Am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh: Sgrìobhainn Chochomhairleachaidh

This consultation covers the content of the national Good Food Nation Plan. It seeks views on the Outcomes; ways of measuring progress; and how different groups envision life in a Good Food Nation. It also seeks views on specified functions. This is a Gaelic translation of the consultation.


Fiosrachadh Farsaing air a’ Cho-chomhairleachadh

Carson a tha ur beachdan cudromach?

Tha a’ chiad Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh mar a’ chiad cheum san iomairt gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostam bìdh na h-Alba.

Tha an co-chomhairleachadh seo mu dheidhinn susbaint a’ chiad Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus thathar a’ sireadh ur beachdan air na Builean nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh; mar a thèid adhartas a mheasadh; agus air a’ bheatha a tha diofar dhaoine a’ sùileachadh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Thathar cuideachd a’ sireadh ur beachdan air dleastanasan sònraichte: bu toil leinn faighneachd a bheil an liosta de dhleastanasan sònraichte a’ gabhail a-steach gach cùis bhuntainneach air a bheil e na chomas do Mhinistearan na h-Alba buaidh a thoirt no a bheil sinn air cuspairean cudromach fhàgail a-mach.

Gabhaidh sinn ealla ri beachdan a gheibhear sa cho-chomhairleachadh seo gus dèanamh cinnteach gu bheil am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ freagairt air na tha sluagh na h-Alba a’ miannachadh a thaobh siostam a’ bhìdh aca.

Dè tha sinn ag iarraidh oirbh a dhèanamh?

Tha sinn ag iarraidh oirbh 20 ceist a fhreagairt. ’S e ceistean ioma-roghainn a tha sa mhòr-chuid dhiubh, ach bidh cothrom agaibh cuideachd na freagairtean agaibh a mhìneachadh ann am barrachd doimhneachd.

A’ toirt bheachdan seachad sa Cho-chomhairleachadh seo

Tha sinn a’ sireadh bheachdan airson a’ cho-chomhairleachaidh seo ro no air 22 Giblean 2024.

Am biodh sibh cho math pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh seo le bhith a’ cleachdadh goireas co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba, Citizen Space (http://consult.gov.scot). Faodaidh sibh an co-chomhairleachadh seo fhaicinn agus pàirt a ghabhail ann aig https://consult.gov.scot/agriculture-and-rural-economy/national-good-food-nation-plan. Faodaidh sibh na freagairtean agaibh a shàbhaladh agus tilleadh thuca fhad ’s a tha an co-chomhairleachadh fosgailte. Feuch gun dèan sibh cinnteach gu bheil sibh air na freagairtean agaibh a chur a-steach mus crìochnaich an co-comhairleachadh air 22 Giblean 2024.

Mura h-urrainn dhuibh freagairtean a chur a-steach tron ghoireas cho-chomhairleachaidh air-loidhne againn, faodaidh sibh Foirm Fiosrachaidh an Neach-fhreagairt a lìonadh a-steach agus a thilleadh gu:

An Sgioba Airson Dùthaich A Tha Math A Thaobh Biadh
Riaghaltas na h-Alba
B1 Spur
Taigh Saughton
Dùn Èideann, EH11 3XD

Na nì sinn leis na freagairtean agaibh

Ma fhreagras sibh tron ghoireas cho-chomhairleachaidh, thèid ur stiùireadh chun na duilleige, Mur Deidhinn Fhèin, mus cuir sibh na freagairtean agaibh a-steach. Feuch gun innis sibh dhuinn ciamar a b’ fheàrr leibh a làimhsicheamaid na freagairtean agaibh, agus gu sònraichte, a bheil sibh toilichte leigeil leinn na freagairtean agaibh fhoillseachadh. Ma dh'iarras sibh oirnn gun am foillseachadh, bidh sinn a' sealltainn orra mar fhiosrachadh dìomhair, agus thèid an làimhseachadh mar sin.

Bu chòir dhan a h-uile neach-freagairt cuimhneachadh gum feum Riaghaltas na h-Alba cumail ri cumhachan Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus mar sin dh’fheumamaid beachdachadh air iarrtas sam bith a gheibheamaid fon Achd airson fiosrachadh co-cheangailte ri freagairtean sa cho-chomhairleachadh seo.

Mura h-urrainn dhuibh freagairtean a chur a-steach tro Citizen Space, am biodh sibh cho math Foirm Fiosrachaidh an Neach-fhreagairt, a gheibhear san sgrìobhainn seo, a lìonadh a-steach is a thilleadh thugainn.

Airson fiosrachadh air mar a làimhsicheas sinn ur dàta pearsanta, coimheadaibh air ar poileasaidh airson prìobhaideachd:

https://www.gov.scot/privacy/

An ath cheum sa phròiseas

Nuair a tha luchd-freagairt air cead a thoirt seachad na freagairtean aca fhoillseachadh gu poblach, agus às dèidh dhuinn dèanamh cinnteach nach eil susbaint annta a dh’fhaodadh a bhith tuaileasach, thèid na freagairtean sin fhoillseachadh gu poblach air http://consult.gov.scot. Ma chleachdas sibh an goireas co-chomhairleachaidh gus freagairtean a thoirt seachad, gheibh sibh lethbhreac dhiubh ann am post-d.

Às dèidh a’ chinn-latha airson fhreagairtean, thèid sgrùdadh is beachdachadh a dhèanamh orra agus air fianais sam bith eile a bhios feumail dhuinn. Thèid freagairtean fhoillseachadh far an d’ fhuair sinn cead sin a dhèanamh. Thèid aithisg sgrùdaidh fhoillseachadh cuideachd.

Beachdan is gearanan

Ma tha beachdan agaibh air mar a chaidh an co-chomhairleachadh seo a chumail, faodaidh sibh an cur chun an t-seòlaidh gu h-àrd no gu goodfoodnation@gov.scot

Modhan co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba

Tha cothroman co-chomhairleachaidh nam pàirt riatanach dhen phròiseas gus poileasaidhean a dhealbh. Tha iad a’ toirt cothrom dhuinn ealla a ghabhail ri ur beachdan is eòlas air raon obrach air a bheilear a’ coimhead.

Gheibh sibh a h-uile co-chomhairleachadh againn air-loidhne aig: http://consult.gov.scot. Bidh gach co-chomhairleachadh a’ mìneachadh nan cùisean air a bheilear a’ beachdachadh, agus na dòighean san urrainn dhuibh ur beachdan a thoirt dhuinn, eadar goireasan air-loidhne, post-d no sa phost.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air freagairtean agus gabhar ealla riutha nuair a thathar a’ dealbh phoileasaidhean, agus ri farsaingeachd de dh’fhiosrachadh is fianais eile a tha ri fhaotainn. Foillsichidh sinn aithisg air an sgrùdadh a nithear airson gach co-chomhairleachadh. A rèir dè seòrsa co-chomhairleachaidh a bhios ann, dh’fhaodadh gun tèid na freagairtean a chleachdadh airson na leanas:

  • airson sealltainn gu bheil feum air leasachadh a thoirt air no ath-sgrùdadh a dhèanamh air poileasaidhean
  • gus stiùireadh a thoirt do mar a thèid poileasaidh sònraichte a dhealbh
  • gus cuideachadh gus roghnachadh eadar diofar mholaidhean a thaobh phoileasaidhean
  • gus cuideachadh le bhith ag aontachadh na dreachd mu dheireadh de reachdas mus tèid a chur an gnìomh

Ged a dh’fhaodadh na suidheachaidhean sònraichte a thèid a mhìneachadh ann am freagairt do cho-chomhairleachadh a bhith feumail ann a bhith a’ dealbh phoileasaidhean, chan urrainnear dèiligeadh ri beachdan is draghan pearsanta ann an co-chomhairleachadh, agus bu chòir fios mu dheidhinn leithid a bheachdan a chur gu buidheann phoblach bhuntainneach.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top