Am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh: Sgrìobhainn Chochomhairleachaidh

This consultation covers the content of the national Good Food Nation Plan. It seeks views on the Outcomes; ways of measuring progress; and how different groups envision life in a Good Food Nation. It also seeks views on specified functions. This is a Gaelic translation of the consultation.


Pàirt A: Co-chomhairleachadh air a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Ann an co-bhuinn ri ar co-obraichean bho air feadh Riaghaltas na h-Alba, tha sinn air sia prìomh Bhuilean a stèidheachadh. ’S e Builean lèirsinneach a th’ annta seo agus chan eilear an dùil gun tèid an coileanadh rè ùine a’ chiad tionndaidh dhen phlana seo. Tha iad farsaing, mar a dh’fheumas iad a bhith, agus iad air an dealbh gus freagairt air poileasaidhean bho iomadh raon.

Tha na Builean mar amasan àrd-ìre airson dùthaich a tha math a thaobh biadh: chan e liosta de stiùiridhean mionaideach a th’ annta.

Tha iad a’ sealltainn mar a tha, agus mar a bhios, atharraichean a dhìth air na dòighean sa bheil sinn a’ toirt biadh gu cinneas, ga ghiullachd, ga sholarachadh, agus sa bheil sinn a’ faighinn cuidhteas dheth ann an Alba gus dèiligeadh ris na dùbhlain ro fhollaiseach a th’ ann a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus crìonadh na h-àrainneachd. Cuideachd, feumar an t-eadar-ghluasad seo gu siostam bìdh nas seasmhaiche a chur an sàs ann an dòigh cheart is chothromach. Mar phàirt de sin, feumaidh sinn, leis na h-atharraichean seo, cuimhneachadh air na daoine a tha ag obair gus biadh a chur air a’ bhòrd againn agus feumaidh sinn an t-amas againn, a bhith a’ sìor leasachadh math nam beathaichean, a choileanadh. Leis na builean seo, tha sinn cuideachd a’ gabhail ris gu bheil a h-uile duine airidh air cothrom urramach air biadh math agus gum bu chòir do ar siostam bìdh a bhith na mheadhan air sluagh fallain a bhith againn.

Tha na Builean a’ sealltainn cò ris a bhiodh an siostam bìdh seasmhach a tha sinn a’ miannachadh airson Alba coltach. Tha na Builean a’ dèanamh ceangal ri frèamaichean poileasaidh farsaing eile, leithid an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta agus Cinn-uidhe nan Dùthchannan Aonaichte airson Leasachadh Seasmhach. Tha na Builean cuideachd a’ cur taic ri cinn-uidhe is cùmhnantan buntainneach airson chòraichean daonna.

Ceist 1

A bheil gach Buil fa leth airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ cur an cèill an t-seòrsa siostam bìdh Albannach a chòrdadh riut fhaicinn?

Buil 1: Tha a h-uile duine ann an Alba ag ithe biadh math agus tha cothrom gu cunbhalach aca air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha seasmhach, agus freagarrach a thaobh aois is cultar dhaoine.

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Buil 2: Tha siostam bìdh na h-Alba seasmhach[1] agus tha e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarra fhàsmhor. Tha e a’ cur taic ri ar n-amasan a thaobh cothromachadh-carboin, agus tha àite cudromach aige ann a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air math bheathaichean agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd.

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Buil 3: Tha siostam bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh is taic dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn, agus mar thoradh air sin thig lùghdachadh air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead.

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Buil 4: Tha ar roinn bìdh is dheochan a’ soirbheachadh, eadar-mheasgaichte, innleachdach, agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teis-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte is làidir a thaobh biadh, agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan anns a bheil inbhean-obrach cothromach gan cur an sàs.

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Buil 5: Tha cultar bìdh brìoghmhor aig Alba agus sluagh againn aig a bheil ùidh ann am, agus a tha air an oideachadh a thaobh, biadh math is seasmhach.

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Buil 6: Tha cliù eadar-nàiseanta aig Alba airson biadh fìor mhath agus tha sinn airson cur ris a’ chliù sin. Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus cruinneil. Tha sinn a’ co-phàirteachadh ar sàr dhòighean-obrach agus ag ionnsachadh mu na sàr dhòighean-obrach aig càch gu h-eadar-nàiseanta.

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Ceist 2

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh, mu na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus carson?

Slatan-tomhais airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Feumaidh fios a bhith againn co-dhiù a tha no nach eil sinn a’ dèanamh adhartas leis na builean lèirsinneach a tha sinn airson a choileanadh. Mar sin, tha sinn air comharran-coileanaidh is targaidean, a tha ann mu thràth, a chomharrachadh a sheallas mar a nì sinn adhartas leis na builean ùra seo.

Cruthaichidh sinn dòighean eile gus adhartas a mheasadh fhad ’s a tha sinn a’ leantainn oirnn leis an obair a thaobh Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus tha sinn airson gum bi tuigse againn air na tha sibh a’ smaoineachadh mu na slatan-tomhais a th’ againn an-dràsta. Cumaidh sinn oirnn ag atharrachadh nan targaidean agus comharran-coileanaidh rè ùine a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus thèid na comharran-coileanaidh is targaidean ùrachadh ann an eagrain ùra dhen Phlana.

’S e a th’ ann an targaid, ceann-uidhe a tha sibh a’ feuchainn ri coileanadh. Gu tric, bidh targaid a’ buntainn ri rudeigin sònraichte a dh’fheumas tachairt ro cheann-latha. Bidh riaghaltasan gu tric a’ stèidheachadh thargaidean gus cinn-uidhe, a ghabhas a mheasadh, a stèidheachadh airson raointean sònraichte.

’S e a th’ ann an comharra-coileanaidh dòigh rudeigin a thomhas no a mheasadh, gu tric ’S e a tha ga mheasadh adhartas a dh’ionnsaigh targaid, ceann-uidhe no buil. Faodaidh comharran-coileanaidh a bhith nam meadhan feumail gus adhartas a mheasadh a thaobh targaid no cinn-uidhe nas fharsainge.

Chithear sa chlàr gu h-ìosal na comharran-coileanaidh agus slatan-tomhais eile a th’ againn an-dràsta. Tha sinn air a bhith ag obair gus targaidean no geallaidhean ùra a chomharrachadh a ghabhas cur ris a’ Phlana, ’s iad sin:

A’ leudachadh air geallaidhean a th’ ann an-dràsta a thaobh daithead is cuideam fallain:

Tha targaid aig Riaghaltas na h-Alba mu thràth gus ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030. Tha sinn airson leudachadh air seo:

  • Tha e na amas ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead.

Cuideachd, bidh sinn ag amas air barrachd na dìreach clann agus e na amas dhuinn:

  • Gum bi barrachd inbhich ann anns a bheil cuideam a tha fallain
  • Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach.

A’ neartachadh gheallaidhean a thaobh neo-thèarainteachd bìdh ann an dachaighean:

Tha sinn an dùil ar geallaidhean a thaobh neo-thèarainteachd bìdh ann an dachaighean a neartachadh le bhith ag amas air:

  • lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh meadhanach dona no fìor dhona
  • lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ faotainn biadh-èiginn.

Solarachadh poblach

Thèid tuilleadh beachdachaidh a dhèanamh air cùisean feuch an gabh targaidean ùra airson solarachadh poblach a stèidheachadh airson eagrain eile dhen Phlana, agus nuair a nithear sin gabhar ealla ri cùisean co-cheangailte ri dàta is reachdas a dh’fhaodadh bacadh a chur air na targaidean sin.

Math bheathaichean

Tha obair a’ leantainn gus targaidean a stèidheachadh airson math bheathaichean, a bhios a’ gabhail ealla ri toraidhean cho-chomhairleachaidhean a thathar an dùil a chumail, agus a nochdadh ann an eagrain ùra dhen Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Tha geallaidhean ann an-dràsta ann am Prògram an Riaghaltais gus co-chomhairleachadh a chumail air a bhith a’ stad de bhith a’ cleachdadh chèidsichean airson eòin a tha gan sealg agus airson chearcan a tha a’ breith.

Buil

1. Tha a h-uile duine ann an Alba ag ithe biadh math agus tha cothrom gu cunbhalach aca air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha seasmhach, agus freagarrach a thaobh aois is cultar dhaoine.

Comharran-coileanaidh
  • An uiread de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh san dachaigh aca
  • An àireamh de sgoilearan tha clàraichte airson biadh sgoile an-asgaidh
  • An àireamh às a’ cheud de sgoilearan san sgoil a tha a’ gabhail biadh na sgoile (an-asgaidh no air a phàigheadh)
  • An àireamh de sheirbheisean cùraim-latha agus de chloinn a tha clàraichte airson Sgeama Bainne is Ghreimean-bìdh Fallain na h-Alba
  • An uiread de chloinn ann an Alba a tha beò gu ìre ann am bochdainn; ann am bochdainn iomlan; fo easbhaidh ri linn teachd-a-steach ìosal is bochdainn bhith-bheò, agus; bochdainn leantainneach (às dèidh chosgaisean taigheadais)
  • Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
  • An uiread de ghnothachasan bìdh sna roinnean poblach agus prìobhaideach a tha a’ cur an sàs Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math: frèam-obrach agus còd-obrach airson chlàran-bìdh cloinne
  • An àireamh de dh’ùghdarrasan ionadail a tha a’ gabhail pàirt sa Phrògram Biadh airson ur Beatha Alba
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Bidh nas lugha na 10% de chloinn beò gu ìre ann am bochdainn ro no ann an 2030
  • Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò ann am bochdainn iomlan ro no ann an 2030
  • Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò fo easbhaidh ri linn teachd-a-steach ìosal is bochdainn bhith-bheò ro no ann an 2030
  • Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò ann am bochdainn leantainneach ro no ann an 2030
  • Ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead
  • Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach
  • Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh meadhanach dona no fìor dhona
  • Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ faotainn biadh-èiginn
Buil

2. Tha siostam bìdh na h-Alba seasmhach agus tha e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarra fhàsmhor. Tha e a’ cur taic ri ar n-amasan a thaobh cothromachadh-carboin agus tha dleastanasan cudromach aige a thaobh a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air math bheathaichean agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd.

Comharran-coileanaidh
  • Gasaichean teas-dhìonach a thig bho roinn an àiteachais
  • Mar a thèid todhar naitridein a chleachdadh
  • A’ chuid às a’ cheud de dh’iasg coimeirsealta a gheibhear ann an dòigh sheasmhach
  • Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Lùghdachadh de 33% a thoirt air an ìre caitheimh-bìdh airson gach neach airson 2025
  • Tha e mar amas dùblachadh a thoirt air an uiread de dh’fhearann àiteachais a thathar ag obrachadh gu h-organach ann an Alba ro dheireadh teirm na pàrlamaid seo (2026)
  • Targaidean lùghdachaidh bliadhnail airson sgaoilidhean a dh’fheumar a choileanadh fon lagh leithid: lùghdachadh de 75% air gasaichean teas-dhìonach ro dheireadh 2030 (stèidhichte air bun-ìre ann an 1990), agus bidh cothromachadh-carboin ann le sgaoilidhean ro dheireadh 2045
  • Tha aig Ministearan na h-Alba ri cumail ri geallaidhean gus dèiligeadh ris mar a tha bith-iomadachd a’ crìonadh, a tha air am mìneachadh ann am Frèam Bith-iomadachd na Cruinne airson Cùmhnant Bith-iomadachd an UN, leithid thargaidean cruinneil co-cheangailte ri bhith a’ lùghdachadh caitheimh, ana-caitheamh bìdh san t-saoghal, ana-caitheamh san fharsaingeachd agus a bhith a’ lùghdachadh na th’ ann de sgudal a thathar a’ cruthachadh.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba air Gealladh #123 a dhèanamh a thaobh Call is Ana-caitheamh Bìdh gus Cuideachadh leis a’ Ghnàth-shìde.
Buil

3. Tha siostam bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh is taic dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn, agus mar thoradh air sin thig lùghdachadh air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead.

Comharran-coileanaidh
  • An àireamh às a’ cheud de dh’inbhich is clann anns a bheil cuideam fallain
  • An àireamh às a’ cheud de chloinn a tha an cunnart a bhith reamhar
  • An àireamh às a’ cheud de dh’inbhich is clann a tha a’ gabhail 5 cuibhreannan de mheasan is glasraich gach latha mar a thathar a’ moladh
  • An àireamh de dh’ùghdarrasan ionadail a tha a’ gabhail pàirt sa Phrògram Biadh airson ur Beatha Alba
  • Na tha clann aois 2-15 ag ithe de mheasan is glasraich
  • Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
  • An uiread de ghnothachasan bìdh sna roinnean poblach is prìobhaideach a tha a’ cur an sàs Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math: frèam-obrach agus còd-obrach airson chlàran-bìdh cloinne
  • An àireamh chompanaidhean a tha a’ cosg airgead air ath-chruthachadh reasabaidhean
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Lùghdachadh de 10% a thoirt air an àireimh de bhoireannaich a tha a’ sgur a thoirt bainne-broillich dhan leanabh aca às dèidh 6 gu 8 seachdainean ro dheireadh 2025
  • Ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead
  • Gum bi barrachd inbhich ann anns a bheil cuideam a tha fallain
  • Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach
Buil

4. Tha ar roinn bìdh is dheochan a’ soirbheachadh, eadar-mheasgaichte, innleachdach agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teis-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte is làidir a thaobh biadh agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan anns a bheil inbhean-obrach cothromach gan cur an sàs.

Comharran-coileanaidh
  • An àireamh de dhaoine aig a bheil obair ann an gnìomhachas a’ bhìdh is nan deochan
  • An àireamh de dhaoine aig a bheil obair ann an roinn an àiteachais
  • Luach a’ bhìdh is nan deochan a thèid às-mhalairt à Alba
  • An luach a tha gnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba a’ cur ris an eaconamaidh
  • An àireamh de chompanaidhean bìdh is dheochan a tha clàraichte
  • An àireamh de chroitean a tha clàraichte
  • Am pàigheadh meadhanach gach seachdain airson luchd-obrach làn-ùine ann an Roinn bìdh is dheochan na h-Alba a tha a’ fàs
  • An àireamh chompanaidhean a tha a’ cosg airgead air ath-chruthachadh reasabaidhean
Targaidean/slatan-tomhais eile

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do roinn a’ bhìdh is nan deochan tro mhaoineachadh do A’ Beathachadh Alba. A’ Toirt Solar dhan t-Saoghal – Ro-innleachd Gnìomhachas a' Bhìdh is nan Deochan

Buil

5. Tha cultar bìdh brìoghmhor aig Alba agus sluagh againn aig a bheil ùidh ann am, agus a tha air an oideachadh a thaobh, biadh math is seasmhach.

Comharran-coileanaidh
  • Maoineachadh ga chosg air pròiseactan airson foghlam bìdh is biadh coimhearsnachd
  • Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
  • An uiread de ghnothachasan bìdh sna roinnean poblach is prìobhaideach a tha a’ cur an sàs Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math: frèam-obrach agus còd-obrach airson chlàran-bìdh cloinne
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead
  • Gum bi barrachd inbhich ann anns a bheil cuideam a tha fallain
  • Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach
Buil

6. Tha cliù eadar-nàiseanta aig Alba airson biadh fìor mhath agus tha sinn airson cur ris a’ chliù sin. Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus cruinneil. Tha sinn a’ co-phàirteachadh ar sàr dhòighean-obrach agus ag ionnsachadh mu na sàr dhòighean-obrach aig càch gu h-eadar-nàiseanta.

Comharran-coileanaidh
  • An uiread de cho-chonaltradh a nithear le co-obraichean eadar-nàiseanta air siostam a’ bhìdh
  • Gasaichean teas-dhìonach a thig bho roinn an àiteachais
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Targaidean lùghdachaidh bliadhnail airson sgaoilidhean a dh’fheumar a choileanadh fon lagh leithid: lùghdachadh de 75% air gasaichean teas-dhìonach ro dheireadh 2030 (stèidhichte air bun-ìre ann an 1990), agus bidh cothromachadh-carboin ann le sgaoilidhean ro dheireadh 2045
  • Tha aig Ministearan na h-Alba ri cumail ri geallaidhean gus dèiligeadh ris mar a tha bith-iomadachd a’ crìonadh, a tha air am mìneachadh ann am Frèam Bith-iomadachd na Cruinne airson Cùmhnant Bith-iomadachd an UN, leithid thargaidean cruinneil co-cheangailte ri bhith a’ lùghdachadh caitheimh, ana-caitheamh bìdh san t-saoghal, ana-caitheamh san fharsaingeachd agus a bhith a’ lùghdachadh na th’ ann de sgudal a thathar a’ cruthachadh.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba air Gealladh #123 a dhèanamh a thaobh Call is Ana-caitheamh Bìdh gus Cuideachadh leis a’ Ghnàth-shìde.

Ceist 3

A bheil sibh a’ smaoineachadh gun cuidich na targaidean seo le bhith a’ coileanadh nam prìomh Bhuilean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil fhios agam

Ceist 4

Nan deigheadh na targaidean seo a choileanadh, an cuidicheadh sin le bhith a’ stèidheachadh an t-seòrsa siostaim bìdh a chòrdadh ribh fhaicinn ann an Alba?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil fhios agam

Ceist 5

Ma tha beachdan eile agaibh air na targaidean a thathar a’ moladh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, sgrìobhaibh an seo iad:

Ceist 6

A bheil sibh a’ smaoineachadh gum bi na comharran-coileanaidh seo feumail airson a bhith a’ measadh adhartas leis na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil fhios agam

Carson a tha, no nach eil, sibh ag aontachadh?

Ceist 7

Dè na comharran-coileanaidh eile a chòrdadh ribh fhaicinn, ma tha feadhainn ann a chòrdadh ribh fhaicinn?

Ceist 8

Ma tha beachdan eile agaibh air na comharran-coileanaidh a thathar a’ moladh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, sgrìobhaibh an seo iad:

Ar Beatha ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Tha Pàirt a Trì dhen Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ coimhead air poileasaidhean a tha gan cur an sàs mu thràth agus a tha gar toirt nas fhaisge air an ìre far am bi sinn nar Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Tha bogsaichean-teacsa air feadh a’ chaibideil a’ sealltainn cò ris a bhios beatha dhiofar dhaoine coltach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Chaidh na daoine seo a roghnachadh gus tuairisgeil a thoirt air diofar dhreuchdan ann an siostam a’ bhìdh, ach chan urrainn dhuinn fiosrachadh a thoirt seachad air a h-uile dreuchd is dòigh sa bheil daoine an sàs ann. Chòrdadh e rinn ur beachdan a chluinntinn air na h-eisimpleirean seo le fios air cò ris a dh’fhaodadh beatha nan diofar dhaoine seo a bhith coltach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Am biodh sibh cho math gach ceist a fhreagairt far a bheil eòlas buntainneach agaibh air an t-seòrsa dhaoine mu bheilear a’ bruidhinn. Na freagraibh ceistean far nach eil eòlas buntainneach agaibh.

Ceist 9

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air pàiste ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha cothrom agam air biadh fallain agus sa bheil mathas, a tha freagarrach airson m’ aois agus airson na h-ìre aig a bheil mi a thaobh fàs
  • ’S e an àbhaist dhomh a bhith ag ithe agus a’ gabhail tlachd ann am biadh fallain
  • Tha cothrom agam gu cunbhalach pàirt a ghabhail ann an diofar chothroman ionnsachaidh co-cheangailte ri biadh
  • Cha bhi an t-acras mòr orm uair sam bith

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a bu chòir a bhith aig pàiste ann an Alba mar Dhùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh?

Ceist 10

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air pàrant/neach-cùraim ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha fios agam air mar a dh’ullaicheas mi biadh fallain sa bheil mathas dhan fheadhainn a tha fo mo chùram agus tha e na chomas dhomh sin a dhèanamh
  • Tha fios agam càite am faigh mi taic ma tha duilgheadasan agam a tha a’ cur stad orm bho bhith a’ ceannach biadh no bho bhith ag ullachadh biadh blàth aig an taigh
  • Tha fios agam le cinnt gu bheil ionadan cùraim-chloinne is sgoiltean a’ toirt seachad biadh fallain, sa bheil mathas, agus a tha freagarrach a thaobh cultar dhaoine, agus gu bheil iad a’ toirt oideachadh dhan chloinn mu shiostam a’ bhìdh
  • Ma tha dùil agam ri leanabh, tha fios agam càite am faigh mi taic agus ’s urrainn dhomh roghainnean fiosraichte a dhèanamh a thaobh dè am biadh a bu chòir dhomh a thoirt dhomh fhìn is do mo leanabh

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a chòrdadh ribh a bhith agaibh mar phàrant/neach-cùraim ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh ?

Ceist 11

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air inbheach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha e furasta dhomh cothrom fhaighinn air biadh a tha a’ còrdadh rium agus a chumas mi slàn, fallain
  • Tha fios agam càite an tèid mi ma tha duilgheadasan agam a thaobh airgead, agus gheibh mi taic gu luath, a tha co-òrdanaichte agus bho dhaoine a chuidicheas mi ann an dòigh shuimeil agus le spèis
  • Tha e furasta roghainnean fallain is seasmhach a lorg às bith càite an ith mi no càite an ceannaich mi biadh
  • Tha e furasta dhomh fiosrachadh fhaighinn mu bhuaidh a’ bhìdh agam air an àrainneachd is cùisean sòisealta agus mu mhathas a’ bhìdh sin agus cò às a thàinig e, fiosrachadh a chuidicheas mi gus roghainnean fiosraichte a dhèanamh

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a chòrdadh ribh a bhith agaibh mar inbheach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh?

Ceist 12

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Air solaraiche-bìdh poblach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Bidh mi a’ faotainn biadh fallain, ùr, ràitheil, sa bheil mathas gus frithealadh air feumalachdan nan daoine a chleachdas na seirbheisean agam
  • Tha tuigse agam air mar as urrainn do bhiadh cuideachadh le bhith a’ neartachadh cheanglaichean coimhearsnachd. Bidh mi a’ cur air adhart agus a’ tabhann roghainnean fallain, blasta, agus seasmhach mar chleachdadh àbhaisteach air na clàran-bìdh agam
  • Bidh na roghainnean solarachaidh agam a’ cuideachadh gus taic a chumail ri diofar luchd-toraidh
  • Tha mi air lùghdachadh a thoirt air ana-caitheamh bìdh a ghabhas seachnadh cho fad ’s as urrainn dhomh agus bidh mi a’ dèanamh cinnteach gun tèid cuidhteas fhaighinn de sgudal-bìdh ann an dòigh sheasmhach

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a chòrdadh ribh a bhith agaibh mar sholaraiche-bìdh poblach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh ?

Ceist 13

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Air neach-bùtha ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Mar fhastaiche, tha mi a’ cumail ris na slatan-tomhais airson Obair Chothromach An Toiseach. Bidh mi a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach cùmhnant solarachaidh ris an gabh mi cothromach is ceart airson an luchd-toraidh.
  • Bidh mi a’ cruthachadh àrainneachd sa bhùth far a bheil am biadh fallain, agus sa bheil mathas, ri fhaotainn aig prìs a tha reusanta agus ga shealltainn ann an dòigh a tha tarraingeach dhan a h-uile duine. Bidh mi a’ cuideachadh luchd-ceannaich gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mathas a’ bhìdh a bhios mi a’ reic agus air cò às a thàinig e.
  • Bidh na co-dhùnaidhean a nì mi sa bhùth agus an lùib a bhith a’ solarachadh biadh a’ cuideachadh Alba gus na h-amasan againn airson cothromachadh-carboin a choileanadh, mar eisimpleir a’ lùghdachadh ana-caitheamh bìdh
  • Tha mi a’ dèanamh obair chudromach gus taic a chumail ri eaconamaidh bìdh ionadail nas làidire agus gus cur ri tèarainteachd bìdh ann an Alba

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a chòrdadh ribh a bhith agaibh mar neach-bùtha ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh?

Ceist 14

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Air neach le taigh-bìdh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Bidh mi a’ moladh biadh ùr, ràitheil agus ga chleachdadh sa chlàr-bhìdh agam. Bidh mi a’ toirt taic dhan eaconamaidh bhìdh ionadail agam
  • Bidh mi a’ sealltainn dhan luchd-cheannaich agam gu bheil dealas agam airson biadh math feuch an ionnsaich iad mu cò às a thàinig am biadh, ciamar a chaidh ullachadh agus dè am mathas a th’ ann
  • Mar fhastaiche, tha mi a’ cumail ris na slatan-tomhais airson Obair Chothromach An Toiseach. Bidh mi a’ cruthachadh àrainneachd obrach thaiceil dhan luchd-obrach agam
  • Tha mi cruthachail leis a’ chlàr-bhìdh agam. Faodaidh sin cuideachadh le bhith a’ toirt lùghdachadh air ana-caitheamh bìdh a chum maith a’ ghnothachais, dhaoine, agus na h-àrainneachd

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a chòrdadh ribh a bhith agaibh mar neach le taigh-bìdh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh ?

Ceist 15

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air tuathanach/croitear ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha mi dhen bheachd gu bheilear a’ toirt spèis dham obair agus gum faigh mi prìs chothromach airson toraidhean na h-obrach agam. Tha e furasta dhomh na toraidhean sin a reic gu h-ionadail nam bithinn ag iarraidh sin a dhèanamh
  • Tha na modhan-àiteachais agam agus na dòighean sa bheil mi ag obrachadh an fhearainn a’ ciallachadh gu bheil mi a’ toirt nas lugha buaidhe air an àrainneachd, a’ cur ri bith-iomadachd agus a’ cumail ri inbhean àrda a thaobh math bheathaichean air an tuathanas no croit agam
  • Bidh mi a’ faighinn diofar sheòrsaichean taice, leithid trèanadh is comhairle, gus mo chuideachadh le bhith a’ soirbheachadh leis an obair agam air tuathanas no croit a tha seasmhach
  • Bidh mi a’ cuideachadh gus modhan-solair làidir a stèidheachadh agus a’ cur ri tèarainteachd bìdh na h-Alba

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a chòrdadh ribh a bhith agaibh mar thuathanach/croitear ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh?

Ceist 16

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air iasgair ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha mi dhen bheachd gu bheilear a’ toirt spèis dham obair agus gum faigh mi prìs chothromach airson na ghlacas mi
  • Tha mi a’ cur taic ri àrainneachd is eag-shiostam na mara le bhith a’ cur mhodhan-iasgaich seasmhach an sàs
  • Tha mi ag obair ann an, agus a’ cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh, àrainneachd obrach chothromach is shàbhailte
  • Tha mi a’ sireadh chothroman gus toraidhean na h-obrach agam a thabhann do thaghadh nas fharsainge de dhaoine ann an Alba, agus gus sanasachd a dhèanamh air mar a dh’fhaodas biadh na mara a bhith mar phàirt de dhaithead fhallain
  • Tha cothrom agam air taghadh de thaic a chuidicheas mi gus gnothachas iasgaich seasmhach a ruith

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a chòrdadh ribh a bhith agaibh mar iasgair ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh?

Ceist 17

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Air neach-giullachd bìdh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha mi ag obair còmhla ri luchd-toraidh, luchd mòr-reic, luchd-reic agus luchd-solair bìdh a bheir biadh do dhaoine air falbh bhon dachaigh aca airson dèanamh cinnteach gu bheil an siostam-solair air fad làidir fhad ’s a tha mi a’ frithealadh air feumalachdan dhaoine agus a’ toirt lùghdachadh air ana-caitheamh
  • Bidh mi a’ dèanamh a’ bhìdh agam nas fhallaine agus nas seasmhaiche le bhith a’ cleachdadh stuthan ùra, ràitheil nuair as urrainn dhomh, agus gheibh mi taic gus sin a dhèanamh
  • Bidh mi a’ cosg airgead air an luchd-obrach agam agus gan cuideachadh le cothroman leasachaidh, feuch an urrainn dhaibh cothroman a ghabhail gus na sgilean aca a leasachadh fhad ’s a tha iad ag obair ann an àrainneachd obrach shàbhailte
  • Tha mi a’ cur ris na buannachdan cudromach a gheibh eaconamaidh na h-Alba bho roinn a’ bhìdh is nan deochan

A bheil seo coltach ris an t-seòrsa beatha a chòrdadh ribh a bhith agaibh mar neach-giullachd bìdh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?

Ag aontachadh gu mòr

Ag aontachadh gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh no a’ dol na aghaidh

Chan eil mi ag aontachadh, gu ìre mhòir

Chan eil mi ag aontachadh idir

Chan eil eòlas buntainneach agam air seo

Dè dh’atharraicheadh sibh, ma tha sibh airson dad atharrachadh?

Ceist 18

Ma tha beachdan sam bith eile agaibh air a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, sgrìobhaibh an seo iad:

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top