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh cùisean atharrachadh gus an urrainn do dhaoine roghainnean nas fhallaine a dhèanamh a thaobh na dh’itheas iad.

Tha fios againn gum bi tòrr dhachaighean ann an Alba a’ dèiligeadh ri neo-thèarainteachd bìdh gu cunbhalach no gum bi iad a’ gabhail dragh bho àm gu àm air mar a gheibh iad cothrom air biadh. Cuideachd, tha euslaintean co-cheangailte ri daithead nas cumanta ann an coimhearsnachdan a tha fo easbhaidh. Fhad ’s a tha sinn a’ dèanamh oidhirp gus ar n-amasan a choileanadh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, feumaidh sinn sin a dhèanamh airson a h-uile coimhearsnachd agus cha dèanar dearmad air neach sam bith. Ma tha sinn gu bhith nar Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh feumar neo-ionannachd shòiseo-eaconamach is seòrsaichean neo-ionannachd eile a lùghdachadh. Nuair a bhithear a’ cruthachadh phoileasaidhean bìdh ùra gus co-fhreagairt air na builean farsaing sa phlana seo, feumar beachdachadh, mar phrìomhachas, air leithid a neo-ionannachd gus dèanamh cinnteach nach bi builean ann ris nach robh dùil.

Tha Riaghaltas na h-Alba ri gnìomhan mu thràth gus ìrean neo-ionannachd a lùghdachadh; gus dèanamh cinnteach gum bi barrachd daingneachd is tèarainteachd ann a thaobh biadh; gus roghainnean bìdh fallain is ionadail a thoirt do dhaoine; agus gus taic a thoirt do roinn a’ bhìdh is nan deochan, fhad ’s a tha sinn ag obair gus ar cinn-uidhe airson cothromachadh-carboin a choileanadh. Ge-tà, bheir e ùine na h-atharraichean cudromach is na h-atharraichean fad-ùine a tha dhìth air ar siostam-bìdh a chur an sàs agus na cinn-uidhe lèirsinneach againn a thaobh biadh a choileanadh. Mar a tha cùisean an-dràsta, chan eil làn-smachd aig Riaghaltas na h-Alba air gach cumhachd a ghabhas cleachdadh gus atharraichean a thoirt air siostam a’ bhìdh agus gus cur ris na cothroman a th’ aig daoine air biadh nas fhallaine. Tha Brexit cuideachd air buaidh nach beag a thoirt air cùisean: tha an RA a-nis taobh a-muigh an EU agus feumaidh i na h-aontaidhean-malairt aice fhèin a chur air dòigh. Cuideachd, tha nas lugha comais buileach aig Alba siostam a’ bhìdh againn atharrachadh seach nach eil sinn air ar riochdachadh mar dhùthaich fa leth ann an leithid a chòmhraidhean is co-rèiteachaidhean a thèid a chumail aig ìre eadar-nàiseanta.

Bhiodh làn-smachd aig Alba neo-eisimeileach air gach cumhachd is stòras co-cheangailte ri poileasaidhean bìdh, agus bheireadh sin buaidh air na b’ urrainn dhuinn a choileanadh agus air cho luath ’s a thigeadh adhartas. Tha sinn a’ foillseachadh sreath de phàipearan air a’ chuspair A’ Cruthachadh Alba Ùr: tha na pàipearan seo mar ro-shealladh airson Alba neo-eisimeileach agus tha iad a’ toirt iomradh air grunn chùisean co-cheangailte ri biadh.

Tha a’ chiad Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ sealltainn mar a tha Riaghaltas na h-Alba an dùil ar cuid chumhachdan is chomasan a chur gu feum gus obrachadh còmhla ri daoine, coimhearsnachdan, gnothachasan, buidhnean-gnìomh is buidhnean gus ar n-amasan airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a choileanadh.

Sa chiad dreachd dhen Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh chithear na leanas:

  • Pàirt a h-Aon, a tha a’ toirt geàrr-chunntas air an eachdraidh air cùl a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus air mar a thèid am plana a thoirt gu buil. Chan eil am pàirt seo mar phàirt dhen cho-chomhairleachadh, ach gheibhear fiosrachadh feumail ann.
  • Pàirt a Dhà, a tha a’ moladh sia Builean Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus tha e a’ mìneachadh ciamar a chaidh an cruthachadh agus ciamar a thèid adhartas a mheasadh. Cuiridh sinn ceistean oirbh mu na Builean agus na gnìomhan a mhol sinn.
  • Pàirt a Trì, a tha a’ mìneachadh mar a dh’atharraicheas dòighean-obrach san riaghaltas agus a tha a’ toirt iomradh air cuid de na prìomh phoileasaidhean co-cheangailte ri biadh a tha gan cur an sàs an-dràsta. Tha e cuideachd a’ sealltainn cò ris a bhiodh beatha dhiofar dhaoine coltach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Tha sinn gu sònraichte airson cluinntinn a bheil sinn air dealbh ceart a thoirt seachad air cò ris am bu chòir ar beatha a bhith coltach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Tha an co-chomhairleachadh seo a’ sireadh bheachdan air na trì Pàirtean dhen dreachd dhen Phlana nàiseanta, agus tha sinn an dòchas gun gabh sibhse agus daoine eile pàirt ann. Mar phàirt dhen cho-chomhairleachadh seo tha sinn cuideachd a’ sireadh bheachdan air dleastanasan sònraichte, a thèid a mhìneachadh ann an dàrnach reachdas. Tha dleastanasan sònraichte glè chudromach, oir ’s ann nuair a bhios Ministearan na h-Alba a’ coileanadh nan dleastanasan sin a thèid am plana a chur an gnìomh. Bidh ceistean air na dleastanasan sònraichte às dèidh gach earrainn dhen Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Faodaidh sibh cuid de na ceistean sin a fhreagairt no a h-uile gin dhiubh.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top